64 An Cogadh Mòr air Hiort
Goirid an dèidh dhan Chiad Chogadh Mhòr tòiseachadh, chaidh War Signal Station a thogail air Hiort. Chaidh barags fhiodha a chàradh faisg air a’ Bhaile agus chuireadh còmhlan sheòladairean air tìr airson a’ wireless station obrachadh. Ann an cois an ullachaidh sin, fhuair fir an eilein obair — a’ dùsgadh thrainnsichean timcheall a’ champa, a’ cuideachadh le bhith falamhachadh luchd bhàtaichean agus a’ giùlain eallaichean eadar an cidhe is an campa. Chaidh ceathrar a thaghadh airson a bhith nan sùil-bheachdan shuas air Conachar, air Oiseabhal agus air a’ Mhullach Sgar. Mar bu trice b’ e na Hiortaich a bha ri
faire anns na mullaich air an oidhche, is na seòladairean air an latha. Bha aca ri naidheachd a thoirt dhan wireless station air a h-uile soitheach a chitheadh iad a’ gluasad air sgaoilteach a’ Chuain Siar. A latha ’s a dh’oidhche bha sraon dhe na naidheachdan sin ga chraobh-sgaoileadh chun an Uillt Bheithe ann an Siorrachd Rois, a’ cumail aithne ri ceannardan na Nèibhidh air gluasad shoithichean a bha uaireannan suas ri ceud mìle bho chladaichean Innse Gall.
Bha na luchd-saire Hiortach a’ cosnadh deich tasdain thar fhichead anns an t-seachdain, ’s bha na fir a bha ris an obair-latha a’ faighinn tuarasdal math cuideachd. B’ e siud a’ chiad uair a fhuair fir Hiort tuarasdal a lean tron bhliadhna nan dùthaich fhèin. Air eagal ’s gum biodh na seòladairean muladach ann am bad cho iomallach, bha an Nèibhidh a’ cur sgiobadh ùr air an eilean a h-uile ceithir mìosan. Cho luath ’s a gheibheadh muinntir a’ bhaile eòlas air aon bhuidheann, dheigheadh am buidheann sin a thogail air falbh agus coigrich eile a chur nan àite. Mar sin, bha na Hiortaich a’ faighinn eòlas air fir às gach ceàrnaidh de Bhreatainn — fir le dòighean eadar-dhealaichte nam measg fhèin, agus le iomadach seòrsa blais air an cainnt. Nuair nach biodh iad air diùtaidh bha iomadach fear aca deònach air teaghlaichean an eilein a chuideachadh le obair an fhearainn. Mar a leugh sinn a cheana, bha clann-nighean eireachdail air an eilean rè gach linn; ’s chan fhacas seòladair a-riamh nach robh gasda, èasgaidh ann an làthair chaileagan eireachdail!
Thàinig samhradh 1918 agus le sin naidheachd gu robh an cogadh a’ dol an aghaidh a’ Cheusair. Beagan thar bheagan, bhathar a’ ceannsachadh airm agus cabhlaichean na Gearmailt. B’ fhada a bha blàir na Roinn-Eòrpa bho chladaichean Hiort. Ged a bha eilthirich a’ còmhnaidh air Hiort le uachdaranas air an t-sluagh, bha soirbheas air a thighinn nan cois — airgead agus goireasan neo-àbhaisteach. Cha b’ e droch rud idir a bha air a bhith anns a’ chogadh dhaibhsan.
Madainn bhrèagha a bh’ ann air a’ 15mh latha dhen Chèitean an 1918. Nuair a dh’ith iad am bracaist chaidh cuid dhan an obair-latha agus cuid a ghrèidheadh an fhearainn ’s nam beathaichean. Bha na caoraich-uain shìos aig bun nan lotaichean, feadhainn aca leis a’ mhulad is iad a’ breith nan uan. Choisich Tormod MacCuithinn sìos a’ chlais, agus fhuair e lorg air dà chaora leis a bha air breith san oidhche. Thog e an dà uan gu moiteil ri Niall Fearghastan. Ach cha b’ ann air greadhnachas a nàbaidh a bha aire Nèill. Bha esan le shùil gu deas a’ coimhead dà shoitheach-luchd a bha air fàire fad’ às, iad deas air Uibhist ’s an cùrsa gu an ear. Ach bha rionnag bheag dhubh eile air aodann a’ chuain a ghlac a fhradharc — rionnag nach robh ach mu mhìle a-mach bhon Bhaile.
