61 Iorram air Niall Dòmhnallach
Rinn banacharaid an t-iorram seo do Niall, a chaill a bheatha, fhad ’s a bha e air na creagan a’ sireadh fhulmair. (Urr. N. MacC.)
’S ann Dihaoine ron Dòmhnach LINEBREAK Fhuair sinn sgeula gun sòlas; LINEBREAK Bhith caoidh an fhir òr-fhuilt LINEBREAK Thug deòir air mo ghruaidh.
’S truagh nach bu mi bh’ air ceann t’ acair LINEBREAK Nuair chaidh thu as t’ fhaicill – LINEBREAK Dhèanainn dìcheall air t’ fhasdadh, LINEBREAK Fiù do sheachnadh on uair.
Tha do phàisdean gun taice, LINEBREAK A’ chuid tha làidir is lag dhiubh, LINEBREAK Mu chas dèanamh an tapaidh LINEBREAK ’S nach bu lapach san ruagadh.
Tha do bhean air a ciùrradh LINEBREAK O a beulaibh ’s a cùlaibh; LINEBREAK ’S i bhith caoidh a fir dùcaich, LINEBREAK Dh’fhalbh a cuid às gach uair.
Mo cheist colann na cèille, LINEBREAK ’S e do bheul nach robh breugach; LINEBREAK O, ’s tu nach labhradh na breugan, LINEBREAK ’S tu nach labhradh a’ cheilg.
Gu robheusach is suairce LINEBREAK Bràthair mo mhàthar a chràidh mi; LINEBREAK Bidh air m’ aire gu bràth thu LINEBREAK Gus an càirt’ mi san uaigh.
title | 61. Iorram air Niall Dòmhnallach |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | Linn nan Creach (1852–an-diugh) |