Chan eil an seo ach stòiridh mhodhail. Tha an naidheachd a tha seo air innse ma-thà . . . mac tuathanaich a bh’ ann agus bha e feumach air bean. Bha fios aige fhèin cà’ an rachadh e, agus dh’fhalbh e chun an taighe a bha seo, ’s cha robh ann ach aon nighean agus bodach ’s cailleach. Ràinig e an taigh, agus chaidh e a-staigh, agus dh’innis e ceann a sheud ’s a shiubhail dhan bhodach ’s dhan chaillich.
Dh’èirich a’ chailleach a-mach às an taigh agus cha tuirt i guth. An ceann treise, dh’èirich am bodach a-mach às an taigh agus cha tuirt e guth. Dh’èirich an seo an nighean a-mach feuch am faiceadh i cà’ an deachaidh iad, agus cha do thill i fhèin. Dh’fhàg iad mac an tuathanaich ann an sin, a-staigh leis fhèin.
Thuirt esan ris fhèin gum feumadh e sealltainn a-mach feuch gu dè dh’èirich dhan fheadhainn a dh’fhalbh. Chaidh e a-mach. Fhuair e an triùir aca nan suidhe ann an cruaich-mhònadh, agus iad a’ caoineadh. Dh’fhaighneachd e dhan bhodach gu dè bha ceàrr.
“O,” ars am bodach, “tha thu fhèin a’ dol a thoirt bhuainn na h-ighinn,” ars esan, “agus tha sinn glè dhuilich.”
Agus bha an aon fhacal aig a’ chaillich, gun robh e fhèin a’ toir air falbh na h-ighinn, agus gum biodh iadsan glè dhuilich. Cha robh an nighean i fhèin ro bhuidheach dhen ghnothach, agus dh’fhàg e ann a shin iad, agus thuirt e ris fhèin gum falbhadh e, agus nach stadadh e gu sìorraidh, chun am faigheadh e triùir a bha cho glic ris an triùir a bha cho gòrach.
Chùm e roimhe. Bha e a’ falbh, ’s bha e gu math acrach cuideachd. Chunnaic e an seo triùir a’ treabhadh. Ghabh e far an robh iad, agus thuirt e riutha gun robh latha math ann. Cha do fhreagair duine e. Bha e a’ fuireach mun cuairt orra. Ach aig sia uairean feasgar thuirt fear dhiubh ris: “ ’S e srainnsear a th’ annad,” ars esan, “agus nam bitheadh,” ars esan, “na bheil agamsa a-staigh,” ars esan, “deiseil,” ars esan, “dh’fhiathaichinn air srainnsear,” ars esan.
An ath fhear às a dhèidh, thuirt e ris: “Nam biodh agam fhìn,” ars esan, “na bheil a-staigh ri dhèanamh,” ars esan, “deiseil,” ars esan, “dh’fhiathaichinn fhìn air srainnsear.”
Agus an treas fear, thuirt e ris: “O nach eil sìon agamsa ri dhèanamh,” ars esan, “fiathaichidh mi fhìn air srainnsear,” ars esan.
Dh’fhalbh an srainnsear còmhla ris an fhear a bha seo dhachaigh chun an taighe. Chaidh iad dhachaigh. Bha taigh mòr an sin. Bha cidsin brèagha romhpa. Thàinig tè a-nuas agus thuirt esan ris fhèin: “Is math a’ bhean a dhèanadh i seo dhomh,” ars esan.
Thuirt am bodach sa thall: “O,” ars esan, “cha ghabh sin dèanamh,” ars esan.
Thàinig an seo tè eile a-nuas, agus thuirt esan ris fhèin: “Seo an tè a dhèanadh a’ bhean dhomh.”
“Faodaidh sin,” ars esan, am bodach, “tachairt.”
A’ chiad tè a thàinig a-nuas, chuir i air poit bheag, agus thuirt esan ris fhèin: “Chan eil a’ phoit,” ars esan, “a tha seo,” ars esan, “ach glè bheag airson na bheil an seo a theaghlach.”
Thuirt am bodach, ’s e ga fhreagairt thall: “Gabhaidh sin,” ars esan, “leasachadh.”
Bha e a’ cur iongnadh mòr air an t-srainnsear gu dè bha ceàrr an seo. Chaidh iad gu bòrd. Cha robh an srainnsear a’ gabhail gearradh bìdh. Dh’fhaighneachd am bodach an seo dheth: “Dè tha ceàrr ort,” ars esan, “nach eil thu gabhail grèim dhen bhiadh?”
