EC―00 :05: …Agus an canadh tu gun robh àite mòr aig creideamh is tu a’ fàs suas, an e rud mòr a bh’ ann anns an dachaigh agus anns a’ choimhearsnachd cuideachd, mar gum biodh?
HM―00 :13: ’S e. As an, as an teaghlach agamsa ’s e creideamh uabhasach cudromach a bh’ ann agus bha sinn…bha sinn a’ dol gu èisteachd oidhche Shathairne agus bha sinn a’ dol gu aifreann Didòmhnaich. Agus chum sinn sin suas…suas , suas, suas, suas fada nam bheatha is thog mi a’ chlann san aon dòigh. Tha mi air a bhith caran leisg am bliadhna, gu h-àraid eadar an obair ùr is tòrr de rudan diofraichte a tha mi a’ dèanamh. Agus…ach chan fhàg do chreideamh thu gu bràth, agus mura robh mo chreideamh air a bhith agam nuair a chaill mi an duine agam, chan eil fhios a’m dè bha air a bhith agam, agus fhathast, tha na nighnean fhathast tha an creideamh aca làidir.
EC―01 :02: Tha iad, tha iad dàn dhan eaglais fhathast.
HM―01 :03: Tha, oh tha. Chan eil, chan eil sinne a’ stad a bhith ag ùrnaigh latha no oidhche, ach dìreach mar a bha mi ag ràdh tha mi air a bhith caran leisg a’ dol dhan eaglais na làithean a tha seo. Ach on a dh’fheumas mi a’ dol ann bidh mi a’ dol ann.
EC―01 :17: Bithidh, cinnteach gu bheil, agus a bheil…a bheil, a bheil cuimhn’ agad air mar gum biodh làithean fèille is rudan mar sineach. A bheil cuimhn’ agad air rudan sam bith tachairt air, air làithean sa bhliadhna car…you knowLatha Fhèill Mìcheil is rudan…am biodh sibh, am biodh sibh a’ dèanamh sruthan no dad sam bith aig, aig an taigh no an robh rud sam bith a’ tachairt? No Oichche Challainn, Hogmanay, an robh, an robh rud sam bith… ?
H―01 :37: Cha…uill , chan eil cuimhn’ agamsa ach nuair a bhiodh iad a’ toirt gual a-staigh no fàd-mòine agus drama nuair a thigeadh an uair seachad air meadhan-oidhche. Agus tha cuimhn’ a’m biodh a h-uile sian air a, air a dhèanamh dreiste gu snog, agus bhiodh tu a’ suidhe aig an teilidh no ag innse stòiridhean is rudan beaga mar sineach, ach ann an dòigh mar a, mar a tha gnothaichean…tha an saoghal air fàs cho, cho cliobhar agus cho diofrach.
EC―02 :13: Seadh, agus ciamar a tha e a’ fàs diofrach, dè, dè tha air atharrachadh bhon a bha thusa ’s dòcha nad nighean bheag mar gum biodh? A bheil…a bheil thu a’ faicinn atharraichean mòra?
HM―02 :21: Uill, an diofar a tha mise a’ faicinn, chan eil daoine a’ tighinn gun an doras a’ coiseachd a-staigh agus ag ràdh ‘Dè tha a’ dol? Is a bheil sinn… ’, och uill, chan eil an leithid de dhaoine a’ dol gu mòine, is chan eil, ’eil fhios agad…tha tòrr…tha e diofrach dhomhsa nam, nam bhoireannach cuideachd. ’S dòcha nam biodh an duine agam a-staigh fhathast, bhiodh daoine a’ tighinn a-staigh mar ghnothach a’ chruit, gnothach bheathaichean ’eil thu a’ tuigsinn, buain a-muigh ’eil fhios agad, a’ dol sìos gu na machair is treabhadh is gnothaichean is bhiodh iad a’ tighinn a-staigh, bhiodh nàbaidhean a’ tighinn a-staigh airson… ’s dòcha gu bheil e diofrach dhomh.. .dhomhsa air sàilleibh tha mi leam fhìn, ach tha cuimhn’ a’m nuair a bha mi beag cha robh latha ann nach robh cuideigin a’ tighinn a-staigh a dh’fhaicinn Dadaidh, is Dadaidh a’ dol a dh’fhaicinn fear eile is bhiodh iad a’ shareadh fhios agad an tractar is a’ dol a gheàrradh a’ mhòine, buain a’ mhòine, ga thoirt dhachaigh agus bha, bha rudeigin a’ dol fad an t-siubhail is…cuideigin eile a’ dol seachad is tha… cha do rinn e sin ach stad, air sàilleibh bha, bha an t-astar cho fada is cha robh ann ach an t-seann drochaid aig an àm, so stadadh iad son cupa tì is an ath-thriop a dheigheadh iad seachad ‘tapadh leat son an tì an triop mu dheireadh a bha mi a-bhos, seo agad iasg dhut’, rudan beaga mar sineach.
