[145]

63 Iorram na Truaighe

Chuir fear is bean ribean air bearraidhean Chonachair airson fulmair a ghlacadh. Chaidh an duine, a bhràthair agus fir eile an dèidh sin a-mach gu Boraraigh a dheunachd. Nuair a bha an eathar aca air an t-slighe air ais, thug an sgiobadh an aire do sgoid* aseòladh anns an fhairge a-staigh fo Chonachar. Shaoil iad gum be closach caorach a bhann, ach bha an sruth cho làidirs nach robh iad comasach air a dhol na bu dàine air na creagan airson sin a dhearbhadh. Lean an eathar oirre gu Bàgh aBhaile.

Bha am fear a bha air na ribean a chur air Conachar rudeigin airsnealach anns an eathar. Fo anail, bha e aseinn Iorram na Truaigheòran a bha e air a dhèanamh, beagan bhliadhnachan roimhe sin, mar chuimhneachan air a mhac, a chaidh a mharbhadh. Chailleadh an gille sin ann an seòrsa de dhaimlisg a bha gu math neo-àbhaisteach air Hiort. Bha e air a bhith air each a ghabh eagal nuair a thòisich clann chrosda ag èigheachd ris. Thilg an t-each an gille, agus mharbhadh e gun chrith.

Bha na mnathan afeitheamh ris an eathar mar bu nòs, ’s iad deiseil airson na fir a chuideachadh gu tìr. Ach bha aona bhean nach robh idir ri fhaicinnabhean a bha air a bhith ag eunachd air Conachar.

Anns an eathar chaidh a companach sàmhach, oir thug e mun airidh gum be corp a mhnatha a bha iad iar fhaicinn air seòladh anns an t-sruth air cùl Chonachair. Thuirt a bhràthair ris, “Cha robh adhbhar agad air Iorram na Truaighe a sheinn gu seo!”

Rinn am bàrd an t-iorram ùr seo air a mhnaoi.

Nuair a dhfhalbh uat an todha LINEBREAKS nach robh mo lomhainn gu feum dhut, LINEBREAK Chaill mi iuchair mo dhorais, LINEBREAK Is pàirt de dhonair mo cheud ghràidh; LINEBREAK Chaill min stiùir bha air mfhàr(d) aich, LINEBREAK Is cuid am bàta an àite èigheach; LINEBREAK Chaill mi cearcall earraich mo thaighe, LINEBREAK Is maighearr gu lèir leat. LINEBREAK Nuair thilleas mi dachaigh LINEBREAK O thional eunlaith is uighean LINEBREAK Gun theine gun lòn air mo choinneimh, LINEBREAK Nuair thig mi à eilean; LINEBREAK Cha choinnich (thu) air tràigh mi, LINEBREAK Is bidh mo chridhe bristeadh LINEBREAK Afaicinn mo phàisdean.

LINEBREAK * Flotsam

title63. Iorram na Truaighe
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textLinn nan Creach (1852–an-diugh)
<< please select a word
<< please select a page