Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Right ma-thà, a Shomhairle, sin agaibh e.
Somhairle MacIllEathain (SM): Uill, rud no dhà, bha thu a’ bruidhinn. .. a’ faighneachd dhìom mu dheidhinn cò dhe na daoine againn aig an robh cuimhne anabarrach. Uill, tha mi a’ smaoineachadh gun tuirt mi, Catrìona Iain Stiùbhart, gun robh i. .. gun robh a cuimhne-se ainmeil, tha e coltach. Agus mo sheanmhair, màthair m’ athar, Màiri Iain ’ic Sheumais. Ach cuideachd air taobh Chlann ’IllEathain, bha Tormod, bràthair mo sheanar, bha esan ainmeil an Ratharsair airson a’ chuimhn’ a bh’ aige agus cho mionaideach ’s a bha e mu rudan. Rinn e, an Dotair MacIlleBhràth, no Galbraith, rinn e map dhe ainmeannan-àiteachan an ceann a deas Ratharsair agus tha e coltach, cha mhòr nach d’ fhuair e a h-uile h-aonan a fhuair e o Thormod. Agus, fhios agaibh, Tormod, rugadh e an Sgreapadal ’s bha e an uair sin a’ fuireach anns na Feàrnaibh, agus an uair sin bha e a’ fuireach am Baile a’ Chùirn, ’s an uair sin bha e a’ fuireach an Òsgaig. Agus nuair a bhiodh daoine a’ tighinn às an Lùib no às a’ Chomraich a thiodhlacadh an Ratharsair ’s e Tormod a bha ag innse dhaibh mura robh fhios aca cà’ robh na daoine aca air an tiodhlacadh.
Niste, chaochail Tormod a’ bhliadhna a chaochail mo sheanmhair, Màiri Iain ’ic Sheumais, 1923. Chaochail e as t-fhoghar. Agus bha a h-uile duine ag ràdha mu dheidhinn, rud sam bith a chanadh e, gum biodh e dìreach cho mionaideach. Can, nan canadh e rud ceàrr, bha e dìreach a’ smaoineachadh gur e breug a bh’ ann. Sin an seòrsa duine a bh’ ann. Duine anabarrach dìreach a bh’ ann, Tormod sin.
Niste, rud eile a bha mi a’ dol a dh’innse dhut. Bha thu a’ faighneachd dhìom mu dheidhinn buinteanas againn ris na Dòmhnallaich. Uill, fios agad, cha robh. .. ’s e NicCuithein a bh’ anns a’ bhean aig Somhairle Pìobaire, ach neònach a bh’ ann, bha na Stiùbhartaich, buinteanas aca ris na Dòmhnallaich. Iain Stiùbhart, ’s e ban-Stiùbhart a bha na bhean cuideachd, agus ’s ann à Lìonail a bha i. ’S e Iseabail Chaluim ’ic Raghnaill a chanadh iad rithe, agus bha i glè chàirdeach, ach chan eil fhios agam ciamar, ’s cha d’ fhuair mi a-mach riamh ciamar a bha an càirdeas ri Iain Dubh Lìonail, Dòmhnallach Lìonail. Chan eil fhios a’m an ann. .. chan eil fhios a’m dìreach ciamar, ach tha e coltach gun robh e glè chàirdeach dhi.
DE: Nist, an Lìonail a tha sin, ’s ann taobh. ..
SM: Tha Lìonail air Loch Shniothasort, eadar Beàrnasdal ’s an t-Aodann Bàn, agus fhios agad, bha mòran, fhios agad. .. bha e aig Dòmhnallaich greis. .. uill, bha aon fhear ris an canadh iad Iain Dubh Lìonail, ’s e àite, fios agad, aig Clann ’icLeòid a bh’ ann, ach reic an Seanailear Lìonail nuair a reic e na Hearadh. ’S e sin mu. .. ro a’ bhliadhna 1800. Agus bha e aig caochladh fheadhainn ach bha e aig an teaghlach Dhòmhnallach seo greis, agus tha mi a’ smaoineachadh gun robh buinteanas neònach aca ri muinntir Bhaile Raghnaill.
DE: Uill tha mise a’ smaoineachadh gun robh Lìonail, gun robh tac aig muinntir Bhaile Raghnaill de Lìonail uaireigin iad fhèin.
SM: Dh’fhaodadh gun robh. Ach bha am fear seo, Iain Dubh Lìonail, bha iad ag ràdha mu dheidhinn gur e a thug a’ chiad crann-iarainn, crann-treabhaidh iarainn dhan Eilean Sgitheanach. Chan eil fhios a’m. Ach cha robh sin ach rud beag. Agus rud eile a bha mi. .. chan eil fhios a’m an tuirt mi riut e, mu dheidhinn Tormod Iain ’ic Thormoid, sin mo shinn-shinn-seanair, air taobh Chlann ’IllEathain. Bha mo mhàthair ag ràdha gun tuirt màthair m’ athar rithese gun robh cuimhn’ aig fear ris an canadh iad Padra Bàn, aig an robh bùth an Ratharsair, sin seanair a’ bhean aig Seonaidh againn, Padra Bàn. Bha cuimhn’ aige air Tormod Iain ’ic Thormoid, agus ’s esan a thuirt gur h-e fear dhe na daoine bu mhotha a bha an Ratharsair. Ach phòs esan bean bheag, bheag agus rinn a mhac Iain sin às a dhèidh.
DE: Ach bha sibh a’ ràdh rium gun robh mòran de dhaoine mòra ann an Ratharsair?
SM: O bha. Daoine mòra, mòra. Eadhon ri mo linn fhìn. Uill, dè rud eile a bha thu. ..
