[160]

69 Aimsir

Chan eil an aimsir ann a Hiort dad nas miosa na tha i ann am badan eile ann an Innse Gall. Ach tha e fìor gu bheil amannan ann nuair a shèideas gailleann bhon iar-dheas agus a tha am Baile air leth fosgailte ri corraich amh aChuain Siar. Thig aghaoth a-steach am Bàgh, atogail thonnan coimheach, gruamach, geal a shreapas uaireannan ceud slat os cionn creagan achladaich. A sin, sguabaidh i chun nan taighean le uspagan cruaidhe, neimheil, nàimhdeil, ’s i glas le smùid agus marcan-sìona. Teannaidh i à sin le fo-ruis suas dhan Lag bho Thuath mus dìrich i gu Bearradh na h-Eige agus à sin gu saorsa nam mullach. Mo thruaighe an uair sin am buachaille aig an robh ri thighinn dhachaigh leis na h-òisgean is e acothachadh an aghaidh na gaillinn.

Their cuid gur e Hiortan ceathadairanns acheàrnaidh ud dhan chuan. Gun teagamh, tha luchd de bhuige ann an àidhear na mara, agus tha na sgurran àrd ann a Hiort, an Sòdhaigh agus am Boraraigh mar fhiaclan a tha daonnan areubadh an adhair agus acosnadh dhan uisge a bhith sileadh às na speuran. Gu tric air latha math, chithear neòil dhorcha adùmhlachadh nam beanntan. Nuair a Boraraigh neul throm a tha tuiteam a-mach thar na mara, ’s ann a tha an t-eilean coltach ri teallach ann an ceàrdaich.

Mar a bhios anns a h-uile bad eile anns aGhàidhealtachd, bidh corra shamhradh air Hiort a bhios àlainn, bruthainneach, grianach. Le bhith slàn, òg, lùthmhor air samhradh dhen t-seòrsa sin, chan eil mòran àitichean anns an domhain as tlachdmhoire na Hiort. Tha an eachdraidh a dhinnis Bean MhicLachlainn (t.d. 138) gu ìre adearbhadh sin.

title69. Aimsir
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textLinn nan Creach (1852–an-diugh)
<< please select a word
<< please select a page