[100]

43UtopiaDr MacCuallaich, 1838

Mur e Hiort Utopia, càit a bheil am bad sin ri fhaotainn? Càit a bheil an dùthaich eile anns nach eil armachd, airgead, euslaintean, connspaid no càin? Chan eil dùthaich gun na dubhailcean sin ach Hiort. Cha tig cìs-mhaor a bhagairt air doras na h-eaglais. Cha ruig laghan na seilge air eunadaireachd an t-sùlaire. Sàbhailtanns an ioma-ghaoth agus air an tàladh le a cuid ghailleannan, cha bhi cùram air na Hiortaich gu bheil an Roinn-Eòrpa gu a bunaitean air a criothnachadh le stoirmean. Iad fhèin fo ùghdarras MhicLeòid, chan eil diù aig sluagh Hiort aig a bhios òrd-rìoghail Bhreatainn na làimh. Chan iongnadh ged a dhiarradh an t-eilean fuireachd saor gun chaochladh a thighinn air a shuidheachadh. Caidlidh aHiortach suaimhneach na leabaidh cho fads a dhiarras e. Chan eil a shaothair ach aotrom. ’S e bheòshlaint a chur-seachad. Chan eil riaghladh aig Riaghaltas air. Chan eil lagh ga chuingealachadh. Chan eil poileataics ga bhuaireadh. Chan eil airgead ga roinn. Cha chluinn e mu chogadh. Is e a rìoghachd a bhaile. ’S e a bhaile a chomann. Tha a smaointean, a dhèantanas agus a rìoghachd uile saor. Tha an aimsir anns a bheil a chòmhnaidh gun riasladh agus an t-eilean aige gorm. Seachnaidh e an coigreach a bhiodh dualtach air truailleadh a thoirt air a chaitheamh-beatha, a chuid chladaichean. Mur eil sonas acòmhnaidh air Hiort, càit a-rèisd a bheil sonas ri fhaotainn?

title43. Utopia — Dr MacCuallaich, 1838
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textLinn nan Creach (1852–an-diugh)
<< please select a word
<< please select a page