46 Tàladh Cailin’ an Fhuilt Or-bhuidh’
(Na facail leis an Urr. Iain MacLeòid, 1981; seann cheòl Hiortach.)
Fàil-eilidh horo, fàil-èilidh horo, LINEBREAK Aghaidh bhòidheach air a’ phàisde; LINEBREAK Falt òr-bhuidh’ mo ghràidh-sa, LINEBREAK Fail-èilidh horo, fàil-èilidh horo; LINEBREAK Caidil sàmhach gus a-màireach, LINEBREAK Gràdh blàth an uchd màthar; LINEBREAK Fàil-èilidh horo, riro-ririnn-èile; LINEBREAK Caidil sàmhach, a ghràidh! LINEBREAK Caidil socair, chailin bhàn!
Fàil-èilidh horo, fàil-èilidh horo; LINEBREAK Tha bò-bhainn’ tighinn bhon àirigh LINEBREAK Le bainne math blàth dhi; LINEBREAK Fàil-èilidh horo, fàil-èilidh horo; LINEBREAK Thig maorach à tràigh dhi; LINEBREAK Thig biadh à muir-làn dhi; LINEBREAK Fail-èilidh horo, riro-ririnn-èile LINEBREAK Caidil sàmhach, a ghràidh! LINEBREAK Caidil socair, chailin bhàn!
Fàil-èilidh horo, fàil-èilidh horo; LINEBREAK Leis na gluaisean, leis na dùisgean; LINEBREAK Mo luaidh-sa mo ghaol-sa, LINEBREAK Fàil-èilidh horo, fàil-èilidh horo; LINEBREAK Bi sàmhach gun cùram; LINEBREAK Fail èilidh horo, riro-ririnn-èile; LINEBREAK Caidil sàmhach a ghràidh! LINEBREAK Caidil socair, chailin bhàn!
title | 46. Tàladh Cailin’ an Fhuilt Or-bhuidh’ |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | Linn nan Creach (1852–an-diugh) |