DE: Uill, bha mi a’ dol a ràdh. .. nist, tha sinn air a bhith a’ bruidhinn air na daoine ’s air a h-uile fhreumh agaibh an sineach, fhios agad, mar a tha iad air tighinn còmhla annaibh fhèin mar gum bitheadh. Cò a-nist. .. bheil. .. tha e ceart dhomh a ràdh, nach eil, gu bheil sinnsireachd agus sloinneadh agus gnothaichean a thaobh nan daoine ’s a thaobh nan Gàidheal, tha iad sin gu math prionnsabalach dhuibh fhèin, nach eil? Gu math cudromach dhuibh?
SM: Uill, air dòigh, tha. Tha, air dòigh. Tha mi a’ smaoineachadh gur e Clann ’icMhathain, Aonghas agus Uilleam, a thòisich mise air rudan mar sin. Agus cha robh an toiseach idir dhomh. Tha mi a’ smaoineachadh cuideachd gur e nuair a chaidh mi a Phloc agus, fios agad, bha mi a’ gabhail ùidh faighinn a-mach cò bh’ anns na daoine a bh’ ann agus thachair mi ri feadhainn a bha glè mhath air sloinneadh muinntir Chlann ’icRath, agus cuideachd muinntir Chlann ’icMhathain, agus feadhainn eile an Loch Aills’ agus ann an Cinn Tàile. ’S an uair sin nuair a thàinig mi a dh’fhuireach a Bhràighe, thòisich daoine air innse dhomh, fios agad, nàbaidhean mu dheidhinn muinntir a’ Bhràighe, ’s cò às a thàinig an fheadhainn seo ’s an fheadhainn eile. Agus ’s e rud. .. cha robh mi nuair a bha mi òg. Cha robh mòran ùidh agam ann idir nuair a bha mi òg. Dh’fhaodadh gun robh beagan.
DE: Ach bha. .. nuair a bha sibh òg, an robh sibh a’ faireachdainn, mar gum bitheadh, uaill sam bith gur e Gàidheal a bh’ annaibh?
SM: O bha. Bha, agus bha mi a’ leughadh, fios agad, bha mi an-còmhnaidh a’ leughadh mòran eachdraidh, agus bha mi cho dèidheil air bàrdachd Ghàidhlig, agus gu h-àraidh air na seann òrain, agus, uill, rudan mar sin. Dh’fhaodadh gun robh barrachd ùidh agam ann an sloinneadh ’s rudan mar sin na th’ aig mòran de dhaoine òga nuair a bha mi òg, ach ’s ann nuair a bha mi. .. thòisich mi air mòran ùidh a ghabhail ann às dèidh a’ chogaidh.
DE: Dìreach. Agus an tèid agaibh air a ràdh cuin a thuig sibh fhèin an toiseach gun robh nàdar na bàrdachd annaibh fhèin?
SM: Ah uill, nuair a bha mi ann an Sgoil Phort Rìgh, fios agad, bhithinn. .. bhiodh sinn a’ dèanamh rannan, nach mòr a b’ fhiach, feadhainn againn, agus rudan mar sin. Agus dìreach mun àm a thàinig mi a dh’Oilthigh Dhùn Èideann, bhithinn a’ dèanamh rudan an Gàidhlig ’s ann am Beurla. Ach cha robh mi ach mu fhichead nuair a thuig mi gun robh mi fada na b’ fheàrr ann an Gàidhlig na bha mi ann am Beurla, ’s gun robh fad a bharrachd ùidh agam ann am bàrdachd Ghàidhlig na bh’ agam anns a’ chuid mhòr dhe bàrdachd Bheurla.
Niste, bha mi. .. tha mi a’ smaoineachadh. .. ghabh mi Beurla mar an cuspair prionnsabalach a chionn gun robh mi a’ smaoineachadh nach fhaighinn obair gu sìorraidh nan gabhainn dìreach Gàidhlig leatha fhèin. Agus tha mi a’ smaoineachadh gun robh mi ceart. Ach, fios agad, ghabh mi an t-aithreachas nuair a bha mi air an dàrna bliadhna anns a’ chùrsa Bheurla. Agus tha mi a’ smaoineachadh, fios agad, tha mi a’ smaoineachadh gur ann mun àm sin a thòisich mi air dèanamh rudan ann an Gàidhlig a b’ fheàrr leam na na rudan a rinn mi ro sin.
Niste, fhios a’d, thàinig mi a dh’Oilthigh Dhùn Èideann nuair a bha mi ann an. .. uill, cha robh mi buileach ochd-deug, agus nuair a bha mi mu fhichead. .. cha robh mi ach mu fhichead nuair a rinn mi an dàn ud ris an can iad ‘A’ Chorra-ghritheach’. Dh’fhaodadh gun robh mi 21, ach chan eil mi cinnteach. Uill, tha mi a’ smaoineachadh gur e 21 a bha mi, tha mi a’ smaoineachadh.
Ach, fhios agad, bha ùidh anabarrach agam cuideachd ann an cuid de bhàrdachd Bheurla aig an àm, gu h-àraidh Shelley, agus Blake, agus Wordsworth tha mi a’ smaoineachadh, airson caochladh adhbhair. Ach nuair a thòisich. .. air dòigh. .. fhios agad, nuair a thàinig mi dhan Oilthigh a Dhùn Èideann, o, ’s e fasan. .. an fheadhainn a bha fasanta, fios agad, ’s e. .. dhe na seann fheadhainn ann am Beurla, ’s e bàird mheatafiosaigeach an 17mh linn – Donne ’s feadhainn mar sin – agus an fheadhainn a bha fasanta dhe na bàird ùra, ’s e Eliot agus Pound. Agus bha sa chiad bhliadhna ’s an dara bliadhna nuair a bha mi an Dùn Èideann, bha mi a’ dèanamh rudan, fios agad, ann am Beurla cuideachd, mar gum biodh e, fios agad, a’ leantainn an fhasain aig Eliot ’s aig Pound, a’ chiad seòrsa dàin a bha Pound a’ dèanamh.