EC―03 :31: Agus an robh sibh a’ cumail crodh sam bith no stoc, caoraich?
HM―03 :34: Bha, bha crodh an toiseach aig m’ athair, ach cha robh mo mhàth.. .m’ athair a’ cumail cho math agus bha caoraich aca, is tha cuimhn’ ’am a bhith a’ dol sìos chun a’ chladach còmhla ri m’ athair is mo mhàthair airson an toirt dhachaigh, fhios agad nuair a leigeadh iad sìos chun a’ chladach is dh’fheumadh tu a dhol sìos is an toirt dhachaigh is rudan beaga mar sineach. Ach… ’s e…
EC―03 :55: Bha sibh ann an àite gu math brèagha, nach robh? Ri.. .dìreach ri.. .ri.. .ri taobh na.. .ri taobh a’ chladaich.
HM―04 :01: Bhiodh sinn a’ dol sìos a dh’iarraidh srùbain.
EC―04 :03: Bha mi dìreach a’ dol a dh’fhaighneachd sin dhut, am biodh, am biodh tu a’ togail shrùbain is maorach, faochagan is… ?
HM―04 :08: Bhiodh sinn a’ dèanamh siudach fad an t-samhraidh, is nuair a bha thu ag èirigh sa mhadainn mura robh sgoil ann bha thu air a’ chladach fad’ an latha, is mura robh thu air a’ chladach bha thu a-muigh air a’ chruit leth-rùisgte, is bha thu coma cò bha gad fhaicinn, cha robh duine gad fhaicinn, bha thu…bha sibh toilichte.
EC―04 :22: Bha do shaorsa agad.
HM―04 :24: Bha.
EC―04 :26: Agus am biodh sibh a’ reic na faochagan no dìreach gan, gan ithe?
HM―04 :28: Bhiodh sinn gan ithe sinn fhìn, ach bha bodach a bhiodh a’ toirt dhuinn sgillinnean is bha sinn ‘Oh tha tòrr mòr sgillinn agam son a dhol is a dh’iarraidh shuiteis bho bhùth MacKintosh, ach tha mi a’ smaointinn an rud a bha esan a bha e a’ dèanamh, bha e ga.. .gan cur am broinn baga.
EC―04 :44: Agus gan reic, tha mi a’ creidsinn.
HM―04 :45: Gan reic agus bha esan, bha esan a’ dèanamh an t-airgead.
EC―04 :47: A’ dèanamh not no dhà.
HM―04 :50: ’S e esan a bha a’ dèanamh an t-airgead. ’S e sinne a bha a’ dèanamh an obair, ’s e esan a bha a’ dèanamh an t-airgead. Cha robh sinne a’ faighinn ach sgillinn suiteis.
EC―04 :54: Seadh, cibhean.
HM―04 :55: Cibhean, aidh.
EC―04 :58: Son tha deagh phrìs orra nach eil, air, air an fhaochag, anns an latha… ?
HM―05 :01: Tha iad ag ràdh, tha iad ag ràdh gu bheil, ach tha, tha…cuideachd tha mi a’ smaointinn gu bheil tòrr obair-pàipearachd na lùib cuideachd, licensing.
EC―05 :09: Tha mi a’ smaointinn gu bheil iad a’ fàs rud, rud beag nas mionaidiche, ’s dòcha, aidh. Agus dè an dòigh as fheàrr am bruich ma tha thu gan, gan ithe, airson… ?
