66 Tuireadh nan Hiortach
Tha sinne brònach ’s is beag an t-iongnadh, LINEBREAK Is tha sinn cianail an-diugh air fògradh; LINEBREAK Tha ’n cuan an iar le chuid thonnan fiadhaich LINEBREAK Gar sgaradh cian bho ar n-àite-còmhnaidh.
Tha sinn mar chaoraich an seo gun bhuachaill, LINEBREAK ’S sinn sgapt’ measg sluaigh air nach eil sinn eòlach; LINEBREAK Ach ’s tric ar smuaintean ri snàmh nan cuantan LINEBREAK Do dh’eilean uaine nan cluaintean bòidheach.
Tha Hiort nam fuaran ’s nan sgeirean gruamach, LINEBREAK Am meadhan cuain, ’s chan eil duine beò ann; LINEBREAK Na h-eòin mun cuairt air ri gabhail uabhais LINEBREAK On dh’fhalbh an sluagh a bh’ ann uair ri còmhnaidh.
Na taighean blàth’ anns an cluinnt’ Ghàidhlig, LINEBREAK Thèid iad nan càirntean ’s bidh tàmh aig eòin annt’; LINEBREAK Cha bhi am buachaill le chù ’s le chuaille LINEBREAK Nas mo gam fuadach le fuaim a chòmhraidh.
Tha ’n eaglais fuar ’s chan eil clag ’g a bhualadh, LINEBREAK Cha tionail sluagh ann air madainn Dòmhnaich; LINEBREAK Cha chluinnear seinn ann no fonn an aoibhneis – LINEBREAK Tha ’n tìr ri caoidh chionn nach till na seòid ud.
Cha b’ e gu h-àraidh a dhol thar sàile LINEBREAK Chuir sinn fo àmhghair ’s a dh’fhag sinn brònach LINEBREAK Ach mar a sgaoileadh air feadh gach taobh sinn, LINEBREAK ’S nach fhaic sinn aon air a bheil sinn eòlach.
Ged tha an sluagh measg a bheil sinn truasail, LINEBREAK Tha ’n cànan cruaidh ’s tha iad fuar nan dòighean; LINEBREAK ’S ann bha sinn suaimhneach far ’d thogadh suas sinn, LINEBREAK Le Gàidhlig uasal ga luaidh an còmhnaidh.
An uair bhiodh àmhghair aig neach san àite, LINEBREAK Gach duine chàich bhiodh le bàidh ga chòmhnadh; LINEBREAK Chan fhaighte gamhlas nam measg, no aimhreit LINEBREAK ’S e siud na glinn anns nach cluinnte fòirneart.
Tha sinne cràidhteach on rinn sinn fhàgail, LINEBREAK Chan e gu h-àraidh gun dh’fhàg sinn stòras; LINEBREAK ’S e chuir fo phràmh sinn na tha dar càirdean LINEBREAK Nan laighe sàmhach ’s iad càirt’ sna foid’ ann.
Soraidh slàn leibh gun teich na sgàilean – LINEBREAK Far bheil sibh tàmh cha bhi càch nur còir ann; LINEBREAK Tha sibhse sint’ anns an tìr bu mhiann leibh, LINEBREAK Is eòin ri sgreuchail mur n-àite-còmhnaidh.
Mun cuairt don àite ’s a bheil sibh càirte, LINEBREAK Cha chruinnich càirdean ’s cha shilear deòirean; LINEBREAK Bidh ur n-uaighean nan tulaich’ uaine, LINEBREAK Bidh feur gun bhuain orr’ ’s an sluagh air fògradh.
’S e sgur de m’òran as iomchaidh dhòmhsa, LINEBREAK Le briathran beòil meud mo bhròin chan innsear; LINEBREAK Ceud soraidh slàn leat, O eilein ghràdhaich LINEBREAK Far ’n deach m’àrach ’s bheil tàmh mo shinnsre.
title | 66. Tuireadh nan Hiortach |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | Linn nan Creach (1852–an-diugh) |