Ceit NicDhòmhnaill (CN): Rugadh mise ann an Càirinis, ann an taigh-tughaidh, shìos anns aBhaile Ìochdrach an Càirinis. Tha am Baile Uachdrach shuas, faisg air an sgoil, ’s tha am Baile Ìochdrach shìos faisg air achladach, faisg air far am biodh am bàta-aiseig atighinn a-staigh mun do thogadh an cabhsair eadar Beinn na Fadhla agus Uibhist a Tuath.

Jo NicDhòmhnaill (JN): Nis, an e croitear a bha nur h-athair?

CN: Bha croit aige, aguss e deagh chroitear a bhann cuideachd, ach a bharrachd air an sin bha e na ghobha, agus bha bùth aige, agus bha Post Office aige.

JN: Leis an sin, tha fhios gun robh e air a chumail gu math trang?

CN: Trang? Cha robh dìreach mionaid aige. Bha e ag obair fad an latha, agus bha mo mhàthair i fhèin ga chuideachadh. Bha i acumail cuideachadh ris anns a h-uile sìon a bha e adèanamh, agus bhiodh i acuideachadh air achroit, agus obair an taighe aice ri dhèanamhs còigear a theaghlach aice, agus a bharrachd air an sineach bhiodh i adol a dhobair dhan bhùthaidh agus dhèanadh i obair aPhost Office cuideachd.

JN: An robh tòrr eich an Uibhist a Tuath an uair sin?

CN: Bha. O, eich gu leòr. Bhiodh iad atighinn à Griomasaigh, ’s às aBhaile Shear, agus Càirinis fhèin, agus Loch Euphort, a chruidheadh dhan cheàrdaich aig mathair.

JN: A bharrachd air a bhith acruidheadh eich, am biodh e adèanamh rudan eile anns acheàrdach?

CN: Bhiodh e adèanamh troighsgeirean, agus clobhan, agus greidealan airson fuine, agus bhiodh e adèanamh ... bhiodh e acearcalladh. Sin agaibh cearcall a bhiodh adol timcheall air rothan cartach. Tha obair mhòr an sin. ’S e obair latha a bha sineach, agus bhiodh feadhainn eile ga chuideachadh.

JN: ’S an robh aghoibhneachd anns an teaghlach? bha na athair fhèin?

CN: O bha. ’S e na Goibhntean a chante riutha. Bha mo sheanair, shin agaibh Niall Gobha, athair mathar, bha e na ghobha. Agus an Gobha Ruadh, sin agaibh seanair mathar, bha e fhèin na ghobha. Aguss ann à Màlacleit a thàinig iad an toiseach. Bhuineadh iad do ChlannIllEathain Bhoighreigh.

JN: ’S nach robh ceangal aig an fheadhainn sin ri cladh ann an Àird aBhorrain, an ann?

CN: Àird aBhorrain. Bha. Sin far am biodh iad atiodhlacadh ChlannIllEathain. Bha an cladh sin aca dhaibh fhèin, aig ClannIllEathain Bhoighreigh, agus an mu dheireadh a chaidh adhlacadh anns e Magaidh, piuthar mathar. Mrs Lamont a bhinnte. Bha i pòsta aig Eairdsidh Lamont à Beinn na Fadhla. ’S i an mu dheireadh a chaidh adhlacadh ann.

JN: ’S càite dìreach a bheil an cladh sin?

CN: Uill, dhfheumadh sibh a dhol a-null seachad air Grèinetobht, ’s a dhol a-null air an tràigh gus an ruig sibh e.

JN: Leis gun robh bùth agus Oifig aPhuist ceangailte ris an dachaigh agaibh, mar gum bitheadh, cuideachd, tha fhios gun robh mòran dhaoine atighinns afalbh a-mach às an taigh?

CN: Daoine? Bha sinn ... bhiodh an taigh againn làn. Agus mar a bha cuideachd, a thoradh an aiseig, na daoine a bha adol a Ghriomasaighs dha na Ceallan, ’s a Bheinn na Fadhla, agus a-rithist atilleadhs adol gu Uibhist a Tuaths gu Loch nam Madadh, bhiodh daoine an-còmhnaidh atadhal a-staigh againn, agus bhiodh mo mhàthair atoir dhaibh teatha. Cha robh an taigh againne falamh uair sam bith, ach daoine afalbhs atighinn, ’s afalbhs atighinn, ’s afalbh.

