[97]

41 Boch oirinn, O

S truagh, a Rìgh, nach mi bha thallad, O, LINEBREAK Anns an tìr sa bheil mo leannan O. LINEBREAK Boch oirinn O, Boch oirinn, oirinn, LINEBREAK Boch oirinn, O.

Anns an tìr sa bheil mo leannan, O, LINEBREAK Tìr nam beann, nan gleanns nam bealaichean, LINEBREAK Boch oirinn, O.

Tìr nam beann, nan gleanns nam bealaichean, LINEBREAK Eòin air gèig is fèidh san langanaich. LINEBREAK Boch oirinn, O.

Eòin air gèig is fèidh san langanaich, LINEBREAK Far am biodh na h-uaislean dan dual a bhith barrasach. LINEBREAK Boch oirinn, O.

Far am biodh na h-uaislean dan dual a bhi barrasach, LINEBREAK Rachadh don bhlàrn coinneimh nàmhaid mar dhealanach; LINEBREAK Boch oirinn, O.

Rachadh don bhlàrn coinneimh nàmhaid mar dhealanach, LINEBREAK Bha mo leannan fèin anns gur beusach fearail e. LINEBREAK Boch oirinn, O.

Bha mo leannan fèin anns gur beusach fearail e: LINEBREAKS truagh nach mi bha seòladh thairis leat. LINEBREAK Boch oirinn, O.

title41. Boch oirinn, O
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textLinn nan Creach (1852–an-diugh)
<< please select a word
<< please select a page