An t-Urr. Tormod Dòmhnallach (TD): Bho chian nan cianachan bha fear ris an canadh iad an Greusaiche Buidhe a’ fuireach ann an sgìreachd Ghleann Eilge. Agus a-null faisg air an Nollaig, a’ bhliadhna a bh’ ann an seo, smaoinich e gum falbhadh e a dh’ionnsaigh àite a bha taobh eile na beinne bho Ghleann Eilge airson uisge-beatha na Nollaig.
Rinn e seo, ’s thug e leis cliabh airson am pige uisge-beatha a ghiùlan dhachaigh ann, agus chùm e roimhe, agus ràinig e a cheann-uidhe. Cheannaich e am pige ’s chaidh am pige a chur anns a’ chliabh air a mhuin, ’s chùm e air a shlighe. ’S e fhèin a bha aigeannach, sunndach.
Agus co-dhiù no co-dheth, nuair a bha e a’ dìreadh uchd àrd ann an sin ris an canadh iad, ’s ris an can iad fhathast, Cnoc an Iolaire, nach ann a chuala e am fuaim bu bhinne ’s bu cheòlmhoire a chuala e riamh, a’ dol seachad air sìthean a th’ ann am mullach a’ chnuic. Agus ged a bha e na chabhaig ’s ged a bha an t-eallach trom, sheas e. Bha leithid de bhuaidh aig a’ cheòl air ’s gun do sheas e. Agus mar a b’ fhaide a bha e na sheasamh, ’s ann bu mhotha a bha e a’ tighinn fo bhuaidh a’ chiùil.
Choisich e co-dhiù ceum no dhà a-null a dh’ionnsaigh an t-sìthein, agus chunnaic e gun robh an sìthean fosgailte, thoradh fhaicibh, tha amannan ann anns am bi sìthean fosgailte, agus ’s e aon dhe na h-amannan sin Oidhche Shamhna. Ach tha amannan eile ann a bharrachd air Oidhche Shamhna, agus bha e air a ràitinn leis na seanchaidhean, ma tha sibh air ur glacadh leis na sìthichean ’s air ur giùlan a-staigh gu ruige sìth-brugh, gur e an rud as fheàrr as urrainn dhuibh a dhèanamh tarrag iarainn a bhith agaibh air ur siubhal, agus nuair a tha sibh a’ dol a-staigh ge be air bith gu dè cho mòr agus a tha an tàladh, sibh a bhith cinnteach agus an tarrag iarainn a chàradh aig bonn an dorais, agus cho fad ’s a bhios an tarrag iarainn aig bonn an dorais, bidh an doras fosgailte ged a bhiodh bliadhnaichean ann mun iarradh sibh air falbh. Agus mura dèan sibh sin, nuair a tha an latha no an oidhche sin seachad, an ath mhadainn tha an doras a’ dùnadh ’s tha sibh air ur glacadh, ’s faodaidh gum bi sibh ann an sin bliadhnaichean.
Ach co-dhiù no co-dheth, bha an ceòl cho taitneach agus gun tuirt an Greusaiche Buidhe ris fhèin: “Och thèid mi a-null agus èistidh mi caran greiseag.”
’S chaidh e a-null, ’s bha e a’ cluinntinn a’ chiùil ’s bha leithid a bhuaidh tàlaidh aig a’ cheòl ’s gun deach e a-staigh, agus ’s ann an sin a bha an sealladh. Chan fhaca e leithid a shealladh riamh, no lùchairt riamh cho brèagha rithe. Chanadh e nach ann dhan an t-saoghal seo idir a bhuineadh e. Bha talla mòr ann loma-làn de shìthichean agus iad dhen an dreach a b’ àille agus air an còmhdach anns na trusganan a b’ àille.
Agus bha buidheann ann de luchd-ciùil, agus bha iad a’ cluich innealan-ciùil a chunnaic agus a chuala e, agus an roinn bu mhotha dhiubh chan fhaca agus cha chuala e riamh iad. Agus chunnaic e an uair sin ruidhle-dannsa, ’s an t-uabhas fhèin dhe na sìthichean anns an ruidhle. ’S bha a leithid de bhuaidh aig a’ cheòl agus aig an t-sealladh air a’ Ghreusaiche Bhuidhe ’s gun tug e duibh-leum a-staigh ann am measg nan sìthichean anns an ruidhle, agus am pige uisge-beatha air a dhruim.
’S e a chòrd ris a’ Greusaiche Bhuidhe. Bha e a’ dannsa ann an sin ’s cha do dh’fhairich e gun robh eallach no eile air a dhruim. Bha a h-uile càil mar ite ann an aotromas dha, ’s bha e a’ dannsa ’s bha e a’ dannsa.
