[64]

29 Sgoth agus Geingeach

(Sgeulachd mar gum biodh i air a h-innse leis agheingeach, 1759)

Rinn sinn air an Stac Bhiorach leis an sgoth. Latha breàgha samhraidh a bhanns cha robh ach beagan gluasaid anns amhuir. Riamh bho chaidh mi gu muir an toiseach nam ghiullan, bha mi togte ri faighinn nam gheingeach. Be siud an latha a thuirt Lachlann Mòr rium gu robh na balaich uile airson mi uallach agheingich a ghabhail. Bha àite-suidhe agheingich ann an sgruig-thoisich na sgoth, agus bann an sin a ghabh mise màite air an turas chun na Staca Bioraich. Nuair a bha sinn mu chairteal amhìle bhon Stac, chuir mi dhìom gach aodaich a bhiodh dualtach air maill a chur orm, gus an robh mi lomnochd ach gu robh mo phlaide mu mo chruachainnean. An uair sin cheangail mi aona cheann na loin fo machlaisean agus an ceann eile mun tobht. Ged a bha am muir sàmhach, bha bonn math a-staigh ris an Stac. Dhiomair sinn an sgoth a-steach gus an robh i leth-ràimh air falbh bho na carraichean. Dhìrich mise gus an robh mi nam thurraban air beul na sgoth. Bha an sgruig ag èirighs atuiteam mu chòig troighean leis an fhairge. Nuair a bha i aig iomall a h-àirde, leum mi. Ged a fhuair mi mo chrògan air carragh, cha dfhuair mi air mo ghrèim a chumail, agus chaidh mo shlugadh anns an fhairge. Nuair a thog mi ceann, bha mi fichead slat air falbh bhon Stac Bhiorach agus mo bhràthair Iain agus Lachlann Mòr gam shlaodadh air an lon gu taobh na sgoth. Cha bann gu gul a chaidh mo bhocadh dhan sgiobadh! Chaidh mo thogail dhan tuim agus, nuair a fhuair mi air manail a leigeil, chuireadh an sgoth air aiss a cuinnlean ris an Stac. Trì tursan chaidh mo bhocadh, ’s mo chàirdean amagadh orm nach robh de spionnadh annam na chuireadhgrèim achaitair achreig!

Abair thusa geingeach,” dhèigheadh mo bhràthair, “a tha cur eagal air cuilean an ròin le chuid blianaich!”

Deagh iorrach cuain!” fhreagradh Dòmhnall Beag.

Lachadh iad uile fhads a bha mise strì ri ceàird agheingich ionnsachadh! Ach mu dheireadh, fhuair migrèim achaitair an Stac. Chuir mi dul dhen lon air sgiobhan creige, agus ann an tiotadh leum triùir air tìrs an lon acumail taca riutha.

Mar a thurchair, ’s ann à Tìr-Mòrà Aird nam Murchana bha aon dhen luchd-iomraidh. Ged nach robh an coigreach air dòigh sam bith gealtach, feumaidh mi ràdh nach robh e idir dòigheil gar faicinn adìreadh na Staca. Chùm e ag èigheach comhairle rinn. Bha sin cho èigneach leinn a bhith ga chluinntinns gum bfheudar dhomh a chasg.

Tha an Stac Bhiorach mu dhà fhichead troigh a dhàird, gu math cas, sleamhainn na mullach. Dhìrich mise gu mullach ro chàch agus chuidich mi na seòid a bha fodham. Nuair a bha sinn uile air cabhsair rèidh, thug sinn sùil air an stòras a bha mun cuairt oirnn. Chan eil na h-eòin mhara a tha aneadachadh air eileanan Hiort abreith ach aona ugh. Ma thèid an nead a chreachadh, beiridh an t-eun ugh eile, agus a-rithist an treas ugh. Tha a h-uile eun ach an tulmair ag àlachadh air an dòigh sin. Ma thèid nead an tulmair a chreachadh, chan eil e comasach dha idir ugh ùr a bhreith. Caithidh e an samhradh seasg, agurs acaoidh nach eil ugh aige air an suidh e.

