[55]

27 Eòin agus Eunachd

Cha bhiodh e air a bhith comasach do dhaoine a bhith còmhnaidh air Hiort mura biodh an t-eilean air a bhith air iadhadh le pailteas eun agus uighean. Bho thoiseach an earraich gu deireadh an fhoghair bha na cladaichean loma-làn bìdh. Ged a bha caoraich agus crodh air an eilean, aig amannan cha robh feur agus fodar ach gann. Cha burrainn dha na Hiortaich a bhith an urra ris na beathaichean sin. Cha mhò a burrainn dhaibh an tac a leigeil air an iasgach. Ach a h-uile rud na mhithich. Bha grèim de dhfheòil mairt no de dhfheòil caorach glè mhath nuair a bha sin ri fhaotainn. ’S a bharrachd, cha dhiùltadh na Hiortaich pìos èisg ann an ganntar, ach anns an t-seann aimsir cha tigeadh sin thuca ach ainneamh. Cha robh aca ach aona sgoth, agus bha i sin air a gleusadh airson eunachd air Sòdhaigh, Boraraigh agus na stacaichean mun cuairt, no airson a dhol air aiseag gu àitichean cian anns na Hearadh agus an Uibhist.


[56]

Anns an naodhamh linn deug agus anns an fhicheadamh linn, fhuair na Hiortaich comas air barrachd eathraichean fhaighinn, agus dhionnsaich iad iasgach. Fhuair iad cuideachd eòlas air airgead agus air cosnadh, gu h-àraid bho luchd-turais. Dhaindeòin sin, chun na bliadhna a chuir iad cùl ris an eilean bha iad astrì ris an eunachd, oir bann ris na h-eòin a bha iad ag earbsa airson biadh a chumail air am bùird.

Bha ceithir seòrsaichean eun air Hiort a bha air leth prìseil. Be an làmhaidh a thilleadh chun an eilein mus robh dorchadas agheamhraidh air togail às na neòil, agus mus robh àrdan nan tonnans nan stoirmean air traoghadh air chùl na Callainn. Fads a bha iomadh àite eile air aGhàidhealtachd gu tric afulang ganntair agus acrais fad an earraich, bha na Hiortaich gach bliadhna alìonadh nam praisean làn feòla.

Be an sùlaire agus am fulmair gu h-àraid a bha acumail beòshlaint ris na Hiortaich. Bha iad dèidheil air feòil an t-sùlaire nuair a bha an t-eun aig inbhe, agus a-rithist fads a bha e fhathast na ghuga air a chòmhdach anns achlòimh-iteach. Bha annlan aca ris an canadh iad giaban. Be sin saill nam fulmaireans nan gugachan air a leaghadh agus air a gleidheadh ann an goile an t-sùlaire. Bhiodh ola aghiabain aca ga h-ithe le brochan agus le aran, dìreach mar a bhiodh ìm aig sluagh ann am badan eile.

Bha am buthaigire measail leis na Hiortaich, mar a tha e fhathast le luchd-iasgaich ann an Nirribhidh*. Ged a bha iomadh bliadhna bho bha Niall MacGhillIosa air cùl a chur ri Hiort, bheireadh iomradh air feòil abhuthaigire sàl bho fhiaclan. O chionn beagan bhliadhnachan shuidh Niall (nach maireann) còmhla ri Gàidheil eile aig bòrd a bha air ullachadh le truinnsearan a bha cnuaiceach le brot, muilt-fheoil agus buntàta, agus thuirt e às aghuth-thàmh, “Nam biodh buthaigire agad dhomh an-dràsd’, ’s e air a ròstadh os cionn teine mònadh, dhfhaodadh tu gach mileag eile a tha air mo bheulaibh a thogail bhuam!”

* O chionn beagan bhliadhnachan, chunnacas iasgairean areic bucais bhuthaigirean, còmhla ri bucais adagan, chuiteagan is eile, aig baile-puirt Bhergen.

Ged a chaochail innis, cha do chaochail àbhaist!

San t-samhradh tha na bearraidhean air Boraraigh, Stac an Armainn, Stac agus na h-eileanan beaga eile mun cuairt air an còmhdach le èoin mhara. Bho astar, ’s ann a tha iad coltach ri beanntan air an còmhdach le sneachda. Tha nid nan sùlairean agus nan eun eile cho faisg air a chèiles nach eil e comasach do dhuine coiseachd eatarra gun na h-èoin-ghurach air gach taobh grèim a ghabhail air a chuid aodaich. Mar as trice, suidhidh na h-èoin-ghurach air na h-uighean gun snaoidheadh. ’S lugha orra na h-uighean fhoillseachadh, eadhon ged a bhiodh iad afaireachadh gu bheil am beatha ann an cunnart. ’S e an t-adhbhar a tha air sin nach fhada a bhios nead lomnochd gus am bi i air a creachadh aig faoileagan.