Ach tha mi a’ smaoineachadh. .. ach ’s e a’ Ghàidhlig fada b’ fheàrr leam, agus bha mi a’ fàs aig an àm seo, bha mi a’ fàs anabarrach dealasach mu dheidhinn nan òrain Ghàidhlig. Fhios agad, aig an àm cha chluinneadh tu air a’ BhBC ach glè bheag de dh’òrain Ghàidhlig, agus nan cluinneadh tu seann fheadhainn, ’s e seann fheadhainn air dòigh NicUalraig-Friseal a bhiodh ann. Agus fios agad, bha sin a’ dèanamh. .. uill, a’ cur a’ chaothaich orm feumaidh mi ràdh. Bha e dìreach a’ cur seòrsa de chaothach orm, agus bhithinn an-còmhnaidh, an-còmhnaidh, fios agad, ag ràdh rium fhìn: “O, nam b’ urrainn dhomh fhìn seinn.”
Agus bhithinn aig an àm ud, fios agad, bhithinn. .. o nuair a bhithinn aig an taigh, bhithinn a’ feuchainn ri mo. .. seinne mo pheathraichean, gu h-àraidh an tè bu shìne, Iseabail, agus Màiri cuideachd – bha guth math aig gach tè dhiubh – na h-òrain a bh’ aig an teaghlach againn fhìn air an dòigh a chuala sinn fhìn iad. Fhios agad, thòisich mi le mo pheathraichean leis. .. air sin a dhèanamh glè thràth. Agus bhitheadh, anns an oilthigh, bhiodh Aonghas MacMhathain ’s Uilleam MacMhathain ’s mo bhràthair Seonaidh, agus Seumas MacBhàtair, bhiodh sinn a’ cur air cinn cuideachd glè thric, agus fear ag ràdh seo, ’s fear ag ràdh siud, fios agad, air an aon chuspair.
Tha mise a’ smaoineachadh, fios agad, air dòigh gun do thòisich sinne ann an Oilthigh Dhùn Èideann aig an àm. .. uill, gun do rinn sinn, fios agad, beagan airson leudachadh ’s meudachadh na seòrsa òrain a bhiodh aca air a’ BhBC, agus eadhon aig na Mòid, ach cha deachaidh mòran adhartas a dhèanamh air sin gu às dèidh a’ chogaidh. Ach tha mi a’ smaoineachadh, fios agad, gun do rinn sinn beagan.
Agus bha daoine coltach ri Eachann MacÌomhair. .. fios agad, ged nach robh an t-eòlas aigesan air na seann òrain sin, fios agad, bha comas labhairt anabarrach aige, fios agad, agus chuireadh e an cèill mòran a bhiodh feadhainn coltach ri Uilleam MacMhathain ’s Aonghas MacMhathain agus mi fhìn ’s Seonaidh ag ràdha, fios agad. Tha mi a’ smaoineachadh, cha robh an t-eòlas aigesan air na rudan sin, ach na bh’ aige chanadh e e. Fios agad, bhiodh e gar [???] nuair a chluinneadh sinn dìreach na h-aon òrain air a’ BhBC Gàidhlig fad na tìde, agus cuideachd aig na Mòid mhòra, cha robh ann ach fìor bheagan. Agus gu h-àraidh ’s e bh’ ann òrain na 18mh linne agus na 19mh linne, agus ma bha seann fheadhainn ann ’s ann a rèir NicUalraig-Friseal. Agus feumaidh mi ràdh, bha sin dìreach a’ cur a’ chaothaich ormsa co-dhiù.
DE: Agus air an gabhail ann an stoidhle gu math Gallta.
SM: O bha. Air an gabhail ann an dòigh glè Ghallta. Cuideachd, fios agad, bha. .. o tha mi a’ smaoineachadh gun robh an gluasad nàiseanta, gun robh buil aig sin cuideachd, fios agad. Agus airson mo thaobh fhìn dheth, fios agad, nuair a choinnich mi. .. nuair a thòisich mi air leughadh na dàin aig Ùisdean MacDiarmaid, Crìsdean Mac a’ Ghrèidheir, fios agad, bha buaidh. .. bha e na seòrsa de phiobrachadh dhomh fhìn. Chan e gun robh mi ga leantainn air dòigh sam bith, ach bha e a’ cur, fios agad, seòrsa de dhùsgadh dhomh air iomadh dòigh, agus, fios agad, rinn mi gàirdeachas mòr nuair a leugh mi, fios agad, a’ bharail a bh’ aig, can, Alasdair mac Mhaighstir Alasdair. Bha a’ bhàrdachd fhèin cho mìorbhaileach, oir cuid dheth cho mìorbhaileach, fios agad, na dàin liorach aige, agus ‘Am Misgear ’s an Cluaran’, bha iad cho mìorbhaileach. Agus an rud a chanadh esan, agus bha e ga chur gu math. .. ann an dòigh gu math cumhachdach uairean, mu dheidhinn a’ bhuaidh a bh’ air Alasdair mac Mhaighstir Alasdair, bha sin ga mo lìonadh. .. bha e a’ toirt mòran misneachd dhòmhsa. Agus bha e, fios agad, a’ toirt misneachd dhòmhsa.
Fios agad, cha robh mòran dhe na rudan sin ann an aonan dhe na dàin a rinn mi an toiseach, ‘An Saothach’. Fios agad, bha sin cho tràth ri 1933 no 34. Agus sin an aon dàn a chuir mi an clò a-rithist dhen fheadhainn a rinn mi airson àm sònraichte. Bha sin airson dìreach dinnear aig Comann Ceilteach Dhùn Èideann. Agus rinn mi sin dìreach a dh’aona ghnothach airson sin, agus fios agad bha sin mar gum biodh ann, an dath lom dhen tè dhubh, fios agad, bha sin air daoine agus an cor, fios agad, agus a’ Ghàidhealtachd, an cor poilitigeach ’s sòisealach, agus an tè bhàn, ’s e na h-òrain, na seann òrain a bha sin. An ealain ’s na seann òrain. Bha sin, fios agad, uill bha sin glè thràth.