HM―05 :18: Uill, chan ithinn faochag an-diugh nan toireadh tu dhomh e air truinnsear o Gordon Ramsay. Tha…bhiodh tu dìreach gam bruich agus an uair sin bha mar gum biodh…chan eil fhios a’m cia.. .ciamar a chanadh tu e…sùil , bha sùil air.
EC―05 :32: Tha cuimhn’ a’m a bhith, a bhith gan ithe mi fhìn agus gu dearbh, gu dearbh cha…
HM―05 :35: Na can an còrr. So, bheireadh tu, bheireadh tu às an t-sùil le a’ phrìne.
EC―05 :41: Prìne, seadh.
HM―05 :42: An uair sin bha thu ga scoopadh a-mach agus bha thu ga ithe, agus bha thu a’ smaointinn dìreach gun e rud brèagha a bh’ ann nuair a thàinig e às a’ chladach.
EC―05 :50: Cha rachainn na chòir an-diugh mi fhìn.
HM―05 :51: Tha cuimhn’ agamsa nuair a bha sinn beag, cuideachd bhithinn a’ dol a thogail na srùbain còmhla ri a-rithist càirdean às an Ìochdar.
EC―05 :56: ’S e latha mòr a bh’ ann, nach e?
HM―05 :57: ’S e, ’s e. Agus bhiodh na fir ann, agus bha feadhainn de na fìr agus dhèanadh iad an gnothach air an dà srùban a chur còmhladh, agus a dhèanamh mar siudach is dh’fhosgladh e, agus amh sìos an amhaich. Agus och, och biodh mo phiuthar ann latha agus rinn i mar sin is rinn i mar siud…och…dh ’fhalbh i is spùt i a-mach e. Ach an rud a bhiodh iad a’ dèanamh, bhiodh tu gan toirt dhachaigh agus bha thu gan goil gus am fosgladh iad.
EC―06 :25: Tha cuimhn’ ’am air sin mi fhìn.
HM―06 :26: Agus an uair sin bha thu ga strèanadh mus toireadh tu a-mach às an slige e, ’s dòcha gun toireadh tu às…
EC―06 :30: ’S dòcha gun biodh gainmheach ann.
HM―06 :32: Sin agad thu. Agus an uair sin dh’fhaodadh tu an ithe mar a bha iad, dh’fhaodadh tu an ithe le lof is ìm, no dh’fhaodadh tu an cur air a’ frying pan. Ìm, garlic, agus a-rithist nuair a bha mi sa cholaiste dh’ith sinn iad aon oidhche legarlicis lof is ìm agus oh bha iad sgoinneil. Uill, bha am boireannach a bha mi a’ fuireach còmhla ris bha i bochd airson trì seachdainnean, agus bha mise bochd airson latha, agus chuir iad dheth sinn. Tha sinn a’ smaointinn gun robh rudeigin…gun robh, gun robh iad rudeigin air…gun robh iad dheth no rudeigin, chan eil fhios a’m. Cha do dh’ fhairich sinn sian nuair a bha sinn gan ithe, ach bha sinn uabhasach fhèin bochd.
EC―07 :11: Am biodh fios agaibh ’s dòcha nam biodh iad dheth?
HM―07 :12: Dìreach, ach chan eil fhios a’m dè bh’ ann a dh’fhàg bochd sinn. Agus mar sin, tha mise uabhasach ma dh’fhàgas rudeigin bochd mi, tha mi uabhasach fhèin eagalach airson a dhol air ais agus ithe a-rithist.
EC―07 :24: Cò nach biodh?
HM―07 :25: Aidh, cuir.. .cuiridh e dheth thu. Agus muirsgean cuideachd, bha iad doi.. .doirbh fhaighinn, ach a-rithist bha e uabhasach…cha robh annta achrubber. Chan eil mise math air iasgaich ann, cha dearg mi iasgaich ann.
EC―07 :39: Tha mi a’ smaointinn gum feumadh thu am bruich gu math, gu math luath tha mi a’ smaointinn, agus…
HM―07 :42: Uisge teth cliobhar.
EC―07 :43: Rudeigin mar sineach, aidh, ach cha do ghabh mise a-riamh iad mi fhìn.
