59 An Dunara agus Luchd-Turais
’S mòr am brosnachadh a thig air inntinn an t-sluaigh nuair a thig soithich chun an eilein. Eadar aon shoitheach fàgail agus an ath thè tighinn, tha e do-dhèanta dhaibh càil a dhèanamh ach bruidhinn air gach nì a chunnaic iad ’s a chual’ iad. Chan eil LINEBREAK anns na Hiortaich ach clann do-cheannsaichte. Seo an aon dhòigh anns a bheil iad comasach air sgillinn a chosnadh, agus tha iad cus ro èasgaidh air a bhith feuchainn ri grèim a chur air a’ chosnadh sin. Bho chionn beagan bhliadhnachan bha e na cleachdadh dhan luchd-turais a bhith a’ sadadh bhonn airgid deas is tuath, agus chan eil iongnadh ged bhiodh dùil aig na h-eileanaich bhochda gum bu chòir am meall carthannais sin leantainn rudeigin nas truime a-nis. (Iain Ros, 1889)
Chan eil iongnadh orm gu bheil gràin aca air eilthirich a tha tighinn nam measg ’s gan geur-leanmhainn mar gum b’ e ainmhidhean a bhiodh annta ann an sù. Tha mi air luchd-turais fhaicinn nan seasamh aig doras na h-eaglais — iad a’ fàthadaireach ’s a lachanaich nam measg fhèin fad na seirbheis, mar gu robhas air an t-adhradh a chur air adhart anns an eaglais a dh’aona ghnothaich airson a bhith na chur-seachad LINEBREAK dhaibhsan. (Tormod Heathcote, 1890)
LINEBREAK An Dunara
title | 59. An Dunara agus Luchd-Turais |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | Linn nan Creach (1852–an-diugh) |