Duine ainmeil afuireach ann an seo, ann an Uibhist aChinn a Deas, ris an canadh iad Mac Mhuirich. ’S ann an Stadhlaigearraidh a bha a dhachaighs a chòmhnaidh. Bha tuathanachas mòr aige, agus bhiodh e daonnan acumail seirbheiseach. Agus abhliadhna a bha seo co-dhiù, agus iad trang leis an treabhadh, agus bha Mac Mhuirich, bu toigh leis gun dèanadh na seirbheisich obair gu leòr dha, agus bhiodh e fhèin daonnan acoimhead a-mach feuch gu a dhèanadh iad anns an latha. Agus dhfheumadh paidhir each, nam biodh latha math ann, uimhir seo de thalamh a threabhadh. Agus neo-ar-thaing nach biodh deagh sheirbheisich aige.

Ach co-dhiù, latha a bha seo agus treabhaiche ag obair anns aphàirc air treabhadh, rinn fear dhe na h-eich ach tuiteam anns achrann, agus bfheudar dha a leigeil às. Agus nuair a leigeadh às e, cha do rinn e ach laighe air achnoc. Agus ann an ceann glè bheag a dhùine bha an t-each marbh orra. Cha do rinn e ach am fear eile a leigeil às, agus a cheangal an àite air choreigin agus thàinig e a-nuas far an robh Mac Mhuirich, agus thuirt e: “Thuit,” ars esan, “fear dhe na h-eich agam,” ars esan, “anns achrann,” ars esan, “agus tha e marbh,” ars esan, “air achnoc shìos ann an siud.”

A bheil?” arsa Mac Mhuirich.

Tha,” ars esan.

O ma-,” arsa Mac Mhuirich, “feumaidh sinn,” ars esan, “each eile fhaighinn na àite. Cha dèan sinn an gnothach,” ars esan. “Feumaidh an treabhadh a bhith air a dhèanamh.”

O,” ars an seirbheiseach ris-sin, “feumaidh sinn fhaighinn,” ars esan, “nam biodh fhios am am faighte e.”

O,” ars esan, “gheibh sinn,” ars esan, “gun teagamh e.”

Bha e air a ràdh a-nist gun robh trì iarrtais aig Mac Mhuirich a bha seo, agus gun deachaidh na h-iarrtasan a bha sin a thoirt dha aig àm a bhreith, bhon a chruthaich e. Ach co-dhiù, biodh sin mar a bhitheas e. Seo agaibh mar a rinn Mac Mhuirich. Dhèirich e agus chaidh e a-mach às an taigh, agus ghabh e suas gu cnoc a bha an sin agus gheàrr e fead, agus an ceann treise chunnaic e duine shuas tarsainn na pàirce, agus ghabh e sìos na choinneimh, agus bha òganach eireachdail ann a shin, air a dhreasadh gu snasail.

Seadh,” ars esan, “tha,” ars esan, “beothach eich a dhìth ort,” ars esan, “airson an treabhaidh.”

Tha,” arsa Mac Mhuirich, “beothach a dhìth oirnn,” ars esan, “nam biodh fhios am am faighinn e.”

O,” ars esan, “gheibh thu deagh bheothach agamsa,” ars esan.

Càit a bheil e?” arsa Mac Mhuirich.

O,” ars esan, “cha bhi agaibh,” ars esan, “ach gabhail sìos ann a shiud,” ars esan, “a dhoisinn na pàirce,” ars esan, “ ’s bidh deagh bheothach ann a shin agad,” ars esan, “a an treabhadh dhut.”

Tha sin glè mhath,” arsa Mac Mhuirich, “ma-thà,” ars esan. “Gu ,” ars esan, “a bhios agam ri thoirt dhut,” ars esan, “airson abheothaich?”

O,” ars esan, “cha bhi e daor idir.”

O, chan eil e gu diofar bhitheas e,” arsa Mac Mhuirich, “achs toigh leamsa,” ars esan, “aphris aige fhaighinn a-mach anns an spot.”