DE: Bha. Bha thu san oilthigh fhathast, aig an àm sin?
SM: O bha. No bha mi anns a’ ... Moray House.
DE: Agus trobhad, an robh na rudan a bha thu a’ dèanamh nuair a. .. a’ bhàrdachd a bha thu a’ dèanamh nuair a bha thu san sgoil, ann an Sgoil Phort Rìgh, an ann am Beurla no an Gàidhlig no an dà chuid a bha sineach?
SM: Uill, innse na fìrinn, cha robh mòran ann am Beurla no an Gàidhlig, oir ’s e glè bheag a bh’ ann. ’S e glè bheag a bha mi a’ dèanamh. Fios agad, cha robh mi uabhasach tràth a’ tòiseachadh idir.
DE: An tug thu an aire riamh, can nuair a bha thu gu math òg, na do ghille òg, can mus deach thu a Sgoil Phort Rìgh no leithid sin, an tug thu an aire gun robh alt sam bith agad air faclan a chur an altaibh a chèile?
SM: Uill, bha feadhainn ag ràdh gun robh. Bha feadhainn ag ràdh gun robh, agus gu math tràth. Agus nuair a ghabh mi Gàidhlig san sgoil, Sgoil Phort Rìgh, o fios agad. .. cha robh e ach mu leth-uair san t-seachdain air a theagasg anns a’ bhun-sgoil an Ratharsair aig an àm ’s cha robh ann ach ainmeachas. Ach cha robh clas Gàidhlig idir air a’ chiad bhliadhna againn an Sgoil Phort Rìgh, ach cha b’ urrainn dha Tait clas Gàidhlig a chur ann, ach ’s ann air an dàrna bliadhna a thòisich mise, agus dh’fhàs mi anabarrach dèidheil. Agus cha robh mi riamh air treas bliadhna – chaidh mo chur on an dàrna bliadhna gun a’ cheathramh bliadhna, agus tha cuimhn’ a’m, fios agad, gun robh mi air a’ cheathramh bliadhna, fios agad, gun robh mi. .. a chionn bha mi cho math air Gàidhlig ri feadhainn a thòisich Gàidhlig aig ...
SM: Tha mi a’ smaoineachadh gun robh mi air mo mheas glè mhath ann an Gàidhlig, am measg feadhainn a bh’ air a’ cheathramh bliadhna aig an robh Gàidhlig trì bliadhna ro sin ’s cha robh iad. .. anns an sgoil ’s cha robh Gàidhlig agamsa ach aon bhliadhna ro sin. Agus, ach bha rud an seo, fios agad, agus bha seo ann. .. tha mi a’ smaoineachadh gun robh seo ann anns a’ . .. bhithinn ann a’ dèanamh suas m’ inntinn Beurla a ghabhail, fhios agad, thuig mi glè òg, nuair a bha mi anns an bliadhnaichean mu dheireadh an Sgoil Phort Rìgh, gun robh sgoilearan Gàidhlig san oilthigh, gur e cànan agus chan e litreachas am prìomh ùidh. Agus mar sin, tha mi a’ smaoineachadh air ioma dòigh, aig a’ cheann thall, gun robh e na b’ fheàrr dhomh, air dòigh, Beurla a ghabhail an toiseach. Nach e sin a rinn thu fhèin?
DE: O, ’s e seo a rinn mise cuideachd. ’S e.
SM: Agus tha mi a’ smaoineachadh, fios agad, bha MacBhàtair an Dùn Èideann, ’s an Dòmhnallach an Obar Dheathain, agus Calder an Glaschu, ’s e luchd-cànain a bh’ annta, chan e luchd-litreachais. Air dòigh, bha MacBhàtair glè mhath, ann an dòigh no dhà, air bruidhinn mu litreachas, ach ’s e fear-cànain a bh’ ann, agus ’s e sin a bh’ anns an fheadhainn eile cuideachd. Agus mar sin, tha mi a’ smaoineachadh gun do rinn e feum dha daoine coltach riumsa agus riut fhèin agus ri feadhainn eile, a’ Bheurla far an robh litreachas agus bàrdachd air a chur air thoiseach air eòlas cànain.
DE: Tha mi a’ smaoineachadh seo. Nist, ceist, nuair a bha thu òg mar sin, an robh e. .. a bheil thu a’ smaoineachadh gun robh e pailt cho furasta dhut cuimhn’ a chumail air bàrdachd Bheurla ’s a bha e dhut cuimhn’ a chumail air bàrdachd Ghàidhlig? Air neo an robh e na b’ fhasa. .. an robh taobh seach taobh na b’ fhasa na chèile dhut?
SM: Bha an dà thaobh glè dhoirbh dhomh. Glè dhoirbh, ach ’s e gu h-àraidh na seann òrain.
DE: ’S e. Nist, a bheil e na chuideachadh, a bheil sibh a’ smaointeachadh, ma tha ceòl còmhla ris an rud? A bheil e na chuideachadh dhut ann a bhith a’ cumail cuimhn’ air rud?
SM: O, fios agad, bha mi cho dèidheil air a’ cheòl fhèin, air na fuinn aig mòran dhe na seann òrain sin. O bha, bha. Bha mi air mo mheas glè mhath air. .. cuimhne mhath air bàrdachd. .. gun robh. .. bha iad ag ràdh gun robh mo chuimhne glè mhath air bàrdachd sam bith.
DE: Agus ann a bhith a’ smaoineachadh air bàrdachd agus cuimhne anns an dòigh a tha seo, a bheil e na chuideachadh, saoil, a bhith a’ cluinnteil rud le do chluais a bharrachd air a bhith ga fhaicinn ann an leabhar, ann an sgrìobhadh? Bheil an dà chuid a’ dol còmhla, air neo an e dà rud air leth a th’ annta, a bheil sibh a’ smaoineachadh?