HM―07 :47: Cha toirinn taing sam bith dhut air a shon. Tha cuimhn’ a’m turas dh’fhàg am fear a bha seothach…thàinig e chun an doras agus dh’fhàg e poca ìnean-chrùbagain is bha mo pheathraichean a’ suidhe air a…air a…tha…aig an dìnnear, agus bha iad a’ suidhe gu h-àrd agus bha iad ga fosgladh is le forc is ‘Oh Dhia tha iad sgoinneil tha iad ainmeil’ is bha a-san, can gun robh à-san sia-deug is naoidh-deug no rudeigin, is bha mise can ceithir-deug is ‘Dhia ma tha iad cho math sin feumaidh mise a ghabhail’ is dh’fheuch mi, chaidh mi mar seo…dh ’ fhalbh e a-mach às mo bheul cho cliobhar ’s a chaidh e ann. Dìreach cha…cha tigeadh e sìos idir, dìreach chan eil, chan eil stamag agam airson iasg. Ghabhainn cnogan tuna is tòrrsalad creamagusmayonnaise.
EC―08 :34: Math gu leòr ach chan eil thu, chan eil thu dèidheil. ’S dòcha gun e rudeigin…
HM―08 :36: Fhios agad, ’s dòcha dìreach…chan eil fhios a’m an e blas a th’ ann, no dìreach nach toil an stamag agam e, fhios agad.
EC―08 :47: Tha feadhainn ann mar sineach le iasg gun teagamh.
HM―08 :50: Bha mi, bha mi cho mionnaichte gun robh e aca cho math, air sàilleibh is gun robh e a’ còrdadh leotha, ach mar a tha mi ag ràdh thàinig e a-mach às mo bheul cho cliobhar ’s a chaidh e ann.
EC―08 :59: Agus dè mu dheidhinn rudan mar fuine, ’s e…am biodh, am biodh sibh a’ fuine nuair a bha sibh òg is… ?
HM―09 :03: Bhiodh, bhiodh, bhiodh. Bhithinn a’ dèanamh tòrr dheth sineach, is air an oidhche ’s dòcha chanadh Dadaidh rium ‘A bheil thu airsonsconesa dhèanamh?’ is uaireannan eile dhèanainnpancakes, panagan is nuair a bha a’ chlann beag bhithinn gan dèanamh cuideachd. Tha mi air a bhith cho leisg tha, tha… ’s fhada on uair sin a rinn mi…tha e cheart cho furasta a dhol dhanCho - operateis an ceannach. Is tha gu leòr, tha gu leòr a bhios gan dèanamh is bheir iad dhut iad nad, nad phreasant. Bhithinn…bhithinn a’ dèanamh bèiceaireachd san sgoil, sgoil an Ìochdair a-rithist, agus bha e a’ còrdadh leat a bhith ag ionnsachadh is biadh sam bith, nuair a tha thu òg, tha innteas agad ann.
EC―09 :45: Gun teagamh, gun teagamh, gun teagamh.
HM―09 :46: Ach mar sin fhèin, mar a bha mi ag ràdh bhithinn a’ dèanamh panagan is bhithinn a’ dèanamhscones, aidh. Fuine.
EC―09 :56: Uill, ’s e, ’s e beatha gu math slàn a bha agad tha mi a’ smaointinn a’ fàs suas co-dhiù. Cha robh… cha robh mionaid agad tha mi a’ smaoineachadh son a bhith nad thàmh.
HM―10 :04: Bha thu…bha thu coma cò aca, fhios agad cha robh dragh sam bith ort, fhios agad bha thu…mar a bha thu ag ràdh, bha thu…bha daoine a-mach is a-staigh fad an t-siubhail, bha rudeigin a’ dol anns an sgoil fad an t-siubhail mar Mòd no rudeigin, fhios agad. Bha thu a’ dol gu na…clubsna h-òigridh, bha sin ann anns an eaglais shìos ann am Beinn na Faoghla.
EC―10 :30: Tha cuimhn’ a’m air an sin, tha cuimhn’ a’m air taghta math.
HM―10 :32: Bhiodh tu a’ dol ann uair san t-seachdain, is ged a bhiodh tu cho bochd ri cù cha robh, cha robh thu son call a-mach, ged a bhiodh tu grod leis an fhuachd no rudeigin.