JN: Bha seo anns na làithean mus do chuir iad drochaid?

CN: Bha. Mun do thogadh an cabhsair eadar Uibhist a Tuath agus Beinn na Fadhla. ’S e àm trang a bhann. Agus bhiodh Ailig Alasdairic Eòghainn, bha bàta aige. Agus Niall Shùnamail, bha bàta-iomraidh aige, agus an uair sin cha chreid mi nach dfhuair e inneal. Bàta le inneal. Einnsean.

JN: ’S an robh daoine adol tarsainn na fadhla air ... le cairteans eichs gnothaichean?

CN: O bhitheadh. Dh’fheumte ... dhfheumadh sibh a dhol ... falbh sìos on ùtraid aig an Àird Mhòir, air neo on taigh-sheinnse, on taigh-òsta, agus bha fadhail ann agus dhfheumadh duine a bhith uabhasach fhèin faiceallach adol a-null air an fhadhail a bha sineach, thoradh bha bàthaidhean air an fhadhail sin ann a bhliadhnaicheans bliadhnaichean a chaidh seachad. Ach thogadh càrnain airson gum biodh e astiùireadh dhaoine air an rathad cheart. Agus bhiodh cairtean adol a-nulls bhiodh gigeachan adol a-null, agus o, chan fhaca thu rud riamh cho laghach ri dol a-null air an tràigh ann an gige latha brèaghas na h-eich atrotadh.

JN: An do rinn sibh fhèin sin?

CN: O rinn. Thoradh, bha mo sheanmhair, màthair mo mhàthar, ’s ann anns an Uachdar am Beinn na Fadhla a bha i afuireach. ’S ann à Beinn na Fadhla a bha mo mhàthair. Mòrag Iainic Alasdair a chanadh iad rithe. Uill, bean Iainic Alasdair, ’s e sin mo sheanmhair, agus bha i afuireach anns an Uachdar, agus bhithinn adol a h-uile samhradh, airson dhà no trì sheachdainean, dhan Uachdar air làithean-saora, aig làithean-saora na sgoile, aguss e an rud a bfheàrr leam a chunna mi riamh, afalbh sa ghige tarsainn ... a-null air an oitir agus na h-eich atrotadh. Cha dìochuimhnich mi gu sìorraidh e.

JN: Nis, nuair a bha sibh òg ann a shin, ann an Càirinis, seòrsa cur-seachadan a bhagaibh?

CN: Cur-seachad? Uill, bha mise uabhasach dèidheil air a bhith timcheall air na beothaichean, agus bhitheamaid ag obair, acuideachadh ar pàrantan leis an obair, as t-samhradh co-dhiù. Bhitheamaid abuachailleachd achruidh eadar na h-imirean arbhair, thoradh nan leigte leotha fhèin iad bhiodh iad ag ithe an fhochainn, ’s dhfheumte coimhead às an dèidh. Agus bhithinn cho toilichte nuair a chithinn tòrr feur aig achrodh, nuair a chithinn iad atoir grèim math às an fheur. Bhiodh e atoir toileachadh mòr dhomh. Bha mi ag ràdh rium fhìn: “Cha bhi an t-acras ortsa co-dhiù, an-diugh.”

Agus an uair sin, rud eile a bhithinn adèanamh uabhasach math, sin agaibh acoimhead airson neadan. Bha a’ chroit ... bheil fhios agaibh, bhithinn afalbh sìos leam fhìn a choimhead airson neadan, agus bhithinn acur clach, chan ann faisg air an nead idir ach bìdeag bhuaithe, gus gum faicinn ... gum biodh fhios am am bitheadh an nead, agus bhithinn aleantail nan iseanan beaga sin gus a ... bhithinn gan watchadh air mo shocair, acoimhead orra, agus na gobanan beaga orains a bha sin afosgladh agus an t-eun acur boideag nam beul.

JN: seòrsa ... druideans uiseagan?

CN: Uiseagan mar bu thrice. Uiseagan. ’S e. Agus cuideachd neadan chlachairean, anns na ballaichean cloiche. Bhitheamaid afaighinn sin cuideachd, ’s uighean beaga liath aca.

