Calum MacIllEathain: Chan eil cuimhne sam bith agaibh a-nist, bha iad ... gum biodh iad a’ falbh dhan chladh, a bheil fhios a’d, a’ dol mu chuairt a’ chladh air latha àraid?
Peigi Dhòmhnallach: Uill, chan eil cuimhn’ a’m, fhios agad ... an àm Choinnich Odhair. Bha mi a’ faighneachd dha m’ athair ciamar a bha Coinneach Odhar, agus thuirt e rium gur ann a mhuinntir Eilean Dubh na Tòisich a bha e.
Agus bhiodh iad ag aire cladh an uair sin, agus an tè sa, bha i ag aire a’ chladh, agus chunnaic i na daoine, na h-uaghannan a’ fosgladh, agus a’ falbh. Agus an sin chunnaic i iad a’ tighinn agus bha a h-uile gin dhiubh a’ dol dha leabaidh fhèin.
Ach bha aon uaigh ann, agus bha i gun dùnadh, agus dh’fhalbh i sìos agus chuir i a’ chuigeal tarsainn air roimhpe. Agus thàinig an sin i seo, agus thuirt i: “Tog siud às an siud,” ars ise, “agus leig mise nam leabaidh fhìn.”
“Cha tog,” ars an tè eile, “gu ’n innis thu gu dè a chùm thusa air deireadh air càch.”
“An-tà,” ars ise, “on a bha thu cho tapaidh, nì mi sin. ’S e nighean Rìgh Lochlainn a bh’ annamsa,” ars ise, “ ’s chaidh mo bhàthadh,” ars ise, “ ’s thàinig mo chorp shìos an sin,” ars ise. “ ’S ann an seo a chaidh mo thiodhlacadh,” ars i fhèin, “agus bha an t-astar fada agamsa nach robh aig càch. Ach on a tha thu cho tapaidh,” ars ise, “thig thusa a-nuas a-màireach,” ars ise, “agus gheibh thu clach air a’ chladach shìos an sin,” ars ise, “ ’s bheir thu leat i. Agus bidh balach agad fhathast air a bheil Coinneach,” ars ise, “agus nuair a bhios e ceithir bliadhn’ deug bheir thu dha a’ chlach.”
Agus ’s e sin a rinn i. Agus thàinig i an làrna-mhàireach ’s fhuair i a’ chlach. Agus nuair a bha e ceithir bliadhn’ deug bha e a’ dol a bhuachailleachd, agus dh’fhalbh i ’s thug i a’ chlach dha. Agus dh’fhalbh e, agus chuir a’ chailleach a-mach a dhinnear thuige, agus sheall e anns a’ chloich agus chunnaic e gun robh puinnsean anns an dinneir aige, agus dh’fhalbh e ’s thug e dhan chù i, agus bhàsaich an cù. Nuair a chaidh e dhachaigh: “Càit,” ars ise, “a bheil an cù?”
“Dh’ith an cù mo dhinnear-sa,” ars esan, “ ’s bhàsaich e.”
Agus sin agad mar a thòisich Coinneach Odhar. Agus an sin, bha fear a’ tighinn a choimhead air an tè sa. Bha an duine aice fhèin air falbh ’s bha am fear sa a’ tighinn a choimhead oirre. ’S bha fhios aig Coinneach air an seo. Agus bha e a’ tighinn, agus dh’fhalbh i sin agus chuir i ann an cistidh e. Agus co-dhiù, nuair a fhuair e an cothrom dh’fhalbh e.
Agus dh’fhalbh ise sin agus chruinnich i daoine agus dh’iarr i orra Coinneach a losgadh. Agus dh’fhalbh iad leis, ga losgadh. Agus thuirt e ... fhuair e a’ chlach a bh’ aige, thiodhlaic e ann an lorg mairt i, agus tha loch mòr an-diugh ann. Thiodhlaic e ann an lorg mairt i agus thuirt e:
“Nist,” ars esan, “nuair a loisgeas sibh mise, an luath agam,” ars esan, “chì sibh,” ars esan, “trì fithich a’ tighinn,” ars e fhèin, “agus,” ars esan, “thig an sin,” ars esan, “trì chalmain,” ars esan. “Agus ma bhuannaicheas na calmain,” ars esan, “an luath agamsa,” ars esan, “ro na fithich, bidh m’ anam sàbhailte. Ach mas e na fithich,” ars esan, “a bhuannaicheas an toiseach,” ars esan, “bidh mise a dhìth,” ars esan. “Ach mas e na calmain,” ars esan, “a bhuannaicheas,” ars esan, “agus càthaidh sibh sin,” ars esan, “an luath agam leis a’ ghaoith.”
Agus thàinig an duine-uasal sa dhachaigh ’s dh’fhaighneachd e cà’ robh Coinneach.
“Bha Coinneach, dh’fhalbh iad,” ars ise, “a losgadh Coinneach.”
’S dh’fhalbh e le pònaidh feuch am beireadh e air Coinneach gun losgadh ’s bha Coinneach air a losgadh nuair a ràinig e.
Agus chunnaic iad an sin na fithich a’ tighinn, agus gnòg gnòg gnòg aca, agus bha iad gus a bhith aca nuair a thàinig na trì chalmain ’s chuir iad car mun cuairt orra ’s bhuail iad anns an luathaidh. Agus sin nuair a thog iad an luatha ’s a chàth iad leis a’ ghaoith i.
Sin agad mar a chuala mise aig m’ athair. Chan eil fhios a’m co-dhiù. ..
title | Coinneach Odhar agus a’ chlach |
writers | Peggy MacDonald |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
notes | Sgeulachd mu Coinneach Odhair à Eilean Dubh na Tòisich. A rèir na sgeulachd, bha boireannach a’ feitheamh ri taobh uaigh: chunnaic i na cairbhean a’ falbh, agus thàinig iad uile air ais ach tè. Nuair a nochd an cairbh mu dheireadh, dh’fhaignich am boireannach carson an robh i fadalach: thuirt an cairbh gur e nighean rìgh Lochlainn a bh’ innte a chaidh a bhàthadh. Dh’innis a’ bhana-phrionnsa rithe gum faigheadh i clach air an tràigh, agus gum faigheadh i mac air am biodh Calum, agus gum bu chòir dhi a’ chlach a thoirt dha nuair a bha e ceithir bliadhna deug a dh’aois. Nuair a chaochail Coinneach, chuir e a’ chlach fon talamh, agus thuirt e gun tigeadh trì calmain agus trì fithich, agus nam biodh na calmain ann mus do ràinig na fithich, bhiodh anam air a shàbhaladh. [Tobar an Dualchais] |
parent text | Sgoil Eòlais na h-Alba |