38 Seann Chlachan
Anns na glinn agus na bealaich, tha iomadach seòrsa càirn asgus clachaireachd a tha ag innse eachdraidh nan iomadh linn: m.e. , gàrrraidhean-cloiche airson dìon bho nàimhdean agus feadhainn eile airson fasgadh, taighean-fo-làir, bothan an-còmhnaidh a tha leitheach fo thalamh, cleitean, leacan agus carraighean a bha co-cheangailte ri creideamh no a’ cràbhadh, no bha mar chuimhneachan air cuideachd a ‘chaidh leatha’. Tha a h-uile nì tha sin a’ toirt tuairmse dhuinn air an iomadach seòrsa caitheamh-beatha a bha ann an saoghal nan Hiortach tro na linntean.
Clach na Gruagaich (faisg air a’ Bhaile) LINEBREAK Aig aon àm, bha athamas aig sluagh Innse Gall air fad dhan Ghruagaich, spiorad coibhneil a bha a’ còmhnaidh anns na glinn. Ann an iomadach àite bha clach mhòr air a comharrachadh air an ainm ‘Clach na Gruagaich’. Bhathas a’ creidsnn gu robh buaidh aig a’ Ghruagaich air a’ chrodh agus bha e na chleachdadh aig na banaraich a bhith a’ dèanamh ìobart bainne dhi aig a’ chloich gach Didòmhnaich aig tràth-eadraidh, bho Bhealltainn gu Lùnasdal.
Eathraichean Cloiche LINEBREAK A rèir M.B. Cottam, a rinn rannsachadh air an eilean ann an 1973, tha na carraighean-cuimhne as sine a tha air Hiort anns an Lag bho Thuath. ’S iad sin sreathan chlachan a tha air an suidheachadh tè air thè, air cruth beul eathair. Tha Cottam air lorg fhaighinn air còrr air fichead ‘eathar cloiche’ shuas anns an Lag os cionn a’ Bhaile.
Tobair nam Buadh LINEBREAK Bha pailteas de thobraichean ceithir-thimcheall a’ Bhaile, m.e. Tobar a’ Mhinisteir, Tobar a’ Chlèirich agus Tobar Gille Chill. Ach chan eil tobair air Hiort a bha cho ainmeil agus cho ionmhainn leis na Hiortaich ri Tobair nam Buadh, a tha ann an Gleann an Armainn, caran faisg air a’ mhuir. Tha i air a dèagh chlachaireachd agus gun teagamh tha an t-uisge a tha innte ‘fior-ghlan, aotrom, soilleir’, mar a tha an laoidh àlainn aig an Urr. Niall MacCoinnich ag ràdh (t.d. 51).
Lovers’ Rock LINEBREAK Seo an carragh ris an can eilthirich ‘Lovers’ Rock’. A rèir chunntasan leabhraichean, bha e uair na chleachdadh aig a h-uile gille a bha toghte ri pòsadh, seasamh air leth-chois air mullach na carragh airson dearbhadh do a leannan cho daigheann sa bha an gaol a bha aige dith. Ach cha robh na Hiortaich a dh’ aithicheadh sinne idir a’ creidsinn gu robh leithid de nos a riamh anns an eilein. Bha iad dhen bheachd gu robh aig a h-uile gille a bha air tighinn gu inbhe ri euchdan a dheanamh bho latha gu latha a bha mòran na bu chunnartaich na seasamh air leth-chois air a’ charragh-sa.
Crois LINEBREAK Tha i an-diugh ann an taobh uinneag taighe, ach bha i uair ann am badeigin coisrigte.
title | 38. Seann Chlachan |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | Linn nan Creach (1852–an-diugh) |