JN: seòrsa rudan a bha sibh areic anns abhùth? Tha fhios nach ann coltach ri supermarket an-diugh a bhiodh e.

CN: Chan ann, chan ann. Bha dìreach ... uill co-dhiù an t-ìm an-diugh tha e atighinn air a thomhas ann an leth-phuinnd, ach bha mathair afaighinn bogsa fiodha agus dìreach an t-ìm ann, agus bha càrtan ime aige agus bha e fhèin atomhas an ime dhan fheadhainn a bhiodh atighinn ga iarraidh. Agus cuideachd siùcar, pocannan mòra siùcair atighinn, agus bhiodh scoop aige airson a bhith atomhas an t-siùcair. Agus bhiodh e afaighinn sòda-arain, agus cream of tartar cuideachd ann am pocannan. Agus . Bhiodh cisteachan mòra atighinn cuideachd.

JN: An e biadhs gnothaichean dhen t-seòrsa sin a bu mhotha a bhathar areic? No an robh e ...

CN: Uill, ’s e, bha biadh ... O bha cuideachd. Agus tha cuimhnam air P. & R. Fleming. Is iomadh uair a chuala mi e abruidhinn air P. & R. Fleming. Sin far am biodh e afaighinn nan tàirngeans nan gnothaichean a dhfheumte airson na ceàrdaich, agus daoine eile. Bhiodh e acumail a h-uile sìon dheth sin.

JN: Am burrainn dhomh tionndadh gu àirneis taighe, agus às a bha àirneis atighinn anns na làithean sin?

CN: Uill, bha beinge anns a h-uile taigh an uair sin. Sèise no beinge, agus sin far am biodh na daoine asuidhe, a thigeadh a-staigh air chèilidh. Agus glè thric sin far am biodh amhòine air a cumail cuideachd, a-staigh fon bheingidh. Agus tha cuimhnam air piuthar mathar, aon aca, bha i uabhasach eagalach ro dhealanaichs ro thàirneanaich, ’s nuair a thòisicheadh iad sin bha i adol a-staigh na crùban fon bheingidhs afuireach ann a shin gum biodh an stoirm seachad.

Agus bha cuideachd, bha na saoir, bhiodh iad adèanamh sèithrichean, dìreach sèithrichean plèin air a dhèanamh air fiodh, agus dhfhaodadh duine peant geal a chur orra no dìreach an fhàgail mar a bha iad gu nàdarra. Bha na sèithrichean sin ann. Agus an t-sèise. Aguss dòcha gum biodh furm, bhiodh iad adèanamh fuirmean cuideachd, airson na cloinne. Furm, airson achlann a bhith asuidhe orra.

JN: An robh aca ri bhith adèanamh am plaidichean fhèin?

CN: Uill, bhiodh iad acur na clòimhe air falbh a Bhrora, gu T. M. Hunter, agus bhiodh iad sin adèanamh nam plaideachan. Ach tha mi asmaoineachadh gum bitheadh breabadairean adèanamh phlangaidean cuideachd, a bharrachd air an sineach. Agus gheibheadh tu feadhainn dhùbailte, plangaidean dùbailte. Bha iad fada, agus mar gum biodh sgrìob dhubh sìos anns an oir aca, air gach taobh, ’s feadhainn eiles e dhà no trì sgrìobannan a bhiodh anns amhullachs anns abhonn aca.

JN: Agus am biodh a leithid a rud, rud ris an canadh sinne cuibhrig?

CN: O cuibhrige-leaba. Bhitheadh. Nis, bha sin air a dhèanamh ... bha mar gum biodh dathan air. Bhiodh dathan air. ’S dòcha orains, ’s dearg, ’s buidhe. Tha mi asmaointinn gur e sin na dathan bu thrice a bhiodh orra. Sin an cuibhrige. Bhiodh e adol air muin nam plangaidean.

JN: Nis, ’s e latha mòr a bhann, latha nighe nam plaidichean?