Dh’èigh Tormod, “Uan fireann agus uan boireann.”
Fhreagair Niall, “ ’S e mo bheachd gum bi annas naidheachd eile againn anns a’ Bhaile mus gabh sinn an dìnnear!”
Thionndaidh Tormod chun na mara agus chunnaic esan cuideachd an rionnag. Aig an dearbh àm sin thòisich conocag a’ sèideadh aig a’ wireless station agus dh’aithnich an sluagh uile gu robh nàmhaid a’ tarraing dlùth. Cha b’ fhada gus an robh gach sean agus òg ag èaladh a-mach às na taighean ’s am mana chun an Ullt Thioraim, far an robh iad a’ meas gum biodh iad sàbhailte bho ghunnachan nan Gearmailteach.
Aig 10.40 bha an nàmhaid — bàta-tumaidh Gearmailteach — air a thighinn a-steach eadar an Dùn is am Baile. Nuair a chunnaic na bodaich i a’ dlùthadh cho earbsach, guanach air a’ chladach, cho-dhùin iad gum b’ e a bh’ innte ach bàta Breatannach. Gu dearbha, bha fear no dithis aca, a bha a’ fulang gu dona leis a’ charghas, a roghnaich eathar a chur a-mach airson tombaca a thagradh bhon chriutha. Ach cha robh fada aca ris an deasbad sin. Chuir am bàta a slinn ris a’ bhaile agus stad i, is an criutha aice cruinn mun ghunna mhòr air an deic. An uair sin chualas guth Gearmailteach a’ bruidhinn ris an t-sluagh anns a’ Bheurla tro mheagafòn. Thuirt an guth gu robh am bàta-tumaidh air a thighinn airson a’ wireless station a sgrios — gu robh aig an t-sluagh ri fasgadh a ghabhail air falbh bho na taighean. Chrùb a h-uile duine, gach fireann is boireann a’ feitheamh ris an sgriosadh tòiseachadh. Nuair a loisg i a’ chiad iorchaill, bha am fuaim cho uabhasach ’s gun do dh’èirich na ceudan de mhìltean de dh’èoin mara bho nabearraidhean air iteig. Ghabh crodh an eilein an cuthach agus cha do stad iad a ruith gus na ràinig iad a’ Bheinn Mhòr.
Ach cha robh an sin ach toiseach tòiseachaidh. Loisg am bàta còrr air trì fichead iorchaill ’s a deich. Sgriosadh a’ wireless station. Chaidh am mansa ’s an eaglais a bhualadh, agus ballaichean dà thaigh-còmhnaidh a bhriseadh. Chaidh an taigh-stòir air a’ chidhe cuideach a mhilleadh, agus chaidh dà eathar a bha nan laighe ri taobh a chur às an rathad. Ach a dh’aindeoin
gach spreaghaidh a bhuail an t-eilean, cha robh call beatha ann idir. Chaidh aona uan a leòn agus b’ fheudar a mharbhadh. Fhuaireadh air an rèidio anns a’ wireless station a chur air ais a dh’obair mus robh an latha seachad.
Trì seachdainean an dèidh dhi an t-onfhadh sin a chur air an eilean, thadhail am bàta-tumaidh Hiort aon uair eile. Air an turas sin, cha robh a dalmachd idir cho saor dhi! Mus d’fhuair i air tuilleadh sgriosaidh a dhèanamh, thàinig tràlair a bha air a h-uidheamachadh le armachd, agus loisg iad air a chèile. Chaidh an tràlair a tholladh os cionn an uisge. Bhuaileadh conning-tower a’ Ghearmailtich agus chaidh triùir dhan chriutha a mharbhadh. B’ fheudar dhan tràlair i fhèin a ruith air tìr air Hiort. Chuir am bàta-tumaidh a cùrsa gu tuath. Bha e do dhèanta dhi a dhol fon uisge. Nuair a bha i faisg air na h-Eileanan Flannach, choinnich i ri distroidhear Breatannach agus ghlacadh i gun iorchaill tuilleadh a losgadh.
