[60]

28 Eug an Cois na h-Eunachd: Deich Marbhrainn

Anns an tiomnadh a dhfhàg an t-Urr. Niall MacCoinnich (Urr. N. MacC. ), a bha air a bhith na mhinistear air Hiort ann am meadhan na naodhamh linn deug, bha faisg air fichead pìos bàrdachd. Be marbhrainn amhòr-chuid dhen sin, cuid mhath dhiubh acaoidh chàirdean a bha air am beatha a chall ag eunachd.

S gann pìos bàrdachd am measg nam marbhrann Hiortach a chanadh duine a tha fìor mhath. Dhaindeoin sin, tha sreath an siuds an seo a tha aglacadh abhròins na deuchainn a bha agabhail grèim air an t-sluaigh nuair a dheigheadh fear no bean no pàisdeleatha’. Bhàrr air sin, tha dìleab an Urr. MhicCoinnich atoirt dhuinn cunntas air facail Hiortach a bha annasach am badan eile, agus tha e eadhon air oidhirp a dhèanamh an siuds an seo air an dòigh a bha aca air facail fhuaimneachadh fhàgail againn. Tha seo ri fhaicinn anns na deich marbhrainn a leanas.

a) Dha Mo Chuileana Gaolach

Chaidh an t-òran seo a dhèanamh le Mairead nighean Ruairidh Mhòir, a chaill a companachs a bràthair còmhla, ’s iad ag eunachd.

Bheir mi toiseach mo thuiridh
Dha mo chuileana gaolach
An dithis bha tapaidh,
S a bha air leacaig nan sìneadh.

Chan e clann rinn mi fhàgail
Ach fir dhàicheil dheas, dhìreach,
Gu ma geal a gheibh an anam
Ann an gleannan na saorsa.

Fhir nach dbhagair mo bhualadh,
S nach dchuir gruaimean air minntinn,
Dhaithnichinn tiomram air bàta
Tighinn far thonnan achaolais.

Ga h-iomradhs ga h-èigheach,
S tu bu bhinn leam bhithg èisdeachd;
S mòr an teist aig an tuath ort,
S bu tu ruagair nan caorach.

Dhaithnichinn bris-cheum do choise,
S bu leat an toiseach a dhèanamh,
Gun luaidh air mòganach tapaidh
Be fàth nan creach thu bhith dhìth oirnn.

Chaill mo mhàthair a fradharc
S chaidh a roghainn a dhìth oirr’;
Chuir thu maill air a h-astar
S cha dìrich cas-bheinn an fhraoich i.

b) Bàrdachd Bantrach Shomhairle

Chaidh Somhairle agus an nighean aige a mach chon nan creagan an coinneamh an làmhaidh. Fhads a bha iad asreap, thàinig bàirlinn a dhfhalbh leotha, agus chan fhacas iad a chaoidh tuilleadh. Seo pìos dhen bhàrdachd a rinn bantrach Shomhairle, mar a bha e aig an Urr. MacCoinnich.

S goirt a dhfhairich mi bhliadhna,
S cha be biadh a bhan aire orm;
Cha be crodh air na blàraibh,
Ged a dhràbhadh iad seachad;
Ach mi bhithg amharc, ’s gur cruaidh,
Far na sguabadh a-mach sibh;
Ach gur muladach tha mi
Ann am àros, ’s tha sac orm,
S gu bheil mise fo mhì-ghean
S mi dìreadh na cas-bheinn.

Chaill an aona bhoireannach an dàrna companach a bhaice. A-rèir an Urr. MhicCoinnich, chaidh a bhàthadh anns an loch* fhads a bha e afeuchainn ri faighinn gu tìr nuair a bha droch mhuir air achladach.

*Bàgh aBhaile

S tric mig amharc gach ,
A rùin, an roilig do bhàis – ’S ann a-muigh air an tràigh
Chaidh an cunnart oirbh.


[61]

Thu bhith muigh gu fliuch fuar
Ann an iomall achuain,
S gun ann ad fhàrdaich, a luaidh,
Afuireachd ort.

