Mòrag NicLeòid (MN): Ciamar a-nis a bhiodh sibh ag obrachadh an fhearainn? Am biodh sibh acur an aon rud anns an fhearann a h-uile bliadhna? No am biodh sibh ga atharrachadh?

Dòmhnall Eòsaph MacDhòmhnaill (DM): Bhiodh sinn ga atharrachadh a h-uile bliadhna. Uill, man a chunna sinn e bhith ga dhèanamh, ’s e far am biodh am buntàta am-bliadhna, ’s ann an sin a bhite acur an eòrna an ath bhliadhna, agus an talamh anns an robh iad abhliadhn-uiridh, ’s ann ann a bhiodh an coirce adol.

Agus bha todhar an taighe ga chur air an talamh-eòrna, a thuilleadh air a bhith adèanamh threabhadh air, ris an canadh iad eilgheadh, agus bha san latha a bha shin, bha seachd beathaichean mart gu ochd anns a h-uile taigh, agus bhiodh an todhar air a lìonadh an-àirde gu na sparran. Agus, bhiodh an-àirde ri trì cheud cairt todhair anns na taighean sin, agus bha obair ann a shin ga sgaoileadh air an talamh-eilghidh, agus, ma bha tòrr fodar anns an todhar, bha e glè dhuilich a chur fodha le crann. Uill, seòrsa cruinn bha cuimhne agamsa air an toiseach, cruinn bheag fhiodha, le sròn fhada orra, aguss e cruinn nan gad a chante ris, agus, bhiodh each againn annta, ach dhèanadh duine tòrr obair leotha mur an robh an talamh creagach. Agus, ’s e sin an treabhadh bho ... rud bho dheireadh dhen an treabhadh a bhathas adèanamh, an t-eòrna.

Bhite acur abhuntàta fìor thoiseach an t-samhraidh, agus air a bhite deiseil dhen an sin, bhite ag obair air achoirce, aguss ann a-nise eadar an coirce agus an treabhadh eòrna, ’s ann a bhathas abuain na monadh. Agus bhiodh, mar bu thric, bhiodh ceala-deug eadar an treabhadh ... eadar cur achoirce agus cur an eòrna. Uill, mus biodh tu deiseil acosnadh sgioba dha do mhòine, dheidheadh aon deich latha seachad mus robh rian agad faighinn gu do thalamh eòrna. Agus, an dèidh sin, an talamh-eòrna sin a chuireadh tu bho dheireadh ann an còigeamh latha fichead dhe May gus an deicheamh latha fichead, cha mhòr nach biodh e abaich ann an toiseach September, airson a bhuain. Agus glè thrics e an t-eòrna bho dheireadh, ’s e a bfheàrr a bhiodh na achiad fhear.

A-nise, anns an latha a bha sin, cha robh mòran suim aig daoine ga ghabhail dhan achoirce. Ma bha beagan aca a bheathaicheadh òthaisgean, uill cha robh leithid a rud ann agus atoirt càil man a dhfhàs e dha beathach. Uill, bhathas afrasadh a h-uile càil dhaibh, agus adèanamh feum dheth.

Agus bha am buntàta, bha iad ... an fheadhainn a bha fon an fheamainn-dhubh, ’s iad a bhite acumail man bu thric anns a h-uile h-àite airson adèanamh sìol-cura dhiubh an ath bhliadhna. Uill, bha iad ro bhog airson a bhith gan ithe aig abhòrd. Agus, bhathas afeuchainn a-riamh ris am buntàta sùithe a bhith ann, mar gan canadh iad anns achainnt eile, ’son table potatoes. Agus, bha iad a cheart cho tioram ri buntàta na gainmhich.

Uill, ’s e sin an rud bho dheireadh a bhathas adèanamh às dèidh an treabhadh eòrna, aleigeil an t-sùith bhon an t-àite bfheàrr anns an robh e afàs air an taigh-dhubh. Agus, anns an latha a bha sin, bhiodh cearcall mòr mun achagailt, ’s bhathas afeuchainn [???] loisg de mhòine airson an tuilleadh ceòs an tuilleadh sùith a dhèanamh. Agus man bu mhotha a bhagad de shùith, ’s ann a bfheàrr a bhiodh do bhuntàta.

