26 Sreap — Seòras Seton
Fhad ’s a bha mi air an eilean, fhuair mi cuireadh a dhol a dh’fhaicinn dhomh fhìn cho ealanta ’s a bha luchd nan creag nan dreuchd. Bha am ministear air cùmhnantan a dhèanamh gun tigeadh na h-eunadairean bu sgafonta gu cùl Chonachair airson gun dearbhadh iad dhuinn mar a bha iad air an cliù a bh’ orra fhaighinn. Chaidh sinn gu mullach a’ bhearraidh, gu far an robh deagh shealladh againn air Boraraigh agus air na stacaichean mun chuairt, air taobh tuath an eilein. Thug an earraig sin leth-uair a thìde. Bha oir a’ bhearraidh gu far an robh tonnan garbh a’ Chuain Siar a’ briseadh air na sgeirean ochd ceud troigh a dh’àird. Air an smioradh leis na ròpaichean a dh’fheumadh iad, chaidh ceathrar no còignear dhe na sreapadairean chun na h-oir. Chaidh aon fhear air thoiseach — am fear bu shubailte, èasgaidh aca — ’s bha dà ròp aige. B’ e duine tapaidh las-shùileach a bh’ ann, mu dheich bliadhna fichead. Bha aona ròp aige ceangailte mu mheadhan. Bha ceann an ròp eile aige na dhòrn. Bha sin aige airson e fhèin a chumail na bu chòmhnairde ri aodann na creige. Gu socair, slaodach chaidh an duine ìsleachadh, agus dithis gu h-àrd a’ leigeil thuige an dà ròp. A’ leigeil às sgarathart anns a’ Ghàidhlig, thùirling e sìos air a chasan lomnochd, a’ cleasachd ’s a’ seinn air an t-slighe. Bha e uaireannan le chasan ri taic na creige ’s a chorp rag, agus a cheann cho faisg air an fhairge ’s a bha a bhonnan. Bho thig a’ chlann Hiortach dhan t-saoghal tha òrdagan mòr nan casan aca sgèapte bho na h-òrdagan eile. Tha a bhith a’ sreap chreagan agus a bhith a’ leigeil cudrom an cuirp air òrdagan mòr an casan air a dhreach fhèin a thoirt orra.
A’ ruigheachd nam pallaichean air an robh am fulmair agus am buthaigire nan suidhe, nam beachd fhèin tèarainte bho gach dochann, stad an t-eunadair aitheamh no dhà air falbh bhuapa. Chaidh slat a leigeil sìos thuige bho na caraidean a bha gu h-àrd — slat le dul driamlaich air a ceann. Cho luath ’s a fhuair an t-eunadair an t-slat na làmhan, thionndaidh e chun nan spiorsan. Ann an tiotadh chuir e an dul mu cheann eòin agus tharraing e thuige e ’s na sgiathan aige a’ placadaich. Chunna sinn grunnan fhulmairean ’s bhuthaigirean aige gan glacadh. Bha e air gealltainn gun toireadh e sin air ais mar thiodhlacan do dh’fheadhainn dhe na srainnsearan a bha nar cuideachd.
Tha e duilich ann an sgrìobhadh dealbh a thoirt air na gnìomhan a chunna sinn, no le cainnt sgeula ceart a dhèanamh air an uabhas a bh’ oirnne, àrd os cionn na mara, a’ faicinn dhaoine gan cluiche fhèin ’s gun diù aca gu robh an cunnart anns an robh iad cho mòr. Do neach sam bith a tha air sreapadair Hiortach fhaicinn ann am bearradh, thèid euchdan Bhlondin agus Leotard glan à cuimhne. Agus nam biodh am fear as làine dheth fhèin nar h-Alpine Club air a bhith còmhla rinn air Conachar, tha mi cinnteach gum biodh e air a cheann fhalach crom!
Tha euchdan fhear-chreagan air Boraraigh, air Sòdhaigh agus na stacaichean mun cuairt eadhon nas iongantaiche buileach na an spàrdanaich a chunna sinn air Eilean Hiort. Nam bharail-sa tha an t-sreap air an Staca Bhiorach nas dorra na gin eile anns an astar ud. Air an Staca sin chan eil ròp gu feum. Tha seanfhacal air an eilean ag ràdh nach fhaigh am fear air am faillich sreap na Staca Bioraich bean ann a Hiort! Ann an deich bliadhna cha d’fhuair ach dithis Hiortach air an euchd ud a dhèanamh. ’S cha b’ e gealladh air pòsadh a mheall an dithis sin a bhàrr na Staca, ach gealladh air pìos tombaca bho Shasannach. Bha am ministear an làthair nuair a dhìrich an dithis dhan chreig. A rèir a’ mhinisteir, bha an euchd na cùis-eagail.
Casan Hiortaich
title | 26. Sreap — Seòras Seton |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An t-Seann Aimsir (1730–1852) |