Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Uill ma-thà, a Shomhairle. Sin agaibh e, agus bha sinn adol a dhèanamh beagan bruidhinn mu eachdraidh nan daoine agaibh fhèin, mur deidhinn fhèin, mu na daoine on tàinig sibh, mun an t-suidheachadh às an tàinig sibh anns a h-uile dòigh, agus mar a tha sin co-cheangailte ris an obair agaibh, ris abhàrdachd agaibhs gnothaichean dhen t-seòrsa sin. Nist, tha mi asmaoineachadh anns achiad dol a-mach, gur dòcha gum faodaidh mi tarraing a thoir air na daoines air sloinneadh agus air a leithid sin. Nist, mu dheidhinn an toiseach ClannIllEathain?

Somhairle MacGill-Eain (SM): Uill, ’s mise Somhairle mac Chaluimic Chaluimic Iainic Thormoidic Iainic Thormoid. Sin cho fads a thèid sinn air ais le cinnt an Ratharsair.

DE: Nist, abair siud fhathast a Shomhairle. Somhairle mac. ..

SM: Mac Chaluimic Chaluimic Iainic Thormoidic Iainic Thormoid.

DE: Agus bha daoine, baithne dhaibh cuideachd fhèin an sloinneadh a bha sin air ais dìreach mar sineach?

SM: O baithne. Fhios agad, tha òran a rinn boireannach dha mo shinn-shinn-seanair, ris an canadh iad Tormod Mòr Iainic Thormoid, air fonn an aon fhonn ri‘ ’IcMhaoilein a Shaorainn’, ach chan eil ach cheathramh agamsa a fhuair mi o piuthar mathar:

A Thormoid Iainic Thormoid

S e dsheanchas a leòn mi

Bhith cuimhneachadh do shùgradh

Gun dùil ri do phòsadh

A Thormoid aChaolais

Nan gorm-shùilean bòidheach

Cha daithnich thusa-raoir mi

Seach maighdeannan Òsgaig

Niste, bha Tormod, ’s e Tormod Iainic Thormoid. Bha MacIllEathain Ghleann Sannda ag ràdha gur e Iain an t-ainm a bhair athair an Tormod mu dheireadh, sin seanair Thormoid Iainic Thormoid, agus gur e mac a bhann dhan achiad MhacIllEathainnach e Niall a bhaira thàinig a DhùisicLeòid san Eilean Sgitheanach, agus gur esan a thàinig a Ratharsair. Ach chan eil fhios am càit an dfhuair MacIllEathain Ghlinn Sannda sin, fhios agaibh, tha e marbh agus cha do choinnich mise riamh ris. Ach chan ann dhòmhsa a dhinnis e sin ach dha caraide dhomh ann an Ameireaga.

DE: Seadh. O, bha fiosrachadh mòr aig an duine sin, ge-.

SM: Tha e coltach gun robh, agus mar sin bha sinn cha mhòr. .. Bhiodh Catrìona. .. cha mhòr nach robh sinn cinnteach gur ann à Uibhist a thàinig sinn. Agus, fios agad, an duine aig Iseabail mo phiuthar, Iain, uill tha esan, fios agad. .. athair agus Uilleam Chill Chreagain mar a their iad, am pìobaire ainmeil, ’s e mac an dithis bhràthar a bhannta. Agus bha sloinneadh aig athair-san, ** ’s e Seumas a bhair athair, Seumas mac Iainic Uilleimic Ghilleasbaigic Uilleimic Ghilleasbaigic Iainic Lachlainnic Iainic Lachlainn. Agus bha rud acasan gur e fear a thàinig a Ratharsair, gur e Iain Mòr Buidhe a bhair, agus gur e mac dha fear de ChlannIllEathain Bhoighreigh a bhann.

Ach bhiodh Catrìona Uilleim, sin piuthar athair Uilleim Eairdsidh, am pìobaire ainmeil, bha i ag ràdha gur e an aon daoine, an aon ChlannIllEathain a bhanns na daoine againnes a bhanns na daoine acasan, agus bha sinn air ar tiodhlacadh ri taobh a chèile anns an t-seann chladh an Ratharsair, na daoine againn. Ach chan eil fhios am air sin. Chan eil fhios am air sin idir.

Niste, bha mise asmaoineachadh riamh ciamar nach robh ainmeannan ChlannIllEathain, ainmeannan chumanta ChlannIllEathain, againn. Ach bha. Bha Tormod Iainic Thormoid, bha bràthair aige air an robh Calumuill bha sin cumanta gu leòr an Ratharsair – ’s bha bràthair aige air an robh Eachann, ’s bha bràthair aige air an robh Niall. Ach dhfhalbh an sliochd-san uile a Chanada. Uile, ach aon nighean le Calum, a phòs fear de ChlannicLeòid à Ratharsair, Dòmhnall mac Uilleim, agus bha cuid dhe sliochd-se an Ratharsair, ach bha Bellag an Achaidh, a bha math air sloinneadh, ag ràdh gur e piuthar dha Tormod Iainic Thormoid a bhanns aChatrìona seo a phòs.