“ ’S e na bhios mise ag iarraidh,” ars esan, “airson an eich,” ars esan, “eallach arbhair,” ars esan, “nuair a bhios am bàrr agad a-staigh ann as t-fhoghar.”

Eallach arbhair?” arsa Mac Mhuirich.

Seadh. Sin,” ars esan, “a tha mise ag iarraidh air a shon.”

O ma-thà,” ars esan, arsa Mac Mhuirich ris-san, “gheibh thu sin. Glè thoilichte cuideachd.”

Dhealaich an duine ris agus chaidh Mac Mhuirich dhachaigh, agus thuirt e ris an t-seirbheiseach: “Thalla,” ars esan, “agus seall sìos,” ars esan, “taobh oisinn na pàirce,” ars esan. “Feuch,” ars esan, “gu a chì thu,” ars esan. “Agus ma chì thu each ann a shin,” ars esan, “bheir thu leat a-nuas e.”

Dhfhalbh an seirbheiseach. Ràinig e sìos. An ceann treise thàinig e agus each mòr dubh aige ann a shineach, air shèine [?]. Agus chan fhaca duine riamh air an t-saoghal each a bha cho dubh ris. “Sin agad a-nist,” arsa Mac Mhuirich, “each agad,” ars esan, “agus am fear sin treabhadh gu leòr dhut.”

Cha robh fios aig an t-seirbheiseach bhochd nach fhaodadh gun robh an t-each reimhid mun cuairt, agus cha do rinn e ach a chur a-staigh anns achrann còmhla ris abheothach eile, agus thòisich e air treabhadh. Ach bha an cuthach glan air an each dhubh. Cha deargadh an duine bochd eile air fosadh a chur orra, agus bha e an impis an t-each eile a bha sa chrann a mharbhadh.

Thug e gu feasgar ag obair leis co-dhiù agus nuair a stad e, thàinig Mac Mhuirich a-mach agus dhfhaighneachd e dheth: “Gu mar,” ars esan, “a tha an t-each dubh adèanamh?”

O,” ars esan, “ ’s e tha math,” ars esan, “ach nam biodh beothach eile ann airson a chumail ri thaobh,” ars esan, “ach tha esan tuilleadhs achòir,” ars esan, “bras. ’S e,” ars esan, “àigeach a thann co-dhiù. Agus,” thuirt esan, “tha e,” ars esan, “cho bras dheth fhèin.”

O ma-thà,” arsa Mac Mhuirich, “mas e àigeach a thann,” ars esan, “feumaidh sinn a ghearradh.”

O gu dearbh,” ars an seirbheiseach, “feumaidh,” ars esan, “no,” ars esan, “cha dèan e ach am beothach eile,” ars esan, “a mharbhadh.”

Co-dhiù, làrna-mhàireach no an-earar chuir Mac Mhuirich fios air an fhear a bhiodh agearradh nan each, agus thàinig e. Agus cheangaileadh an t-each airson a ghearradh, ach theab nach deargadh iad air a ghearradh; mura be Mac Mhuirich Mhòir fhèin agus cho treuns a bha e, cha deargadh iad.

Co-dhiù, spothadh an t-each agus leigeadh leis ann a shineach a dhà no trì làithean, ga bhiathadh a-staigh ann a shin air stàbla, agus nuair a bha e leighiste, chuireadh dhan chrann e. Bha e an uair sin na bu shocraiche. Bha e cho socair ris abheothach eile. Agus chaidh an treabhadh a dhèanamh agus gu leòr dheth. Agus nuair a chaidh an treabhadh a dhèanamh, cha robh na h-eich ach ma sgaoil ann am pàirc.

Bha deagh bhàrr aca as t-fhoghar cuideachd, agus thòisich iad air buain, ’s air ceangal. Agus nuair a bha e tioram thòisicheadh air a chur a-staigh. Ach bha Mac Mhuirich, nuair a bha am bàrr gus a bhith a-staigh, bha e cinnteach gu leòr gun tigeadh fear an eich a dhiarraidh an eallaich. Co-dhiù, nuair a bha am bàrr a-staigh co-dhiù, làrna-mhàireach dhfhairich Mac Mhuirich èigh aig an uinneig.