SM: O uill, cha do smaoinich mi air sin ach o, tha thu ceart. Nuair a bha thu ga chluinneil le do chluais, agus ga chluinneil gu math tric, bha sin a’ dèanamh mòran, tha mi a’ smaoineachadh.
DE: Bha. Tha mise a’ smaoineachadh o mo thaobh fhèin, gur e an rud a chuala mi le mo chluasan gun robh e a’ leantail rium na b’ fheàrr, bheil fhios agad, na ’s dòcha rud a chunna mi air duilleig, ged a tha an dà chuid a’ cunntais.
SM: O tha mise dhen. .. och, ’s e an rud a chluinneadh tu le do chluas agus a chitheadh tu air duilleag, agus, fios agad. .. o uill, thòisich mise air sgrìobhadh sìos rudan gu math tric, fhios agad, dhe na h-òrain a bha mi a’ cluinntinn, agus. ..
DE: Seo òrain a bh’ agaibh fhèin air chuimhne, an e? Air neo rudan a bha sibh a’ cluinnteil às ùr?
SM: Mar bu trice ’s e òrain a bh’ aig an teaghlach againn fhìn, fios agad. Muinntir m’ athar agus muinntir mo mhàthar.
DE: Ach ’s ann mar gum bitheadh às do chuimhne fhèin, an ann, a bha thu a’ sgrìobhadh sìos na rudan a bha sin?
SM: O ’s ann, gu dearbh.
DE: Agus a bheil ròs agaibh air na sgrìobhaidhean tha sin fhathast? A bheil iad air faighinn agaibh?
SM: Ah chan eil, tha eagal orm. Tha eagal orm nach eil. Tha eagal orm nach eil.
DE: ’S e call a tha sin. Ach ged a. .. tha iad air chuimhne agaibh fhathast?
SM: O tha, fhios agad, sgrìobh mi iad airson Catrìona, ’s sgrìobh mi iad a-rithist airson Iseabail mo phiuthar. Bha ise anabarrach math air seinn.
DE: Agus ’s aithne do dh’Iseabail cuid mhath de dh’òrain fhathast, tha mi cinnteach?
SM: ’S aithne, ach bha Iseabail, bha i. .. chan fheuchadh i uair sam bith aig co-fharpais. Bha i a’ dol air bhoil ’s bha a h-anail a’ falbh. Niste, an teaghlach againn fhìn, chan eil fhios a’m an tuirt mi riut an-dè. Fhios agad, bha athair Rinidh, bha e anns na h-oghaichean ri G. S. MacLennan.
DE: Bha, bha sibh a’ ràdh sin.
SM: Agus, cha mhòr nach eil sinn cinnteach gun robh e càirdeach dha Dòmhnall ’s Sandaidh Camshron, oir ged a bha mòran de Chlann ’IllFhinnein ann an Srath Chonainn, cha robh mòran Camshronaich, agus ’s ann à Srath Chonainn a bha na Camshronaich sin. Agus mar sin, fios agad, tha mi a’ smaoineachadh, fios agad, gun robh. .. gu bheil rud aig, sheall, can aig Catrìona, gu bheil rud a thug i o thaobh a màthar, glè fhada. ..
DE: Tha, gu bheil rudan a’ tighinn ri chèile às a h-uile taobh, mar gum bitheadh.
SM: O tha, aicese ceart gu leòr. Agus. .. bha mi ag innse dhut mu dheidhinn an tè NicIllFhinnein a bha a’ teagasg, à New Zealand, anns a’ Phloc, agus bha i a’ teagasg dannsa, agus chunnaic i Catrìona a’ dèanamh rud nach fhaca i aig duine riamh ach aig seann MacIllFhinnein aig an robh sgoil dhannsa an Dùn Èideann. ’S chan fhaca Catrìona riamh an duine sin. Agus bha an duine sin glè chàirdeach – ’s e bràthair-athar dha, mar a chanadh iad, G. S. MacLennan a bh’ ann.
DE: Dìreach. Uill tha sin iongantach. Nist, chan eil fhios a’m cò an taobh a thionndaidheas sinn an-dràsta. ’S dòcha, tha, tilleadh gu bàrdachd a-rithist. Tilleadh chun na bàrdachd agaibh fhèin. Dè cho cudromach ’s a tha, mar gum bitheadh, an cùl a tha seo, na h-òrain ’s a h-uile sìon dhen seann ghnothaich a tha sin? Dè cho cudromach ’s a’ bhàrdachd Ghàidhlig?
SM: Uill, tha e glè dhoirbh dhòmhsa a ràdha. Glè dhoirbh dhomh a ràdha, oir chan eil mi an-còmhnaidh. .. tha mi a’ smaoineachadh gu bheil an rud a’ tighinn mar a thig e, ’s nach eil fhios a’m a Dhia ciamar a tha e a’ tighinn, mar as trice. O, cha mhòr a h-uile h-uair chan eil fhios a’m ciamar a tha e. .. cha b’ urrainn dhòmhsa smaoineachadh air, fios agad, dàn a dhèanamh anns a’ mheadrachd seo no anns a’ mheadrachd eile. Fios agad, tha rud a’ dol timcheall annam, ’s tha na. .. tha e a’ tighinn agus mar sin tha e a’ dol air adhart. Ach feumaidh mi ràdha, ge bith dè th’ ann am bàrdachd dhòmhsa, mura h-eil i a’ bualadh air a’ chluais agam, mar a tha mo. .. mar as toigh leam, chan eil mòran ùidh agam innte.
DE: A thaobh an rud a tha sibh fhèin a’ dèanamh?
SM: No duine eile.
DE: ’S a bheil seo gu h-àraid fìor a thaobh bàrdachd Ghàidhlig? No bheil e fìor a thaobh. ..
SM: A h-uile bàrdachd.
DE: A h-uile bàrdachd a th’ ann.
