[130]

57 Seann Nòsan air Hiort (Iain Sands, 1875)

Seach gu bheil nòsan agus modhan nan Hiortach asealltainn dhuinn mar a bha caitheamh-beatha an sinnsirean agus caitheamh-beatha dhaoine tùsach eile, bheir mi cunntas orra mar as fheàrr as urrainn dhomh.

Tha am fearann aca a-nis ga àiteach leis an spaid, ach chunna mi cas-chrom no dhà air an tasgadh air falbh anns na ceanglaichean ann an sabhlaichean. Tha ràcan fiodha aca a-nis an àite na clèith. Achurachd a tha acas e coirc, eòrna agus buntàta, agus beagan càil agus tuineap. Uaireannan tha corran aca airson an t-arbhar a bhuain, ach mar as trice tha iad ga spìonadh, no ga tharraing leis abhun. Tha am fodar aca airson tughadh seann thaighean agus chleitean. Tha an gràn ga bhualadh leis an t-sùiste. Cuiridh iad an sìol ann am prais airson a dhadhadh. Dòigh eile a tha aca air sin a dhèanamh, ’s e an sìol a chur ann am ciosan (basgaid chuilc) agus a dhadhadh le clachan teithe. Thathas ableith an t-sìl an uair sin ann am bràthainn. Suidhidh na mnathan air an ùrlar leth-lomnochd agus obraichidh iad amhuileann bheag sin len uile neart, iad acur na cloich-bhràthainn timcheall cho luaths a thèid aca air. ’S e peileidean sgaoilte teann air cearcall, agus tuill air an losgadh annta le brod iarainn, an ruideal a tha aca. Tha amhin aca ga fuinne na breacagan no air a dèanamh na brochan no na deoch-bhàn. Glè thric cuiridh iad feòil dhan bhrochan airson a bruich.

Chan eil maidsichean ach aig amhinistear, agus tha iad nan cùis-iongnaidh nuair a chuireas esan thuige fear. ’S a bharrachd chan eil spor-is-stàilinn aca air an eilean. Tha an teine mònach aca daonnan alosgadh, ’s ma thurchas do dhfhear a dhol às, thèid bean an taighe a dhiarraidh èibhleag anns an dachaigh a tha an ath dhoras. Nuair a thèid còmhlan fhireannach no mhnathan air turas gu fear dhe na h-eileanan, bheir iad leotha coire de theine mònach. Ma tha an teine sin air a thasgadh ceart le cip agus le luath, mairidh e beò fad iomadach uair a thìde.

Cha chualas riamh iomradh air deimhis. Thathas aspìonadh an rùisg bhàrr nan caorach. Tha cuibhle aca airson achloimh a shnìomh. ’S bidh iad afighe chlòitean is phlaidichean agus stocainnean. Bidh na mnathan atoinneamh le dealgan na snàithleanan a dhfheumas iad airson fuaigheil. ’S bidh iad adath an t-snàth le crotal nan clach, agus le guirmean a bhios iad aceannachd bhon Stiùbhard. Cha mhòr nach eil a h-uile fireannach na bhreabadair agheamhraidh. Tha na beairtean air am bi iad abreabadaireachd air an dèanamh de dhfhiodh, gun iarann idir annta.

LINEBREAK Adol sìos nan creagan alorg fhulmair (Iain Sands)

title57. Seann Nòsan air Hiort (Iain Sands, 1875)
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textLinn nan Creach (1852–an-diugh)
<< please select a word
<< please select a page