Co-dhiù, tha sinn air a bhith an Ratharsair airson seachd no ochd a ghinealaich co-dhiù. Niste, bha ClannIllEathain. .. bha mathair anabarrach math air seinn, agus bha e na phìobaire anabarrach math, ged nach do dhfheuch e riamh. Bha mo bhràthair Seonaidh ag ràdha gum faithnicheadh e meur athar an àite sam bith. Agus bha a bhràthair Alasdair na phìobaire cuideachd. Agus bha mathair glè mhath air seinn, agus gu h-àraidh bha e math air. .. bhiodh e aseinn òrain Uilleim Rois. Cha chuala mi duine riamh cho math air an òranGur mistha fo mhulad san àm’ ’s a bha e, agus gu dearbha cha mhòr gur toigh leam an t-òran sin a chluinneil o dhuine eile. Bha e mìorbhaileach cuideachd airCrò Chinn t-Sàile’, fhios agad, pìoba. .. Agus bha rudan aige. Tha cuimhnam e bhith aseinnMarbhrann Eòghainnaig Rob Donn, aguss e am fonn a bhaige am fonn a thair‘ ’Ic Dhùghaillic Ruairidh’, agus chan eil fhios agamsa an urrainn. .. a bheil duine ann a bhios aseinnMarbhrann Eòghainnaig Rob Donn.

DE: Chan aithne dhòmhsa. ..

SM: Niste, bha e eòlach air. .. Tha e neònach. Fhads is cuimhne leam bha e eòlach air bàrdachd Iain Luim, cuid dheth co-dhiù. Ach tha mi asmaoineachadh nach robh e air bàrdachd Alasdair mhic Mhaighstir Alasdair. Ged tha cuimhnam e a bhith ag ràdha, fios agad, an rud ud a thug an. .. ag innse mun rud a thuirt an t-Àireach Muileach mu dheidhinn Alasdair mac Mhaighstir Alasdair: “Cha be an creideamh ach am brosgal chuir thu ghiùlan crois aPhàpa.” Niste, an e sin. .. chan eil cuimhnam an e sin a thanns na leabhraichean? No an eCha be an creideamh ach sodal-cùirte”?

DE: Chuala mise. .. Chan eil fhios am gu dearbha an e a chluinnteil no. .. chuala mi agad fhèin roimhe gun teagamh, ach tha. .. chunnaic no chuala mise an àiteigin, “a chuir thu a dhionnsaigh”; “Cha be an creideamh ach am brosgal a chuir thu a dhionnsaigh crois aPhàpa,” tha mi asmaointeachadh. Tha sin air sgrìobhadh ann an àiteigin tha mi asmaointeachadh.

SM: Ah uill, fios agad, ann an leabhar beag, leabhar bàrdachd Alasdair mac Mhaighstir Alasdair, tha e agam sa Bhràighe, tha rudan a thuirt an t-Àireach Muileach ann.

Niste, bha mathair, bha e anabarrach math air seinn, agus, o, ach a sheanmhair. .. chan e, ach mo sheanmhair, màthair mathar. Niste, chaochail i ann an 1923. Bha i mu 86, ’s bha i afuireach againne, san taigh againne. ’S e Màiri NicMhathain a bhoirre. Thàinig a sinn-seanair à Loch Aills’. Màiri Iainic Sheumaisic Dhòmhnaill Ruaidh. Thàinig Dòmhnall Ruadh à Loch Aillsna mhuillear gu Steinnseal air an Taobh Sear, agus tha eachdraidh ChlannicMhathain ag ràdha gur e athair-san Murchadh Ruadh, a thug an crois-tara mu dheireadh tro Loch Aills’.

DE: abhliadhna a bha sin a-nist?

SM: Uill, tha mi cinnteach gur e 1719 no 1715. Agus bha athair-san, Eòghann a bhair, Eòghann Glas nam Boglach, Glas nam Boglaich an Loch Aills’, agus athair-san Murchadh, ’s tha cuid dhe na aon làmh-sgrìobhainn ag ràdha gur e Murchadh mac Ruairidh Bhigic Ruairidh Mhòir. .. chan e. .. Murchadh mac Ruairidh Bhigic Iainic Ruairidh Mhòiric Mhurchaidh Bhuidhe, Triath Loch Aillse. Agus tha Uilleam MacMhathain ag ràdh gu bheil cinnt gur e Ruairidh Beag a bha ainm an duine, curaidh uabhasach ainmeil a bhann, gur e. .. nach e athair Mhurchaidh sin a bhann ach a bhràthair. Fios agad, gur e Murchadh Ruadh mac Eòghainn mac. .. thuirt mi. .. mac Eòghainn mac Mhurchaidh mac Iain mac Ruairidh Mhòir mac Mhurchaidh Bhuidhe. Agus tha e coltach, tha aon. .. tha iad ag ràdha. . .uill, tha làmh-sgrìobhainn Thiridhes Mhanchester, mu eachdraidh Chlannic Mhathain, ag ràdha mu dheidhinn sin: “He was rascally deprived of his land by the Earl of Seaforth.Sin Eòghann.

Niste, thàinig ise ... bha ise ... rugadh ise air an Taobh Sear, chan ann an Steinnseal tha e coltach, ach àiteigineach eile air an Taobh Sear, oir cha robh amhuilinn acabha amhuilinn aig Dòmhnall Ruadh, a sinn-seanair, ’s aig Seumas, a seanair, ach cha robh aig a h-athair, Iain. Ach chaidh an cur às an Taobh Sear airson gun do thog a h-athair taigh math. Bha iad air oighreachd Mhàidsear Friseal, aguss esan uachdaran bu mhiosa san Eilean Sgitheanach aig an àm.

Agus an uair sin bha iad san Sgorr. Bha i mu. .. eadar sias ochd, chan eil fhios am , nuair a dhfhàg iad an Taobh Sear. Agus an uair sin thàinig iad dhan Sgorr, mu choinneamh Phort Rìgh, taobh a-muigh Beinn [Peighinn] nam Fìdhlear. Niste, chan eil mi cinnteach an e an cur às a chaidh a dhèanamh air na daoine a bha san Sgorr no gun dfhàg iad len toil fhèin, ach chaidh iad a Bhràighe. Bha iad sa Bhràighe, agus sin far an do chaochail a h-athair, Iain mac Sheumais. ’S phòs ise Calum mo sheanair, ’s chaidh iad a Ratharsair.