SM: A h-uile bàrdachd a th’ann.
DE: Feumaidh rudeigin a bhith ann a tha a’ tighinn a rèir. ..
SM: Feumaidh an rud gluasad. Ruitheam. Feumaidh sin a bhith ann, agus feumaidh sin a bhith ann gu sònraichte, no. .. ah uill, dh’fhaodadh gur toigh leam, air dòigh, rudan ann ’s nach eil e, ach feumaidh e a bhith ann dìreach, feumaidh e a bhith ann gu math làidir, no gu math fìnealta, air neo chan eil mòran agam mu dheidhinn.
DE: Nist, an seòrsa mothachadh a tha seo, air ruitheam, a tha cho cudromach dhuibh, bheil sibh. .. saoil a bheil buintealas sam bith aige seo ri ruitheam no ri meadrachd no ri ceòl na seann òrain, bàrdachd na seann òrain?
SM: Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil air dòigh, ach gu bheil e cuideachd, fios agad, gu bheil buinteanas aige ri, fios agad, seòrsa rud, fios agad, ri bàrdachd, can, Uilleim Rois, bàrdachd Alasdair mhic Mhaighstir Alasdair, nuair a smaoinicheas tu air rud:
A’ ghlas-fhairge a’ sìor chopadh
a-steach mu dà ghualainn toisich
muir ag osnaich a shloistreadh a h-eàrrlainn.
Tha sin mìorbhaileach. Agus, can, Donnchadh Bàn:
Tighinn na chuartaig on ghrinneal
air slinnein Beinn Dobhrain
monadh fada rèidh
cuile ’m faighte fèidh.
Fios agad. “Soilleireachd an t-slèibh.” Fhios agad, chan e ruitheam leis fhèin, ach dìreach an fhuaim cuideachd.
Niste, nuair a smaoinicheas tu air, o, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil mòran, chan e a-mhàin na seann òrain, ach dàin gun fhonn as aithne dhuinn orra. .. smaoinich fhèin air, fhios agad, rud coltach ri:
Beir mo shoraidh thar caol
o nach cluinn iad mo ghlaodh
gus a’ bhuidhinn gun fhraoch gun ghruaim
dh’fhios an Ailpinich ghlain dhen fhuil rìoghail gun smal
ite an fhìrein nach meath ri a luaidh.
Fhios agad, agus:
Nan dubhadh an sliabh ’s nan cromadh a’ ghrian
leam bu mhithich bhith triall mun cuairt
cha b’ i machair nan Gall seo
bheirinn fom cheann
ach bràighe nan gleann seo shuas.
Agus talla an fhir fhèil
ceann-uidhe nan ceud
Cill mo Ruibhe fo sgèith a’ chuain.
Agus nach ann le Màiri nighean Alasdair Ruaidh a tha sin. Agus smaoinich thusa air a’ cheòl a th’ anns. .. can, gabh rann, ruith dhen a’ Phìobaire Dhall, gun mòran ann ach an fhuaim:
A’ gheug a thàinig san deagh uair
dham buadhach mùirn agus ceòl
Ogha Choinnich nan raon rèidh ’s Bharain Shrath Spè nam bò.
DE: Tha mi toilichte gun tug thu tarraing air an fhear sin, thoradh ’s e aonan dhen fheadhainn a bhios mise ag obair air an-còmhnaidh agus cha chluinn mi mòran dhaoine eile a’ bruidhinn air an rud sin ann.
SM: Fios agad, an ceathramh sin, tha cuimhn’ agamsa, fios agad, cha mhòr nach eil a h-uile vowel ...
DE: Tha. Tha rudeigin mìorbhailteach mun an dàn a tha sin.
SM: Tha rudeigin mìorbhaileach an sin. Agus fios agad, uill, can thusa. .. chan eil na seann òrain leotha fhèin. .. smaoinich air caochladh, fios agad, ’s crùnladh aig Beinn Dobhrain. Agus an crùnladh aig Moladh Mòraig, ’s na siubhail cuideachd. O, tha mi a’ smaoineachadh ge be air bith a th’ ann an dàn, mura h-eil e a’ bualadh air a’ chluais, chan eil e air a’ bhàrdachd as. .. bualadh gu sònraichte le cumhachd air a’ chluais, no glè fhìnealta, chan eil e air a’ bhàrdachd as motha dhòmhsa.
DE: Tha mise dìreach dhen aon bheachd, a Shomhairle, gun atharrachadh. Tha. Ged a dh’fhaodadh. .. fios a’d. .. ’s e rud eile, tha mise a’ smaoineachadh a-nist, chan eil fhios a’m a bheil sibhse a’ smaoineachadh gu bheil seo ceart? Can, rud mar a tha an t-òran do MhacFhionghain an t-Srath ann a shin, a bha sibh aithris. Nist, ged a b’ ann a’ coimhead air an sin a tha thu air an duilleig, ged nach biodh tu ga aithris a-mach cruaidh, tha thu ga chluinntinn mar gum bitheadh. ..
SM: O tha gu dearbh. Tha thu ga chluinneil. Tha thu ga chluinneil, agus eadhon le òrain, ged nach urrainn dhut seinn, tha thu a’ cluinneil an rud, tha mi a’ smaoineachadh. Tha thu a’ cluinneil an rud agus tha sin. .. Ach feumaidh mise ràdha, nach eil mise ’s nach robh mi uair sam bith a’ smaoineachadh: “Nì mi dàn sa mheadrachd seo, no nì mi dàn ann an rannaidheachd shaor no ann an rosg sliseagach.” Tha mi dìreach, tha e a’ tighinn a-mach mar a tha i.
