[102]

45 A’ Ghàidhlig

Bha uaislean na rìoghachd acreidsinn gu robh buntanas eadar achainnt a bhaig na Hiortaich ga bruidhinn agus abhochdainn a bhorra. Faodar a bhith cinnteach gu robh iomadach ìochdaran ann, eadhon am measg nan Gàidheal fhèin, a bha deiseil airson rud sam bith a theireadh uaislean na Beurla a chreidsinn len uile chridhe. Anns an ochdamh linn deug rinn an Comann airson Sgaoileadh aChreideimh Chrìosdail (SPCK) oidhirp air na Hiortaich a chuideachadh, le bhith cur mhinistearan dhan eilean, gach fear airson bliadhna no dhà. Bha an Comann sin an ceart aghaidh na Gàidhlig, agus rinn e uile dhìcheallaig toiseach eachdraidh co-dhiùair achànan a spadadh às.

Seach nach robh facal Beurla idir aig na Hiortaich, bha aig aChomann ri ministearan Gàidhealach a chur chun an eilein. Ged a bha e ceadaichte dha na ministearan aGhàidhlig a bhruidhinn air an eilean, bha e air a chur orra mar dhleasdanas a h-uile oidhirp a dhèanamh air aBheurla a theagaisg dhan chloinn.

A rèir aona mhinistear a chaidh gu Hiort, bha na Hiortaich an aghaidh na Beurla agus gun spèis anns gach cainnt eilthireach eile. Chan eil iongnadh a-rèisd ged a bha na ministearan dubhach, neo-dhòchasach nam measg! O chionn cheud bliadhna, bha Goill cho tearc atadhal an eileins nach robh iad afaicinn iomchaidh Beurla a thogails gun feum air thalamh innte. Nuair a bha bean-uasal à Dùn Eideann air thuras ann a Hiort ann an 1830, cha robh ach aona bhoireannach air an eilean a bha comasach air beagan sgrìobhaidh is leughaidh a dhèanamh, agus ann an 1856 cha robh an sluagh mòran na badhartaiche na sin ann am foghlam sgoile. A-rithist, cha robh air an eilean ach aona bhoireannach a bhruidhneadh aBheurla, ’s bha i sin air a breiths a h-àrach air Tìr-Mòr. Fichead bliadhna an dèidh sin bha fear MacDhiarmaid na mhinistear air Hiort. Bha e air a bhith ron sin na mhaighstir-sgoile ann an Garbh ann an Siorrachd Rois. Dhaindeoin sin, cha do rinn e oidhirp sam bith air achlann oideachadh ann an dòigh na sgoile. Cha robh ùidh aige ann an càil a-mach air leasan aBhìobaill is searmonachadh. Ach feumar a thuigsinn gum be sin a dhreuchd air an eilean, agus bha £80 aige anns abhliadhna airson an dreuchd sin a choileanadh.

Seo beachd Sheòrais Seton, fear-lagha à Dùn Eideann a thadhail an t-eilean ann an 1878.

Tha an sluagh afulang leis aGhàidhlig, a tha na mallachd air an eilean. Bha Gall a tha na oifigeach air fear de dheileanan Innse Gall ag innse dhomh gu robh e air co-dhùnadh gu robh mhallachd air aGhàidhealtachda h-aon a bhiodh e nàr dhomh ainmeachadh an seo, agus am fear eile leanmhainneachd na cainnt Ghàidhlig. Ach tha bàs na Gàidhlig a-nis deimhinne ged a tha droch amharas agam gun toir i ùine mhath air leabaidh a bàis. Tha am marbhrann aice ri chluinntinn eadhon ann a Hiort. Thathas ag innse dhomh gu bheil na Hiortaich gràdhach air aBhan-rìgh, ach their cuid gu bheil iad mar sin a chionns gu bheil tuairmeas nam measg gu bheil dèidh aig aBhan-rìgh air na Gàidheil. Nuair a bha aBhean-uasal NicLeòid air an eilean o chionn ghoirid, rinn na daoine ceasnachadh oirre gu mion air naidheachd na Ban-rìgh ris a bha i coltach, bhiodh i ag ràdhs adèanamh agus an e boireannach math a bhinnte. Tha sinn an dòchas nach ruig an naidheachd Hiort gu robh aBhan-rìgh bho chionn ghoirid ann an eathar a bha ga h-iomradh air Loch Maol Ruibhe air Latha na Sàbaid!

LINEBREAK Dòmhnall Og (le Iain Sands)

title45. A’ Ghàidhlig
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textLinn nan Creach (1852–an-diugh)
<< please select a word
<< please select a page