30 Oigear a’ Chùil Duinn
Mo ghaol òigear a’ chùil duinn, LINEBREAK dhan tug mi mo loinn cho mòr. LINEBREAK Dh’fhuilinginn dhut pòg san anmoch, LINEBREAK ged bhiodh càch ri seanchas oirnn. LINEBREAK Mo ghaol òigear a’ chùil duinn, LINEBREAK dhan tug mi mo loinn cho mòr.
Gura mise tha gu h-uallach LINEBREAK on a thàinig an duin’ -uasal, LINEBREAK le mo ribinnean mun cuairt dhiom – LINEBREAK cumaidh iad mo ghruag air dòigh. LINEBREAK Mo ghaol òigear a’ chùil duinn, LINEBREAK dhan tug mi mo loinn cho mòr.
Dhòmhnaill uallaich MhicGhillIosa, LINEBREAK bha uair a bha thu a’ strì rium, LINEBREAK ach on thàinig an tighearn’ Ileach LINEBREAK sguir (idh) mi dhe d’bhriodal beòil. LINEBREAK Mo ghaol òigear a’ chùil duinn, LINEBREAK dhan tug mi mo loinn cho mòr.
Beul sìos air luchd na farchluais; LINEBREAK luchd nam breug, chan iad as fhasa – ’s mi gu siùbh’leadh fad’ air astar LINEBREAK dh’èisdeachd cantanas do bheòil. LINEBREAK Mo ghaol òigear a’ chùil duinn, LINEBREAK dhan tug mi mo loinn cho mòr.
O, nam bithinn-sa cho fìnealt’ LINEBREAK ’s gun dèanainn litir a sgrìobhadh, LINEBREAK rachadh fios thugaibh a dh’Ile LINEBREAK nach b’e ’n fhìrinn thug iad oirnn. LINEBREAK Mo ghaol òigear a’ chùil duinn, LINEBREAK dhan tug mi mo loinn cho mòr.
Mo ghaol òigear a’ chùil duinn, LINEBREAK dhan tug mi mo loinn cho mòr. LINEBREAK Dh’fhuilinginn dhut pòg san anmoch, LINEBREAK ged bhiodh càch ri seanchas oirnn. LINEBREAK Mo ghaol òigear a’ chùil duinn, LINEBREAK dhan tug mi mo loinn cho mòr.
title | 30. Oigear a’ Chùil Duinn |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An t-Seann Aimsir (1730–1852) |