Coinneach Dòmhnallach (CD): Thòisich, na mo bhalach, dar a dhfhàg mi an sgoil. Bha am post a bha adol dhan Àirigh Dhriseach, ochd mìle coiseachd gacha rathad, bha e adol a dhionnsachdainn saorsainneachd, ’s chaidh mise na àite airson ùine ghoirid, agus lean mi ann airson ceithir bliadhna deug, gus gun deachaidh mo thogail dhan arm. Bha mi eadar trìs a ceithir a bhliadhna anns an arm, ’s thàinig mi dhachaigh, ’s bha àite falaimh air ceann eile an dùthaich shuas airson post, ’s chaidh mi na mo phost ann an sin. ’S bha mi ann gus gun do sguir am post a bha adol ann dheth, gun do leig e dheth a dhreuchd le ... bha an aois aige an-àirde, ’s bha mi ceithir no còig a bhliadhnachan na àite gus gun do sguir mi dar a bha mi trì ficheads a dhà ... no trì ficheads a. .. ’s e, trìtrì ficheads a trì.

Cailean MacIllEathain (CM): ris a bha an obair coltach nuair a thòisich sibh ann?

CD: Uill, bha an obair trom an uair sin, gu math atharraichte bhon an obair a tha an-diugh ann. Bhiodh ... cha robh ann taigh geamair, ’s bhiodh iad afaighinn mòran dhen an stuth tron aphost, ’s bhiodh eallaich gu leòr ann, dar a bha agad ri coiseachd ochd mìle leis. Bha e trom gu leòr mus ruigeadh sinn an ceann eile dhen an sgìre. Shaoileadh sinn aotrom gu leòr e dar a dhfhàgadh sinn, ach mus ruigeadh sinn an ceann thall cha robh e cho aotrom sin. ’S bha ... shin agaibh mar a bha e adol an uair sin.

CM: An robh rathad ceart ann?

CD: Cha robh rathad idir ann, ach tron amhòinteach. Ach rinn iad rathad dhan agheamairs dhan an t-sealg dar a bha mise seachd bliadhna adol ann. Char rathad caol airson ponies, mar a their sinn mu na h-eich, a dhèanamh, adol ann airson an t-sealg aig na h-uaislean.

CM: Agus bha agaibh ri coiseachd an toiseach?

CD: Bha fad na tìde acoiseachd. Cha burrainn na bu chaochladh a dhèanamh.

CM: Ach cha dfhuair sibh bhàn, no càr, no carbad idir?

CD: Fhuair, carbadan gu leòr mun do sguir mi, an ceann fhichead bliadhna. Bha, mar a their sinn, dar a chaidh mi suas gu ceann eile na sgìreachd an dèidh thighinn dachaigh às achogadh, bha baidhsagal adol. ’S e coiseachd a bha am post a bhanns an dùthaich uile-gu-lèir adèanamh dar a thòisich mise, ’s bhithinn adol na àite airson nan làithean-saora aige, ’s bhithinn fhìn acoiseachd, ’s cha be sin ... eallach dha-rìribh. Agus cha robh ... ach an dèidh sin thàinig, mar a their sinn, am baidhsagal, ’s thàinig a-rithist an carbad olas thàinig a-rithist fear na bu mhotha, ’s tha a-nise fear nas lugha air ais a-rithist ann, ’s bha mi air na trì aca.

CM: Tha fhios gun robh uaireannan ann nuair a bha sibh acoiseachd tro gèilichean agus. ..

CD: O, gèilichean, achs e sneachd a bu dorra. Bha. Bhithinn uaireannan adol a-bhàn gu math anns an t-sneachda, ’s làithichean dhfhaodadh nam biodh uabhas sneachd ann, cha dreighinn ann gu an làrna-mhàireach. Ach bha iad glèna geamairean a bhannglè choibhneil rium. ’S iomadh uair a thàinig iad na mo choinneimh letheach slighe dar a bhiodh droch latha ann.

CM: An robh agaibh ri falbh aig àm àraid?

CD: Bha, aig cairteal an dèidh deich. Bha mi acoinneachdainn aphost a bha atighinn bhon aPhost Office shuas. Bha mi na choinneachdainn ann an Toghsgaig, ’s bha mi atogail nan litreachan bhuaithe ann an sin an uair sin, ’s bhithinn atighinn air ais ... dar a bhithinn atighinn air ais, bhiodh ... bha bogsa ann an Toghsgaiguill, àite beagairson litreachan ’s bhithinn gan cur anns thigeadh e fhèin gan togail às dar a bhiodh e adol timcheall an ath latha.