EC―10 :40: Agus dè mu dheidhinn nuair a bha thu beagan na bu shine, am biodh tu a’ dol dhan…dhan dannsaichean ann am Baile a’ Mhanaich no…cà…cà ’ am biodh na rudan sòisealta a’ tachairt mar gum biodh, airson…airson…airson boireannach òg a’ dol…ag iarraidh a dhol a-mach is sineach?
HM―10 :51: Uill, cha robh…a ’ chuid as motha na dannsaichean a bh’ againne, air sàilleibh a-rithist aig an aois aig an robh sinn, còig-deug, sia-deug, cha robh a’ chuid as motha de na teaghlaichean airson gun tigeadh tu a-mach gu na dannsaichean mòra.
EC―11 :08: Tha mi a’ tuigsinn, tha mi a’ tuigsinn, tha mi a’ tuigsinn. Bhiodh…bhiodh aois, bhiodh aois ann son dol a-mach, ’s dòcha, ’s dòcha seachd bliadhn’ deug no ochd bliadhn’ deug an uair sin, ach…
HM―11 :16: Ach aig, aig an aois còig bliadhn’ deug, sia bliadhn’ deug ’s e an fheadhainn sgoile a bha iad a’ dèanamh, agus bha iad uabhasach math. Bha, bha, bha, bha sinn uileadh a’ dol air a’ bhus, uileadh a’ dannsa, agus rud mòr a bh’ ann, dh’fheumadhdressdiofrach a bhith ort, dh’fheumadh tu a bhith leòmach is a h-uile rud a bh’ ann. Agus an uair sin thigeadh tu dhan sgoil madainn Diluain ‘Oooh, ciamar a chòrd siud leat, is ciamar a chòrd seo leat, is am faca tu dè bh’ oirrse is dè bh’ airsan is… ’
EC―11 :42: Beagan farpais a’ dol.
HM―01 :43: Shin agad thu. Is an uair sin bha mi aig seachd-deug bha mi a’ glanadh glainneachan air cùl a’ bhàir san Eilean Dorcha, agus bhiodh tu a’ faicinn dè bha a’ dol, fhios agad bainnsean is rudan beaga mar sineach, ach cha robh thu idir na lùib.
EC―12 :00: Tha mi a’ tuigsinn, tha mi a’ tuigsinn.
HM―12 :01: Agus an uair sin nuair a bha thu 18 bha dannsaichean shìos ann am Baile a’ Mhanaich anns angymmus do dhùin e. Discosmar a chanadh iad. Fear no dhà bha mi aige, ach bha mise air…tarraing , tarraing an uair sin a Steòrnabhagh, agus a-rithist ’s e clubaichean-òigridh bha mi a’ dol gu, a’ cluichepoolissnookeris rudan beaga mar sineach air an oidhche ann an Steòrnabhagh. Tha…feumaidh nach e…feumaidh nach e tè…nach e boireannach air an oidhche a bh’ annam idir! Ach bha gu leòr a’ dol. Bhiodh dannsaichean shuas ann am Bòrnais. A-rithist, airson an aois againne, cha robh math dhut a bhith seachad air ochd-deug agus cha robh math dhut a bhith nas òige na ceithir-deug. So, ’s ann…
EC―12 :50: ’S ann airson an fheadhainn anns a’ mheadhan mar gum biodh, seadh dìreach.
HM―12 :52: ’S e, ceithir-deug gu seachd-deug. Agus, ’eil fhios agad, bha iad faiceallach nach robh obair deoch làidir, smocadh is gnothaichean mar sineach ann. So, bha siud…bha…beatha sìmplidh a bh’ ann, agus bha e math agus bha e snog.
EC―13 :08: Tha e coltach gu bheil, tha a coltas ann, a-rèir coltais, seadh. Agus thàinig an teaghlach co-dhiù, agus tha fios a’m gu bheil sibh uile gu math làidir cuideachd a thaobh na Gàidhlig. Tha, tha cuimhn’ a’m a bhith gur faicinn as a’ bhùth, agus thu a’ bruidhinn riutha anns a’ Ghàidhlig air ais is air adhart agus, agus a’ trod uaireannan an uair sin, ach bha, bha car de…bha sibh gu math, gu math dàn dhan Ghàidhlig tha mi a’ smaoineachadh anns an teaghlach.