Niste, bha ise anabarrach math air seinn, agus. .. uill, bha i an-còmhnaidh aseinn, agus bha i aseinn. .. bha seann òrain uabhasach math aice. Ri mo chiad. .. cha mhòr nach e. .. ri mo chiad chuimhne bhiodh i aseinn òrain coltach, ‘Cumha Iain Ghairbh’, ‘Fhads a tha mi nam shuidhe air an fhadhlainn’, ‘Tha na fèidh am Bràigh Ùige’, ‘Mo shàthghal goirtaig Màiri nighean Alasdair Ruaidh, ‘Milis Mòrag’, an fheadhainn eiles cuimhne leam? ‘Crò Chinn t-Sàile’, o nach bitheadh i aseinn.

S tha e coltach. .. bha i, an teaghlach air òrain a thoirt à Loch Aills’ ’s à Cinn t-Sàile, bha iad air òrain a chruinneachadh fhads a bha iad an Ìochdar Thròndairnis, oir nuair a thàinig Dòmhnall Ruadh às Loch Aillsdhan Taobh Sear, phòs e NicMhathain eile dhe teaghlach a bhanns an Eilean Sgitheanach mar-thà; ’s ann à Peighinn Sòraig faisg air Ùige a bha i. ’S mar sin, fios agad, bha òrain Ìochdar Thròndairnis, an fheadhainn a bhann, ’s bha òrain Loch Aills’, ’s òrain, uill, a bhiodh mun an Sgorrs àiteachan mar sin, ’s às aBhràighe.

Agus bha cuimhne anabarrach aice. Bhiodh Alasdair bràthair mo mhàthar atighinn a-nall a dhaon ghnothach a sgrìobhadh òrain a bhaice. Agus bha i air a leabaidh le, uillson a cheithir bliadhna mu dheireadh dhe beatha, ach cha do sguir sin i fhèin. Cha do sguir sin i fhèin. Agus ged a bha i dhen Eaglais Shaor Chlèireach, fios agad, cha robh sin acur bacadh sam bith oirre. ’S e dìreach òrains ceòl agus crodh. Crodhadh. Sin far an robh a h-ùidh, agus bha i. .. bhiodh Alasdair bràthair mo mhàthar cuideachd asgrìobhadh sìos ainmean laoidheans rudan mar sin bhuaipe. Bha i. .. tha e coltach gun robh i anabarrach fiosrach. Ah, nam biodh i air a. .. nam bithinn. .. fios agad, cha robh mise dusan nuair a chaochail i.

DE: ’S an aois a bha ise an uair sin?

SM: Chan eil sinn cinnteach an ann 84 no 86 a bha i.

DE: Agus bha i a-staigh agaibh fhèin. .. ’s ann a-staigh agaibh fhèin a bha i?

SM: Os ann againne a bha i afuireach. Agus ged a bha i air a leabaidh le rheumatics airson ceithir bliadhna, cha robh dad ceàrr air a h-inntinn, ’s cha robh i. .. agus bha i garbh, fhios agad, bha i anabarrach bàidheil, agus bha i dìreach dhen bheachd nach robh mòran dhaoine air an t-saoghal coltach ri ClannicMhathain, ’s tha cuimhnagam, fios agad. .. Seonaidh mo bhràthair, chan e ainm a sheanar a bhair idir ach ainm Seonaidh am mac bu shine aicese. Chaochail e an Glaschu nuair nach robh e ach 28, le pneumonia. Agus bha Seonaidh, bha falt ruadh air, dorcha ruadh, ’s fios agad, na sùilean caran donna, fios agad, soilleir dhonn agus seòrsa cumadh aodainn a bhair, bha i ag ràdh a bhair ClannicMhathain, aguss e sin, fios agad. .. bha i. .. cuideachd, fios agad, an t-ainm a bhair, bha sin acunntas cuideachd, agus bha i ag ràdh gun robh e coltach ri ClannicMhathain, ’s tha mi asmaoineachadh gun robh i ceart. Ach bha iad ag ràdh gun robh i glè bhrèagha i fhèin. Tha e coltach gur e Siùcar Iainic Sheumais am far-ainm a bhoirre. Agus a piuthar pòsta, Catrìona Mhòr Iainic Sheumais, pòsta aig Somhairle Neacail, Gille Dubh aBhràighe. Bha ise na boireannach mòrs bha iad ag ràdh gun robh i cho làidir ri dithis fhireannach. ’S e sin Catrìona Mhòr a piuthar, a bha beagan na bòige na i.

DE: Agus an robh iad aràdha gun robh ur seanmhair, gun robh i fhèin làidir, gun robh an neart anns na daoine a bha sin?

SM: O tha mi asmaoineachadh gun robh, ceart gu leòr. Niste, ClannIllEathain dhe robh sinne. Tha e coltach. .. ann an Eilean nam Fear Mòra, an Ratharsair, bha Tormod Mòr Iainic Thormoid a bhair, ’s Calum Mòr a bhair a bhràthair, ’s Eachann Mòr Sgreapadail a bhair fear eile dhiubh, bràthair eiles e Niall Mòr a bhair fear eile. Ach phòs Tormod Iainic Thormoid boireannach uabhasach beag. ’S e NicLeòid a bhinnte. Agus phòs a mhac Iain sin às a dhèidh. ’S mar sin, dhfhàs ClannIllEathain Ratharsair, dhfhàs iad caran beag. Uill, bha Alasdair bràthair mathar, bha e mu shia troighean, ged a bha mathair, bha e dìreach mu mo mheud fhìn.

