Pàdraig Stiùbhart: Taing dhutsa mo Dhia uile-chumhachdaich gu bheil thu afaicinn ceartas. Cha robh ceartas ann, anns na làithichean a chaidh seachad. Bha an sluagh bochd, bha iad air an cur sìos, marslaves’. Chan fhaodadh iad fuireach ann am fearann, nam biodh fearann aca. Bha an sluagh bochd. Bha iad riaraichtegheibheadh iad am beòshlaint às an fhearann, ach chan fhaodadh iad a bhith ann. Bfheàrr leotha caoraich mhaol a bhith ann. Bfheàrr leotha sealg a bhith ann.

Ach, lean sin airson ceud bliadhna air ais, ach chunnaic Dia iomchan nach leanadh e, gur e mac an duine a bfheàrr a bhith air uachdar na talmhainn na caoraich mhaola, agus eòin, agus coin, coin-eòin. Bha bho Bhorgh Àrd gu glè fhaisg air Dail bho Thuath, bha croitearan an sin uaireigin a bha glè riaraichte leis an àite a bhann, ach bha e acur sùil aig sluagh a bha na bfheàrr aige airson ... bfheàrr leotha, bfheàrr leotha e a bhith aig aon duine, agus gum pàigheadh aon duine e na bhith aig na bha siud a thuathanaich. Bha tuathanaich adèanamh tòrr cron air sealg agus air iasgach. Bfheàrr leotha e a bhith aig aon duine, tuathanach, agus gum biodh e air a phàigheadh le aon duine na bhith aig na tuathanaich. Cha robh, ’s mathaid nach robh aig na tuathanaich. .. aig an fhear a bha agabhail os làimh a bhith ann an sin, ’s mathaid nach robh teaghlach aige, ach bha teaghlaichean aig na tuathanaich. Cha do chùm Dia uile-chumhachdaich teaghlach bhuapa.

Ach dhfhaodadh an fheadhainn a bhann an sin ... am fear bho dheireadh a chunnaic mise ann, cha robh teaghlach aige. Cha tug Dia dha teaghlach ann. Be sin Iain Moireasdan. Uill, chan urrainn dhomh a chreidsinn. .. chan urrainn dhomh a chantainn gun robh comas aig an fhear sin ri teaghlach a bhith aige ach cha dfhuair e boireannach ann. Cha burrainn dha teaghlach a bhith aige. Ach co-dhiù, ’s e Iain Moireasdan, ’s e Johnnie Morrison, Galson, he was the last one there.

titleFuadaichean ann an Leòdhas
writersPeter Stewart
internal date1963.0
display date1963
publication date1963
level
notesÀrd-shealladh goirid air na fuadaichean ann am bailtean air taobh siar Leòdhais. [Tobar an Dualchais]
parent textSgoil Eòlais na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page