HM―13 :32: Bha. An toiseachd nuair a bha mi trom leis a’ chiad tè Jessie Anne, bha mi ag ràdh ‘Ciamar a tha mise a’ dol a dh’ionnsachadh Gàidhlig dhi’, bha mi a’ faireachdainn cho luideach. Nam mhàthair airson a’ chiad turas, bha, bha leithid agam ri ionnsachadh, ach nuair a rugadh i cha robh mi a’ bruidhinn ach an rud a bha mi a’ bruidhinn. Agus an uair sin bha e cho èibhinn, ’s e a’ Ghàidhlig a bh’ aice, ’s e a’ Ghàidhlig a bh’ aig a h-athair is an uair sin thog mi fhìn is a h-athair rud a bha uabhasach fhèin cudromach. Dh’fhàgainn i gun a bhith a’ bruidhinn Beurla is cha robh fhios aice cò air a bha i a’ bruidhinn gus an deach i dhan sgoil. Is an uair sin nuair a bha, nuair a bha fhios aicese…nuair a bha, nuair a bha thu son a bhith a’ bruidhinn mu dheidhinn rudeigin nach robh i airson tuigsinn, ’eil fhios agad, ma bha rudeigin mar Bodach na Nollaige no rudeigin, fhios agad…ach an uair sin cho luath ’s a bha ise a’ tuigsinn a’ Bheurla bha an gnothach air falbh. Tha cuimhn’ a’m turas bha Alasdair na shuidhe ann an shineach agus bha Jessie Anne is Oighrig cha robh iad ach…can gun robh iad sia ’s a còig, is bha iad dìreach shuas air bàrr an staidhre is bha iad a’ cluiche còmhla. Is bha mi a’ coiseachd seachad air an staidhre, is chuala mi Jessie Anne ag ràdh ri Oighrig ‘Dèan siud Oighrig leis an doileag’, no ge bith dè bha iad a’ cluiche leis. Is thuirt i ‘No, tha mi a’ dol ga dhèanamh mar seothach’, ‘Chan eil thu!’ is thòisich iad a’ trod ‘Dùin do bheul no bheir mi dhut sad’ a thuirt i. ‘Dùin thusa do bheul no bheir mi dhut sad agus tha mi a’ dol a dh’innse do Mhamaidh is do Dadaidh’, agus chaidh mi a-staigh agus thuirt mi ri Alasdair ‘Shaoileadh tu gur h-e dà sheann chailleach a bha air bàrr na staidhre. A’ trod, bha iad cho èibhinn. Ach a’ Ghàidhlig aca an-diugh fhathast.
EC―15 :09: Gu math làidir, aidh.
HM―15 :10: Uill, sin agad aon rud a tha Jessie Anne ag ionndrainn, air sàilleibh i a bhith cho fada air falbh on, on dachaigh aice, nach, nach eil…
EC―15 :17: ’S dòcha gu bheil cothroman aice thall an sineach, tha tòrr ag iarraidh ionnsachadh thall an sineach.
HM―15 :22: Aidh agus nuair a sheitligeas i agus nuair a gheibh i…nuair a gheibh i…
EC―15 :25: Dh’fhaodadh i a bhith ag obair air Skype noyou knowair-loidhne no…ach tha mi làn-chinnteach gu bheil feadhainn thall an sineach a bhiodh ag iarraidh ionnsachadh.
HM―15 :32: Aidh, chan eil i, chan eil i ach ùr, ùr thall ann an shineach. Gus, gus am fàs i eòlach air an t-àite, agus nuair a gheibh i sineach tha mi gu math gu math cinnteach gum, gum bi rudeigin ann dhi, air sàilleibh tha, tha e san fhuil aice, tha e sa chridhe aice. Agus rudeigin mòr a th’ ann an Jessie Ann cuideachd, ’s ann ag èisteachd ri seann daoine agus seann stòiridhean a bha air tachairt sna bliadhnaichean is bliadhnaichean air ais. Eachdraidh is rudan mar sin, bha, bha e a-riamh innte.
EC―15 :59: Nach math sin.