Ach co-dhiù no co-dheth, bha e ann an sin ùine mhòr ach cha robh fios aigesan air. An oidhche sin, bha bean a’ Ghreusaiche Bhuidhe ann an Gleann Eilge ga fheitheamh, agus nuair a thàinig an uair a bha i a’ smaoineachadh gum bu chòir dha a bhith air ais co-dhiù, leis an uisge-bheatha, sheall i a-mach. Sealladh dheth cha robh ri fhaicinn.
Co-dhiù, cha b’ urrainn dhi a dhol dhan leabaidh agus fear an taighe a-muigh, ’s shuidh i ann an sin a’ caithris. ’S shuidh i ’s thàinig a’ mhadainn ’s cha tàinig fear an taighe dhachaigh. Thàinig an ath latha ’s cha tàinig an Greusaiche Buidhe dhachaigh. ’S thàinig an treas latha ’s cha tàinig e dhachaigh.
Ach co-dhiù no co-dheth, chaidh fios a chur tron an dùthaich gun deach an Greusaiche Buidhe an dàrna cuid air chall air neo a dhìth, ’s chaidh feadhainn a-mach ga mharbh-iarraidh. ’S cha do dh’fhàg iad cùl no cealla. Cha do dh’fhàg iad dìg ’s cha do dh’fhàg iad àite, boglach no eile, nach do rannsaich iad gu mean, no loch no allt nach do rannsaich iad gu mean. Ach cha d’ fhuaradh sealladh air a’ Ghreusaiche Bhuidhe, a bheò no mharbh.
Co-dhiù no co-dheth, bha a bhean ann an sin ’s i fo bhròn, agus bha i greis ga chaoidh. Ach mu dheireadh thall, nach ann a thàinig an t-àm agus an oidhche mun cuairt anns an do dh’fhalbh co-ainm na h-oidhche anns an do dh’fhalbh an Greusaiche Buidhe a dh’iarraidh an uisge-bheatha. Agus thuirt a’ chailleach rithe fhèin:
“O ma-thà, gu dearbh fhèin e, chan eil e gu sìon a dh’fheum dhòmhsa a bhith a’ caoidh na dh’fhalbh agus a rèir coltais nach tig air ais. ’S fheàrr dhomh fhèin falbh agus deur beag fhaotainn a chuireas seachad an Nollaig dhomh fhìn agus do dhuine còir a dh’fhaodas tighinn a rathad an taighe. Agus faodaidh e bhith gun dèilig a’ bhliadhna ùr a th’ air thoiseach orm nas fheàrr rium na dhèilig a’ bhliadhna a dh’fhalbh.”
’S e seo a rinn i. Fhuair i, am boireannach còir, tapaidh – agus ’s e sin a bh’ innte – fhuair i cliabh, chuir i air a druim e, ’s dh’fhalbh i ’s dhìrich i suas a’ bhruthach mhòr, seachad air Cnoc an Iolaire. Theàrnaich i an taobh eile dhen a’ bhruthaich far an robh an t-àite anns an robh iad a’ dèanamh an uisge-bheatha. Cheannaich i ann an sin pige mòr de dh’uisge-beatha, ’s chuir iad am pige anns a’ chliabh air a muin.
Agus ’s i fhèin a bha aigeannach. Dhìrich i a’ bhruthach, agus ràinig i mullach na bruthaich. Agus nuair a bha i a’ dol seachad air sìthean, dè chuala i ach an ceòl a b’ aighearach a chuala i riamh na beatha. Cha chuala i riamh ceòl dhe leithid, agus sheas i ga èisteachd. Agus bha a leithid de thàladh anns a’ cheòl agus gun do choisich i a-null a dh’ionnsaigh an t-sìthein; bha fios aice gur ann bhon an t-sìthean a bha e a’ tighinn.
’S nuair a ràinig i an sìthean chunnaic i gun robh doras fosgailte ann an cliathach an t-sìthein, agus tharraing an ceòl a-staigh i, ’s chaidh i a-staigh air an doras, ’s chùm i bìdeag bheag air adhart, agus dè rud a bh’ ann an sin ach an talla bu bhrèagha air an do dhearc a sùilean, agus sìthichean ann an sin a’ cluich na h-innealan-ciùil bu bhrèagha a chuala duine riamh no a chunnaic duine. Innealan-ciùil a b’ aithne dhi agus nach fhaca i riamh na beatha.
Sheall i air a’ còmhlan dhe na sìthichean a bha a’ dannsa air an ùrlar ris a’ cheòl a bh’ ann an seo, agus cò chunnaic i ach a companach. An duine aice fhèin. An Greusaiche Buidhe, ’s e cho aotrom ri duine aca a’ dannsa anns an ruidhle ’s gun for aige gun robh am pige mòr trom dighe air a mhuin. Ach nuair a chunnaic i an duine seo, ged a bha na sìthichean brèagha, thàinig i gun a’ cho-dhùnadh gur h-e a bu bhrèagha gu mòr ach an duine aice fhèin. ’S chaidh i a-null, agus chuir i a làmh na achlais agus sheas an Greusaiche Buidhe, agus ’s gann a chreideadh e a shùilean. Cò bh’ aige ach a bhean.