DE: ’S e. .. tha seo fìor. Chan eil sibhse, mar gum bitheadh, chan eil sibh a’ dèanamh dàn, mar gum bitheadh anns an t-seann mheadrachd idir, gu ìre. Ged a tha an t-seann mheadrachd. .. tha thu a’ faireachdainn gu bheil an t-seann mheadrachd ’s dòcha air cùl a’ ghnothaich. Cha chan sibh gun dèan sibh ann am meadrachd shònraichte, mar gum bitheadh. . .?
SM: Chan eil. O, cha do smaoinich mi riamh air sin. Chan eil. Ach gu bheil e anns a’ . .. Agus fios a’d, tha mise a’ smaoineachadh cuideachd, fios agad, air dòigh, an t-seann mheadrachd, far a bheil lididhean anns an t-sreath no anns an rann, agus na lididhean sin a’ leantainn buile nàdarrach còmhraidh, agus gu bheil seòrsa rud ris an can iad sa Bheurla counterpoint agad eadar seòrsa de mheadrachd, agus buile nàdarrach a’ chòmhraidh, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sin anabarrach, anabarrach cudromach.
Agus aon rud eile a th’ ann an Gàidhlig – ’s ioma h-uair a thuirt mi e, agus chuir Seonaidh mo bhràthair an cèill e nuair a bha e a’ bruidhinn mu dheidhinn eadar-theangachadh – cho math ’s a tha Gàidhlig air cuideam a chur air lididhean, agus ag atharrachadh òrdan nam faclan gu nàdarrach airson sin a dhèanamh. Tha sin anabarrach an Gàidhlig. Tha Gàidhlig anabarrach math air sin, agus chan eil Beurla math air sin. B’ àbhaist Beurla a bhith na b’ fheàrr air sin na tha i, ’s thuirt mi sin glè thric, agus, fios agad, nuair a bha Seonaidh a’ dèanamh. .. a’ bruidhinn mu dheidhinn eadar-theangachaidhean, bha e ag ràdha nach b’ aithne dha cànan a bha cho math ri Gàidhlig air sin ach a’ Ghreugais Chlasaigeach. Agus ’s ioma h-uair a thuirt mi sin ri Seonaidh mus tuirt e e. Bha esan ag aontachadh. ’S bha esan fada na b’ fheàrr air cànanan na bha mise.
DE: Tha, nist, seadh. Dìreach a’ dol air adhart rud beag on an sin. Ged a tha sibh a’ ràdh nach robh sibh uair sam bith a’ gabhail, can, a leithid seo a mheadrachd ’s a’ dèanamh dàn ann mar sin, air an làimh eile, tha an seòrsa dualchas a tha seo ann an Gàidhlig, dualchas meadrachd, tha mi a’ creidsinn. .. abair, nan robh sibh fhèin. .. nan canadh sibh ribh fhèin: “Nist, tha mi a’ dol a dhèanamh,” ged nach canadh sibh gur e bàrdachd a th’ ann, “tha mi a’ dol a dhèanamh rannan anns an t-seòrsa meadrachd a tha siud,” bhiodh e furasta gu leòr dhuibh sin a dhèanamh cuideachd, tha mi cinnteach?
SM: Och, bhiodh sin cho soirbh ’s a ghabhadh e. Bhiodh sin glè shoirbh dhomh. Niste, bhithinn an-còmhnaidh a’ smaoineachadh, fios agad, air feadhainn a rinn rudan mìorbhaileach ùr ann am meadrachd Gàidhlig. Can, an dàn aig Deòrsa Caimbeul Hay, ‘Bisearta’, ’s ioma h-uair a bha mi a’ smaoineachadh cò às a fhuair e a’ mheadrachd. Bheil fhios agad?
DE: Chan eil. Cha do smaoinich mi riamh air seo, innse na fìrinn.
SM: Uill, dh’innis e dhòmhsa. Bha dùil agamsa gur e e fhèin a rinn i, ach cha b’ e. Thuirt e gun d’ fhuair e e o laoidh Eadailteach às a’ Mheadhan Aois. Gur ann o sin a thàinig a’ mheadrachd aig ‘Bisearta’. Bha dùil agamsa riamh, ’s bha mi a’ gabhail. .. o bha ùidh mhòr agam, o, ’s tha fhathast anns an dàn sin, ach sin a thuirt e rium.
DE: Uill, uill, nach eil sin iongantach.
SM: Thuirt mi ris cà’ an d’ fhuair. .. saoil cò às a thàinig seo, ’s. .. fios agad, ’s ioma rud a tha ga. .. uill, rinn mi fhìn corra math. .. chan eil fhios a’m a Dhia cò às a thàinig iad. Chan eil fhios a’m cò às a thàinig ‘Ceann Loch Aoineart’.
DE: Abair a-nist, ge-tà, nam biodh sibh fhèin. .. nan toireadh sibh sùil air na leabhraichean bàrdachd a chuir sibh fhèin a-mach, a bheil fhios agad, a’ bhàrdachd agaibh fhèin, a’ coimhead orra ann a shin, am biodh e furasta dhuibh a ràdh ’s dòcha gun robh a leithid seo a mheadrachd air cùlaibh an fhir ud, no ’s dòcha a leithid siud a mheadrachd air cùlaibh an fhir a bha siud?
SM: Tha mi a’ smaoineachadh gum bitheadh. Ach, can, ‘Coilltean Ratharsair’, tha an 11mh rann a’ tòiseachadh, ann an toiseach, ochd sreathan anns gach rann. Chan eil fhios agamsa fon aon saoghal fhathast cò às a thàinig e. A’ mheadrachd sin.
DE: Aidh, ’s ann chun an seo a tha mi a’ faighinn. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil rudan ann. .. ’s dòcha gu bheil fada air an cùlaibh an àiteigin, dh’fhaodadh e bhith gu bheil meadrachd Ghàidhlig air choreigin, ach air an làimh eile ’s e meadrachd ùr a th’ annta, mar a tha iad a’ tighinn a-mach às an obair agaibh fhèin, nach e?