Air mullach na Staca bha na nid cho pailts gu robh e duilich dhuinn ceum a thoirt gun seasamh air ugh no eun. Thog sinn ceithir dusan fichead ugh, agus leig sinn sin sìos ann am màileidean air ceann na loin. Buailleil sinn atuirling, gu h-àraid mi fhìns mi air mo chiad chosnadh a dhèanamh ann an làthair coigrich, ’s mi nam gheingeach. Be siud abhliadhna 1758.

Anns an ath bhliadhna, air an t-siathamh latha deug dhen Dàmhair, chaidh sinn leis an sgoth gu Boraraigh. Bha trì duine deug againn air bòrd, agus chuir sinn ochdnar dhiubh sin air tìr airson eunachd ghucachan. Air an t-slighe air ais, dhèirich droch ghaoth bhon ear-dheas agus thog sinn fasgadh ris na creagan àrda a tha gu an iar air Conachar. Lean an stoirm fad an latha agus fad na h-oidhche. Nuair a thàinig amhadainn, chunna sinn an cunnart anns an robh sinn. Bha an cuan na chorraich gheal agus, ged a bha sinn a-staigh ri fearann far nach robh neart na gaoithe aruighinn oirnn, bha onfhadh na fairge abagairt oirnn agus bha an t-acras gar tolladh. Dhfheuch sinn ri iomradh gu an ear aig meadhan-latha, ach bha na tuinn abriseadh mun sgoth agus thill sinn ri fasgadh. Fad thrì latha agus thrì oidhche bha sinn an sin anns aghàbhadh acumail ceann na sgoth ris an riadal, agus sinn air ar leitheadh le dìth bìdh, le dìth cadail agus leis an fhuachd.

Air acheathramh latha, gun chomharradh gu robh fèath adol a thighinn, thog sinn oirnn gu Bàgh aBhaile. Cho luaths a thog sinn Rubha Ghil, bhuaileadh sinn le corraich gaoith is fairge. Fhads a bha seisear ag iomradh bha triùir ataomadh, ach beagan air bheagan fhuaireadh air an sgoth a chur gu Bàgh aBhaile.


[65]

Nuair a bha sinn air sin a dhèanamh, dhùmhlaich na neòil agus thàinig aghaoth a-steach gu an ear. Bha na tuinn an uair sin abeucail rinn bho ar deireadhs gar putadh a-steach chun achladaich. Chunna sinn na teaghlaichean acothachadh an aghaidh an stoirm sìos na lotaichean. Mhisnich sin sinn, ach cha do chuir e idir às ar sealladh an cunnart anns an robh sinn. Bha na tuinn adìreadh eadar sinns na taighean nam moigh gheal.

Rinn sinn air an Dìollaid, acoimhead airson àite far am faigheadh sinn gu tìr. ’S e creag mhòr shleamhainn ghlas a thanns an Dìollaid, ’s i atuiteam air a slinn chun na mara. ’S ann an sin a bha an laimrig air a bhith againn bho chian, ach leis an stoirm cho colaisdeachs a bha i, cha robh rian againn an sgoth a chur rithe. Chuir sinn an sgoth timcheall sa ghaoith gus an robh a deireadh ris achladach, agus leig sinn às achiste chuilc a bhagainn airson acair.

Ged a their na Goill gur e acair iarainn as seasmhaiches as greimeanta, tha achiste chuilcs i taosgach le umagan cloich a cheart cho greimeanta ann an grunnd creagach, ged a tha i gu math duilich a làimhseachadh ann an sruth. Co-dhiù, be achiste chuilc a bha air a bhith againn bho thùs ann a Hiort, agus bha e nar dualchas a bhith leantainn gu dlùth ri nòsan ar sinnsearachd!

Dhèirich is thuit sinn anns na tuinn air dhòighs gu robh deich aitheamh dhen chàball ris eadar na làdaich, agus gun ach mu dhà shlat dheth ri fhaicinn nuair a bha an sgoth ann am bàrr na stuaigh. Bha sinn an sin airson còig uairean a thìde, am marcan-sìona agus an t-uisge air drùdhadh tro ar cuid aodaich chun achraicinn, sinn air chrith leis an fhuachd agus sinn fad an t-siubhail leis an eagal gu sluigeadh an fhairge an sgoths na bhagainn air bòrd innte.