Tha an sùlaire atadhal Hiort bhon Ghearran chun an Dàmhair. Cho luaths a ruigeas e, tha e atoiseachadh ag ullachadh na nid. A rèir an Urr. Coinneach MacAmhlaigh, a thadhail Hiort anns abhliadhna 1759, tha an sùlaire gu math mèirleach fhads a tha e ag ullachadh na nid. Chunnaic esan iomadach nead air a dèanamh leis a h-uile seòrsa rud a tha e comasach dhan t-sùlaire a ghiùlain air iteigfeur, feamainn, slisneagan fiodha, luideagan agus rudan nach eil idir rim faotainn air Hiort.

Chionns gu bheil an treubh cho lìonmhor, tha e duilich dhaibh uile àirnean fhaighinn airson na nid. Mar thoradh air sin, tha iad daonnan afeuchainn ri cuid càch-a- chèile a ghoid. Nuair a chì sùlaire a nàbaidh afàgail na somaig gun sùil-bheachd fhàgail oirre, tiotaidh e a-null agus bheir e làn a ghuib às an tughadh. Mar gum biodh a chogais air a buaireadh, an àite na choisinn e a chàradh na shomag fhèin, èiridh e air iteig agus cuiridh e cuairt a-mach dhan chuan. Mura cur a nàbaidh umhail gu bheil cuideigin air a bhith acreachadh a nid, tillidh am mèirleach dhachaigh leis an eallach, gun eun eile casaid a chuir air. Paisgidh e a sgiathan agus tòisichidh e atrusadh nan àirnean ùra am broinn a dhachaigh fhèin, gun leigeil air nach eil e air an cosnadh an tìrean cèine!

Be an làmhaidh (an coltraiche) achiad eun-praise a thilleadh gu Hiort an dèidh na Callainn. Thigeadh e anns aGhearran, ann anCaol an Earraich’. Faodar a bhith cinnteach gum biodh na Hiortaich acumail sùil air na cladaichean eadhon anns an aimsir bu bhuirbe. Nuair a mhothaicheadh na seòid gu robh sgann dhen làmhaidh air na spiorsan àbhaisteach anns na geodhaichean a ruighinn, thigeadh iad dhachaigh chun nan teaghlaichean le cealla-ghlòir, ag innse gu robh aca ri tòiseachadh ag ullachadh airson na h-eunachd. Bu mhòr an greadhnachas a bhiodh air an eilean an latha sin.

S iongantach an dòigh a bha aig na Hiortaich air an làmhaidh a ghlacadh. Bha na sreapadairean a bfhearr air an roinn nan sgiobaidh, agus chromadh iad sin gu h-èasgaidh, air aodannan nam bearraidhean, ’s iad crochaichte air loin. Aig ìre àraid os cionn na mara tha na spiorsan air am bi na làmhaidhean agabhail fois air an oidhche. ’S ann aig an ìre sin cuideachd a ghabhadh na sreapadairean fois air an fhionnaraidh. Bhiodh iad còmhdaichte ann an aodach dorch, agus bha brèid de dhanart geal aig a h-uile fear crochaichte mu


[58] a mhuineal. Fad na h-oidhche, agus gus an tigeadh an latha geal, bhiodh na làmhaidhean adèanamh iteagan a-machs a-steach bho aodann na creige. Gu -shealbhach do chuid aca, bha iad uaireannan agabhail nam brèidean anairt ann an riochd spiorsan. ’S beag a bha fhios aca gu robh chròg mhòr thapaidh gam feitheamh air chùl gach brèid! Dhìreadh na sgiobaidh às na bearraidhean cho luaths bu lèir dhaibh. Gu h-àrd, bha na mnathan, na bodaichs achlann gam feitheamh, deiseil airson na h-eòin a spìonadhs a sgoltadh. Latha mòr a bhann, Latha Toiseach Eunachd.

Aroinn torradh na h-eunachdcòrr air mìle fulmair

A rèir MhicAmhlaigh, a bha air an eilean o chionn còrr air cheud bliadhna, cha be fulmair an t-ainm a bha aig na Hiortaich air an eun seo ach tulmair. Anns na h-eileanan eile, tha e aithnichte an-diugh air ainmean eile cuideachdcearc-mhara, eun-crom agus mulcaire. Achs e fulmair fhèin an t-ainm as cumanta.