DE: Nist, mun canadh iadmòrri duine mar sin, dhfheumadh e bhith na dhuine gu math mòr, tha mi acreidsinn?

SM: Dhfheumadh an Ratharsair, oir bha daoine anabarrach mòr an Ratharsair, fios agad. Chan e dìreach facal a thann an Eilean nam Fear Mòra. Tha cuimhnagamsa nuair a bha mi fhìn òg aig tiodhlacadh an Ratharsair, bhithinn agabhail iongnaidh air meud nan daoine. ClannicLeòid, ClannicNeacail. Achuid mhòr. Bha feadhainn eile ann cuideachd. Ach tha e coltach gun robh. ..

Uill, niste, bha ise làn de sheann òrain. Fios agad, òrain a fhuair i. .. bha mi asmaoineachadh uaireannan gun do dhionnsaich i mòran o mo sheanairbha esan na iasgairs bha smac aice ach chaochail e le pneumonia nuair nach. .. cha robh e ach 52, ’s bha i na banntraich mòran dhe beatha. ’S tha e coltach. .. bha i uabhasach math air obair, agus tha e coltach gun robh i ainmeil air speuradaireachd, fhios agad, ag innse an t-sìde a bhiodh ann. ’S e boireannach comasach a bhinnte. Och bha i. .. niste. .. o, na chuala mise, fios agad, bhuaipe de dhòrain, agus bhiodh Alasdair, bràthair mo mhàthar, bhiodh e dìreach ag èisteachd. Bhiodh e atighinn a-nall a dhaon ghnothach às aBhràighe, às dèidh achogaidh. ’S bha i air a leabaidh an uair sin.

DE: Agus a bheil cuimhnagaibh fhèin fhathast air na faclan aig na h-òrain a bha sin, a bha sibh acluinntinn aice?

SM: O Shìorraidh, tha. Tha e neònach, fios agad, cha burrainn dhomh an dìochuimhneachadh, air dòigh. Agus bha rudan aice. .. tha cuimhnam nuair a chuala mi iad aseinnLuinneag MhicLeòid’, o na faclan, fios agad, agus an diofar a bhann, seach mar a bha. .. bha ise cho mall leis. Cho mall leis. Chan eil fhios am carson a thug iad luinneag air, ach, o bha rudan coltach riCumha Iain Ghairbh’.

Niste, Peigi. ’S e Peigi piuthar mathar, bu shìne dhen teaghlach. Bha i deich bliadhna na bu shìne na mathair, Peigi. ’S bhiodh Peigi atighinn airson mìos a dhfhuireach còmhla rinn a h-uile bliadhna. Bha i ag obair ann an Glaschus ann an Lunnainn glè thric. Agus dhfheumamaid a dhol a-mach a dhiasgach còmhla rithe. Bhithinnsa adol mach. .. fhios agad, bha mi garbh dèidheil air bàtaichean. Agus bhiodh Peigi, bhiodh i ag èirigh mu aon uair deug, ’s a-mach a dhiasgach gus an tigeadh sinn dhachaigh gu ar dinnear, agus às dèidh sin a-rithist, agus an uair sin air an oidhche, iasgach saoidhean. Agus nuair a bhithinn fhìns Peigi, bhithinnsa, na mo ghille, nuair nach robh mi ach, uill, fios agad, bhiodh Peigi atighinn an dèidh bàs a màthar, bhiodh i atighinn fhads a bha i beò, ach bha i mu dheireadh an Ratharsair. Agus bha mi fhìns Peigi, bhithinn adol a-mach leatha leam fhìn, agus cha robh ann ach òrain, ’s bha i làn de sheann òrain. O, bha ise. .. bha guth math aice cuideachd, ’s bha i làn de sheann òrain, agus bhithinnsa, fios agad, bhithinn. .. bha mise cho dèidheil air bàtaichean ...

DE: Bha sibh aràdha gum biodh sibh ... nuair a bha sibh adol a-mach anns abhàta còmhla ri Peigipiuthar ur n-athar, nach e? – agus bhiodh i agabhail nan òran anns abhàta?

SM: O bhitheadh. Bhithinnsa amaoidheadh gun dreighinn air strike mura gabhadh i òran. Tha cuimhnagamsa latha, nuair a bha a h-uile duine eile adol gu Geamachan Phort Rìgh, dhfhuirich mi airson a toirt a-mach a dhiasgach. Agus bhithinn an siud amaoidheadh, ag argamaid mu dheidhinn poilitigs, fhios agad, bha ise air fàs na Tòraidhe mun àm sin, leis aChiad Chogadh, ged a bha i na Sòisealachs na Nàiseantach agus na Suffragette ron achogadh; Ciad Chogadh. Bha. O, ’s e boireannach, ’s e boireannach anabarrach a bhinnte, ann am Peigi.

Niste, bhiodh. .. cha robh ann ach seinn agus. .. fhios agad, nuair a bha mise 16, 17, 18, 19, agus dhfhàs mi uabhasach math fhèin air iomradh airson mo mheud agus mo neart. Dhfhàs mi uabhasach math air iomradh.