CM: cho fadas a thug sibh air an rathad?

CD: Uair a thìdes gu leth làithean, ’s nam biodh droch latha ann eala [?] beag a chòrr air an sin. Cha robh ... ’s e sin an uair. Bha an uair air a chur romham.

CM: Tha fios am gun robh sibh agiùlan litrichean agus, an-dràstas a-rithist, bogsaichean, ach an robh agaibh ri rudan eile a ghiùlan cuideachd?

CD: O, biadh a bha iad ag ithe. Nach robh e atighinn tron aphost? An t-uisge-beatha a bhiodh iad ag òl. Nach robh e atighinn tron aphost? Agus mòran dhe na bha iad ag ithe. Os iomadh ... dar a thòisich an wireless ... dar a thàinig an wireless an toiseach, ’s iomadh battery a thug mi leis na mo làimh dhan a’ gheamair dar a bhiodh iad atighinn a-nuas an seo no a Lianaig, tha fios agad. Na batteries, anns an t-seann làithean, bhithinn-sa atoir leis abhattery air ais thuiges thigeadh e fhèin na mo choinneimh letheach slighe.

CM: Nise, bha sibh ag obair aig aphost airson 47 bliadhna. An robh sibh afaireachdainn truagh an latha a dhfhàg sibh e?

CD: Bha gu dearbha. Cha robh mi an dùil gum fairichinn cho truagh. Bha mi an dùil gun tug cuideigin rudeigin air an robh grèim agam às mo làmhan. Shin agaibh mar a dhfhairich mi. Ma thuigeas sibh tha mi aciallachdainn. Gun deach rudeigin a bha ... air an robh grèim daingeann agam a spìonadh às mo làmhan. Aguss ann dhe mo chead fhèin a sguir mi. Sin mar a dhfhairich mi.

CM: Agus nuair a thòisich sibh an toiseach, cho mòrs a bha ur tuarastal an uair sin?

CD: Cha robh an tuarastal agamsa an uair sin ach ... o, dhfhaodadh gun robh e trì notaichean no rudeigin san t-seachdain.

CM: An e obair thaitneach a bhann?

CD: Uill, a rèir rathad a ghabhadh tu e. Nan dèanadh tu taitneach e, bhiodh e taitneach. ’S ma bha do thoil leat, bhiodh e taitneach. Ach ma bha thu ag obair an aghaidh do chàil, cha bhitheadh. Bheil thu atuigsinn?

CM: An do thachair sìon iongantach ribh nuair sibh ag obair aig aphost?

CD: Uill thachair, dar a bha ... na mo bhalachs mi adèanamh na làithean-saora aig an t-seann phost a bha an seo, agus bha mi ... bha agam ri coiseachd ... bha mi afuireach anns acheann a-bhos dhen an dùthaichs bha agam ri coiseachd suas, ’s bha mi a-rèist atighinn a lìbhrigeadh nan litreachans bha mi adol air ais air an oidhche leotha. Agus bha an dotair, ’s e Zadok a theireadh sinne ris, ’s bha each aige, agus rug e orm air an rathad. Bha mise acoiseachds bha esan atighinn air an each, ’s dhfhalbh truas mòr dhìom tha mi asmuaineachdainn, agus chuir e air an each mi, agus bha mise air an each agus feagal mo bheatha orm gun tuitinn, agus esan aruith ri taobh an each gus gun do ràinig sinn àite nan litreachan, am Post Office. Agus dar a thàinig mise dhen an each, cha burrainn domh seasaimh, leis mar a bha mi aleigeil mo chuideam cho marbh. Tha fhios agaibh, aleigeil mo chuideam cho marbh air an each, tha mi asmuaineachdainn. Ach bha an dotair agàireachdraich.

CM: ’S e Dotair MacLeòid a bha siud?

CD: ’S e, ’s e. Dotair MacLeòid. Bha a h-uile duine measail air.

titlePostaireachd air a’ Chomraich
writersKenneth MacDonald
internal date1986.0
display date1986
publication date1986
level
notesTha Coinneach Dòmhnallach a’ bruidhinn mun obair aige nuair a bha e na phosta. Tha e a’ cuimneachadh gum b’àbhaist dha coiseachd ochd mile gu traigh geamair; nuair an d’fhuair e càr; na h-aimsire nuair a bha e’ coiseachd mun cuairt na sgìre; agus latha nuair a shiubhal e air each còmhla ri Dr MacLeòid. [Tobar an Dualchais]
parent textBBC
<< please select a word
<< please select a page