Calum MacIllEathain: Seo ma-thà. ..
Ruairidh MacFhionghain: Bha tè eile ann, agus ’s ann air Taobh a Tuath Loch Baghasdail a bha i, agus tha sin seachd mìle às an seo. Agus thàinig i a choimhead air a càirdean ann a sheo dhan ... do bhaile ann a sheo, agus nuair a bha i deiseil agus a bha i airson falbh dhachaigh, rinn i air a shon, agus dh’fhalbh i cuideachd, agus chaidh duine dhe na càirdean pìos math dhen rathad leatha, ach dh’fhàg iad an sin ‘oidhche mhath’ aice ann a shin fhèin.
Ach co-dhiù, cha robh i sin fad air tilleadh, nuair a chunnaic i duine mòr ri taobh. Bha ise a’ cumail oirre gu tuath, ’s bha an duine mòr sa a’ cumail air cho math rithe fhèin. ’S cha robh e a’ dol air thoiseach no air dheireadh oirre, ach steap mar a dhèanadh i fhèin dhèanadh esan.
Chùm i roimhpe, mìle dhen rathad, ’s dà mhìle dhen rathad, agus suas a trì dhen rathad gun taigh idir ... air an rathad idir. Shealladh i air a fiaradh an-dràsta ’s a-rithist ’s air a gualainn feuch am biodh e ann, ’s bha e ann a shiud ri gualainn. Cha robh ise a’ cantail guth, ’s cha robh esan a’ cantail guth.
Ach bha pìos, nuair a ràinig iad sìos teann air Dalabrog, bha rathad a’ dol a-mach ann a shin gu Loch Baghasdail, a-mach taobh an t-Sròim, an Sròm Dearg a chanas iad ris, agus bha e na rathad aithghearra. Bha e a’ cur dà mhìle a-staigh rithese dhen astar na bu ghiorra na ged a ghabhadh e an rathad mun cuairt air fad. Agus rinn i airson gearradh a-mach mar seo, ged a bha an oidhche dorcha dubh taobh an t-Sròim. Agus bhruidhinn esan an uair sin agus thuirt e rithe: “Hò,” ars esan, “ ’s fheàrr,” ars esan, “rathad goirid ... rathad fada glan na rathad goirid salach.”
Cha do rinn i ach tionndadh an uair sin air ais, agus an rathad mòr a chumail mun cuairt, agus lean esan i. Bha e còmhla rithe fad na h-ùine gus an do ràinig i dìreach an taigh, agus nuair a ràinig i an taigh thuirt e rithe an uair sin gun robh feum aice gun robh esan ga geàrd air an rathad a-nochd.
Agus mar sin, fhuair i dhachaigh, ach tha mi cinnteach gu leòr gun robh oidhche no dha mun deach i a-mach air an doras tuilleadh leis an eagal.
Agus chan urrainn mise a chantail ach sin an-dràsta.
title | Nochd duine mòr agus gheàrd e boireannach a bha a’ coiseachd dhachaigh |
writers | Roderick MacKinnon |
internal date | 1959.0 |
display date | 1959 |
publication date | 1959 |
level | |
notes | Sgeulachd mu boireannach a bha a’ coiseachd dhachaigh ann an Uibhist a Deas. Nochd duine mòr ri a taobh, agus choisich e còmhla rithe, gun dad a ràdh. Bha i airson rathad aithgheàrr a chleachdadh, ged a bha e dorcha, ach thuirt an duine rithe nach bu chòir dhi sin a dhèanamh. Ghabh i an rathad fada còmhla ris gus an do ràinig iad an taigh aice, far an do dh’fhalbh e i. Thuirt e rithe gu robh e fortanach gu robh e ann a cuideachadh. [Tobar an Dualchais] |
parent text | Sgoil Eòlais na h-Alba |