Catrìona Pheatarsan (CP): Uill, ma tha mise a’ dol a dh’innse dhuibh mar a bha mi san sgoil, tha mi cinnteach gum faodainn seachd leabhraichean deug innse air cho mì-mhodhail ’s a bha mi. Cha robh aonan duine anns an sgoil cho mì-mhodhail rium. Agus bhithinn a’ dèanamh a h-uile rud nach robh còir agam. Cha do sheall mi riamh air leabhar. Bha a-nist mo pheathraichean math anns an sgoil, Anna Flòraidh ’s a h-uile duine. Cha robh mise. Chaidh am maighstir-sgoile a dhà no trì uairean a dh’innse dha m’ athair nach dèanainn car. Bha bean a’ mhinisteir aige airson iarraidh orm gum bithinn a’ dol a shnàmh dhan a’ Gheodha Dhuibh ’s droch mhuir ann. Bha mi glè mhath air snàmh, ged a tha mi fhèin ga ràdha, ach gu dearbha cha d’ fhuair mi cothrom math air a bhith a’ snàmh. Bha iad a’ falbh às mo dhèidh. ’S nuair a dh’fhàs mi meadhanach mòr, ’s a bhithinn a’ dol gu luadhadh ’s bainnsean, bhiodh m’ athair a’ falbh às mo dhèidh, eagal gun tigeadh duine dhachaigh còmhla rium. Bhiodh e a’ falbh às mo dhèidh, mi fhèin ’s Anna Flòraidh ’s a h-uile duine. Bhiodh e a’ feitheamh aig an doras. Cha robh duine ri faighinn. Cha robh sinn a’ faighinn liberty sam bith.
Iain Peatarsan (IP): Cha robh dìreach. Ach, chan ann a’ cur casg air ur cainnt, ach cò am maighstir-sgoile a bh’ ann nuair a bha sibhse a’ dol dhan sgoil?
CP: Uill, nuair a thòisich mise air dhol a sgoil ’s e fear Donald Johnston a bh’ ann.
IP: Donald Johnston. Agus an robh ban-sgoilear còmhla ris?
CP: O bha, ach cha robh iad air an ionnsachadh idir. Cha robh ann ach. ..
IP: Seadh, ach nuair a chaidh sibhse dhan an sgoil an toiseach, nuair a bha sibh sia no còig bliadhna a dh’aois, cò a’ chiad tè a bh’ agaibh?
CP: Cha robh duine. Cha leig mi a leas a ràdh gun robh. .. Bhiodh duine an-dràsta ’s a-rithist dhe na sgoilearan mòra a’ tighinn a-nuas.
IP: O seadh, pupil teacher.
CP: Cha robh iad even sin fhèin. Curstaidh Anna Ruairidh Bhig, bhiodh i a’ tighinn ann, agus Màiri Aonghais ’ic Choinnich. Daoine a bh’ ann an Class Six. Cha bhiodh iad ach [???]. Bhiodh am maighstir-sgoile fhèin a’ tighinn an-dràsta ’s a-rithist a-nuas. Agus bha còrr ’s ceud sgoilear ann an uair sin.
IP: Bha dìreach. Còrr ’s ceud.
CP: Agus bha am maighstir-sgoile ga dhèanamh na ònrach. Bhiodh e fhèin a’ toir dhuinn nan ceistean, ’s geography ’s a h-uile sìon mar sin. Ach fhad ’s a bhiodh e. .. nach biodh ann ach sgrìobhadh, bhiodh cuideigin dhe na sgoilearan mòra a’ tighinn a-nuas dhuinne.
IP: Dìreach. Agus ’s e an Seonstanach a bh’ ann fhad ’s a bha sibhse a’ dol innte?
CP: Chan e. Dh’fhalbh esan às nuair a bha mise. .. bliadhna mu dheireadh ’s e fear Hasting a bh’ ann. Fear Gallta.
IP: O Hastie. ’S e, dìreach. Agus cha robh Gàidhlig aig Hastie ann?
CP: Cha robh. Cha robh.
