[107]

49 Briogais nan Uighean

Bha aona sgeul aig na bodaich a bhiodh atoirt iomadach gàire air na Hiortaich. Thàinig bàta mòr eilthireach chun an eilein, ach cha bu diù leis na h-uaislean a bhoirre a thighinn a-steach gu Bàgh aBhaile a chonaltradh ris na daoine. Dhfhuirich iad air cùl an Dùin ann an teas an t-Samhraidh. Chaidh fir Hiort chun an Dùin a thional uighean. Nuair a chaidh iad gu geodha àraidh, a chunnaic iad an sin fodhpa ach na seòladairean agus iad ris an obair cheudna. “Nise,” arsa fear dhe na seòid, “nach eil sin dìreach coltach ri rud a dhèanadh Gall, a thighinn a-steach a ghoid abhìdh às ar beòil.”

Ta,” arsa fear eile, “seach gu bheil sinne os an cionn an seo, tha e furasda gu leòr dhuinn dearbhadh dhaibh gu bheil uachdarain agus ìochdarain ann an aodann creige.”

Siuds ann a chunnaic iad seòladair atoirt dheth a bhriogais. Cheangal e na casan aice ri chèile agus thòisich e fhèins a chompanaich alionadh somag na briogais le uighean. Chàirich iad na h-uighean gu faiceallach, sgùird air sgùird, gus an robh abhriogais làn gu a bus. Nuair a chaidh na h-eilthirich timcheall oirre airson abhriogais a thogail a-steach a bhroinn an eathair, leag na Hiortaich ulpagan mòra cloiche bho bheul na geodha. Thuit na sgeirean sìos air na h-eilthirich nan sradagan, mar gum biodh crith-thalmhainn ann. Chan fhacas riamh eathar ga h-iomradh cho luath ris an a dhfhalbh an latha ud às an Dùn. Agus cha robh duine a bha cho èasgaidh air an ràmh ris an fhear a bha gun bhriogais! Chuir an t-soitheach cùl ri Hiort agus ris abhriogais uighean. Thug na Hiortaich abhriogais dhachaigh agus bha i aca airson iomadh bliadhna. Bha i mar gum biodh na dearbhadh air abhreitheanas a thig air an neach a tha gu h-ìosal nach eil umhail dhan a tha gu h-àrd, gu h-àraidh nuair a tha an neach sin an dùil a dhol a thional uighean anns an Dùn. Bha i cuideachd na cuimhneachan air bodach a dhfheuch ri cuid nan Hiortach a ghoid agus a chaidh a chur dhachaighs a thòin rùisgte. Bha i na cùis-iongantais ann a Hiort o chionn còrr air trì cheud bliadhna ann an linn anns an robh fir an eilein air an còmhdach anns an fhèileadh mhòr.

title49. Briogais nan Uighean
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textLinn nan Creach (1852–an-diugh)
<< please select a word
<< please select a page