Agus, niste, bha Flòraidh, piuthar mathar, bha ise pòsta aig Uibhisteach. Cha bhiodh i an Ratharsair ach glè ainneamh, ach bha ise math air òrain cuideachd, agus bha seòrsa de sèist aice airTha na Fèidh am Bràigh Ùigenach cuala mise aig duine air an t-saoghal eile. Agus bha e neònach. Air dòigh, bha rudan aig Peigi nach robh aig a màthair. Fhads is cuimhne leam. Tha mi asmaoineachadh. .. dhfhaodadh gur ann o h-athair a fhuair i iad, oirs e seòrsa de bhàrd a bhann an mo sheanair, Calum MacIllEathain, ach chan eil fhios am air guth. .. air facal bàrdachd a rinn e, oir bha iad ag ràdha. .. o, bha e uabhasach dèidheil air amhuirs tha e coltach gur e maraiche uabhasach math a bhann. Ach cha robh i aig a bhean, aig Màiri Iainic Sheumais, ach air fearanns crodh.

DE: Nist, tha. .. far an tug sibh tarraing ann a shiud, air an dòigh a bhaicese air an fhonn aigTha na fèidh am Bràigh Ùige’, an ann mar a seo a tha e aig Catrìona, do nighean fhèin?

SM: Os ann.

DE: Aguss e thu fhèin a dhionnsaich. ..

SM: Eadar mi fhìns Seonaidh. A h-uile dad a thaig Catrìona, uill, achuid mhòr a thaice, de dhòrain Ratharsair, ’s e Seonaidh agus mi fhìn. .. fios agad, bha guth math aig Seonaidh, ged nach robh guth math agamsa. Ach tha mise asmaoineachadh mi fhìn, tha e neònach, gun robh cluas mhath agam airson rud a chanadh tu, fhios agad, tìms gluasadan, air neo ruitheam. Tha mi asmaoineachadh gun robh. Tha mi asmaoineachadh gun robh. Agus cuideachd, tha e neònach, dhionnsaich mise òrain do Chatrìona mi fhìn gun Seonaidh idir, le bhith ag innse dhi. ..

Niste, tha cuimhnam, fios agad, cuideachd, bhiodh Alasdair, bràthair mo mhàthar, atighinn a-nall, ’s e ag arg. .. mathair-sa fhèin ag argamaid, fios agad. .. o, bha esan, fios agad, bhiodh e abruidhinn mu Alasdair mac Mhaighstir Alasdair, ach cha chreid mi gun robh eòlas sam bith aig mathair air Alasdair mac Mhaighstir Alasdair, ach bha eòlas math aige air Donnchadh Bàn agus Rob Donn agus Uilleam Ros. Bha e uabhasach math air seinn Uilleim Rois, òrain Uilleim Rois.

Agus, uill, niste, mo mhàthair, ’s e Curstaidh Shomhairle Mhòir Iainic Shomhairle Phìobaireic Iainic Eòghainn. Sin cho fads as urrainn dhomh. .. Niste, bha. .. ’S e mo sheanair Somhairle Iainic Shomhairle. Somhairle Iainic Shomhairle Phìobaire. Bha Somhairle Pìobaire na phìobaire san Spàinn, agus chaidh a leòn anns na làmhan.

DE: Bha seo an cogadh aPheninsular, an ann?

SM: Aidh, agus fhuair e, fios agad, bhuail. .. rug an reothadh air agus chrùb a mheòir, agus thàinig e às an Arm. Bha e aig Corùna, aguss ann ann an ratreut gu Corùna a thachair sin dha. Aguss e duine. .. tha e coltach gur e duine anabarrach brèagha a bhann, oir tha port-à- beul mu dheidhinn: “Somhairle na Pìoba an gille grinn a bha an Holm, bha e mòrs bha e bàn.” Ach tha e sa phort-à- beul gun do phòs ean bheag dhubh a mhill an fhuil”.

DE: Ciamar a bha am port. .. Cha chreid mi gun cuala mi am port a-riamh. Ciamar a bha e adol, a Shomhairle?

SM: “Somhairle na Pìoba an gille grinn a bha an Holm, Somhairle gun chomhairle gun do tharraing thu, o Somhairle na pìoba an gille grinn a bha an Holm.” Niste, fios agad, bha rud ann, fios agad, [???] chan eil fhios am ciamar a bha an tionndadh mun bheag dhubh a mhill an fhuil. ’S e ban-Dòmhnallach a bhinnte.

DE: O bha thu aràdh rium gun robh taobh Dòmhnallach ort.

SM: Och a Dhòmhnaill, feumaidh mi aideachadhs e NicCuithein a bhinnte.

DE: O uill!

SM: Ach tha e coltach gun robh i uabhasach snog, ged a bha i beags ged a bha i dubh. Niste, Somhairle sin, Somhairle na Pìoba, ’s e Somhairle mac Iainic Eòghainn a bhann, agus tha iad ag ràdha, ach chan eil mi cinnteach, gun deach. .. gun robh a sheanair glè chàirdeach dha MacNeacail Sgorra Breac, ’s gun deach a chur às fhearann math às aBhile faisg air Port Rìgh airson a bhith. .. airson cuideachadh ann an sàbhaladh aPhrionnsa Teàrlach, ach chan eil fhios agamsa air sin.