CN: O, latha mòr a bha sin. Agus bha iad ataghadh latha brèagha. Bhiodh iad ... dhaithnicheadh iad sa mhadainn nan robh an latha gus a bhith math. Co-dhiùs ann aig na làithean-saora a bhiodh ann, ’s bhiodh achlann timcheall. Anns an Iuchar, mar bu thrice, agus bha iad afalbh le eallach phlangaidean sìos, an dàrna cuid gu tobar air neo gu locha. Agus bha iad atoir leotha tuba mòr fiodh agus poit thrì-chasach. Agus siabann. Stacaichean mòra siabainn. Agus uaireannan eile bha siabann bog aca, agus an dòigh a bhaig feadhainn acas ann aslisneadh an t-siabainn dhan an uisge theth a bhiodh iad.

Co-dhiù, dhfhalbhamaid co-dhiù, ’s ar màthair, ’s boireannaich eile a bhiodh gar cuideachadh. Bha na nàbaidhean ... bha daoine uabhasach math gus a chèile a chuideachadh an uair sin. Agus co-dhiù, dhfhalbhamaid sìos ann a shineach, ’s o, ’s e latha mòr a bhann, ’s na cnuic cho snogs na lochan cho sèimh. ’S chuireamaid air an teine. Thogadh iad an teine. Chuireadh iad an uair sin ... lìonadh iad aphrais a bha seo le uisge fuars chuireadh iad air an teine i, ’s bha an tuba ri thaobh, faisg air làimh, deiseil airson an t-uisge.

Agus bha na boireannaich an uair sin acur dhiubh am brògans an stocainnean, agus bha aphlangaid adol dhan uisge theth, ’s an siabann air a shlisneadh, no siabann bog, air neo na stacaichean mòra a bha seo, dìreach ga shuathadh ris na plangaideans gan cur dhan uisge. Agus dhfheumadh ... chan fheumadh an t-uisge a bhith uabhasach teth, no loisgeadh na boireannaich an casan, bho thoradh, bha iad aseasamh anns an tuba a bha seothach agus astampadh nam plangaidean, atogail an sgiortaichean suas cho fads a burrainn dhaibh às an rathad, mus fliuchadh iad na sgiortaichean. Agus bha iad an uair sin aseasamh ann a shineach agus gu bragail astampadh nam plangaidean, dìreach mar a bhios iad adol timcheall san washing machine an-diugh, ga plupadaich ann a shineach, ’s bha iad aseasamh ann a shins aplupadaichs astampadh nam plangaidean, gus am biodh iad asmaoineachadh gun robh iad air ... cho glans a ghabhadh iad dèanamh.

Agus bha iad an uair sin gan toir às, agus aig gach ceann agus iad afàsgadh na plangaid. Bha uaireannan, cuideachd bha ... bhiodh iad acur pìos maide, no bioran, an ceann na plangaids, fhios agad, ga shuainteadh mar sineach, gus am biodh a h-uile deur ... uill, na ghabhadh toir às de dhuisge air tighinn às. Bha iad an uair sin acur uisge glan sa phrais a-rithist, agus an uair sin acur na plangaid ann a shin, airson an siabann a thoir aiste, agabhail dhi ann a shin a-rithist. Agus an uair sin ga toir às, ga fàsgadh mar a bha iad adèanamh roimhe. Chan eil cuimhnam a-nis mheud turas ... mheud uisge a bha iad acur oirre airson an siabann a thoir aiste, ach is cinnteach gun cuireadh iad barrachd air aon uisge oirre.

Agus an uair sin, nuair a bha iad air a fàsgadh bha iad ga ... air gach ceann, nos dòcha dithis air gach ceann dhen phlangaid, ’s ga crathadh gu sgairteil ann a shineach. Agus an uair sin ma bha cnoc faisg air làimh, rud a bhitheadh glè thric, agus talamh tioram, bha iad asgaoileadh nam plangaidean air achnoc. Agus nam biodh iad asmaoineachadh gun robh latha brèagha gus a bhith ann a-màireach, bha iad gam fàgail a-muigh fad na h-oidhche. Agus an làrna-mhàireach, gan curs dòcha gan sgaoileadh air balla-cloiche no feansa ma bha e aca, gus am biodh iad tioram, ’s gu an uair sin ... Agus cho cùbhraidhs a bha an t-àileadh a bha às na plangaidean. Bha e dìreach, dìreach àlainn fhèin.

