[95]

39 Cumha na Bantraich Hiortaich

(Am fonn le C. McFh.)

Gur mistha fo ghruaim, LINEBREAKS tric snighair mo ghruaidh LINEBREAK Cha chaidil mi uair gun dùsgadh; LINEBREAK Anns an tulach ud shuas LINEBREAK Dhfhàg mi maighears mo luaidh LINEBREAK Fo lic dhaingeann nach gluaiss nach tionndaidh.

Mo thruaighe mi fèin LINEBREAK Gun fhear taighe nad dhèidh, LINEBREAK Gur dubhach dhomh cèis do ghiùlain; LINEBREAK Làmh thùrail an àigh, LINEBREAK Bu mhath dfheum anns gach àit’ – LINEBREAK Cha bu lapach thun dàil no tùirneil.

Mi faicinn leam fèin LINEBREAK Do chuid uidheam ri stèill, LINEBREAK Làmh a dhèanadh an fheum gun dùil ris; LINEBREAKN ciste chaol an thaobh LINEBREAK Chuir mi tasgadh mo chuim, LINEBREAKS chan fhidir i caoidh no ionndrain.

Ach, a Thì as mòr glòr, LINEBREAK Neartaich fèin a shliochd òg LINEBREAK Tha gun taca, gun stòr an cùl riuthLINEBREAKS tric mi smuaintinn leam fèin LINEBREAK Air grad-theachd Mac Dhè LINEBREAK Is a ghiorrad gum pill sinn còmhla.

title39. Cumha na Bantraich Hiortaich
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textLinn nan Creach (1852–an-diugh)
<< please select a word
<< please select a page