Niste, nuair a chaidh an tuath a chur dhe Sgorra Breac, thàinig Somhairle Pìobaire a Bhràighe, na sheann duine, agus bha e an Camas Dìonabhaigs an Gead an Tàilleir. Agus cha chreid mi gun robh mòran ciùil ann an, ged as e pìobaire a bhannsan, ann an Somhairle Pìobaire, ann an ClannicNeacail sin. Agus Iain mac Shomhairle, mo sinn-seanair air an taobh sin, bha esan pòsta aig NicNeacail eile às aBhràighe. Taobh eile. Agus màthair mo mhàthars e Iseabail Dhòmhnaill Bhàin a bhoirre. Fuirich, fuirich, fuirich, càit a bheil mi? Phòs mo sheanair, Somhairle Mòr Iainic Shomhairle Phìobaire, phòs e Iseabail NicLeòid, nighean Dhòmhnaill Bhàin, agus ClannicLeòid seo, ’s ann à Ratharsair a bha iad. Bha iad ann an Torra Mìcheigs thàinig a Bhràighe nuair a chaidh na daoine a chur dhe Torra Mìcheig. Fhios agad far a bheil an golf course? Sgonnsar. Aguss e esan, ’s e Dòmhnall Bàn mac Alasdairic Iainic Ailein Ruaidh a theireadh iad ris. Agus tha Alasdair, athair Dhòmhnaill Bhàin, tiodhlacadh an Ratharsair.

Ach chan eil fhios am meud ginealach a bha iad sa. .. ged a tha iad san Eilean Sgitheanach, achs ann à Ratharsair a bha Ailean Ruadh agus tha feadhainn ag ràdha gur ann às Leòdhas a thàinig Ailean Ruadh. Chan e. .. chan ann Ailean Ruadh fhèin ach a shliochd. Chan e ach a shinnsre, tha mi cinnteach. Tha feadhainn eile ag ràdh gur ann à Geàrrloch no às aChòigeach. Ach tha muinntir Ailein sin air an tiodhlacadh ann an seo, an Caibeal Chlannicille Chaluim. Agus bha Bellag an Achaidh ag ràdha rinn, cha robh i càirdeach dhuinne, nuair a chaochail Ailean Ruadh, gun tuirt a mhic gum feumadh e a dhol far an robh na daoine aige ann an Caibeal Chlannicille Chaluim. ’S thuirt Macille Chaluim aig an àm nach robh àite ann dha. Ach thuirt mic Ailein Ruaidh gum feumadh e dhol ann, agus thog Macille Chaluim caibeal ùr dhan an teaghlach aca.

Ach bha feadhainn ag ràdha gur ann à Leòdhas a thàinig e, agus fios agad, bhiodh sin coltach. .. a shinnsre. Feadhainn eile ag ràdh gur ann à Geàrrloch no às aChòigeach, fios agad, far an robh ClannicLeòid. Ach tha e coltach gun robh iad càirdeach do Chlannicille Chaluim.

Niste, Iseabail Dhòmhnaill Bhàin, mo sheanmhair, chaochail i, cha robh i ach mu leth-cheud, ann an 1910 tha mi asmaoineachadh a bhann. Cha robh mise. .. cha do rugadh mise. ’S tha e coltach ged a bha i, fhios agad, aleantainn na h-Eaglais Shaor Chlèireach, fios agad, cha robh i na bean chomanaich, ach bha i gu math, fios agad, dòigheil. Bha e coltach gun robh i anabarrach math air seinn cuideachd, agus dhionnsaich muinntir mo mhàthar, òrain bhuaipe.

Niste, cha robh mo. .. cha dèanadh mo mhàthair seinn mhath ach tha Ceit a piuthar, a chaochail an latha roimhe, bha i anabarrach math. .. o, bha i math, math air seinn. O, bha i math, math air seinn. Agus cha dèanadh Alasdair fhèin seinn ach bha Dòmhnall, dhèanadh e seinn, ’s e na bhàrd, ’s bha Aonghas anabarrach math air seinn. Fhios agad, thuirt Newman gur e, aig aon uair, gur e Aonghas an guth a bfheàrr a chuala e air na records. Ach bha Aonghas, fios agad, bha e air falbh na chìobair air tìr-mòr aguss ann glè ainneamh a bhiodh e sa Bhràighe. Uill, bhiodh e uair sa bhliadhna ann, agus cha bhiodh e ro thric an Ratharsair gus an robh e na sheann. .. uill, thàinig e ann an 1940, ga habhail an tuathanais, fios agad, an Ratharsair.

Ach, fios ad, uill bha Dòmhnall na phìobaire, seòrsa. .. nist an robh? Bha Seumas, bràthair mo mhàthar, am fear a bòige, na phìobaire uabhasach math, ’s bha. .. agus, eile a-niste? Bha Alasdair na phìobaire, ’s dhèanadh Calum seinn, bha Calum ainmeil airson iomain. Cha dèanadh mo mhàthair seinn, ach tha e coltach gun robh a màthair uabhasach math air seinn. Agus fhuair iad òrain bhuaipe. ’S fhuair Alasdair, bràthair mo mhàthar, òrain o dhaoine eile sa Bhràighe, gu h-àraidh de. .. Màiri Iainic Chaluim, màthair Nic an Tòisich. Chaochail ise dìreach ro dheireadh aChiad Chogaidh. Tha fìor chuimhne agam oirre, air a faicinn, fios agad. O, ’s fhuair Aonghas mòran òrain buaipese. Màiri Iainic Chaluim a chanadh sinn rithe. Bha i afuireach an Achadh na h-Annaid corra uair.

Niste, nuair a bha Ceit, piuthar mo mhàthar ann an Sgoil Phort Rìgh, fhios agad, thàinig i às Sgoil Phort Rìgh nuair a chaochail a màthair, ’s bha i a-riamh acumail taighe dha h-athair, ’s fear no dhà dhe a bràithrean, agus bha a teagasg sa Bhràighe aig. .. tha fhios gur ann àm aChiad Chogaidh, Magaidh Chrìsdein, piuthar Ailein Chrìsdein, an dotair ainmeil, agus fhuair Ceit òrain bhuaipese. ’S ann bhuaipese a fhuair Ceit am fonn air, agus na faclan air, ‘Mo Robairneach Gaolach’, fhios agad, agus bha. .. ’s dhionnsaich Seumas Caimbeul e o Cheit, piuthar mo mhàthar. Dhionnsaich. Mar a bha esan ga sheinn, agus na faclan, fhios agad, tha e coltach gur ann, agus, o bha, mar sin, fhios agad, bha e air an thaobh.