JN: ’S ann an Càirinis a chaidh sibh dhan an sgoil?

CN: ’S ann. Chaidh mi a sgoil Chàirinis nuair a bha mi còig bliadhna, agus cha robh facal Beurla agamsa an uair sin. Agus nuair a chaidh mi dhan sgoil bha iad airson Beurla ionnsachadh dhuinn, agus bha sinn afaighinn leabhar beag Beurla. Primer a bhagainn air. Rud beag tana. Cha robh e ach mu cheithir no còig a dhòirlich square. Leabhar beag. ’S e dath fawn a bhair, tha cuimhnam. Agus bha tòrr aig an tidsear dhiubh sa phreasa. Bundle mòr aice dhiubh, agus bha sinn afaighinn fear dhiubh sineach. Rudan furasta, faclan furasta rin ionnsachadh, mar a bhathe cat sat on the mat’, rudan mar sineach. Tha cuimhnaig a h-uile duine air sin. Agus bha sinne ... nis, ’s e cànain choimheach a bha sin dhòmhsa, thoradh cha robh facal Beurla air a bhruidhinn a-staigh againne, ach Gàidhlig. Agus mu dheireadh thall bha mi atogail na Beurla agus bha mi cho moiteil an latha a burrainn dhomh an leabhar beag a bha sin a leughadh o thoiseach gu deireadh gun chuideachadh on tidsear no o dhuine eile.

JN: An robh mòran chlann adol a Sgoil Chàirinis an uair sin?

CN: Nuair a bha mise innte bha leth-cheud innte. Leth-cheud innte. Ach gu dearbh chan eil uimhir sin innte an-diugh idir. Achs e fìor sgoil a bhinnte. Bha tidsear againne nach robh a leithid san dùthaich. Màiri NicDhòmhnaill à Iolaraigh, anns aBhaile Shear, agus bha i fìor, fìor mhath air teagasg na cloinne, agus bha Sgoil Chàirinis ainmeil an uair sin, agus a thaing sineach aig Màiri NicDhòmhnaill, abhan-sgoilear a bhagainn, thoradh bha i math, math air teagasg. Ge bith cho slows a bhiodh duine, bheireadh i rudeigin asta. Bha an dòigh sin aice.

Agus an smachd a bhaice oirnn. Nuair a bhitheamaid adol dhan bhùthaidh no a dhàites a chitheamaid atighinn i bha sinn agabhail rathad eile. Ach na dhèidh sineach bha sinn measail oirre, ach dìreach ... ’s e dìreach an ùidh a bha sinn acur innte. Bha sinn ... cha robh sinn airson a bhith, mar gun canadh tu, familiar rithe, ged a bha i ... thigeadh i dhan taigh againn a chèilidhs bhiodh i abruidhinn rinn. Ach, uill, bha sinn dìreach. .. bha siud ann. Bha siud ann, ’s rud beag a bha siudach a dh’fheumadh ...

JN: A bharrachd air a bhith ag ionnsachadh Beurla agus cunntadh, ’s leughadhs sgrìobhadh, an robh sibh adèanamh cuspairean eadar-dhealaichte?

CN: O bha. Bhiodh i atoir dhuinn mìnigeadh aig an fhacal Càirinis, ’s ag innse dhuinn ... o bha sinn adèanamh eachdraidh agus eòlas-dùthcha. Agus rud eile a bhitheamaid adèanamh, an t-uabhas de drawaigeadh, ealain. Agus tha cuimhnam gun robh ... an rùm anns an robh sinn, bha blackboards timcheall ... mòr-thimcheall nam ballachan, agus bha sinn cho toilichte nuair a gheibheamaid cead seasamh ann a shineach agus a bhith atarraing dealbh, flùraichean. Agus tha cuimhnam aon turas, thug iad lèabag a-staigh dhan sgoil, agus spotan beaga donn oirre, agus bha sinn adrawaigeadh sin cuideachd.

Bha i uabhasach fhèin airson na trì Rs, agus cha robh math dhuinn bhith abruidhinn nuair a bhitheamaid ag obair anns an sgoil. Bha belt san deasg. Bha fhios againn gun robh e ann, ach cha robh i dona idir a bhith ga thoir dhuinn. Ach tha cuimhnam fhathast an dèidh -mhodh a dhèanamh an slac a leigeadh i leis an deasg nuair a leigeadh i sìos e, nuair a bhiodh i atoir a-mach abhelt às.