Mu dheireadh, thòisich na speuran adùmhlachadh buileach dorch, agus, ged nach robh sinn air grian fhaicinn airson ceithir latha, thug sinn mun airidh gu robh an latha aciaradh. Thuirt Niall Mòr, ’s e ag èirigh air a chasan, “A bhalachaibh, tha sinn air a bhith anns an tabhoinn airson ceithir latha, ’s ma dhfhuiricheas sinn innte airson aon oidhche eiles iongantach gu faic duinagainn amhadainn!”

Dhaontaich sinn uile gum biodh e glic dhuinn càball na h-acrach a ghearradh agus dèanamh air achladach gainmhich a tha beagan gu deas air an Dìollaid. Ged a bha snagardaich air mfhiaclan, chuir mi dhìom mo thrusgan agus cheangail mi an lon fo machlaisean mar a biomchaidh. Ruith an sgoth ron fhairge, ’s na seòid ga cumail gu deas leis an iomradh. Chualas Dòmhnall Beag air an fhalmadairs e ag ùrnaigh.

Tha dòigh shònraichte aig sluagh an eilein air eathraichean a chuideachadh à cogadh mara, agus tha iomadach maraiche air teàrnadh às achunnart tro ìnnleachdas nan Hiortach. Tha an sluagh gan roinn fhèin nan bhuidheannna bodaich, na mnathans achlann air an dàrna làimh, agus na firs na brogaich air an làimh eile. Tha na fir gan òrdachadh fhèin nan sreath aig beul na mara, is an dithis as tapaidhes as calma nan cuirp ullaichte airson coiseachd dhan mhuir an coinneimh na sgoth, grèim teann aig gach fear air an iorrach a tha air a bheulaibhs a ghàirdeanan paisgte mu a mheadhan. Anns an dòigh sin, tha e mar gum biodh slabhraidh fhireannach ga cur eadar tìr agus an t-soitheach a thanns aghàbhadh. Nuair a rachadh an sgoth Hiortach dhan t-suidheachadh sin, bhathas acur ròpa aiste. Bha aona ròpa ga chur às an toiseach gu na fir threuna. Cho luaths a ghabhadh dèanamh, bha ròpa eile ga chur mu dheireadh na sgoth, agus bha sin adol chun an t-sluaigh a bha air talamh tioram. Chan fhacas a-riamh soitheach ga call bho gheibheadh mnathan Hiort an ròpa-deiridh nan dùirn!

Mar a bfhaisge a tharraing sinn air achladach gainmhich, bann bu dorra a dhfhàs an t-iomradh, oir bha an sruth gar faomadh a-null chun an Dùin, ged a bha na làdaich amaoidhean ar bleith ris na sgeirean.

Chan eil teagamh, nam biodh sinn air a bhith air ar deagh bheathachadh agus le còmhdach seasgair oirnn, nach biodh sinn air cothachadh na bfheàrr an aghaidh na mara. Mar a bha, bha


[66]

an luchd-iomraidh fann, rag, agus air am misneachd a chall. Chaidh an ròpa a shadadh às an toiseach mus robh sinn cho faisg air tìrs gun gabhadh an luchd-teàrnaidh grèim air. Nuair a thog an tonn sinn air achladach, leum mise às an sgoth ach cha do ghreimich mi air tìr. Chaidh mo chàrnadh leis amhuir-bhàn. Mar a chunnnaic Sealbh iomchaidh, thog an ath thonn mi air carragh, far na ghabh mnathan grèim orm. Mar sin, chaidh mo tharraing à beul achuain. Leum na teaghlaichean air an lon, agus thòisich iad len uile neart aslaodadh oirre. Ach mus dfhuair mise air mo chasan, chunna mi gu robh an sgoth fodha gu ìre nan tobhtaichean agus an sgiobadh mu sgaoil anns an t-sruth. èigneach a bhann afaicinn cruithneachd nan teaghlaichean ga chaitheamh ann an onfhadh na fairge. Rugadh air seisear ach chailleadh triùir, ’s chaidh an sgoth a bhriseadh na spealgan air na sgeirean.

