[104]

47 An t-Urr. Niall MacCoinnich: 1838

A’ sealltainn air ais ris an cheud bliadhna mus deach Hiort fhàsachadh, saoilidh sinn gu robh coire aig an Eaglais ri mar a chaidh an deò a thoirt às an t-sluaigh agus am misneachd a bhriseadh. Dhaindeoin sin, ma sinn sgrùdadh air beatha nam ministearan agus air an obair a rinn iad, chì sinn gu robh iomadach fear ann a neartaich an sluaghs a bha còir, carthannach ris na Hiortaich air a h-uile dòigh.

Bha an t-Urr. Niall MacCoinnich air Hiort bho 1829 gu 1843. Bha esan na shearmonaiche, na cheistear, na fhear-teagaisg air leasan aBhìobaill, agus na sgrìobhaiche dha na teaghlaichean. Bha abhochdainn cho mòr air an eileans gun do rinn e uile dhìcheall ri cuideachadh fhaighinn dha na teaghlaichean bho Thìr-Mòr. Cha robh aige fhèin ach £50 anns abhliadhna, agus chaith e amhòr-chuid dhen sin ris na daoine. ’S nuair a gheibheadh e tiodhlac bho uaislean agus bho a chàirdean, bha e acur sin seachad air fhèin airson na teaghlaichean a leasachadh. Aona bhliadhna chaidh Mgr. MacCoinnich a Ghlaschu. Chaidh e timcheall nan uaislean anns abhaile sin agus nuair a thill e bha iomadach seòrsa rud aige na chois a bha feumail air an eilean: àirneis airson nan taighean, uinneagan le lòsain agus muileann airson sìol a bhleith.

Nuair a chaochail an t-Urramach, dhfhàg e cunntas air an eilean na làimh-sgrìobhaidh fhèin agus chaidh sin fhoillseachadh goirid ron Chiad Chogadh Mhòr.

Seo pàirt dhen eachdraidh a sgrìobh e, air abhliadhna 1838:

Fìor dhroch bhliadhna a bhann. Bann air èiginn a bha de chonnadh againn na dheasaicheadh biadhs a chumadh sinn blàth. Mu dheireadh, bha sinn alosgadh fiteach (sin a chanadh na Hiortaich ri connlach), droch chonnadh dha-rìribh, mura h-eil i tioram! Nas motha cha robh maidsichean againn no dòigh air teine a thogail ann an cabhaig. Ach gu sealbhach bha pailteas ola air an eilean airson na lampaichean a chumail thuige.

Tha cuid de na teaghlaichean fhathast acòmhnaidh ann am bothanan dubha. Tha na taighean sin gu ìre bhig cruinn, agus na ballaichean aca air an dèanamh de leacan mòra mu chuairt air sia no seachd troighean de thighead. Bha na taighean sin air an iadhadh le talamh agus feur agus tha fear no dhà a tha cho ìosal anns an ùirs gu faodadh tu ràdh gu bheil e fon talamh.

Bha balla-cloicheam fallanaroinn an taighe na dhà leth, acumail achruidhs nan con air leth bho na daoine. ’S e beagan àirneis a tha far an robh an teaghlach acòmhnaidh. Bha brà aig a h-uile teaghlach agus clach shoillse. Bha i sin na cùis-iongantais dhomh. Bha sloc domhainn ann am meadhan na cloich-shoillse, ’s bha sin làn ola agus èibhleag rèisg air seòladh innte airson siobhag. Be sin a bhaca airson lampa. Air an làimh eile, tha cuid de theaghlaichean aig an robh lampa iarainn ris an canadh iad crùisgean.

Bha lòban anntuba air a dèanamh de dhfhodaragus buta, truinnsear fiodha, agus cuman, soitheach fiodha beagan nas lugha na buta.

Far an robh an teaghlach acòmhnaidh, bha àird an taighe a rèir de an ràith dhen bhliadhna anns an tomhaiseadh tu e. Le sin tha mi aciallachadh gu robh na bha iad asadadh air an ùrlar bho earrach gu earrach agiorrachadh na h-àird a bha eadar an t-ùrlar agus mullach an taighe. Bha an teaghlach asgapadh luatha, uisge salach, agus rudan na bu mhiosa, air an ùrlar a h-uile lathas acur sin fodha le smùr mònadh. Mar sin, bhiodh an t-ùrlar ag èirigh fad an t-samhraidh, fad an fhoghair agus fad agheamhraidh gus an deigheadh an taigh fhalamhachadh san earrach. Bhiodh an t-ùrlar ga mheasgachadh ri todhar achruidh, agus bhiodh sin na dheagh innear airson nan imrichean.

Cha robh e furasda do choigreach a dhol gu teaghlach ann an dachaigh mar sin, ann am meadhan geamhraidh. Dhfhosgladh tu an doras nach robh ceithir troighean a dhàird. Bha banntaichean agus glas fhiodha air an doras. Glè thric thigeadh coin nad choinneimh a-mach às an dorchadas. Dheigheadh tu steach tron todhar agus chuidicheadh an teaghlach thu tarsainn air an fhallan, a bha ceithir troighean a dhàird. Bha agad an uair sin ri bhith air do làmhans do ghlùinean adìreadh gu àite far am faigheadh tu air suidhe no dhol air àird do dhroma ag adhradh.

Chan fhaiceadh tu an latha ach tro tholl na deathaich, toll anns an tughadh os cionn abhalla trom biodh an deathach afaighinn a-mach. Shìos anns abhalla fodhad, chitheadh tu achrùb aguss mathaid cailleach na laighe


[105]

innte. Cha robh iongnadh gu robh mùrnaigh gu tric ationndadh gu cuspair an t-Solais agus an fheum a thagainn uile air lèirsinneachd nar beatha.

Bha na taighean aig an àm ud nan shreath air gach taobh de fhrith-rathad ris an canadh na Hiortaich an t-Sràid. Thathas acreidsinn gu robh an sluagh air a bhith acòmhnaidh air an t-Sràid bho thoiseach eachdraidh an eilein.

LINEBREAK Be Sasannach a choisinn dha na Hiortaich gun dfhuair iad taighean ùra a thogail. Thadhail Sir Tòmas Dyke Ackland air an eilean timcheall air 1840 agus dhfhàg e aig Mgr. MacCoinnich fichead ginidh airson a thoirt dhan chiad teaghlach a thogadh taigh geal le similear agus slinnteach air a mhullach.

Mus robh bhliadhna seachad cha robh teaghlach nach robh ann an taigh-geal. Chaidh na taighean-dubha, mar a chaidh iad nar linn fhèin, fhàgail nam bàthaichean. Chaidh an t-Sràid a thogail às ùrochd taighean deug, ceann ri màs, nan aona shreath. Bha sia deug dhiubh sin le slinnteach sinc orra agus na dhà eile le tughadh.

Mar sin bha na Hiortaich ann an dachaighean gealfaisg air ceud bliadhna air adhart air Gàidheil Innse Gall, oir mar a tha fhios againn uile, cha do thòisich iad sin acur an cùl ris na taighean-dubha gus an robh aChiad Chogadh Mòr seachad.

LINEBREAK Sùil bhon bhaile chon an Dùin

title47. An t-Urr. Niall MacCoinnich: 1838
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textLinn nan Creach (1852–an-diugh)
<< please select a word
<< please select a page