53 Goill air a’ Ghleann (1878)
Caraid math a bh’ ann am Mgr. Iain Sands, Ball-Pàrlamaid agus deagh phìobaire a dh’ionnsaich a’ Ghàidhlig Hiortach ged nach robh buntanas aige ris an eilean. Bha e carthannach ris na daoine agus, mar a chì sinn, rinn e uile dhìcheall às an leth. Anns an sgeulachd seo, chì sinn mar a chaidh do Mhgr Sands air feasgar foghar o chionn ceud bliadhna ann a Hiort. Chì sinn mar a bha na Hiortaich a’ faireachdainn nuair a thigeadh greigh Ghall gan tadhal — ’s bha sin gu math lag-chùiseach!
Faodaidh sinn uile a thuigsinn carson a bha iad lag-chùiseach. Tha mi cinnteach nach còrdadh e ri duine no bean sam bith nan tigeadh sgaoth mhòr shrainnsearan, gun dùil riutha, gu ar dachaighean — srainnsearan gun mhodh gun nàire, gun fhacal aca a thuigeadh sinn, agus iad a’ dèanamh sgrùdadh air ar caitheamh-beatha, is air pearsa mar gum biodh iad a’ sealltainn ri ainmhidhean ann an sù. Seo mar a thuirt Sands.
Air feasgar a’ chòigeamh latha dhen t-Samhain, bha mi
nam shuidhe aig teine math mònach agus an deathach ag èirigh às an teallach. Bha solas na lampa-iarainn air mo ghualainn agus bha sìth air an domhain.
Siud, ’s ann a dh’fhosgail an doras, agus leum boireannach a-steach ’s a h-anail na h-uchd.
“Tha Goill air a’ Ghleann!” ars ise. “Tugainn! Tha Goill air a’ Ghleann!”
Dh’fhalbh mi còmhla rithe agus chunna mi, aig ceann thall na Sràide, na bodaich cruinn mar bu nòs, is iad a’ deasbaireachd le guthan mòra. Chaidh mi thuca agus dh’innis iad dhomh gu robh còignear chaileagan — banaraich a bha air a bhith a’ lòrg nì — air feadan cruaidhe a chluinntinn. Bha na feadan cruaidhe sin aca air a chluinntinn dhà no trì uairean, agus seach gu robh a’ ghrian air ciaradh ghabh iad eagal agus ruith iad dhachaigh. Dh’fhaighnich mi an dùil an robh iad air eun a chluinntinn. Fhreagair iad gu robh iad cinnteach nach b’ e. Thuirt mi an uair sin, ma bha fireannaich air a’ Ghleann, gu robh e cinnteach gum b’ e maraichean a bh’ annta a bha air am bàta a chall air na creagan; mas e maraichean a bh’ annta, gum b’ e peacadh a bhiodh ann am fàgail fliuch fuar gun fhasgadh, air siabhan fad na h-oidhche.
Dh’aontaich na mnathan leam agus na thubhairt mi, agus mu dheireadh rinneadh cùim gun rachadh còigear fhear suas an cnoc, slatan fada fiodha aca, agus iad a’ glaodhaich, an dòchas gum freagradh coigrich iad. Lean mise agus seisear bhodach air an sàil. Bu mhise a bha gu bhith nam eadar-theangair ri coigreach sam bith a dheigheadh a lorg.
Co-dhiù, bha culm air an fheasgar — ceò dhrùidhteach air na cnuic — agus cha deach mise ’s na bodaich fada gus an deach sinn ri fasgadh ann an taigh. Thòisich na bodaich a’ seanchas, agus abair gu robh sgeulachdan iongantach aca — gu ìre nach mòr nach do dhìochuimhnich sinn an naidheachd a bha air a bhith aig na caileagan, gu robh Goill air a’ Ghleann!
Bha seann bhodach ann a dh’innis mu dheidhinn soitheach a thàinig air tìr nuair a bha e fhèin na bhalach.
“Thàinig na seòladairean air tìr,” ars esan, “ann an Gleann na h-Aibhne, agus bha iad ann an sin gun bhiadh gun fhasgadh airson trì latha. Mar a thachair, bha aimsir ann dìreach mar a th’ againn a-nochd — ciùtharanaich uisge agus na neòil a’ toirt bhuainn mullach nan cnoc. Seach gu robh an Cnoc cho àrd ’s na neòil cho dùdlaidh, cha do mheantraig iad a-mach às a’ Ghleann thall. Ach ann an ceann nan trì latha, chaidh mnathan a-null gu Tobar nam Buadh agus chunnaic na seòladairean iad agus ruith iad chun nam mnathan. Ma ruith iadsan, ruith na mnathan dìreach mar luchainn a’ dol dha na tuill. Co-dhiù, fhuair na seòladairean misneachd agus choisich iad an ear chun a’ bhaile agus fhuair iad deagh aoigheachd bhuainn uile.”
Bha sgeulachd a’ bhodaich seachad, agus chaidh sinn a-mach a shealltainn an robh na fir a’ cromadh às a’ Chnoc. Thill iad ann an uair a thìde, gun aon naidheachd aca air na Goill. Chunna mi mnathan agus clann, a bha air a dhol a dh’fhalach anns na cleitean, a’ tilleadh dha na taighean.
Air an ath mhadainn rinn sinn uile moch-èirigh. Mach leinn dha na cnuic. Agus cha robh sinn fada air dìreadh nuair a chunna sinn màthair-adhbhar na trioblaid air an oidhche roimhe. Bha soitheach mhath thapaidh a’ togail oirre a-mach bho ghualainn Chonachair. Cha robh teagamh agam gu robh na caileagan air an t-soitheach a chluinntinn a’ sèideadh dùdach na ceòthadh.
Tha mi ag aithris na h-eachdraidh seo airson gun toir an luchd-leughaidh an aire cho fiamhach ’s a tha sluagh Hiort bhon t-saoghal mhòr uamhalt innleachdadh a tha cian bho na cladaichean aca, ach a tha gu math tric a’ taomadh thuca gun chuireadh.
title | 53. Goill air a’ Ghleann (1878) |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | Linn nan Creach (1852–an-diugh) |