Niste, bha Dòmhnall MacLeòid, Dòmhnall Bàn[???]mar a theireadh iad, bha e pòsta aig Catrìona Iain Stiùbhairt, agus bha na Stiùbhartaich, tha e coltach gun robh eanchainn annta, barrachd eanchainn na bhann am mòran dhaoine. Fhios agad, ’s e bràthair mo shinn-seanmhar na Stiùbhart. .. achiad fianais a bha ro. .. a bha mu choinneamh Coimisean nan Croitearan. Ach tha e coltach nach robh ceòl anns na Stiùbhartaich. Ged a bha, tha e coltach gun robh eanchainn annta. Agus bha Iain Stiùbhart na bhàrd agus tha feadhainn ag ràdha gur e. .. gum biodh Gilleasbaig Aotrom atighinn gu Iain Stiùbhart, ’s ag èigheach: “Iain Stiùbhart, tha mi dol air turas den rann-leabhar [?] , agus feumaidh siuds feumaidh seo a bhith ann.”

Uill, sin an Iain Stiùbhart seo. Niste, bha na Stiùbhartaich sin ann am Peighinn aChorrain, anns an roll amhàil 1733, aguss e an aon daoine a bhannta ri Parnell ann am Bhaltos air an Taobh Sear. Tha e coltach, na Stiùbhartaich sin. Ach tha e coltach nach robh ceòl annta, ach gun robh eanchainn annta.

DE: ’S às a-nist. .. bha sinn abruidhinn air seo uaireigin roimhe tha mi asmaointeachadh. às a bha na Stiùbhartaich a bha sin? A bheil tuairmse agad?

SM: Chan eil fhios am às a thàinig iad, ach bha mòran Stiùbhart. .. bha rud math Stiùbhartaich san Eilean Sgitheanach. Tha mise asmaoineachadh gun tàinig Stiùbhartaich an Eilein Sgitheanaich nuair a bha Ruairidh Sgaiteach airson gun leanadh an nighean a bha pòsta aig Mac Iain Stiùbhairt na h-Apainn e, an àite a bhràthar, Iain Breac. Ach màthair Dhòmhnaill Bhàin, ’s e Maighrearad Bhàn NicMhaoilein a bhoirre, agus tha iad ag ràdh gun tàinig achiad duine dheth, ’s e na Clèirich a thair ClannicMhaoil iad sin, ’s tha. .. seann bhoireannach, uill chan eil i cho sean, tha i am Peighinn aCorrain fhathast. Tha iad càirdeach dhòmhsa. Gun tàinig achiad MhacMhaoilein dhan Eilean Sgitheanach còmhris achiad Dòmhnallach, na chlèireach à Cnap Chinn Tìre. Aguss e na Clèirich a thaca orra. Agus tha e coltach gun robh Maighrearad Bhàn, gur e boireannach anabarrach brèagha a bhinnte. Dhfhalbh i a dhAstràilia na seann aois a dhfhuireach còmhla ri a nighean. Bha feadhainn ag ràdh gun deach i a dhAstràilia airson nach biodh i air a tiodhlacadh còmhla ris an duine aice, Alasdair Cealg ann an Ratharsair. Uill, niste, sin ClannicNeacail, ’s ClannicLeòid agus na Stiùbhartaich.

Niste, tha mi asmaoineachadh. .. och, fios ad, bha Peigi. .. Chaochail Peigi, thàinig i a dhfhuireach a Ratharsair mu dheireadh, ’s chaochail i bliadhna mus do chaochail mathair. Chaochail i ann an 1950. Ach bha ise, bha i. .. bha i ceithir ficheads a. .. bha i deich bliadhna na bu shine na mathair, bha i 81 nuair a chaochail i. Ach bha Peigi, bha i. .. Thuirt mi ann am pàipear dha Comann Gàidhealach Inbhir Nis gun robh rud glè neònach aice, nach cualas aig duine eile a-riamh. O, bha cuid a dhòrain aice, fios agad, nach. .. Bha mòran cheathramhnan dheCeud soraidh bhuam fhìn gu meòlas’, an t-òran sin mu Sgorra Breac aice, nach eil cuimhnam, o mo sheanmhair. Chuir mi sin ann an rud anns an leabhar aig Comann Gàidhealach Inbhir Nis. Agus, fios ad, bha rud aice, fios agad, air fonnMo rùn geal òg’, agus an àitemo rùn geal òg” ’s emo Lachlann Mòra bhann, agus bha ann:

am facas air thalamh

boinne fala a bàille

na an t-oighre bhair Dubhaird

Locha Buidhe agus Àros.

Ach tha an ceathramh sin, cha mhòr. .. fios agad, ann am marbhrann dha Eachann Ruadh a chaidh a mharbhadh ann an Inbhir Chèitinn. Ach dhfhaodadh gur e seo òran na bu shìne. Smaoinich [???] às a thàinig sin.