Nuair a sguir an cogadh, cha d’fhuair Hiort aona sgillinn ruadh airson a’ chall a dh’fhulang e bho iorchaillean nan Gearmailteach. Cha do rinn an Riaghaltas dad an coinneimh a’ bhrisidh a rinneadh air na taighean agus na h-eathraichean ach ullachadh a dhèanamh air gunna mòr a chur air an eilean. Fhuair na fir obair-latha a’ togail làrach cloich dhan ghunna.
Fhuair Niall Fearghastan uallach a’ ghunna agus tuarasdal dha rèir — £25 sa bhliadhna. Mus robh ullachadh an làraich buileach aig a chrìch, chaidh an t-sìth èigheach, agus cha deach iorchaill a-riamh a losgadh às a’ ghunna. Airson beagan bhliadhnachan chum Niall air a’ grèidheadh a’ ghunna agus a’ faighinn a thuarasdail, ach stad an t-airgead agus leig Niall dheth an t-uallach.
Air an t-6mh latha dhen Ghearran, 1919, thugadh an còmhlan sheòladairean mu dheireadh far an eilein. Ged a bha na h-eilthirich uile toilichte gu robh iad a’ tilleadh dhachaigh, is an t-sìth air a h-èigheach, bha fear no dithis aca a bha duilich a’ fàgail leannan àlainn air an cùl. Bha caileagan cuideachd air Hiort a bha len sùil guTtìr-Mòr. Ach cha b’ e meanmna nan caileagan a-mhàin a lean na h-eilthririch. B’ e Uilleam Dòmhnallach a’ chiad cheann teaghlaich a thog a theaghlach agus a rinn imrich air falbh. Chuir sin tulg ann am misneachd nan daoine a dh’fhan air na seann chòraichean. Sgrìobh iadsan litrichean cianail gu Uilleam ag innse cho muladach ’s a bha iad, a’ dol mun dachaigh aige ’s an doras dùinte ’s gun solas anns an uinneig air an fheasgar. Aona latha leig an S.S. Hebrides às a h-acair ann am Bàgh a’ Bhaile, agus nuair a sheòl i air ais gu Tìr-Mòr bha Dòmhnall Iain MacGillIosa air bòrd — òganach aig nach robh facal air an t-eilean fhàgail air an oidhche roimhe. Cha do rinn e ach a chuid aodaich a thrusadh ann am poca agus aiseag a ghabhail. Bha càirdean aige ann an Glaschu. Fhuair e obair air bàta-sgrìobaidh le Urras Maraicheachd Chluaidh, ach cha robh e fada an sin gus an deach e dhan Cholaisde airson na ministrealachd. Dà bhliadhna an dèidh dha Hiort fhàgail, bha e na mhinistear air sgìre ann am British Columbia. An sin rinn e cliù, agus dh’fhuirich e anns an dùthaich sin airson a’ chòrr dhe bheatha.
Anns an fhichead bliadhna gu deireadh a’ Chiad Chogaidh bha iomadach seòrsa caochlaidh air a thighinn air Hiort. Ann an 1889 bha Mgr. Iain Ros, am maighstir-sgoile, a’ sgrìobhadh mun eagal a bha aig na boireannaich ro choigrich. An corra uair a thigeadh tràlair chun an eilein ’s a thigeadh eilthirich air tìr, ruitheadh na mnathan dhachaigh ’s an anail nan uchd. Mus robh an Cogadh seachad bha gach fireann is boireann air Hiort cleachdte ri eilthirich, airgead agus goireasan a’ bhaile mhòir. Bha na Gearmailtich air dearbhadh gu robh obair nan sùil-bheachdan air Hiort air am buaireadh agus air a bhith gu math feumail ann an dìon cladaichean Bhreatainn. Gus an tàinig nàimhdean dhan astar sin, cha robh mòran diù aig an Riaghaltas dè bha tachairt air Hiort. Ach riamh bhon latha a loisg an nàmhaid air an eilean, cha do chaill an Riaghaltas sealladh air an luach a bha anns a’ charragh iomallach ud trì fichead mìle an iar air Uibhist. An dèidh a’ Chogaidh lean bàtaichean a’ tadhal, ach nas minig na bha iad a-riamh roimhe. Bha e an uair sin a cheart cho furasda do mhuinntir an eilein fàgail ’s a bha e dha na h-eilthirich a thighinn. Agus bha a bhuil!
title | 64. An Cogadh Mòr air Hiort |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | Linn nan Creach (1852–an-diugh) |