JN: Am biodh i gur toirt a-mach às an sgoil?

CN: O bhitheadh, bhitheadh.

JN: am biodh sibh adol?

CN: Bha sinn adol ... dìreach ... o cha bhitheadh ach dhan ghàrradh aig an taigh-sgoile fhèin, ’s bha an gàrradh lovely. Bha e uabhasach snog, an gàrradh a bhanns an sgoil. Bhitheamaid adol a-mach ann a shineach as t-samhradh, nuair a bhiodh latha brèagha samhraidh ann, bha i a’ cur forms a-muigh ann a shineach air ar son, air neo nam biodh latha brèagha ann bhitheamaid a’ suidhe air an fheur nam biodh e uabhasach tioram. Agus bha gàrradh-càil aice cuideachd ann a shineach, ’s bhiodh na h-igheanan afighes afuaigheal, agus na gillean ationndadh aghàrraidh aices acoimhead às a dhèidh.

JN: Nise, an do dhfhuirich sibh ann an Sgoil Chàirinis fads a bha sibh air sgoil?

CN: Uill, bha mi an Sgoil Chàirinis gus an robh mi dusan bliadhna, agus an uair sin, mar a chanadh iad ris, bha abhursaraidh aig duine ri shuidhe, aguss ann an Sgoil Chladach Chircebost a bha an deuchainn ri shuidhe, abhliadhna a bha seothach, 1929 tha mi asmaoineachadh. Chaidh mi fhèin agus nighean aig piuthar mathar, dhfhalbh sinn an latha a bha seothach a shuidhe na bursaraidh dha Sgoil Chladach Chircebost.

JN: Dhur cois?

CN: Dhar cois, gu Sgoil Chladach Chircebost. Sinne a bha bragail afalbh. Cha robh for againn bha air thoiseach oirnn. Co-dhiù, dhfhalbh sinn co-dhiù, agus ràinig sinn an sgoil, ’s chuir iad air dòigh ann a shin sinn, ’s shuidh sinn an deuchainn a bha seothach; cunntais agus Beurla, sin na bhann. Cunntais agus Beurla. Agus nan dèanadh tu an gnothach air an deuchainn a bha seo, bha thu afaighinn bursaraidh. Sin agad suim airgid a h-uile bliadhna airson do chuideachadh leis an ionnsachadh.

Co-dhiù, rinn sinn an gnothach air an deuchainn, ach cha deach sinn idir dhachaigh a Chàirinis an oidhche sin. Bha càirdean agam an Cladach Chircebost, Ruairidh Ghilleasbaig Aonghais, agus abhean a bhaige Magaidh aMhuilleir. Aguss e ... bha dlùth-dhàimh aig Ruairidh ri mathair, agus bhiodh iad adèanamh companas ri chèile riamh. Agus dhfhuirich sinn an oidhche sin an taigh Ruairidh Ghilleasbaig Aonghais, agus choisich sinn dhachaigh an làrna-mhàireach. Agus riamh às dèidh sineach, nuair a bha sinn adol a Sgoil Cheann aBhàigh, bhitheamaid afuireach oidhches dòcha, no atadhal ann an taigh Ruairidh Ghilleasbaig Aonghais air an rathad dhan sgoil, air neo air an rathad adol dhachaigh feasgar Dihaoine.

titleLàithean òige ann an Càirinis, Uibhist a Tuath
writersKate MacDonald
internal date1988.0
display date1988
publication date1988
level
notesTha am fiosrachadh a’ bruidhinn mu dheidhinn an àraich aice ann an Càirinis ann an Uibhist a Tuath far an do thogadh i. Tha i ag innse mun obair a bha aig a h-athair; ciamar a bha iad a’ siubhal eadar Uibhist a Tuath, Griomasaigh agus Beinn na Faoghla mus robh cabhsair ann; na cur-seachadan a bh’ aice; agus na làithean sgoile aice. [Tobar an Dualchais]
parent textBBC
<< please select a word
<< please select a page