Cha be a-mhàin gu robh am Baile air an call sin fhulang beagan astair bho ar dachaighean; bha sinn cuideachd às aonais chàirdean a bha air siabhan ann am Boraraigh, gun chòmhdhail againn a leigeadh dhuinn freasgairt orra. Cha bfhada an dèidh dhuinn ar coibhneadh le biadh, le blàths agus le cadal gus an tàinig clòthadh air aghaoith agus sàmhchair air an fhairge.

Bha e sealbhach gum bann air Boraraigh a bha na h-eunadairean air an allaban, ’s gu robh Taigh an Stallair deiseil dhaibh an sin le fasgadh agus le àite cadail. Aitreabh iongantach a thann an Taigh an Stallair. Chaidh a dhùsgadhs a thogail anns an Aimsir Og, their cuid, airson a bhith na eaglais dha na Draoidhean. Their cuid eile gum be aona dhuine a rinn an t-saothair, gum bean stallaira bhanns gu robh sin aciallachadh anns an t-seann chainntfear-còmhnaidh am measg chreag’. Tha e duilich a chreidsinn gu robh aona dhuine comasach air an obair ud a dhèanamh na aonar, ’s gu robh e cho treuns gun dfhuair e air clachan cho trom a charachadh. Tha beul-aithris ann cuideachd a tha atoirt cunntas air fear air an robh An Staillear aca mar ainm a thog ceannairc ris an Riaghaltas, agus a chaith ùine mhath le chompanaich air Boraraigh, ri saothair an taighe. Tha an taigh fon talamh, ’s a mhullach, gu ìre bhig, rèidh ri uachdar na talmhainn. Tha ochd troighean deug a dhàird ann agus aona leac mhòr na mhullach. Ann am meadhan an ùrlair tha teallach cruinn. Tha an t-ùrlar fhèin cruinn, is being cloiche air fad abhallabeing air am faigh sia duine deug air suidhe. Anns abhalla tha ceithir crùban, gach comasach air cadal a thoirt do cheathrar. Chan eil duine a thèid gu Boraraighs a bhios feumach air fasgadh nach gabh còmhnaidh anns an aitreabh uds nach beannaich na fir threuna a rinn i.

Chionns gu robh sinn air an aona sgoth a bhagainn a chall, bha an sluagh èigneach, iomagaineach air an eilean. Chan eil rud sam bith cho cianail, cruadalach ri teaghlaichean a bhith sgarte bho chèile gun dhòigh aca air càch-a- chèile a chofhurtachadh no conaltradh a dhèanamh. Anns aBhaile, bha sinn gu tric le ar smaointean air na seòid a bha bhuainn. Fhads a bha sinn gar garadh fhìn ris na teintean, bha iadsan nan suidhe, mar a shaoil sinn, gun theine, gun bhlàths, gun sholas. Ach mar a thachair, cha bann mar sin a bha iad. Bha iad air sgrathan a bhuain air Boraraigh mus do dhùin an geamhradh umpa. Fhuair iad air an connadh sin a thiormachadh agus, air an dòigh sin, bha iad air teine a chumail beò fad nam Mìosan Dubha.

Tha ceithir cheud caora ag ionaltradh air Boraraigh. Mar sin, bha pailteas de mhuilt-fheòil saor ri chosnadh. A bharrachd air sin, bha an guga an asgaidh mu chuairt air Taigh an Stallair anns an t-Samhain, agus chuir na siabhanaich iomadach closach dheth mu seach mus do bhuail an geamhradh orra. Achs olc fèisd fheòla a tha às aonais brochain! Ged a bha biadh aca ann am pailteas, tha an eachdraidh ag innse gu robh na fir searbh de dhfheòil, agus cìocrach air sealbhag, càl, min no annlan sam bith nach biodh co-cheangailte ri sprèidh is eunlaith.

Nuair a thill na h-eòin aig toiseach an earraich, thogadh misneachd an t-sluaigh. Faodar a chreidsinn gu robh greadhnachas air Boraraigh, mar a bha anns abhaile, nuair a thugadh a-steach achiad ghad dhen làmhaidh. Thill aghrian a dhàird nan speur, ach cha tàinig soitheach gar tadhal anns an eilean. Fad mìos na Màirt, rinn sinn an t-àiteach agus an eilidhe. Nuair a chrìochnacheadh sinn leis achaibe-làir air na feannagan againn fhìn, leanadh sinn oirnn ag obair air feannagan nam fear a bha air siabhan.