Do chlann bheag air mo sgàth
S nach urriad do stàth
Bhith gan iomain gu càch
Gur duilich leam.

sheall anns aghrèin
No cheangail orra brèid
Nach bitheadh mo sgeula-sa
Duilich leo?

Bhith faicinn an t-sliochd
Rinn i àrach fo crios
Aig eile gun mheas
Gur duilich leath’.

Làmh dhèanamh an stàth,
Thoirt an fhraoich chum an làir,
Cha bhiodh tu ad thàmh
S cha bfhurasdleat.

Ormsa thàinig achlaoidh,
S cha be roinn chur am mhaoin
Seo tha mise ga caoidh
Gu muladach.

c) Oran Màiri Nic Shomhairle

Rinneadh an t-òran seo nuair a chuala Màiri gu robh a companachair a dhol leathaasireadh an làmhaidh.

S tric mig amharc, ’s gur cruaidh leam,
Far na sguabadh a-mach thu
Far na choinnich an t-aog thu
S nach do dhfhaod thu thighinn dhachaigh.

Chaidh min iomall nan càirdean
S tha misan dràsdgun chùl-taice:
S gur mairg bun às an t-saoghal,
Ged chinneadh caoraich is mairt leis.

Bfheàrr bhith tric air na glùinibh
Gul an ùrnaigh bheir ceart leis
Na bhith le moit no le àrdan
Chuir Dia mu làr e, ’s bu cheart sin.

Fhuair mi roimhen tùs mòige
Am fleasgach còir a bha tapaidh;
Is o nach bairidh mi fèin air,
Thug Mac Dhè uam e dhachaigh.

d) Call na h-Inghinn

Bàrdachd a rinn athair nuair a chaochail an nighean aige.

Chan e uisge nan gleannta
Dhfhàg mo cheann-sa cho tinn
Ach na thriall uam dhachaigh
Air an astar nach till.

Ged bhiodh fuachd ann is frasan,
Cha ruig thu fasgadh mo thaoibh;
Seachd beannachd do mhàthar
Gad chumail sàmhach, a laoigh.

e) Goirt Mo Thuireadh

Rinn bantrach an marbhrann seo an dèidh dhan duine aice a bheatha a chall ag eunachd.

Ach, Righ, ’s goirt mo thuireadh
Geds goirt, ’s èiginn dhomh fhulang,
Ged dhfhalbh mo chraobh mhullaich fèin.


[62]

Thug siud leagail air minntinn
S chaidh mo bheadradh a dhìth orm;
S truime minntinn na pìob chaidh gun ghleus.

Is nach mi bhair do chùlaibh
An uair dhfhàillig do dhùirn thu,
As acfhainn làn lùiths bhith ad dhèidh.

S mi chuireadh ri tfhasdadh
No dhìobradh mo phearsa,
Is cha bhiodh deò neairt agam fèin.

Na h-earb (creid) à gaol an fhir-phòsda;
Ach dealachadh cho òg rinn
Mo chridhe leònadh gu meug.

Ge nach bàrd thu on talamh,
Bu docha leam na fear-bailthu,
Ged bhitheadh tu falamh o sprèidh.

Ge nach bchraobh a bha àrd thu,
Bu chraobh mhath a chum stàth thu
Dhaithnichinn thu a gàrradh leat fèin.

Gur fliuch cluasag mo leapa
An dèidh mo churs mi tighinn dachaigh – ’S iomadh bha na dalta dhomh fèin.

f)) Bàrdachd Màthar a Chaill a Mac san Dùn

Chaidh dithis, athair agus mac, chon an Dùin air earrach a ghlacadh làmhaidh. Chaidh am mac gu h-ìosal anns abhearradh agus athair air ceann an lon gu h-àrd. Seach gu robh an lon ga chuingealachadh, chur am mac dheth an dul a bha timcheall a bhroillich. Thàinig sgaoth dhen lamhaidh a-steach chon na creige agus thòisich am mac gan glacadh. Gu -shealbhach, leis an spàrdanaichs achlisgeadh a bha air am measg nan eun, nach ann a thuit e an comhair a bheòil dhan fhairge. Bha athair ga fhaicinn anns na tuinn afeuchainn ri e fhèin a theàrnadh gus na dhìobair e agus gus an deach e fodha. Rinn màthair aghille abhàrdachd seo.