IP: Agus cha robh guth air Gàidhlig a thoir dhuibh anns an sgoil an uair sin?
CP: O cha robh gu dearbha. ’S ann a b’ fheumaich sinn air Beurla.
IP: ’S ann, dìreach. ’S ann.
CP: ’S ann. Cha leigeadh iad dhuinn facal Gàidhlig a bhruidhinn aig maighstir-sgoile.
IP: Cha leigeadh, dìreach.
CP: Donald Johnston. ’S e deagh mhaighstir-sgoile a bh’ ann. Agus bha e a’ ràdha: “Nuair a dh’fhalbhas sibhse a-mach às an seo cha mhòr a nì Gàidhlig dhuibh, agus feumaidh sibh beagan Beurla ionnsachadh.
IP: Agus an Seonstanach a bha seo, ’s ann a mhuinntir Uibhist a bha e?
CP: ’S ann.
IP: Cò an dearbh àite?
CP: Chan eil fhios a’m cò an dearbh àite. ’S ann timcheall taobh thall de Bhaile an Lòin no am badeigin sin.
IP: Seadh, seadh. Ach ’s e duine a bh’ ann aig am biodh Gàidhlig gu leòr?
CP: O ’s e.
IP: Agus an robh ùidh aigesan ann an seann bhàrdachd ’s ann an seann sgeulachdan?
CP: O cha chuala mi riamh.
IP: Seadh ma-thà, am biodh a’ dol am measg nan daoine feuch an cruinnicheadh e, no. . .?
CP: Cha bhitheadh.
IP: A bheil beachd agaibh air duine sam bith a bhith. ..
CP: Chan eil.
IP: . . .tha, anns a’ bhaile a bha, aig an robh ùidh. ..
CP: Cha robh. Bhiodh iad an uair sin a’ smaoineachadh: “O, rudan gun feum. Breugan gun feum.” Cha robh duine a’ creidsinn annta. Cha robh iad deònach sgeulachd no sìon innse.
IP: Stadaibh a-nise. Ceit Thormoid, bha i ainmeil airson seann sgeulachdan ’s rudan a bhith aice. A bheil beachd agaibh air duine. .. feadhainn sam bith eile a bha ainmeil airson. . .?
CP: Chan eil. Chan eil sìon a dh’fhios a’m. Cha robh fhios a’m even gun robh Ceit Thormoid fhèin math. Cha chuala mi. Cha robh a leithid a rud ann. Cha robh siud ach obair a’ snìomh ’s càrdadh.
IP: Ach cha robh sibh riamh a’ cèilidh air Ceit Thormoid airson. ..
CP: Cha robh.
IP: Ach tha e coltach gun robh an t-uabhas de sheann rudan aicese?
CP: Tha mi a’ creidsinn. O cha robh mise uabhasach sean nuair a bhàsaich Ceit Thormoid.
IP: O uill chan eil cho uabhasach fada sin. ..
CP: Nach eil?
IP: Chan eil. Àm a’ chogaidh ’s ann a bhàsaich Ceit Thormoid.
CP: An ann?
IP: Toiseach a’ chogaidh.
CP: O seadh. An cogadh mu dheireadh?
IP: ’S e, an cogadh mu dheireadh.
CP: An e? O chan eil cuimhn’ agamsa oirre. Uill, bha i cho fada bhuainne.
IP: Bha, dìreach.
title | Làithean sgoile |
writers | Catriona Paterson |
internal date | 1975.0 |
display date | 1975 |
publication date | 1975 |
level | |
notes | Tha am fiosrachadh, Catrìona Pheatarsan, a’ bruidhinn mu na làithean sgoile aice. Bha ise glè mì-mhodhail nuair a bha i na h-sgoilear. Cha robh Gàidhlig ceadaichte aig an sgoil, air sgàth ’s gu robh na tidsearan den bheachd gu robh e glè chudromach gu robh na sgoilearan ag ionnsachadh Beurla, ged a bha Gàidhlig aig a tidsear. [Tobar an Dualchais] |
parent text | Sgoil Eòlais na h-Alba |