... air a chèile aig Càirinis an Uibhist a Tuath. Agus ’s ann mar a thòisich an t-sabaid a bha seo an toiseach, ’s ann ann an Slèite a thòisich e, anns an Eilean Sgitheanach. Bha Dòmhnall Gorm Slèite, bha e pòsta aig Nighean Dhòmhnaill Ghlais à Dùn Bheagain, agus chaidh gnothaichean fàbharach gu leòr an toiseach, ach thàinig an uair sin rudeigin eatorra, aguss e an rud a bhann gun tug e dhi litir-dealachaidh, agus i a dhol dhachaigh air n-ais gu h-athair a Dhùn Bheagain. Cha robh an sin ach fhuair e each glas anns an robh aon sùil, agus fhuair e aon chù anns an robh aon sùil, agus bha buachaille aige anns an robh aon sùil, agus chàirich e. .. chàirich e Nighean Dhòmhnaill Ghlais air muin an eich, ’s cha robh inntese ach aon sùil. Bha sin acheathrar aca afalbh dhachaigh le aon sùil, no cam mar a their sinn. Agus an sin, ràinig iad, ach ma ràinig, ghabh Dòmhnall Glas fearg a bha uabhasach. Chaidh brath a dhionnsaigh na Leòdaich air fad o Dhùn Bheagain gu na Hearadhs gu Leòdhas, agus bha an tòir adol a bhith air Dòmhnall Gorm Shlèite

Co-dhiù, bha Dòmhnall Glas air fàs sean, agus cha dèanadh e sabaid dhaibh. Bha e air fàs cho sean. Agus cha robh sìon a dhfheum ann gu dhol a-mach air ceann nan daoine. Ach bha mac aige, agus air rèir choltais, ’s e duine sgairteil a bhann. Agus chruinnich iad eathraichean, chruinnich iad aon bhirlinn, agus an còrr de dheathraichean-aiseig mu na Hearadh, agus sheòl iad a dhUibhist a Tuath, airson tòir a thogail an sin. Siud dòigh a bhaca anns na h-amannan a bha siud air gnothaichean. .. an cuid fhèin. .. an cuid fhèin fhaighinn air n-ais, ’s e chanadh iad. Bha iad agoid leotha achruidhs a h-uile sgath a bfhiachaile na chèile. Agus cha burrainn do dhuine a dhol nan còir. Thigeadh iad air feadh na h-oidhches ghoideadh iad leotha siud, ’s siud mar a bhann.

Ach co-dhiù, sheòl na gillean, agus ràinig iad Loch nan Geall ann an Uibhist a Tuath, deas, dìreach aig bun. .. bun na Fadhlach a Tuath. Dhacraich iad ann a shin, agus chaidh iad air tìr agus ghabh iad còmhnaidh an oidhche sin ann an Eaglais na Trianaid. Nach e a chanas iad rithe? Shuas air abhruthach os cionn Chàirinis ann a shin. Chì sibh ann a shin fhathast i. Chì sibh am balla aice suas ann a shin fhathast. Agus chuir iad seachad an oidhche ann a shin.

Aig an àm, bha saighdear ainmeil sa cheann a deas ris an canadh iad Mac Iainic Sheumais, agus tha teansa nach robh a leithid idir sna làithean a bha sin. Fhuair na Tuathaich. .. fhuair Clann Dòmhnaill brath thuige, agus ged a bha e anmoch gun a bhrath fhaighinn, rinn e a-nuas air fheadh na h-oidhche, leis an fhearaibh dheug a fhuair e. Cha dfhuair e a chruinneachadh ach fhearaibh dheug, dhen fheadhainn bu chalma a bha an Uibhist, agus choisich e a-nuas leotha, a h-uile sgrìob, agus thàinig e air cùlaibh nan Leòdach, agus rinn e leabaidh ann a shin airson na h-oidhche gus an soilleiricheadh an latha. Ach dìreach air soilleireachadh an latha, thagh e àite fhèin airson abhatail. Agus ghabh e aghaoth, ghabh e. .. ghabh e còmhdhail na gaoithe, gaoth an ear-thuath, ’s chùm e gu math a tuath air na Leòdaich. ’S cho luaths a thàinig cnàimh an latha mhothaich e do dhfhear. .. fear-fairidh, watchman mar a chanas sinn, air mullach. .. aig. .. aig an eaglais shuas, agus shrad e saighead, agus dìreach fhuair e san amhaich e.