Mhic Mhuirich Mhòir,” ars esan, “tha mise nis atighinn a dhiarraidh an eallaich a gheall thu dhomh, agus a choisinn mi cuideachd.”

O,” arsa Mac Mhuirich, ars esan, “gheibh thu sin.”

Agus chaidh e dhan achadhs thòisich e air caitheadh a-mach às an iodhlainn an arbhair chun an fhir a bha a-muigh. Ach mu dheireadh thall dhaithnich Mac Mhuirich a bhaige, agus thill e a-staigh. Agus bha rud aige ris an canadh iad clogad [???], agus chàir e mu cheann e, agus chaidh e a-mach.

Agus bha a h-uile roinn a bha anns an iodhlainn am brath air a bhith aig abhodach anns an eallach. Chaidh Mac Mhuirich a-mach co-dhiù, gu gàrradh na h-iodhlainn, agus cha chreid mi nach e faclan mar seo a thuirt e:

Dhia na giles na grèine,” ars esan, “ ’s a Rìgh nan reultan rùnach, ’s ann agad fhèin a tha fios ar feuma. ’S ann Dimàirt a chuir mi, ’s ann Disathairne a bhuain mi, ’s mo thruaighe mise,” ars esan, “mo bhàrr bliadhna afalbh aig an Diabhal ann an aon eallach guailne.”

Anns an àm anns an robh am bodach asìor chur an eallaich air a mhuin, bhrist an taod. Sgaoil an t-arbhar feadh an achaidh cho fads chìte leis an t-sùil. Dhfhalbh am bodach na mheall teine dha na speuran, agus bha iad afaicinn an teine gus an deach e a-mach os cionn Ruaidheabhail.

Leigibh a-nis,” arsa Mac Mhuirich, “leis a h-uile dad mar a tha e chun a-màireach.”

Làrna-mhàireach, thug Mac Mhuirich òrdan seachad an t-arbhar a chruinneachadh a-staigh dhan iodhlainn mar a bha e reimhid. Rinneadh sin; fhuaradh taodans ròpannans thòisicheadh air tarraing eallach, ’s chaidh an seirbheiseach a dhiarraidh nan each airson taic a chur orra. Thàinig e gun a bheothach aige.

An-,” ars esan, “chan eil fhios am air an t-saoghal,” ars esan, “ dhèirich dhan each dhubh. Chan eil sgeul air.”

Ah,” arsa Mac Mhuirich, ’s e afreagairt, “na biodh e a laochain,” ars esan, “na bi ga iarraidh idir,” ars esan. “Chan eil e ri fhaighinn.”

Gu air an t-saoghal,” ars an seirbheiseach, “a dhèirich dha, no an deachaidh e?”

Ah a laochain,” ars esan, “dhfhalbh e,” ars esan, “an-,” ars esan, “còmhla ris abhodach,” ars esan, “a bha adèanamh an eallaich.”

Fhuaradh an t-arbhar a chruinneachadh agus a chur suas mar a bha e reimhid, agus cha tàinig an t-òganach a bha sin riamh tuilleadh a chur dragh air Mac Mhuirich.

Agus sin agaibh mar a chuala mise mu dheidhinn.

titleMac Mhuirich agus am bodach mi-nàdarrach
writersDonald MacIntyre
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
notesBha tuathanas aig fear air an robh Mac Mhuirich ann an Uibhist. Aon latha, bhàsaich each anns an achadh. Fhuair e each eile. Às dèidh greis, thàinig duine neònach dhan tuathanas, agus bha e airson an t-arbhar fhaighinn. Ach chuir rinn Mac Mhuirich ùrnaigh ri Dia na grèine, agus dh’fhalbh an duine ann am meall teine. [Tobar an Dualchais]
parent textUrras Nàiseanta na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page