Dòmhnall Moireasdan (DM): ’S e an rìgh a bhann anns na seann tiomannan air ais. Cha ghabhadh e marbhadh ach ann an aon àite. Bha sin, ball-dòbhrain a bha fon chìch dheis aige. Mar a their iad anns aBheurla, birthmark. ’S an oidhche a phòs e bha fear ga fhaireadh, ris an abradh iad Arca Dubh. ’S dar a fhuair e a chothrom, feadh na h-oidhche, thàinig e agus mharbh e e.

S e Cumhal a bhair an rìgh. ’S nan èireadh a-mach gum biodh mac aig abhean aige, bha e fhèin ri mharbhadh. ’S e a thigeadh air achrùn an àite athar. dhèirich a-mach gun robh mac agus nighean ann. Am boireannach a bha afrithealadh air abhean, thog i leatha am balach ann am basgaid agus dhfhalbh i leis gu taobh aibhne ann an sin, agus rinn i bothag dhi fhèin suas ann an sin, ’s bha i ann an sin leis. ’S bha toll mòr uisge air beulaibh na bothaig, ’s a h-uile madainn dar a dhèireadh i, bha i ga fhailceadh ann an sin. Bha esan asnàmh mar gum biodh ann ròn. Bha e afàs na fhomhair [?] a h-uile latha.

Bha i seo latha adol a-staigh far an robh a mhàthair, ’s dhfhàg i an a-staigh leis agus thug i cnàimh dhàsan a bhith ga chumail socrach gus an tilleadh i. Ach bhuail an iomagain i gum faodadh an tòiseachainn air achnàimh a thoirt bhuaithe agus gun geàrradh e e, agus thill i. ’S dar a thill i bha an aige air a thoirt na cheithir pìosan air ùrlar na bothaig. “Uill, ma-,” ars ise, “falbh tusa leamsa a-màireach, agus chì do mhàthair thu.”

Dhfhalbh iad, ’s bha i adol seachad air loch ann an sin, ’s bha na sgoilearan a-mach asnàmh. ’S chan fhacaig esan na biomchaidhe na dol a-mach às an dèidh, ’s bha e abreith air chùl cinn orra agus gan càradh fodha agus bha e acur an eanchainn asta ri bottom an loch. Agus ghlaodhaich i ris tighinn air tìr cho luaths a bhaige, a chionn gun tigeadh iad ri a bheatha. Mhothaich na daoine e.

Thàinig e air tìrs a-mach a ghabh e fhèins i fhèin. ’S bha ise afàs sgìth, agus rug e air a dhà lurgainn oirre agus thilg e air a ghualainn i, agus tharraing e. Agus bha esan adol tro choillidh agus thug e sùil agus cha robh aige dhith ach an lorg, agus thilg e a-mach air loch ann an sin iad, aguss e Loch nan Lorgan a thair an sin gus an latha an-diugh. Tha sin an àiteigin mu thuath. Dhfhaodte gum bi fhios agaibhse bheil e.

Co-dhiù, bha e agabhail air aghaidh an sin agus an t-acras atighinn air, agus thàinig e air fear ann an sin agus e ag iasgach bhreac air abhainn. Agus dhiarr e breac air.

Uill chan fhaigh thu am fear seo,” ars esan. “Tha e mòr. Ach gheibh thu dhfhaodte an ath fhear.”

S anns abhruidhinn a bhaca, fhuair e fear air an dubhan agus thug e dha e, do Fionn.

tha thu adol a dhèanamh ris a-nis?” ars esan.

Tha mi adol a dhfhadadh teine,” ars esan.

Uill,” ars esan, “cuir thu suas teine,” ars esan, “ach ma leumas spriot,” ars esan, “den teine air abhreac,” ars esan, “thig mi ri do bheatha.”

S bha na bioran aspriotadh, tha fhios agad, agus leum spriot air abhreac agus dhèirich bolg dubh air. Stop e a chorrag ann agus loisg i agus chuir e na bheul i, agus fhuair e fiosachd.

Is tusa,” ars esan, “Arca Dubh.”

Is mi,” ars esan.

Is tusa mharbh Cumhal.”

Is mi.”

seòl marbhaidh a rinn thu air?” ars esan.

O sgiamhail e,” ars esan, “mar gum biodh muc agus raoiceadh e mar gum biodh torc.”

