Bha siud ann reimhid ann am Borgh, bean, agus bha i adèanamh clò dhan duine. Aguss e àm trang na bliadhna a bhann, nuair a fhuair i fios on bhainich gun robh inneadh air achlò, agus cha robh fios aice mar a gheibheadh i an t-inneadh a dhèanamhs i cho trang ris achur.

Ach co-dhiù, dhfhan i na caithris an oidhche a bha seo agus thug i thuice an càrd agus thuirt i rithe fhèin: “Bfheàrr leam na na chunna mi riamh gun robh cuideachadh air choreigin agam, ged a bann às ann t-sìthean fhèin a thigeadh e.”

Agus cha robh am facal a-mach às a beul ach air èiginn nuair a chuala i gnogadh aig an doras, agus dhfhalbh i chun an dorais, agus bha cailleach bheag shìth ann an sin. Agus thàinig achailleach bheag a bha seo a-staigh, ’s dhùin ise an doras.

Cha bfhada gus an tàinig gnogadh a-rithist. bha seo ach eile. Uidh air n-uidh, lìon an taigh, ’s a h-uile gin riamh ag iarraidh obair, ’s thòisich iad air an òran mar seo:

bheir thugainn an t-inneadh à Fiaraigh?

chìreas, chàireas, shnìomhas?

bheir thugainn an t-inneadh à Fiaraigh?

chìreas, chàrdas, shnìomhas?”

Rug dhiubh air achàrd, ’s rug dhiubh air achlòimh ga cìreadh, ’s rug dhiubh air achuibhill, ’s thòisich iad air obair. Ach ma thòisich iadsan air obair, thòisich bean an taighe air obair cuideachd. Thòisich i air dèanamh biadh dhaibh, ’s thòisich i air fuine. Thòisich i air fuine, ’s mar a dhfhuineadh ise dhitheadh iadsan. Bha iad ag obair air snìomhs air càrdadhs air cìreadhs air tlàmadh, ’s air tlàmadhs air càrdadh.

Co-dhiù, bha ise cho trang ag obair air fuine fad na h-oidhche, ’s iad ag ithe mar a dhfhuineadh i, gun robh mu dheireadh amhin air brath-teirigeachdainn oirre. Cha robh fios aice gu mar a gheibheadh i sgur a chur orra no crìoch a chur air an obair, agus dhfhalbh i a-mach sa mhadainn. Dhfhalbh i a-mach agus bha am baile gun èirigh, agus chaidh i gu taigh duine glic a bha faisg air làimh, ’s dhùisg i an duine a bha seo, agus dhinnis i dha a cor, ’s dhinnis i dha mar a thàinig . . . mar a dhòrdaich i na sìthichean, ’s mar a thàinig iad, agus a-nist nach burrainn dhi an cur a-mach às an taigh.

Agus thuirt esan rithe: “Thalla thusa,” ars esan, “air ais a dhionnsaigh an taighe agus seas air an dùn mu choinneimh an dorais agus èigh gu bheil Dùn Bhuirgh na theine.”

Agus seo an rud a rinn i. Thill i air n-ais a dhionnsaigh an taighe, ’s sheas i air an dùn a bhair beulaibh an doraiss dhèigh i: “Dùn Bhuirgh na theine, Dùn Bhuirgh na theine, Dùn Bhuirgh na lasair dheirg.”

Ach, a ghràidh, thàinig na sìthichean a-mach an uair sin, ’s a h-uile ag èigheach gun robh ann an Dùn Bhuirgh an rud bu docha leatha, ’s an rud bu phrìseil a bhaice.

Agus . . . a-nist, nuair a thuirt . . . nuair a dhinnis an duine . . . an seann duine dhi gu bu chòir dhi a dhèanamh, thuirt e rithe: “A-nist, nuair a thèid thu dhachaigh,” ars esan, “ ’s a dhfhalbhas iad a-mach, gheibh thu h-uile sìon a bha iad alàimhseachadh, agus cuiridh tu an aghaidh an ranna e seach mar a bha e acasan.”

Agus nuair a fhuair ise a-mach air an doras iad, chaidh i a-staigh agus thòisich i air a h-uile sìon a chur o dhòigh seach mar a bha na sìthichean ga làimhseachadh. Chuir i . . . thug i am bann far na cuibhle, ’s chuir i na càrdaichean cas mu sheach, agus chuir i car dhen h-uile sìon air an robh iad ag obair, agus cha rachadh aca air tilleadh air n-ais.

Agus sin mar a chuala mise e.

titleDùn Bhuirgh na theine
writersAnnie Johnston
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
notesBha boireannach ann am Borgh a bha a’ dèanamh clò, ach bha i cho tràng gu robh i airson taic fhaighinn. Dh’iarr i air na sìthichean ga cuideachadh. Nochd iad aig an doras agus thòisich iad an obair. Nuair a bha iad ag obair agus a’ seinn, chòcairich i air an son. Ach nuair a bha an obair deiseil, cha robh iad ag iarraidh a bhith a’ falbh, ’s mar sin dh’èigh i “Dùn Bhuirgh na theine”, agus an uair sin dh’fhalbh iad. [Tobar an Dualchais]
parent textUrras Nàiseanta na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page