Curstaidh NicAoidh (CN): Uill, tha fhios am gum biodh mo mhàthair afuaigheal lèintean nuair a bhàsaicheadh duine. O chionn fada cha robh lèintean-bàis ann, ach ri aceannach an anairt. Agus chuala sinn iomadach uair siosar atoirt leum às, lathaichean no seachdainean mum falbhadh ... agus chanadh i: “O, bidh feum ortsa.” Agus cheart cho cinnteachs a thachradh sin, bhiodh i air a h-iarraidh airson lèine a ghearradh.

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Seadh, ’s an cuala sibh fhèin e?

CN: O chuala mi. Chuala.

DE: Agus an ann atuiteam chun an làir a bha e? No ...

CN: Bha, agluasad air abhòrd, no mar sin. ’S ann.

DE: Seadh, agus e anns an aon rùm ribh, an robh?

CN: O seadh, ’s ann. Chuala. Ghluaiseadh an siosar. O, chuala mi fhìn sin. Chuala, chuala. No sgian no rud sam bith a ghluaiseadh mar sin gum biodh e timcheall air bàs, no gearradh càise no rudeigin mar sin a bhiodh timcheall air tiodhlacadh. O, chuala. Chuala mi sin. Chuala. Bha uabhas de mhanaidhean beag mar siud ann, ach ... Bha, agus o, bha iad fìor. O, bha siud fìor gu leòr.

DE: ’S an cuala sibh riamh daoine a bhith afaicinn thiodhlacaidhean mus robh iad ann?

CN: O Shìorraidh, chuala ’s ... Is iomadh uair a chuir iad à cochall mo chridhe mi ag innse dhuinn ... cha leigeadh an t-eagal leam tighinn dhachaigh far chèilidh. Chuala, gu dearbh fhèin. Chuala mise fears chunnaic e e fhèin. Dhaithnich e e fhèin air an tiodhlacadh.

DE: Acoiseachd. ..

CN: Seadh.

DE: Seadh. ’S chan e duine a bhuineadh dha fhèin a bhathar atiodhlacadh, an e?

CN: O chan eil cuimhnam. Chan e. Cha ruigeadh e leas gur e duine a bhuineadh do dhuine e fhèin a chitheadh e. Ach bhiodh feadhainn atuiteam air an rathad. Feadhainn nach fhaiceadh ... An fheadhainn a chitheadh e, sheachnadh iad an tiodhlacadh. Ach an fheadhainn nach fhaiceadh e, bha iad acumail am meadhan an rathaid agus bhiodh iad atuiteams cha bhiodh fhios aca carson, agus chanadh cuideigin riutha: “O feumaidh gun deach thu an lùib tiodhlacadh.”

DE: Agus a-nist, an robh aca ri meadhan an rathaid a sheachnadh? An robh daoine aseachnadh meadhan an rathaid, acoiseachd air an oidhche?

CN: Cha chreid mi gun robh. Cho fads is fhiosrach mise. Cha chreid mi gun robh. Cha do sheachain sinne riamh e co-dhiù. Cha do sheachain. Ach an fheadhainn a bhiodh atuiteam mar siuds afaighinn damaiste tuiteam gun reusan sam bith, bhiodh iad ag ràdh gun deach iad an lùib tiodhlacadh. Agus bhitheadh tiodhlacadh ann cuideachd.

DE: Agus an ann afalbh le eich a bhiodh na tiodhlacaidhean a bha sin?

CN: O chan ann, ach air ghiùlan. ’S ann. Afalbh air ghiùlan.

DE: Saoil a bheil daoine afaicinn dad mar sin fhathast, a-niste? An aithne dhuibh duine sam bith?

CN: O chan aithnte dhòmhsa duine a chì rud. Ma chì iad an-dràsta e, tha iad cho gleusta, cha leig iad dad orra.

DE: O bha na seann daoine acreidsinn gu làidir ann a shin.

CN: Bha. Bha iad sin air achois ge-, ’s bha e ann. O ghiall, bha. Bha iad afaicinn sholass rudan. ’S beag an t-iongnadh ged a bha iad afaicinn sholas, fhios agaibh, leis na bheil de chàraicheans a leithid sin.

DE: ’S tha iad aràdh gum faiceadh iad solas far an robh rud adol a thachairt.

CN: O bha. Bha iad afaicinn solas. Chitheadh iad an rud fhèin atachairt cuideachd. Chitheadh iad ... nam faiceadh iad duine no rudan mar sin. Bha feadhainn ann a chitheadh sin.

titleManaidhean bàis
writersChristina MacKay
internal date1966.0
display date1966
publication date1966
level
notesTha Curstaidh NicAoidh ag ràdh gum biodh a màthair a’ fuaigheal lèintean nuair a chaochladh cuideigin. Tha i a’ bruidhinn mu na manaidhean a bh’ aca. Mar eisimpleir, nuair a bha siosaran a’ gluasad, bha sin a’ ciallachadh gum b’ fheudar dha a màthair lèine-bhàis a dhèanamh a dh’aithghearr. Cuideachd, bhiodh daoine a’ faicinn an tìodhlachaidh aca mus do chaochladh iad. [Tobar an Dualchais]
parent textSgoil Eòlais na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page