Bha bodach toinisgeil ann a thuirt ri Mgr. MacAmhlaigh, “ ’S cinnteach nach eil àite eile air an t-saoghal far a bheil rud a tha cho goireasach dhan t-sluaghs a tha an tulmair dhuinne. Tha an tulmair gar leasachadh le ola dhan lampa, clòimh-iteach dhan leabaidh, ungaidhean airson ar cuid lotan a shlànachadh, am biadh as blasda dha ar teaghlaichean, agus iomadh subhailceach eile. Nan seachnadh an tulmair Hiort, cha bfhada a mhaireadh an sluagh air an eilean.”


[57]

MIOSACHAN NA H-EUNACHD

AN SULAIRE

An GearranTillidh e gu Hiort aig meadhan aGhearrain.

Am MàrtAm meadhan aMhàirt tòisichidh an eunachd le marbhadh an t-sùlaire. Air an sgoltadh air fad an droma, agus air an nighe ann an sàl, dheigheadh na closaichean a chàradh anns na cleiteandeagh bhiadh iomadh seachdain.

AMhàighMeadhan Màigh gu toiseach Iuchair dheigheadh achlann-nighean a thional uighean air Stac an Armainn agus air Boraraigh. Tha e air a ràdh gum biodh cuid dhe na h-uighean gu math lobht mus deigheadh an ithe.

An t-Og-mhìosBeiridh an sùlaire an dàrna cur uighean ma chailleas e achiad fhear.

An LùnasdalGUGACHAN Achiad àl ghugachan deiseil airson am marbhadh air Boraraigh.

An t-SultainAir Stac amarbhadh nan gugachan.

An t-SamhainAn dàrna h-àl ghugachan deiseil airson am marbhadh air Boraraigh.

An DàmhairCuiridh an sùlaire cùl ri Hiort.

AM FULMAIR

AMhàighAon ugh anns aMhàigh.

An LùnasdalSan Lùnasdal tha isean an fhulmair deiseil airson a mharbhadh.

An DàmhairSan Damhair tillidh e dhan chuan.

AM BUTHAIGIRE

Am MàrtTillidh e seo às achuan am meadhan aMhàirt. Thathar ameas gu robh còrr air millean dhiubh air Hiort nuair a bha an sluagh air an eilean. Chan eil leth sin ann an-diugh.

An t-Og-mhìosMarbhadh nam buthaigirean anns an Og-mhìos agus an Iuchar.

AN LAMHAIDH

An GearranAnns aGhearran thig an làmhaidh air ais chun an eilein. Ghlacadh e seo anns an fhionnaraidh agus air an oidhche.


[59]

Chan eil am fulmair abreith ach aon ugh. Tha e dualtach air cùl a chur ris an nead ma làimhsicheas duine an t-ugh. Air an adhbhar sin, cha robh e ceadaichte do dhuine an nead eadhon a thadhal.

Bha na creagan air an roinn am measg nan teaghlaichean, dìreach mar a tha am fearann àitich air a roinn am measg theaghlaichean air feadh na Gàidhealtachd.

Cha robh na Hiortaich agabhail ùghdarras air an cuibhreann fhèin dhe na creagan gus an robh isean an fhulmair air a thighinn gu ìre. Bha sin aig Lùnasdal.

Tha an dòigh a tha aig an fhulmair air e fhèin a dhìon gu math neònach. Nuair a chì e coigreach atarraing dlùth air, sgeithidh e steall mhòr ola a-mach às a ghoile na choinneimh. Dhfheumadh an sreapadair a bhith gu math faicilleach, no gheibheadh e an sruth sin an clàr an aodainn agus chuireadh sin a bheatha ann an cunnart. Bha ola an fhulmair prìseil leis na Hiortaich, agus bha iad gu math ealanta air an t-eun a mharbhadh mus fhaigheadh e air an ola a sgeith. Tha e air a ràdh gu bheil suas ri pinnt ann an goile an fhulmair aig Lùnasdal.

O chionn cheud bliadhna, bha sluagh Hiort asailleadh bharaille dheug dhen fhulmair san fhoghar. Bhiodh a h-uile teaghlach gu dian ag obair air an fhulmair airson a bhith cinnteach nach biodh an t-acras orra fad nam mìosan dubha. Fads a bhiodh na fir aspìonadhs asgoltadh, bhiodh na mnathan faisg air làimh le cuinneagan ational na h-ola. Goirid an dèidh dhan fhulmair a bhith air a mharbhadh, chrochadh na mnathan es a cheann ri làr. Fads a bha an t-eun fhathast blàth, shruthadh an ola às a chuinnlean.

