42 Cnatan nan Gall (1696-1900)
Anns na chaidh a sgrìobhadh mu Hiort anns an trì chiad bliadhna a dh’fhalbh, gheibhear leabhar an dèidh leabhair a’ toirt iomradh air an tinneas ris an canadh na Hiortaich Cnatan nan Gall. Tinneas iongantach a bh’ ann an Cnatan nan Gall — tinneas a choisinn do luchd-tadhail a bhith a’ magadh air na Hiortaich agus gam bùirt às a thaobh eagal a bhith orra ro annlochdan nan eilthireach.
Tha e coltach nach robh bàta a bhuaileadh cladach an eilein
LINEBREAK Sona gu leòr fhad ’s nach tigeadh cnatan no dèideadh
nach robh a’ cur eucail am measg an t-sluaigh, ’s a’ toirt orra a bhith a’ sreathartaich ’s a’ casdaich. Bho ruigeadh eilthirich, bhiodh na Hiortaich a’ treothail nan èiginn airson trì latha. Cha b’ e mhàin gu robh na fir ’s na mnathan mar sin, bha cuideachd a h-uile leanabh, eadhon naoidhean na cìche, air èigneachadh anns an aon dhòigh.
Anns an t-seann aimsir, nuair nach biodh mòran ach bàta a’ mhaoir a’ dol gu ruige Hiort, bhiodh daoine a’ cur às leth nan Hiortach gu robh iad a’ leigeil orra tinneas a bhith orra, gus am biodh iochd aig a’ mhaor riutha is nach cuireadh e màl ro throm orra. Bha cuid eile a’ creidsinn gu robh an cnatan grànda a bha seo aca airson am maor a chumail bho an dorsan agus, ’s mathaid, am maor fhuadachadh às an eilean!
Ach eadhon nuair a thòisich luchd-tadhail a’ dol chun an eilein gu tric, anns an naodhamh linn deug, lean na Hiortaich orra a’ gearain air Cnatan nan Gall. Agus cha b’ ann na bu lugha a dh’fhàs an fhealla-dhà air muinntir an eilein. Bha iomadach leabhar a’ toirt cunntais air, agus sgeulachdan anns na pàipearan-naidheachd, ’s a h-uile aon a’ cur a bhreithneachaidh fhèin air adhbhar na trioblaid.
Sgrìobh Raibeart Connell, a chaidh chun an eilein dhan Ghlasgow Herald ann an 1885, mar seo.
The arrival of a vessel is now a more commonplace affair than it used to be and it consequently must give rise to less commotion, though even yet it is sufficient to send these poor invertebrate creatures into a fit of nervous excitement such as cool-headed Saxons have really no conception of.
LINEBREAK Sin mar a bha mì-rùn mòr nan Gall anns an latha a bha sin. Chan eil iongnadh ged a bha Mgr Connell, agus mòran eile na latha, dualtach air bùirt às gearain a dhèanadh Gàidheil air cnatan! Dh’aindeoin sin, cha b’ e gearain shuarach gun bhun a bha aig na Hiortaich. A rèir an Urr. Niall MacCoinnich, ministear an eilein, chaochail triùir leis an tinneas eadar 1830 agus 1846.
Bha na Hiortaich dhen bheachd nach robh na bàtaichean bho Ghlaschu is Liverpool a’ toirt thuca cnatan buileach cho trom ris na bàtaichean a thigeadh thuca bho na Hearadh agus Uibhist. Bha bodaich an eilein a’ creidsinn bho riamh gum b’ e droch àidhear a bha na h-eilthirich a’ giùlain thuca bho Thìr-Mòr — gu robh àidhear Hiort fhèin cho fìorghlan ’s nach robh eucail no dochann sam bith eile a’ dol gu an anail — gus an tigeadh eilthirich thuca le plàigh de shalchar nam bailtean mòra.
A rèir lighiche ainmeil, Mgr. John E. Morgan à Manchester, cha robh anns a’ Chnatan Hiortach ach tinneas a bha ag èirigh à biadh agus beòshlaint an eilein. Bha lighichean eile a’ creidsinn gum b’ e a’ ghaoth an ear a bha a’ cosnadh an tinneis.
Tha faisg air ceud bliadhna a-nis bho thòisich luchd-foghlaim a’ tuigsinn nàdar an annlochd a tha ag adhbhrachadh iomadach seòrsa eucail agus bho thòisich lighichean a’ faighinn tuigse agus eòlas air na marbhanaich chrìon sin ris an abair sinn virus agus bacterium. Thòisich iad cuideachd a’ faicinn gu robh co-cheangal eadar Cnatan nan Gall air Hiort agus luchd-tadhail an eilean. Chuala iad mu dheidhinn eileanan eile, ann an àitichean iomallach air feadh an t-saoghail, ’s mar a bha an sluagh orra air an èigneachadh le euslaintean coltach ris a’ chnatan, a h-uile uair a thadhladh coigrich iad. Bha Tristan de Cunha air oirthir an iar Afraga, agus eilean Muriori, còig cheud mìle bho New Zealand, air dà eilean eile a bha air an droch ghrèidheadh le Cnatan nan Gall.
Anns a’ cheann thall, nuair a leughas sinn an iomadh theory a bha aig luchd-foghlaim air dè bha ag adhbhrachadh tinneas nan Hiortach, chì sinn nach robh aon dhuibh cho faisg air an fhìrinn ris an theory a bha aig na Hiortaich fhèin. B’ e sin gu robh àidhear an eilein cho fìorghlan, gun eucail gun chearb, ’s nach robh dad a’ gànrachadh sin ach an àidhear a bha a’ tighinn chun an eilein le bàtaichean nan Gall.
Agus ma nì sinn mion-sgrùdadh air eachraidh an t-sluaigh, chì sinn cuideachd gu robh iomadach dòigh ann air an robh na h-eilthirich a’ gànrachadh beatha an eilein agus a’ toirt an lùths à smior nan daoine.
Rabhd (le C. MacFh.)
Ho bodaich Liverpool, a lìbhrigeas na leigheasan LINEBREAK Air sgiullaidhean is guireanan is uireasbhaidh nan dall.
Ho bodaich Ghlaschu, feallsanaich nan tinneasan — LINEBREAK ’S tric a thug bhur lighichean ar n-eireapais a-nall.
Ho bodaich Ghàidhealach, ar càirdean anns na h-eileanan LINEBREAK Stubaibh ri bhur cladaichean is fuiribh fada thall.
Ho bodaich eilthireach, às bith cò dha a bhuineas sibh, LINEBREAK Fanaibh far an iomchaidh dhuibh le Cnatan grod nan Gall!
title | 42. Cnatan nan Gall (1696-1900) |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | Linn nan Creach (1852–an-diugh) |