“O,” ars ise, “thig a-mach às an ruidhle.”
“Ud, a bhean,” ars esan, “nach leig thu leam. Nach leig thu leam mionaid eile. Chan eil mi an seo ach deich mionaidean.”
“Deich mionaidean?”
Bha bliadhna mhòr ann bhon a chailleadh an Greusaiche Buidhe, ach bha an tìde dha cho goirid leis a’ cheòl mhì-shaoghalta, ’s leis a’ chomann thaitneach, ’s leis na seallaidhean brèagha, ’s nach do dh’fhairich e e ach mar dheich mionaidean.
Ach chaidh aig a’ chaillich air a shlaodadh a-mach, ’s bha an tarrag fhathast aig bonn an dorais. Thug i leatha an tarrag a chuir i fo bhonn an dorais, ’s bha an tarrag aig bonn an dorais ’s fhuair iad a-mach gu tèarainte le chèile, ’s chaidh iad dhachaigh agus an dithis aca a’ giùlan pige mòr de dh’uisge-beatha, an t-uisge-beatha a b’ fheàrr, air an druim, agus abraibh sibhse gun robh sunnd air muinntir a’ ghlinne an Nollaig a bh’ ann an sin leis an dà phige de dh’uisge-beatha. Pige an duine aig gach aon dhiubh, an Greusaiche Buidhe agus a bhean.
Sin mar a chuala mise an sgeulachd agus mas breug bhuam i is breug thugam i.
Iain Peatarsan (IP): Agus a-nise, am b’ urrainn dhuibh innse dhomh cò aig a chuala sibh an toiseach i?
TD: O gu dearbha, ’s urrainn. Agus chuala mise an sgeulachd bho dhuine còir, Calum Beag, a bha a’ fuireach air a’ ghlìb againn, dìreach beagan shlatan bhon an taigh againn. Calum MacRath. Agus ’s iomadh naidheachd thaitneach a bh’ aige agus seann bheul-aithris, agus bhiodh e an-còmhnaidh a’ tighinn gu ruige am mansa againn, agus bha e uaireigineach na bheatha a bha e na sgalag anns a’ mhansa, ’s bhiodh e an-còmhnaidh a’ tadhal, ’s bhithinn-sa a’ tadhal air, agus chuala mi iomadach sgeulachd thaitneach aig Calum còir nach maireann, agus ’s ann bhuaithe a fhuair mi an naidheachd.
IP: B’ e sin Calum MacRath à ...
TD: Calum MacRath. Calum Beag a theireamaid ris.
IP: Seadh. À ... cò an dearbh àite?
TD: À Gleann Eilg.
IP: O, Gleann Eilg.
TD: Gleann Eilge, faisg air a’ mhansa far an robh mi a’ fuireach.
IP: Agus bhiodh an duine sin treis aoise nuair a chuala sibh ...
TD: O bha. Bha e greis aoise. Bha.
IP: Agus cha robh sibhse ach òg nuair a chuala ...
TD: Ach, bha e tapaidh. ’S ann, a bheil fhios agaibh, nuair a dh’fhàg mise Beàrnaraigh ’s ann gu ruige Gleann Eilg a chaidh mi, agus ’s e nàbaidh ...
IP: Agus ’s ann an dèidh a’ chogaidh mu dheireadh a chuala ...
TD: O ’s ann.
IP: Chan ann nuair a bha sibh nur balach òg a chuala sibh ... ?
TD: O chan ann. Bhiodh e ... dadaibh sibhse. Dòcha nach robh an cogadh uile seachad, an cogadh mu dheireadh, ach bha e glè fhaisg air. Agus ’s e Calum còir an nàbaidh a b’ fhaisge air a’ mhansa ’s bhiodh e an-còmhnaidh a’ tadhal againn.
title | An Greusaiche Buidhe ann an sìthean |
writers | Norman MacDonald |
internal date | 1973.0 |
display date | 1973 |
publication date | 1973 |
level | |
notes | Bha duine à Gleann Eilg a’ lorg uisge-beatha. Chaidh e ann an sìthean agus cha tàinig e dhachaigh a-riamh. An ath-bhliadhna, bha a bhean a’ lorg uisge-beatha nuair a chunnaic i a duine a’ dannsadh leis na sìthichean. Thug i dhachaigh e còmhla rithe. [Tobar an Dualchais] |
parent text | Sgoil Eòlais na h-Alba |