Bha nigheanan a’ chutaidh a’ tighinn latha a bha seo, ’s chuir iad brath gun robh iad . . . gun robh a’ ghriùthrach aca. Agus bha Maighstir Ailean, à Èirisgeigh, a’ tighinn còmhla riutha, ’s bha e gan nursadh ’s a’ toirt an aire dhaibh a’ tighinn air an rathad ’s iad glè bhochd. ’S nuair a bha iad a’ dol seachad, chuireadh air tìr air a’ bhiod iad, ’s nuair a bha e a’ dol seachad air an taigh againne, thàinig e a dh’iarraidh deoch dhaibh. Am pathadh orra. ’S thug mo mhàthair dha siuga bainne. ’S bha botal ruma aige, agus chuir e am botal ruma ann an ceann an t-siuga bhainne, agus thug e a-null thuca e. Bha iad nan suidhe an taobh thall dhen taigh, ’s thug e a-null thuca e. ’S rinn sin cuideachadh mòr dhaibh. Neartaich e iad ’s dh’fhàg e làidir iad airson coiseachd a-null gu Taobh a’ Chaolais. Agus bha . . . Chaidh iad a-null. Fhuair iad an t-aiseag a-null an oidhche sin gu Taobh a’ Chaolais, ’s Maighstir Ailean còmhla riutha. Agus an làrna-mhàireach, bha dithis dhiubh . . . dh’eug dithis dhiubh leis a’ ghriùthraich. Ach thàinig an triùir . . . an ceathrar eile air aghaidh. ’S bha e uabhasach math dhaibh, cianail math dhaibh, Maighstir Ailean.
FC: Cha do ghabh gin agaibh fhèin a’ ghriùthrach an turas a bha sin? Cha do ghabh esan e?
PA: Cha do ghabh. Cha do ghabh Maighstir Ailean a’ ghriùthrach idir. Cha do ghabh.
FC: No gin agaibh?
PA: No duine againne. Cha do ghabh e a’ ghriùthrach. Chuir e dheth an t-aodach a bh’ air ’s a h-uile sìon, ’s cha tug e a-staigh an t-aodach-uachdair a bh’ air idir. Dh’fhàg e a-muigh e. Thàinig e a-staigh agus thuirt e rim mhàthair nach ruigeadh i a leas eagal sam bith a bhith oirre; nach fhàgadh e a’ ghriùthrach idir.
“Ghabh mise i,” ars esan, “mar-thà, ’s cha toir mi leam i,” ars esan, “mar sin.”
’S bha e cianail math dhaibh, ’s uabhasach coibhneil riutha. Bu toigh linn Maighstir Ailean. Bu toigh linn air fad Maighstir Ailean. Duine math a bh’ ann.
Thàinig e an sin latha chun an taigh againn, nuair a bha sinn air Gleann Dail. Thadhaileadh e daonnan nuair a bhiodh e a-null ’s a-nall. Thadhaileadh e a’ tighinn far Dalabrog, nuair a bhiodh e a’ dol a dh’Èirisgeigh. Coiseachd a bhiodh e daonnan, daonnan, ’s thadhaileadh e a h-uile triop a thigeadh e. ’S latha a bha seo, bha mo mhàthair an dèidh teine mòr a thogail, ’s i a’ dol a thòiseachadh ri fuine agus bha an taigh làn ceò, làn toit. ’S thàinig esan a-staigh, ’s dh’fhalbh mo mhàthair ’s rug i air sèithear, a’ dol thoirt dha sèithear airson suidhe air.
“Chan eil mi a’ dol a shuidhe idir,” ars esan.
“Ma-thà,” arsa mo mhàthair, “bidh sibh cho dall leis an toit. Falbhaidh na sùilean asaibh leis an toit.”
“O chan fhalbh,” ars esan. “Tha seo,” ars esan, “blàth. Far a bheil an toit,” ars esan, “bidh am blàths. ’S toigh leamsa,” ars esan, “toit na mònadh.”
’S bha e uabhasach toilichte. Thug i dha deoch bhainne, ’s thàinig am bàta ga iarraidh ’s fhuair e a-null a dh’Èirisgeigh.
FC: Bha e air teine a lasadh?
PA: B’ fheudar dha. Rinn e smùid. Rinneadh smùid. Dh’fhalbh mise ’s cuideigin eile còmhla rium sìos, ’s rinn sinn smùid, ’s bha esan a-staigh, a-staigh againn fad an t-siubhail. Nuair a thàinig sinn a-nuas, thuirt sinn ris gun robh sgoth a’ tighinn. Dh’fhalbh e an uair sin. Bha àite ann airson a bhith a’ dèanamh smùid dha daonnan, daonnan, nuair a bhiodh e a’ tighinn. Dh’aithnicheadh iad gura h-esan a bhiodh ann nuair a chitheadh iad an smùid.
title | Mgr Ailean agus a’ Ghriùthrach |
writers | Peggy MacRae |
internal date | 1951.0 |
display date | 1951 |
publication date | 1951 |
level | |
notes | Tha Peigi Anndra NicRath ag innse sgeulachd mu Maighstir MacDhòmhnaill à Èirisgeigh agus nuair a chuidich e nigheanan a’ chutaidh nuair a bha a’ ghriùthrach orra. Cha robh i air. Bhiodh e a’ cèilidh an teaghlach aig Peigi nuair a bha e anns an sgìre. [Tobar an Dualchais] |
parent text | Urras Nàiseanta na h-Alba |