Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Ach rud eile a-nist. Am biodh iad afaicinn sholas timcheall air. .. abair nam biodh plangannan ann far an robh corp gu bhith air righeadh, no a leithid sin?

Dòmhnall Ailean MacCuinn (DA): O bhitheadh. ’S gam faicinn agluasad, ’s acluinntinn rud timcheall orra.

DE: Bhitheadh. Acluninnteil ùirds gnothaichean mar sin.

DA: Chunna mise shàbh anns an t-seann taigh ann a sheo crochte air tharraing. Fear dhiubh crochte air tharraing. Bha iad mar gum bitheadh siosar a-nulls a-nall tarsainn air a chèile. Chunna mi fhìn sin.

DE: Agus . .. an robh na sàibh a bha sin. ..

DA: Timcheall air dèanamh eislig, no eileadram, no chanas sibhse ris.

DE: Goirid às a dhèidh sin?

DA: Goirid às a dhèidh sin. Chunna mi soithichean agus tumailearan aleum às an t-seann dreasair ann a sheothach; aleums shaoileadh tu gun rachadh iad tron bhalla, gun sìon ag èirigh dhaibh. ’S e an aon rud a bha sin a-rithist; bha e timcheall air rud.

DE: Nis, chitheadh ur n-athair seo cuideachd, ach chan fhaiceadh ur màthair idir e, am faiceadh?

DA: Chan fhaiceadh mo mhàthair idir e. Ma chitheadh, cha chuala mi guth riamh aice. Ach tha gu leòr ann a chì e nach eil ga leigeil am follais.

DE: Tha, tha fhios am air an seo.

DA: Achs aithnte dhomh fhìn aon bhoireannach a chitheadh rudan, ’s cha chuala mi i riamh ga mheinnseanadhOighrig Aonghais Dhòmhnaill. Chì, ’s chan eil sìon a thèid seachad air na sùilean aice.

Penny: Agus air mo shùilean-sa.

DA: O tha fios am [???].

DE: Chitheadh sibhse rud cuideachd?

DA: O chì Peanaidh e. Chì, chì, chì. Chì. Chì, achs e an rud a thann, canaidh daoine gur e na breugan a thann.

DE: O chan e breugan a thann idir.

DA: Ach, fhios agad, mar a tha an gnothach, nam bithinn-sa a-nis faisg air an taigh agads gum faicinn sìon timcheall air, bhiodh e gu math -chiatach a dhol ga innse dhàsans dhìses dhìse. Air deireadh thigeadh e air n-ais, gun ruigeadh e. Chuireadh e barrachd dragh ort an uair sin. Ach, can gum faiceadh esan rud, dhfhaodainn innse dhàsan no do Pheanaidh, fhios agad. Uill, chumadh i aice fhèin e. Ach ma chumas mise agam fhìn e, ’s canaidh mi: “O chunna mise. .. tha ceithir bliadhna on a chunna mise sin,” uill canaidh a h-uile duine, ‘imagination, tòrr bhreugan’. Ach, no. Sin agad am purpose a thathar acumail a h-uile sìon dhen rud ud air n-ais, air eagal gun ruig e cluasan an duines dragh a chur orra.

DE: ’S e. Os e. Tha fhios gura h-e. Tha fhios gura h-e. O tha daoine air iomadach rud innse dhòmhsa nach leigeadh an t-eagal leam gu bràth bruidhinn ri daoine mu dheidhinn.

DA: O tha.

titleManaidhean bàis
writersDonald Allan MacQueen
internal date1977.0
display date1977
publication date1977
level
notesTha am fiosraiche ag innse gum biodh daoine a’ faicinn solas agus a’ cluinntinn fuaimean anns na h-àiteachan far a dheidheadh cuirp a thiodhlacadh. Chunnaic am fiosraiche sàbhan a bha a’ gluasad, agus soithichean a’ leum às an dreasair. Chitheadh athair rudan mar sin cuideachd, ach cha robh a mhàthair gam faicinn. Cha chanadh cuid de dhaoine a bha gam faicinn dad sam bith ri daoine eile air sgàth ’s nach robh iad airson dragh a chuir air daoine eile nach robh gam faicinn. [Tobar an Dualchais]
parent textSgoil Eòlais na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page