Bho chaidh Hiort fhàsachadh anns abhliadhna 1930, tha am fulmair air fàs lionmhor air cladaichean Leòdhais. Ron Dàrna Cogadh Mòrs gann gu robh gin aneadachadh eadar Tolstadh bho Thuath agus fearann nan Loch. Tha iad a-nis aneadachadh anns an Rubha, chan ann a-mhàin anns na geodhaichean ach cuideachd ann an seann thobhtaichean.

Ann an Hiorts e droch chomharra a bhann nuair a thigeadh na faoileagan a laighe faisg air na taighean. Bha na Hiortaich acreidsinn nach bfhada an dèidh sin gus an tigeadh naidheachd bàis. Bha eagal aca gu h-àraid ron fhitheach, aig an robh an shealladh. Bhiodh seanfhacal aca: “Nach bochd nach robh ro-fhiosrachadh an fhithich agam.”

Cha robh ann an eunachd nam buthaigirean ach obair bhoireannach! Tha an t-eun sin aneadachadh ann an tuill anns an talamh. Cha robh aig bean an taighe agus caileagan an teaghlaich ach ri siubhal astar beag bhon dachaigh gus an ruigeadh iad tuill nam buthaigirean. Bha coin Hiort anabarrach ealanta air na bùthaigirean a chur às na tuill agus an glacadh. Cha robh feum air hypermarket.

Ithidh an t-acras rud sam bith! Cha dhiùltadh eileanach sam bith glaim de dhfheòil sgairbh no de dhfheòil cailliche duibh. Bha an gearra-bhall cho mòr ri gèadh agus bhiodh e uaireannan aneadachadh air Hiort. Cha bhiodh e abreith ach aon ugh, ach bha e sin gu math mòr. Chionns nach robh an gearra-bhall comasach air sgiathalaich, bha e furasda a ghlacadh. Aig toiseach na naodhamh linn deug, thàinig e dhan fhasan a bhith tional nan uighean aige agus acur nan itean aige ann an adan. Chunnacas an gearra-bhall mu dheireadh beagan ro 1850.

Bha an tulaidheag (an fharspag)* air leth gràineil leotha, chionns gu bheil i cho cìocrach air uighean agus àil. Nuair a thigeadh tulaidheag faisg air caoraich no crodh, ruitheadh na Hiortaich ag èigheachs asmèideadh gus an èireadh i air iteig. Chuireadh iad am beatha ann an cunnart airson nead na tulaidheig a chreachadh no, nam biodh e idir nan cumhachd, grèim fhaighinn air an eun fhèin. Nam faigheadh iad chun na nid, leigeadh iad am biadh às an ugh. ’S iomadh eun gurach de threubh nan tulaidheag a chaith an samhradh na shuidhe air sligean falamh! Bha na Hiortaich ameas nach itheadh ugh na tulaidheig ach uilebheist! Nuair a gheibheadh na fir grèim air an eun nimheil seo, chuireadh iad a h-uile ceusadh air. Chuireadh iad às na sùilean; cheangaileadh iad a sgiathan ri chèile; agus an uair sin chuireadh iad e air seòladh air achuan.

* Tha am facal seo air a litreachadh tuliac aig A.R. Forbes (Gaelic Names of Beasts, Birds, Fishes etc) aig an Urr. C. MacAmhlaigh (History of St. Kilda, 1764). ’S math dhfhaodte nach eil an seo ach dòigh annasach a bha aig na seann Hiortaich air an fhaoileag fhuaimneachadhan t-fhaoileag; ’s mar an ceudna airson am fulmair, an t-fhulmair (an tulmair).

S e an ruiteag an seòrsa as lugha de dhfhaoileag a tha ann a Hiort. Tha a glagadaich agus a sgiamhail coltach ri ceala-ghlòir chloinne, fuaim àghmhor air feasgar ciùin samhraidh.

Tha an sgràbaire cumanta timcheall air Hiort anns an Og-mhìos. Tha e aneadachadh air Tristan da Cunha agus adol air chuairt anns aChuan Siarann am Breatainn ann an àitichean iomallach eadar Sealtainn agus Eileanan Scilly.

Tha an dreathan-donn Hiortach nas motha na an dreathan-donn a chithear air tìr-mòr. San t-samhradh tha a cheileirich ri chluinntinn ann an àitichean fasgach air feadh an eilein.

title27. Eòin agus Eunachd
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textAn t-Seann Aimsir (1730–1852)
<< please select a word
<< please select a page