HM―16 :02: Uh-huh. Bha, is mar sin tha…tha e math. Tha e laghach! Bha…bha i a’ dèanamh beagan obair mus do dh’fhalbh i à Uibhist, agus ’s ann a’ cuideachadh le seann daoine nach robh gu math, fhios agad bha an inntinn aca air falbh is rudan beaga mar sineach, agus uaireannan nan tigeadh cuideigin a bha a’ tighinn a-staigh a’ cuideachadh Jessie Anne agus bhruidhneadh iad Beurla, dh’fhaiceadh Jessie Anne gun robh am boireannach no an duine mì-chofhurtail. Is chanadh Jessie Anne ‘Nis’ cò às a tha sibh? Is toil leam an t-ainm a th’ agaibh’ no rudeigin. Thòisich iad a’ bruidhinn Gàidhlig. Cho luath ’s a thòisich iad a’ bruidhinn Gàidhlig bha iad socair leatha.
EC―16 :41: Bha iad na bu chofhurtaile.
HM―16 :43: Bha iad nas cofhurtaile agus fhios agad…bha iad fhios agad…chan eil fhios a’m dè am fac…fhios agad bha iad, bha iad nas mì-chofhurtail leis a’ Bheurla.
EC―16 :56: Tha mi a’ tuigsinn bha iad…
HM―16 :57: Is bha iad a’ faireachdainn mar gum biodh…a -rithist, bha iad a’ faireachdainn mar gum biodh iad aig, aig an dachaigh, a’ bruidhinn…a ’ bruidhinn ri… a’ bruidhinn mar a bha iad a’ bruidhinn a-staigh. So, tha, tha e a’ dèanamh diofar mòr ma tha e a’ cur cuideigin aig tàmh, fhios agad.
EC―17 :12: Cinnteach, cinnteach. Agus a bheil thu a’ faicinn atharrachadh mòr ann an Uibhist bhon a bha thu fhèin a’ fàs suas mar gum biodh, a bheil, a bheil gnothaichean air…nàs fheàrr no nas miosa no dìreach diofraichte mar gum biodh?
HM―17 :25: Uabhasach fhèin diofraichte. B’ àbhaist barrachd a bhith a’ dol an lùib daoine agus an lùib Gàidhlig, agus tha fios a’m gu bheil iad a’ feuchainn ri thoirt air ais fhios agad, chan eil ann mar a tha a h-uile fasan, thig e a-mach à fasan, tillidh e air ais ann am fasan. Agus tha seo a’ tilleadh air ais ann am fasan. Ach an rud as mutha a tha mi a’ faicinn, tha de dhaoine a’ tighinn o thall-thairis, air feadh an àite a tha son tighinn agus ionnsachadh, agus tha iad a’ tuiteam ann an gaol leis na h-eileanan. Agus tha iad ag ràdh cho laghach ’s a tha na h-eileanaich riutha agus cho fosgailte ’s a tha iad agus tha iad airson a ràdh ‘Ma tha sian, ma tha sian a dhìth ort, ma tha thu ag iarraidh sian fhaighneachd dhomh, tha an doras fosgailte’.
EC―18 :14: Ceart.
HM―18 :15: Is tha sin sgrathail fhèin laghach is tha mi a’ faicinn tòrr dheth sin, tòrr de dhaoine a tha, a tha airson Gàidhlig ionnsachadh, is tha e math.
EC―18 :23: Dh’fhaodadh tu fhèin a bhith a’ teagasg thu fhèin, cothroman ann dhut.
H―18 :26: Oh na creutairean bochda, bhiodh na cluasan aca gu math goirt nuair a bhiodh iad deiseil ag èisteachd riumsa!
EC―18 :32: Sin tha a dhìth orra. Sin agad e.
HM―18 :35: Ach cuideachd Eairdsidh, tha mi a’ smaointinn gu bheil tòrr nach eil…fhios agad anns an obair anns a bheil thu fhèin dh’fhaodadh tu faighneachd, ach an uair sin tha daoine a’ cantainn ‘Oh chan eil mi airson… ’, ach nan canadh tu ‘Och tha mi direach a’ dol a thadhal son cupa tì’ ‘Ohyeahthig a-staigh tha e taghta’, ach air sàilleibh cho luath ’s a tha iad ag ràdh. ‘Uill tha, tha sinn airson…fhios agad…a chur air an telebhisean’ … ‘ Chan eil mise a’ dol air telebhisean!’