Seadh, dìreach,” ars esan. “Thèid a cheart leithid a dhèanadh orts cha bhi an ùine fada.”

Chuir e a chorrag na bheul a-rithists fhuair e an ath fhiosachd, gun robh an claidheamh a bhaig athair air a thiodhlacadh seachd troighean on ùrlar, agus ghabh e a-staigh ann an sin, agus chladhaich e agus fhuair e an claidheamh. Agus mharbhadh an claidheamh sin naoi naoidheanan a-nunn agus naoi naoidheanan a-nall, agus far am bu tiugh iad bu taine iad, ’s far am bu taine iad bu luath sgaoilteach iad, ’s far am bu luath sgaoilteach iad bu ghoirt-mhairbhtich iad.

Agus mharbh e Arca Dubh. Agus bha mòr a-staigh air an robh Bran, ’s dar a chunnaic e an claidheamh chrath e e fhèin agus chuir e [???] luath às gach cliathaich dheth fhèin, agus tharraing e a-mach le Fionn. Dhfhalbh e fhèins Fionn à sin, ’s thàinig iad ann an sin ann an còmhdhail mhòr a bhann an sinmòran de dhaoine ann an sinagus iad aig suipeir mhòr. Chaidh esan a-staigh, ’s ghabh de na boireannaich a bhann an sin nòisean dheth. ’S bha beothach sònraichte atighinn aig amannan san oidhche, ’s dhfheumadh i duine fhaotainn airson ithe, ’s bha iad acur chrann air a thigeadh falbh. ’S ann airsan a thàinig an crann an oidhche seo, ach an a ghabh an nòisean dheth, bfheàrr leatha a bràthair a leigeil air falbh na esan.

Co-dhiù,” thuirt e, “falbhaidh mi fhèin ma gheallas sibh gun cùm sibh Bran air an t-sèine.”

Dhfhalbh es thug e leis an claidheamh, ’s bha e adol ann an aghaidh abheothaich uabhasaich a bhann an seo, ’s dar a bha e dìreach astepadh a-staigh na beul bhrist Bran an t-sèines bha e a-staigh leis às a dhèidh. Reub e troimhpe gus an tàinig e a-mach air acheann eile dheths thàinig Bran a-machs cha robh ròin fionnaich air. Agus thill e agus thuirt e riutha carson a leig iad ma rèir an , ’s thuirt iad nach burrainn dhaibh a ghleidheil.

Uill,” ars esan, “feumaidh sibh an dath a bhair a chur air ais.”

,” ars esan, “an dath a bhair?”

Casan buidhe a bhair Bran le thaobh dhubh agus tàrr geal, druim uaine na seilge, cluasan corrach crò-dhearg.”

Sin agaibh an dath a bhair Bran, co-dhiù a bha an naidheachd fìor gus nach robh, sin agaibh mar a tha i agamsa.

Calum MacIllEathain (CM): . .. seann duine ann am Muile, an ann?

DM: Chan ann, ach aig fear a mhuinntir. .. fear Dòmhnall Mac an Tòisich a mhuinntir ... gu ainm a bhair an àite anns an robh e. Bha e ann am Bun Easains bha e san t-Sàilean. Uibhisteach, agus bha e ann an hotel an sin mu dheireadh, ann an Uibhist, agus chuala mi gun do shiubhail an duine bochd. Loch Baghasdail.

CM: Dòmhnall Mac an Tòisich. A mhuinntir Bhun Easain a bha e?

DM: Chan ann, ach a mhuinntir Uibhist.

CM: Mhuinntir Uibhist.

DM: Loch Baghasdail. Nach eil àite ann ris an abair iad Lochboisdale?

titleNa tachartasan annasach aig Fionn na òige
writersDonald Morrison
internal date1953.0
display date1953
publication date1953
level
notesSgeulachd mu Arca Dubh, a mharbh an rìgh, Cumhal, agus nuair a choinnich e ri mac Chumhal, Fionn. Nuair a tha Fionn air mharbhadh Arca Dubh, tha cù air an robh Bran a’ nochdadh. Sgeulachd traidiseanta ann am beul-aithris na Gàidhlig. Tha an neach-labhairt a’ fuaimneachadh an deiridh-fhacail –igh agus –idh mar –ich (mar eisimpleir, rìgh, aghaidh, a-staigh). [Tobar an Dualchais]
parent textSgoil Eòlais na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page