“Cha ghabh mi,” ars esan, “gearradh an-diugh,” ars esan, “chun am faigh mi a-mach,” ars sean, “dè mhinig aig a h-uile facal a thuirt sibh,” ars esan, “o thachair mi riut tràth [???]. ”
“Och,” ars am bodach, “tha sin furasta gu leòr,” ars esan, “a chur air dòigh,” ars esan. “Innsidh mise dhut a h-uile sìon mu dheidhinn sin,” ars esan. “ ’S e triùir chlann ridirean a th’ annainn,” ars esan, “agus a’ chiad fear a bhruidhinn riut,” ars esan, “ ’s e bean òg a bh’ aige. Agus ma dh’fhaodte nuair a rachadh e dhachaigh,” ars esan, “gur ann ann an dreallaigeadh a gheibheadh e a’ bhean còmhla ris a’ chloinn,” ars esan, “agus cha bu toigh leis an srainnsear fhiathachadh.”
“An ath fhear a bhruidhinn riut,” ars esan, “ ’s e an dàrna fear,” ars esan, “bu shine dhòmhsa,” ars esan. Tha,” ars esan, “bha a mhàthair marbh,” ars esan, “ ’s bha i fuireach còmhla ris,” ars esan. “Tha, agus thuirt e riut,” ars esan, “nam biodh na bheil aige a-staigh,” ars esan, “a-muigh,” ars esan, “gum fiathaicheadh e srainnsear. Tha sin ceart gu leòr,” ars esan. “Nam biodh a mhàthair air a thiodhlacadh,” ars esan “dh’fhiathaicheadh e srainnsear.”
“Mise,” ars esan, “am fear bu shine,” ars esan. “Thàinig mo bhean a-nuas an toiseach,” ars esan, “agus shanntaich thusa dhut fhèin i,” ars esan, “airson bean-phòsta,” ars esan. “Thuirt mise riut,” ars esan, “nach gabhadh siud tachairt,” ars esan. “Thàinig an nighean agam a-nuas an uair sin,” ars esan, “agus shanntaich thu an nighean dhut fhèin,” ars esan. “Thuirt mise riut,” ars esan, “gum faodadh sin tachairt,” ars esan.
“Thàinig an uair sin a’ bhean agam an uair sin, agus chuir i air poit bheag,” ars esan, “airson a’ bhìdh,” ars esan. “Thuirt thusa riut fhèin,” ars esan, “gun robh a’ phoit a bha siud ro bheag airson an teaghlaich a bha seo. Thuirt mise riut,” ars esan, “gun gabhadh siud leasachadh, agus bha an uair sin bha mise ceart. Gabhaidh tuilleadh cur sa phoit,” ars esan.
“Glè mhath,” ars an srainnsear. “Gabhaidh mise a-nis mo bhiadh,” ars esan.
“Tha a-nis,” ars esan, “agamsa ri innse dhut,” ars esan, “gur e triùir chlann ridire a th’ annainn,” ars esan, “agus tha rìgh mòr san àite,” ars esan, “agus cha ghabh e crìoch cur air gu bràth,” ars esan, “gun cheistean a chur air. Agus ’s ann againne a tha na ceistean ri chur air an rìgh,” ars esan. “Fàgaidh mise thusa ann an seo,” ars esan, “còmhla ris a’ bhean ’s ris an nighinn,” ars esan, “agus feumaidh tu ghealltainn dhomh,” ars esan, “gum bi an nighean sàbhailte,” ars esan, “còmhla rim bhean,” ars esan, “nuair a thilleas mi, agus bidh an gnothach ceart gu leòr,” ars esan. “Agus ma thèid linn anns na ceistean,” ars esan, “bidh an gnothach ceart gu leòr,” ars esan. “Agus mura tèid,” ars esan, “bidh sinne marbh.”
Làrna-mhàireach, air a dh’èirich mac an ridire, dh’fhalbh e, e fhèin ’s a dhithis bhràithrean, agus chaidh iad gu taigh an rìgh. ’S bha aca ris an rìgh . . . crìoch a chur air an rìgh le ceistean. Chaidh a’ chiad fhear a chur a-mach gu treabhadh. Chaidh an ath fhear a chur a-mach dhan t-sabhal a dh’obair. Bha am fear eile ag obair timcheall air a’ chidsin, far an robh na . . . a’ cuideachadh an fheadhainn a bha a-staigh.
Bha am fear a bha a-muigh a’ treabhadh feuch am faigheadh e dòigh air . . . dòigh air choreigin air an rìgh . . . ceist a chur air nach fhuasgladh e. Thòisich e air cur dheth a sheacaid, agus air sadail bhuaithe. Chuireadh e an uair sin air a pheiteag, ach shadadh e bhuaithe i, ’s chuireadh e air a sheacaid. Chaidh an rìgh a-mach. Dh’fhaighneachd e dè bha ceàrr air.
“Tha,” ars esan, “seacaid an seo,” ars esan, “a dh’fhàg m’ athair agam,” ars esan, “agus peiteag a dh’fhàg mo mhàthair agam,” ars esan, “agus chan eil sìon a dh’fhios agam,” ars esan, “cò as càirdiche dhomh.”