Agus mo sheanmhair, fios agad, uill tha mi asmaoineachadh gun robh òrain aig Peigi a fhuair i o h-athair. Fhios agad, cha bhiodh mathair ach mu naodh nuair a chaochail athair, ach bhiodh Peigi naodh-deug. Bhiodh Peigi naodh-deug, aguss e mathair a bòige dhen an teaghlach. Fhios agad, bha Peigis an uair sin Seonaidh a chaochail nuair a bha e òg, ’s an uair sin Alasdairs an uair sin Flòraidhs an uair sin mathair. Cha bhiodh Alasdair, ’s e pìobaire a bhann an Alasdair cuideachd, ach bha a h-uile duine ag ràdh nach robh e cho math ri mathair air pìobaireachd.

Agus bhiodh mathair, o fios agad, bhiodh e an-còmhnaidh abruidhinn air Geamachan Phort Rìgh, a bhith acluinntinn pìobaireachd, aphìobaireachd aig an Dòmhnallach Mhòr, John MacDonald, Dòmhnallach Mòr Inbhir Nis. Agus o, bha ùidh eagallach aige anns aphìobaireachd aig an Dòmhnallach sin. Cha chreid mi gun cuala e Uilleam Eairdsidh, mar a chanadh iad, riamh, fhios agad. Cha bhiodh Uilleam Eairdsidh atighinn a Phort Rìgh, fhios ad, cha chreid mi gun do rugadh esan an Ratharsair.

DE: Agus an cluichdeadh dathair, an cluichdeadh e ceòl mòr e fhèin?

SM: Chan eil cuimhnam e a bhith acluich ceòl mòr idir. Chan eil cuimhnam air. Ach bha ùidh mhòr aige ann agus gu h-àraidh ann an ceòl mòr mar a bha e air a chluich leis an Dòmhnallach, leis an Dòmhnallach Mhòr. O bha. Cha chreid mi gun cuala e Uilleam MacIllEathain riamh, Uilleam Eairdsidh. Fios agad, cha bhiodh Uilleam Eairdsidh atighinn a Phort Rìgh uair sam bith. Sguir e ron aChiad Chogadh, afeuchainn. Sguir e.

Niste, dhfhàs mise anabarrach dèidheil air cuid, air mòran, gu h-àraidh na seann òrain, agus an ceòls am bàrdachd cuideachd, glè òg. Dhfhàs mi anabarrach. .. Niste, nuair a chaidh mi a Sgoil Phort Rìgh, ghabh mi Gàidhlig agus bhithinn aleughadh, fios agad, ’s dhfhàs mi gu math dèidheil air rudan coltach ri, sa Bheurla, [???]aig Alasdair mac Mhaighstir Alasdair, ’s pàirt deBen Doran’, ’s rudan mar sin, glè òg. Agus cuideachd, fhios agad, nuair a thàinig mise a dhOilthigh Dhùn Èideann, cha robh mi cinnteach an gabhainn Gàidhlig le Laideann, no an gabhainn eachdraidh. Bha feadhainn ag iarraidh orm eachdraidh a ghabhail. Maighstir-sgoile Beurla am Port Rìgh ag iarraidh orm eachdraidh a ghabhail, oir bha e ag ràdh: “Ma ghabhas tu Beurla no rud mar sin, feumaidh tu bhith na do thidsear, agus na bi na do thidsear.”

DE: ’S carson a bha e aràdh seo?

SM: Bha e na thidsear e fhèin. “Agus ma ghabhas tu eachdraidh, gheibh thu a-staigh. .. tha e fada nas fheàrr airson an Civil Service.” ’S bha mi caran, bha mi math air eachdraidh. Agus. .. ach bha mise asmaoineachadh nan gabhainn Gàidhlig nach fhaighinn obair gu sìorraidh, fhios agad. Bha e an àm cho dona, fhios agad. Ach nuair a. .. cha robh mi ach. .. fhios agad, ghabh mi aon chlas Gàidhlig, agus nuair a fhuair mi an Degree, bha Grierson ag iarraidh orm a dhol a dhOxford. Achs ann a bha mi asmaoineachadh gun gabhainn, mar a chanadh tu, Inter-Honours Gaelic abhliadhna a bha mi ann am Moray House. Agus bhiodh seann MacBhàtair air rud sam bith a dhèanamh airson gum freagradh clasaichean mi, ach cha leigeadh muinntir Moray House leam. Bha iadsan cho mòr asta fhèin. Bha.

Niste, ach co-dhiù, ged a bhithinn air sin a dhèanamh, ciamar. .. bha mi asmaoineachadh, fhios agad, bha mi airson tòiseachadh air cosnadh. ’S bha Seonaidh adol a Chambridge ...

** Air clàradh a rinneadh às dèidh seo, tha Somhairle ag innse gun do dhfhàg e às aon ghinealach, agus gur e an sloinneadh aig athair Iain: Seumas Iain Uilleimic Ghilleasbaigic Uilleimic Ghilleasbaigic Dhòmhnaill Bhàin Hallaigic Iainic Lachlainnic Iainic Lachlainn. Èist ris an seo: http:/ /www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/67440/1.

titleSinnsearachd agus foghlam
writersSorley MacLean
internal date1982.0
display date1982
publication date1982
level
notesTha am fiosraiche, Somhairle MacGill-Eain, a’ bruidhinn air an teaghlach aige. Tha e ag innse gur e seinneadair math a bh’ anns a athair, agus gum b’ àbhaist dha a sheanmhair, agus piuthar athar cuideachd, seann òrain a seinn. Bha pìobaireachd anns an teaghlach cuideachd. Tha am bàrd a’ bruidhinn cuideachd mu dheidhinn Stiùbhartaich an Eilein Sgitheanaich, agus mu dheidhinn an fhoghlaim aige ann am Port Rìgh agus aig Oilthigh Dhùn Èideann. [Tobar an Dualchais]
parent textSgoil Eòlais na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page