Agus cho luaths a chuireadh tu a-mach an sùith, bha an uair sin achiad fhangadh ga dhèanamh airson rusgadh nan caorach. Agus bha fad an t-samhraidh agad eadar mòines faingeans sùith, ’s a h-uile càil a dhèanamh. Bha a-nis, bha na mnathan leis achlann, gu math trang gus an tigeadh na bodaich bhon an iasgach ann an toiseach September. Aguss ann an uair sin a bhite atarraing na mònach, air a thigeadh iad bhon an iasgach. Ach bhiodh i man bu thric air a cur air tìr aig na mnathan, fhads a bhiodh iad aig an iasgach.

MN: Nise, ’s e na mnathan cuideachd a bhiodh atarraing nan cliabh leis an fheamainn?

DM: ’S e na mnathan a bha acur an-àirde an fheamainn às achladach agus bhiodh ... anns abhaile a bha seo, bha cairtean aca airson ... uill, ’s cuimhne leamsa airson a bhith ga tarraing chun an fhearainn. Agus bha cairtean ... bha iad ... bha eich aca airson a bhith atreabhadh air an fhearann. Ach bha àiteachan eile ann, aguss e na spaidean a bhaca, adèanamh tòrr dhen an sin.

MN: ’S e na fir a bhiodh agearradh na feamainn?

DM: ’S e. ’S iad a bhiodh ga ghearradh, aguss iad a bhiodh alìonadh na clèibh man a bha na boireannaich ga chur an-àirde.

MN: Dhfheumadh am feamainn a bhith grod?

DM: Uill, ’s e an fheamainn, ’s e feamainn-sitig a chanadh sinne ris an fheamainn a bhathas atogail tron agheamhradh. Bha sin adol air buntàta cuideachd. ’S ma bha nàdar gainmheach idir, idir anns achladach, a bha am measg na feamainn, bha uimhir eile a thoradh innte. Aguss e feamainn-sitig a chante sinne ris. Bha i ann a shin grod fad agheamhraidhs fad an earraich air achladach. Achs ann air buntàta a bhathas ga cur. Agus an fheadhainn aig nach robh tòrr todhar, ’s e an fheamainn-dearg, an liadhag, ’s i bha adol air achoirce. Agus, cuid a dhaoine aig nach robh todhar gu leòr, ’s e feamainn-sitig a chuireadh iad air an eòrna.

MN: Seadh. Am biodh iad atiodhlacadh na feamainn?

DM: O, bha. Uill, bhathas adèanamh àite air achladach ach an cuireadh tu ann i, ’s bha, bha i agrodadh ann an sin fhèin. Ach cha robh càil adol air a h-uachdar.

MN: Cha robh càil adol na measg, no ... ?

DM: Cha robh. Cha robh càil adol na measg. Ach a-nise, ’s ann a bha a rèir ge an t-àite dhen achladach às an do ghabh an fheamainn sin tìr. Ma bha i às an tràigh-ghainmheach, bha thu dèanamh sitig dhith. ’S a-nise, mas e feamainn a thann a thàinig dhan Mhol Gharbh, cha robh thu adèanamh sitig dhith idir. Cha robh uimhir ... cha robh uimhir a thoradh innte.

MN: Seadh, a chionn, a chionn nach robh gainmheach ...

DM: Nach robh gainmheach na measg.

titleBliadhna na Croitearachd ann an Leòdhas
writersDonald Joseph MacDonald
internal date1967.0
display date1967
publication date1967
level
notesTha Dòmhnall Eòsaph MacDhòmhnaill ag innse dhuinn mu dheidhinn croitearachd ann an Leòdhas, mar ciamar a tha an talamh air a chleachdadh gach bliadhna; na beathaichean a bha aig gach taigh; agus ciamar am biodh iad a’ treabhadh. Tha e a’ bruidhinn cuideachd mu dheidhinn buain-mhòine, am buntàta gu robh iad a’ buain, agus an obair a bha aig na boireannaich nuair a bha na fir ag iasgach. [Tobar an Dualchais]
parent textSgoil Eòlais na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page