Mi gun suigearts mi gun sòlas
S mo leanabh uam feadh na gòlaibh*
Ach tha mo dhùil an Rìgh an Domhain
Gun dghlac do Mhaighstir còir ort,
Mur do phill do pheacadh mòr thu
Mo cheist aghruaidh a bha bòidheach
Gus na rinn an t-aog do leònadh;
Dhfhàg thu tathair dubhach brònach,
Cha dìrich cas-bheinn an fheòir e;
Ach geds mise dhàraich òg thu,
S i tha truagh dheth do bhean-phòsda
Dhaithnichinn tfheannag, ’s cha bhiodh sgòd oirr’.

* na tonnan

g) Marbhrainn le Anna Mhaol Dòmhnaich

Am measg sgrìobhaidhean an Urr. N. MhicCoinnich bha duilleagan ann an làmh-sgrìobhaidh neach eile. Seo mar a bha orra, ach gun deach an litreachadh atharrachadh gu modhan ar latha fhìn;

Rinneadh am marbhrann seo le boireannach àraidh a bha san àit’, dam bainm Anna nighean Mhaol Dòmhnaich da bràthair is da dithis mhac.”

Bidh mo bhràthair air thùs
Gum bu chomain siud dhuinn,
Gum bu shilteach do shùil mu mchràdh.

, cha deach mi a-steach,
S ann, a ghaoil, na do theach
On thugadh thu mach às marbh.

Mi mam Dhòmhnall ùr òg,
Bheathaich mi thu glè òg,
Gur e Ruairidh thug bròn seach càch.

Gura misthair mo chlisgeadh
S mi ri leughadh do litreach;
Gad a ghlèidh mi mo ghibhtean,
Fhuair mi fios air abhròn.

Tha mo cheist an t-òg spèiseil
Cha do rinn thu riamh eucoir;
Bu tu beannachd nam feumach
A rèirs na bha dphoc.

Tha mo cheist an t-òg fearail;
S tric a fhuair mi a cheanal
Agus seudan gun dcheannaich
On fhear tha Shìol Leòid.


[63]

bhean no mhàthair
Rinn gillean riamh àrach
Nach creid mar a tha mi,
S mi air fàgail mo dheò.

Rinneadh am marbhrann seo leis abhoireannach cheudna dhan aon fhear.

Tha mo cheist an Leòdach
Gu math dhan tig achòta
Na fhuair mi dha do shòlas
Na adhbhar-bròin domhn tràth seo.

Làmh gheal bu mhath gu sgrìobhadh,
Gum balainn anns an ruidhlthu;
N àm tarraing dhut na fìdhle,
n t-aon neach bheireadh bàrr ort?

Gur misamhàthair mhuladach,
N còmhnaidh ris an turraban,
Smuaineachadh air muireasaibh
Thuit buileach orm an gàrradh.

Cha ghàrradh a rinn clachairean
Dhaireamh mi san fhacal ud
Ach ailleachd nam fear maiseach
Chuir min tasgadh uam an càradh.

h) Oran CaitrìonOig

Cha dfhuair an t-Urr. MacCoinnich ach beagan dhen òran sa, a rinnCatrìon Ogair Hiort, a rèir cunntais timcheall air 1780.

Is olc leam mar thachair,
Cèile mo leapa...
Air a ghlasadh gun airidh( ?)
Their gach rinn mo ruigheachd
Gur ro righinn leam fèin tèirigh;
Cha... fhada is tha mi
Am laigh an taobh an taighe gun èirigh.

Cha dèan leighean dlan mi,
Ged bhiodh làmh rium na ceudan
S ann tha mdhùil ri dhol dhachaigh
Gu maitheanas an mhòir.
S gur truagh nach taitneach mo bheus riut;
Cha téid air fhalach an cùil mi,
Is mo dhroch cùis dhomh ga stèidheadh

Ribe a bhiodh aca na laighe air achreig

title28. Eug an Cois na h-Eunachd: Deich Marbhrainn
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textAn t-Seann Aimsir (1730–1852)
<< please select a word
<< please select a page