EC―19 :06: Tha mi a’ tuigsinn, tha mi a’ tuigsinn gu dearbha fhèin mar a tha e, ach ’s e call a th’ ann cuideachd airson, tha rudan, rudan a tha cho prìseil aig na daoine agus thèid e air chall mura bi e air a ghlèidheadh, sin an rud.
HM―19 :16: Tha cuimhn’ agamsa air bodach aig tuath, bha fhios aige air a h-uile sian, an t-seann thogail, bha e sa chogaidh, bha crodh aige caoraich aige…tha…tuathanas aige, a h-uile rud a bh’ ann. Is thàinig am boireannach a bha seo a bha ga rannsachadh. Thug e a-staigh i, rinn a bhean an tì is bha i a’ bleidrigeadh an sin còmhla ris bha e ag innse de stòiridhean, an rud a bha ainmeil. Is thuirt ise ‘Nist’, tha mi dìreach a’ dol a phresseadh a’ phutain a tha seothach’. ‘Fhalbh is bheir ort’, cha robh e son idir a ghuth aige a bhith air an rèidio, ach bha i ag ràdh gun robh i ga iarraidh airson gum biodh e aice, is rud a dh’fhaodadh i a chur ann an sgrìobhadh, ach cha robh am bodach deònach idir, idir, idir.
EC―20 :03: Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil eagal air daoine gun tig rudeigin air ais orra ’s dòcha no rudeigin, chan eil fhios ’am dè th’ ann ach…
HM―20 :08: Och chan e, tha mi a’ smaointinn mar a bha thu ag ràdh anns na seann-làithean cha robh an telebhisean ann, cha robh rèidio ann, ’s dòcha gun robhwirelessno rudeigin ann, ach nam bruidhneadh tusa ri cuideigin cus nas sine na mise agus tha iad nan suidhe air taobh nàbaidh, chanadh iad ‘Cha robh feum agamsa air an teilidh ann bha sinn uileadh a’ suidhe ann a sheo cho… ’ a’ bruidhinn mu dheidhinn, so chan eil iad eòlach air, tha mi.. . ’s dòcha gun e sin an rud a th’ ann, chan eil an t-eòlas air, air sàilleibh nuair a bha thusa cnapach cha do shaoil thu sian air leth-dusan daoine a bhith a-staigh a’ gabhail tì, a’ gabhail dram is a’ bruidhinn, a’ bruidhinn an lùib a chèile. Cha do chuir e dragh sam bith orm.
EC―20 :51: Cha do chuir. Ach dìreach mar a thuirt thu, rud a chlàradh mar gum biodh, ’s e rud, ’s e rud mòr a th’ ann nach e?
HM―20 :57: ’S e – ’s e, ’s e, ’s e. Chan ann dhomhsa idir na thusa, ach daoine nas òige a’ fàs suas is faodaidh iad coimhead air ais is canaidh iad ‘Ciamar a bha a’ Ghàidhlig ga, ga bhruidhinn an uair sin, ciamar a tha a’ Gàidhlig ga bhruidhinn an-diugh?’ Ciamar mar a tha iad, tha iad ag atharrachadh…fhios agad foghlam anns na sgoiltean an-diugh is… ? Tha tòrr…mar a, mar a thuirt mi an ceartuair, thigeadh rudan a-mach à fasan ach thigeadh rudan air ais ann am fasan is…dìreach tha an saoghal a’ dol mu chuairt fad an t-siubhail.
EC―21 :28: ’S e cearcall a th’ ann.
HM―21 :29: ’S e, cearcall a th’ ann, agus thig e mun cuairt triop eile cuideachd.
EC―21 :32: Hughena, ceud taing airson gach, gach stòiridh is gach fiosrachadh a thug thu dhuinn a-nochd co-dhiù, agus uabhasach fhèin inntinneach gu dearbh.
title | 2 |
internal date | 2019.0 |
display date | 2019 |
publication date | 2019 |
level | |
parent text | Hughena NicDhòmhnaill |