SM: Uill, tha mi a’ smaoineachadh gur h-e, agus can thusa, ‘Ceann Loch Aoineart’, can pìosan eile dhe ‘Coilltean Ratharsair’, fios agad, tha am pìos ud a’ tòiseachadh: “ ’S e bhith a’ creidsinn le feòil.” Chan eil fhios a’m cò às a thàinig sin. Chan eil fhios a’m idir cò às a thàinig sin. Agus dh’fhaodadh gun robh mi ag aithris air seann. .. air rudeigineach ann an Gàidhlig, ach chan eil fhios a’m. Chan eil fhios a’m dè th’ ann. Chan eil fhios a’m idir, idir dè th’ ann. Agus cuideachd eadhon dàin coltach ris an fhear ud, ‘Tha Aodann ga mo Thathaich’, chan eil fhios a’m cò às a thàinig sin. An do smaoinich thu riamh cò às a thàinig siud?
DE: Chan eil mise, bheil fhios agad, chan eil mi a’ smaoineachadh, cho fad ’s ...
DE: Right ma-thà, sin agaibh e. Bha sibh fhèin, tha mi a’ smaoineachadh nuair a sguir sinn, bha sibh fhèin mar gum bitheadh a’ faighneachd dhomh an robh mise a’ faicinn meadrachd sam bith air cùlaibh nan dàn a bha sin. Agus chan eil mi a’ smaoineachadh gu bheil. Tha mi. .. ’s e rud. .. am mothachadh a th’ agamsa orra, ’s e gur e meadrachd, gur e dàin anabarrach Gàidhealach a th’ annta, ach nach eil iad mar gum bitheadh air an togail dìreadh o rud sam bith eile as aithne dhomh. Tha iad mar gum bitheadh ùr. Tha iad. .. ìomhaigh a thug mi orra uaireigin roimhe, gu bheil tobar mòr agaibh anns a bheil, fhios agad, anns a bheil mòran fhuaran a’ tighinn a-staigh, agus gu bheil iomadach rud còmhla ann a shin agus gu bheil sibh a’ faighinn mar gum bitheadh. ..
SM: Uill, dh’fhaodadh sin a bhith, ach ’s e an rud a th’ ann, tha mi a’ smaoineachadh, ruitheam no gluasad no fuaim sam bith anns na dàin againne. .. agamsa, tha iad a’ tighinn o rud nach eil ann. Chan eil fhios agam cò às a tha iad a’ tighinn. Chan eil fhios a’m cò às a tha iad a’ tighinn, ach tha fhios a’m, tha mi a’ smaoineachadh gur ann Gàidhealach a tha iad. Tha mi cinnteach gur ann Gàidhealach a tha iad, tha mi a’ smaoineachadh.
DE: Tha agus mise. The mi deimhinne às an sin. Ach, a-nist, ceist eile. Tha mi a’ smaoineachadh. .. nist, can nach b’ e Gàidheal a bh’ annaibhse idir, tha deagh theansa gum biodh sibh air a bhith ri bàrdachd, tha mi cinnteach? Leis an seòrsa inntinn, leis an seòrsa aignidhean a th’ agaibh.
SM: Uill, dh’fhaodadh gum bitheadh.
DE: An robh sibh fhèin riamh a’ gabhail beachd air a’ cheist a bha sineach?
SM: Uill, uair no dhà, bha. Uair no dhà.
DE: ’S an tàinig sibh gu co-dhùnadh sam bith mu dheidhinn sineach? An robh beachdan sònraichte sam bith agaibh mu dheidhinn sin?
SM: Uill, cha chreid mi gun robh beachdan sònraichte agam mu dheidhinn idir, ach, fios agad, tha mise a’ smaoineachadh, fios agad, le rudan, dìreach gun robh rudan na mo bheatha air an toirt gu seòrsa de shine, leis a’ chogadh agus rudan a thachair dhomh fhìn aig an àm, gun mòran buinteanas aca ris a’ chogadh idir, gun do. .. dìreach gun do dh’adhbharaich iad gun do bhrùchd rudan a-mach. Agus nuair a bhrùchdas rudan a-mach, nuair a sguireas am brùchdadh, thig rudan eile às a dhèidh. Bheil thu a’ tuigsinn dè tha mi. ..
DE: Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil.
SM: Thig rudan eile às a dhèidh. Thig, fios agad, thig mòran rudan eile às a dhèidh agus, uill. .. Uaireannan bhithinnsa bliadhnaichean gun dad a dhèanamh, gun dad a bhàrdachd a dhèanamh. Agus bliadhnaichean eile bhithinn a’ dèanamh rudan a bhithinn dìreach a’ losgadh. Agus, o, tha mòran nach deachaidh agam fhathast, nach deachaidh an clò riamh.
DE: Tha seo agaibh ga chumail fhathast, ga ghleidheadh?
SM: Tha. Tha cuid a tha mi a’ gleidheadh; cuid nach fhiach a chur an clò, ach cuid eile tha mi a’ gleidheadh, oir. .. Uill, chan eil fhios a’m dè nì mi leotha. Dh’fhaodadh gun tèid iad an clò. Mus bi mi. .. mus caochail mi, chan eil fhios a’m.
title | Eachdraidh, sgoil, agus bàrdachd |
writers | Sorley MacLean |
internal date | 1982.0 |
display date | 1982 |
publication date | 1982 |
level | |
notes | Tha am fiosraiche a’ bruidhinn mu theaghlach agus na cuimhne a bh’ aca air Ratharsair. Tha e ag ràdh cuideachd nach robh ùigh aige ann am bàrdachd Ghàidhlig – agus gu robh bàrdachd sa Bheurla nas tarraingiche dha – gus a bha e aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tha e a’ toirt a’ bheachd aige air meadarachd, ruitheam agus gluasad ann am bàrdachd. Tha bàrdachd aige nach deach fhoillseachadh a-riamh. [Tobar an Dualchais] |
parent text | Sgoil Eòlais na h-Alba |