24 Laoidh na Tobrach
(Na facail an t-Urr. N. MacC.; fonn le C. MacFh.)
Tobar nam Buadh tha shuas sa ghleannan,
Neo-thruaillidh, fallain do stòr;
Chuala mi ’m fuaim mus d’fhuair mi faisg ort –
Gur fuaran gasd’ thu tha beò.
A’ sruthadh bho chàrn tha àirde chreagach
Do làn co-fhreagradh gach uair;
Mur tig ort crith-thalmhainn a spealgas chreagan,
Chan fhalbh thu ’m feasd gu Là Luain.
An tobar tha fìorghlan, aotrom, soilleir,
Gun aon nì doilleir fo d’ ghruaidh,
Tha sìor shruthadh sìos a-riamh bhon chruinnicheadh
Riamh air fearann ’s air cuan.
Anns a’ Ghleann Mhòr
title | 24. Laoidh na Tobrach |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An t-Seann Aimsir (1730–1852) |