Thuirt fear dhe na Leòdaich ris an uair sin: “Ge brith ,” ars esan, “a shrad an saighead a bha siud, ’s e Mac Iainic Sheumais a bhair a chùl, ach chì sinn.”

Dhfhuirich iad gus an dfhuair iad an ath fhear, ’s thug e. .. bhuail e an ath saighead air san amhaich a-rithist. Agus thuig iad an uair sin gura h-e a bhaca, ach cha robh iad cinnteach an taobh air an robh e. Co-dhiù, thuirt iad gum fuiricheadh iad gus am faiceadh iad an taobh a thigeadh e leis aghaoith, agus seo mar a rinn iad. Thàinig an ath shaighead às an ear-thuath orra, ’s bha iad cinnteach an uair sin gur e Mac Iainic Sheumais a bha siud. ’S bhrùchd iad a-nuas am bruthach air rèir. .. air rèir mar a thàinig an saighead orra. ’S dhèirich Mac Iainic Sheumas agus a dhà fhear dheug, agus dhall iad orra atighinn a-nuas am bruthach air chor agus nach do dhfhàg iad mòran dhiubh mun do ràinig iad. Thòisich am batal an uair sin ri taobh na fèithe, ’s cha robh an ùine fada gus an robh na Leòdaich air tràghadh air fuil, ’s an aon dithis a bha beò dhiubh, rinn iad air amhonadh cho luaths a bheireadh iad leotha.

Dhfhalbh esan às an dèidh, ach dhiarr e gu teann, cruaidh air na gillean gun Dòmhnall Glas a mharbhadh idir, nan gabhadh e dèanamh.

Ach mura gabh, marbhaibh e.”

Aguss e seo an rud a bhann. Lean e fhèin e. Ruith e mhìle mun dfhuair e saighead a chur ann. Agus bha e ga iarraidh an siuds an seo, ’s an seos an siud gus mu dheireadh gun dfhuair e a dhionnsaigh na tràghad aig aBhaile Sear, agus a-mach air amhuir a ghabh e ann a shin, dìreach gus do ràinig e an [???], agus Mac Iainic Sheumais às a dhèidh. Bha an dithis aca air an lot cho fìor chràiteach agus nach burrainn dhaibh seasamh a-muigh san t-sàile na bfhaide na siud, agus dìreach shàth Mac Iainic Sheumais an claidheamh far an robh e ann, agus mharbh e ann a shiud e.

Thug e leis e suas, ’s chaidh an ceann a thoirt dheth aig Eaglais na Trianaid ann a shin, agus a chur san uinneig aig an eaglais, agus acholann. .. acholann còmhri. .. a fàgail còmhris na Leòdaich eile shìos air abhruthach. Cho fads is fhiosrach mi, sin far an deach na colainnean aca a chur.

Ach an oitir a tha sin far an do thuit Dòmhnall Glas, tha i ri h-ainmeachas an-diugh air an oitir sin fhèin. Oitir Dhòmhnaill Ghlais a chanainn-sa ris a dhionnsaigh an latha an-diugh, aguss e am Bruthach Buidhe a tha shìos a-rithist aig an abhainn ris an can iad. .. ris an can iad. .. dìreach far an robh am blàr, Blàr Chàirinis.

Uill, cha dfhuair na Leòdaich sìon a thoirt leotha mar a bha dùil aca. Agus cha do rinn iad ach falbh lom, falamh, mar a thàinig iad, agus chuir sin crìoch air an obair riaslach a bhaca an uair sin, eadar a chèile. Agus bha Mac Iainic Sheumais glè mhath dheth an dèidh siud, agus chaidh òran brèagha a dhèanamh dha, agus cho fads is fhiosrach mises e càirdean de mhuinntir an Eilein Sgitheanaich sin a rinn. .. a bha atoirt fasgadh dhan Phrionnsa treis mhòr.

S i a rinn e. ’S e boireannach a rinn e. Tha. .. tha e ann an leabhraichean an-diugh, agus bithidh gu ruige seo, ’s feadhainn aca ga ghabhail. .. ga sheinn.

Agus sin a-nis mar a chuala mise mar a dhèirich do Mhac Iainic Sheumais, agus do Bhlàr Chàirinis.

titleBlàr Chàirinis
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
notesTha am fiosraiche a’ bruidhinn mu dheidhinn Blàr Chàirinis ann an 1601. Tha e ag innse cò bha ann, cò às a bha iad, agus dè thachair an sin. [Tobar an Dualchais]
parent textUrras Nàiseanta na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page