O nach bochd,” arsa Màiri NicCruimein, “nach robh Boraraigh deasorach air Bàgh aBhaile, gus am faiceadh achuideachd a tha sinn ag ionndrain an obair a tha sibh adèanamh às an leth!”

Rinn Niall Mòr gàire. Ars esan, “Ged nach eil Boraraigh deasorach oirnn, tha sinn comasach a dhaindeoin sin air innse dha na seòid nach eil sinn idir air an dìochuimhneachadh.”

Thòisich na càirdean ga bhùirt às. Ach air an ath latha dhearbh Niall Mòr dhuinn gu robh e air a bhith ag innse na fìrinn. Dhfhalbh e leinn, gach fireannach le caibe-làir, suas


[67]

gualainn Chonachair, gus an robh sinn mu choinneimh Bhoraraigh. Ann an sin, chuir e mach dhuinn mar gum biodh deich feannagan anns an riasg. Chaith sinn greis anns an àite aognaidh sin, ag àiteach fearainn anns nach fàsadh coirc no eòrna gu Luain! Cha robh ann am feannagan Nèill Mhòir ach teachdaireachd gu ar càirdean, gam fiosrachadh nach robh am Baile air an cuid-san de dhobair an earraich a thrèigsinn.

Nuair a thadhail am Maor oirnn le birlinn ochd-ràmhach anns an Og-mhìos, chuireadh crìoch air na cruadalan a bha air a bhith oirnn. ’S mòr an greadhnachas a bha air Hiort air an latha a thill na càirdean dhachaigh thugainn. Nuair a chaidh abhìrlinn gu Boraraigh, fhuaireadh na seòid an sinfallainn gu leòr, ach seang, muladach agus air am misneachd a chall. Cha robh aona bhad aodaich eadar an deichnear. Bha an còmhdach agus an caisbheart air caitheamh, s cha robh aca umpa ach peileidean chaorachcòmhdach nach robh cuimseach, no idir cùbhraidh! Thug abhìrlinn a-mach thuca aran-coirc, ìm, gruth, bainne agus an t-annlann uile a shaoil sinn a bhiodh annasach leotha. Nuair a thill i leis na siabhanaich, bha an tuim taosgach leis na h-eòins leis na h-uighean a bha iad air a thasgadh ann an Taigh an Stallair.

Bha am foghar ann mus dfhuaireadh air sgoth ùr fhaighinn a-nall on Eilean Sgiathanach. Thug i sin dhuinn cothrom air ruigheachd air an sprèidh a bhagainn air Sòdhaigh agus air Boraraigh, agus air an eunachd a bhagainn air na stacaichean mun cuairt. Sgoth mhath làidir a bhinnte, a shiubhail iomadach mìle mòr mara leinn, ’s a thug sinn à iomadach onfhadh eadar Stac an Armainn, Lìbhinis agus am Plastair. Sgoth a bhinnte anns na chaith mise iomadach latha greannmhor misneachail agus às na leum mi iomadh uair airsongrèim achaita chur air carragh. Chùm i beatha ris na teaghlaichean agus dhàraich i iomadach gasan tapaidh a thog cliù na iorrach cuain.

Anns abhliadhna 1698, shreap Sir Raibeart Moireach an Stac Bhiorach, agus an dèidh sin sgrìobh e cunntas air an earraig. Thathas ag ràdh gum be seo achiad chunntas ann an litreachas air sreap chreagan am Breatainn. ’S iongantach mura h-e cuideachd achiad chunntas air an uallach a bhair geingeach.

... a man having room for but for one of his feet, he must climb up twelve or sixteen fathoms high. Then he comes to a place where, having but room for his left foot and left hand, he must leap from thence to another place before him which, if he hit right, the rest of the ascent is easier, and with a small cord which he carries with him he hales up a rope whereby all the rest came up. But if he misseth that footstep (as often times they do) he falls into the sea and the company takes him in by the small cord and he sits until he is a little refreshed and then he tries it again.

title29. Sgoth agus Geingeach
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textAn t-Seann Aimsir (1730–1852)
<< please select a word
<< please select a page