Nighean, tha mi a’ smaointinn gur ann a mhuinntir Smeircleit a bha i shuas, agus cha robh a-staigh ach i fhèin ’s a h-athair, agus bràthair dhi. Agus bha i an oidhche ud ann an taigh Dhòmhnaill Fhearghasdain car anmoch agus i ag iarraidh gnothaichean ann, agus bha flasg parafain aice, agus ghabh i tarsainn ceann na beinne, Èiseabhal, ’s e a their iad ris. Agus nuair a bha i a-null ann a shin, bha co-thràth na h-oidhche ann, agus thachair cù mòr rithe, agus e a’ dol a-mach dhan bheinn.
“Càit a mhic an deamhain,” ars ise, “a bheil thu dol? An ann a dh’ithe nan caorach a tha thu a’ dol?”
Mun do leig i am facal às a beul, bha e na dhuine air a beulaibh. Uill, thuit an nighean ann an neul ann a shin fhèin, agus ge brith gu dè an ùine a bha i ann, dh’fhairich i rud fuaraidh ma beul, agus dh’fhosgail i a sùilean, agus bha a màthair ma coinneamh, agus rug i air làimh oirre, ’s thuirt i: “Èirich a ghaoil,” ars ise.
Dh’èirich an nighean, agus cha robh . . . chan fhaca iad sìon tuilleadh. Chan fhaca i ... [???] cù no duine nuair a dh’èirich i, no a dhùisg i, agus bha a màthair ga leantail, agus . . . Chuala i seothach . . . Chuala i seo meileòidean ag obair shìos ann an taigh air choreigin, agus thuirt i: “Nach brèagha an ceòl a tha siud.”
“O seagh,” ars’ ise. “Ach suarach e,” ars ise, “ris a’ cheòl a bh’ ann am Flaitheanas an oidhche a ràinig Anna Nighean Nèill. Ach na bi thusa a’ gabhail an rathad sa idir tuilleadh,” ars ise, “agus bha feum agad ormsa a-nochd, agus na bi a’ gabhail an rathad sa uair sam bith leat fhèin.”
’S dh’fhalbh i às an t-sealladh, mar gum biodh ann am priobadh na sùl.
title | Nighean a chunnaic bòcan air Èiseabhal |
writers | Marion Campbell |
internal date | 1960.0 |
display date | 1960 |
publication date | 1960 |
level | |
notes | Sgeulachd mu nighean ann an Smeircleit a chunnaic cù neònach a chaidh na dhuine. Thuit i seachad, agus nuair a dhùisg i bha a màthair (a bha air caochladh) ann. Chuala i ceòl àlainn. Dh’innis a màthair dhi gu robh e fortanach gu robh i ann gus a cuideachadh, agus nach bu chòir dhi an rathad sin a cleachdadh na h-aonar a rithist. An uair sin, chaidh a màthair à sealladh. [Tobar an Dualchais] |
parent text | Urras Nàiseanta na h-Alba |