“O luidealaich,” ars an rìgh, “nach eil fhios agad,” ars esan, “gur e d’ athair as càirdiche dhut.” Bha a’ cheist a bha seo seachad.
Am fear a bh’ anns an t-sabhal, bha e ag obair air bualadh gu h-àrd, bualadh gu h-ìseal. Chan eil fhios gu dè an ùpraid a bha e a’ dèanamh anns an t-sabhal. Chaidh an rìgh a-staigh. “Dè tha ceàrr ort?” ars esan.
“Tha mi,” ars esan, “air a ghabhail nam cheann,” ars esan, “nach eil sìon a dh’fhios a’m, ” ars esan, “cò dhiubh as doimhne, an t-adhar os mo chionn no an talamh a tha fodham.”
“O,” ars an rìgh, “chan eil annad,” ars esan, “ach an t-amadan,” ars esan. “Tha fios agad glè mhath,” ars esan, “gur e an t-adhar os do chionn as doimhne na an talamh a tha fodhad.”
Chaidh a’ cheist a bha seo seachad.
Am fear a bha anns a’ chidsin, bha e air faighinn a-staigh air an fheadhainn a bh’ anns a’ chidsin. Bha fios aige air a h-uile sìon, agus fhuair e a-mach gu dè bha a’ dol a dh’èirigh dhaibh. Dh’innis iad gun robh . . . ’s ann anns an t-sabhal a bha iad a-muigh a’ cadal, triùir chlann an ridire. Dh’innis e gun robh an sabhal a’ dol na theine aig a lethid seo a dh’uair air an oidhche, gun do thuig gur e seo an fheadhainn a bha a’ dol a chur crìoch air le ceistean. Dh’innis e an gnothach do chàch. Chlìor iad an sabhal air feadh na h-oidhche. Chaidh iad a-mach ann an sgarta-falaich.
Bha sin ceart gu leòr. Chaidh an sabhal na theine. Bha iadsan clìoras e, ach cha robh fios aca dè dh’èireadh dhaibh às a dhèidh seo. Choisich iad pìos mòr air an rathad, agus ràinig iad àite a bha a’ reic aodaich. Fhuair iad deiseachan seòladair gus iad fhèin a chur às aithnte. Bha fios aca gum biodh an tòir orra.
Thàinig an rìgh le coidse mhòr às an dèidh. Bha iad aig craoibh aig an àm. Ghabh an rìgh a-null chun na craoibhe. Bha iadsan a’ trod mun chraoibh.
“Dè na daoine a th’ annaibhse?” ars an rìgh.
“Tha,” arsa fear dhiubh, “craobh a dh’fhàg ar n-athair againn ann an seo,” ars iadsan, “agus tha sinn airson a roinn.”
“Dè dh’fhàg e agadsa dhith?” ars an rìgh ri fear dhiubh.
“Dh’fhàg e agam,” ars esan, “na bheil gu h-àrd ’s gu h-ìseal dhith.”
“O uill,” ars an rìgh, “leis an sin, tha a’ chraobh uile agad.”
Dh’fhaighneachd e an ath cheist dhan dàrna fear. “Dè,” ars esan, “a dh’fhàg e agadsa dhith?”
“Dh’fhàg e agam,” ars esan, “na bheil cam ’s dìreach dhith.”
“Leis an sin,” ars an rìgh, “tha i agad uile,” ars esan.
An treas fear, dh’fhaighneachd e dheth: “Dè dh’fhàg e agadsa dhith?”
“Dh’fhàg e agam,” ars esan, “na bheil ùr ’s crìon dhith,” ars esan.
“Tha mi a’ tuigsinn,” ars an rìgh, “gu bheil mise ullamh,” ars esan. “Tha a’ chraobh leibh uile,” ars esan, “agus tha mise air an gnothach a dhèanamh orm,” ars esan, “agus sibhse a bha a’ dol gam chur-sa gu bàs le ceistean. Agus tha mise ullamh,” ars esan.
Agus dhealaich mise riutha. Agus thill am fear eile dhachaigh, agus fhuair am fear eile bean, Agus dhealaich mise riutha.
title | Triùir a bha glic agus triùir a bha gòrach |
writers | Patrick / Peter MacCormick |
internal date | 1949.0 |
display date | 1949 |
publication date | 1949 |
level | |
notes | Sgeulachd mu duine òg a tha a bha a’ lorg bean. Choinnich e ri bodach, cailleach agus an nighean, ach bhad iad brònach nuair a chuala iad carson a bha e ann. An uair sin, thachair e air triùir mhac ridire aig an robh ceistean airson an rìgh. [Tobar an Dualchais] |
parent text | Urras Nàiseanta na h-Alba |