EC―00 .05: Agus a bharrachd air a bhith atoirt daoine mun cuairt, tha fhios am gu bheil thu cuideachd atoirt fiosrachaidh gu buidhnean mar Ceòlas, nach eil, aig an.. .aig ansymposium agus…an robh rudeigin ann mu dheidhinn an seòrsa leann a bhiodh daoine agrùdhadh ann an Uibhist aig aon àm…a bheil…an robh?

TM―00 :15: Oh bha, bha, ‘Leann nam Biast’, aidh. Bha…o chionn, aidh o chionn bliadhna no dhà air ais bha, bha Ceòlas abruidhinn airLeann nam Biastagus thàinig an e Liam Crouse, bha e afaighneachd do dhaoine an robh cuimhnaca air, agus bha, bha cuimhnagamsa, aidh bha.. .bha mise ga dhèanamh airson bliadhnaichean. Agus an dòigh a fhuair mi na.. .an dòigh a fhuair mi na biastan an toiseach bha…tha…o bidh e bliadhnaichean mòra air ais ach bha, bha busaichean aig mathair cuideachd…fhuair mathair bus far tìr mòr agus bha, bha mi.. .bha mi ga sguabadh a-mach no rudeigin, chunnaic mi am botal a bha seo shuas air anrackos cionn nan seataichean ann an cùl abhus, botal agus bha, bha na rudan neònach a bha…stuthan neònach air choreigin, stuth na bhroinn cha robh mise air fhaicinn riamh, riamh nam bheatha, bha.. .bha uisge is cnapan air choreigin ann is dhfhaighnich mi dha mathair an t-saoghail mhòir a tha seo? Thuirt esan tha coltach le na biastan a bhiodh aca adèanamhLeann nam Biast’. Agus chan eil fhios am an robh sian aige ri dhèanamh, rud a tha anns an teaghlach obair nan grùdairean a tha sineach, thug mise dhachaigh e is fhuair mi a-mach o dhaoine ciamar a bhiodh iad adèanamhLeann nam Biast’, acur siùcar is trèicil na siorap ann is ga bhiathadh is ga…son na biastan a tha sin tha iad sìos is suas. Agus…bha…aidh… ’s e deoch laghach a bhann, cha robh e làidir mar sin, ged a…bhiodh e…ghabhadh e dèanamh làidir tha mi cinnteach, achs e deoch a bhann a…dh ’fhaodadh duine sam bith a ghabhail tha mi cinnteach.

EC―02 :29: Am biodh tu…agus aig a.. .aig aghnothach Ceòlas bha thu atoirt blas dhaibhs dòcha den, den leann cuideachd, an robh?

TM―02 :35: O aidh, nuair, nuair a thàinig rud Ceòlas mun cuairt, aidh, fhuair, fhuair Ceòlas…fhuair iad lorg air feadhainn a bha areic na.. .nam biastans, aidh, rinn sinn, rinn sinnbatchdheth airson an, airson ansymposiuma bhaca.

EC―02 :56: Agus an ann a thaobh deoch a bha e, ansymposium? An robh e uileadh mu dheidhinn deoch ann an Uibhist is…no , no an e dìreach aon chuspair a bhann am measg rudan eile, mar gum biodh, an robh?

TM―03 :06: Uill, a dhinnse na fìrinne chan eil, chan eil cuimhnam dè…bha , aidh, ’s dòcha gun e mu dheidhinn biadh is…

EC―03 :15: …gun e, gun e biadh agus deoch a bhann tha mi asmaoineachadh, agus sin agad e, biadh, biadh, ceart, ceart.

TM―03 :23: Ach tha eagal orm gun do chaill mi na biastan. A-rithist, cha robh mi acoimhead às an deaghaidh, mar a, mar a bha…aidh , feumaidh tu a bhith acoimhead às an deaghaidh agus gam biadhadh is ga.. .bidh iad aliasgradh so, agus faodaidh daoine an toirt seachad, ach tha…aidh…feumaidh iad, feumaidh iad a bhith acoimhead às an deaghaidh fad an t-siubhail airson an cumail adol. Agus tha…tha tòrr…a ’ chuid mhòr de na daoine mun aois againn bidh cuimhnaca airLeann nam Biast’, ach tha…an fheadhainn òga cha bhi…

EC―04 :02: Cha bhi for aca air, dìreach a bhith, a bhith ag òl ann an…ag òl.. .dìreach ag òl as an taigh-sheinnse, tha mi acreidsinn an sineach. Agus a bharrachd air eachdraidh agus gach rud eile a tha sibh an sàs ann, tha sibh cuideachd an sàs ann an ceòl, nach eil, agus, agus na h-ealain Ghàidhlig, le.. .le Fèis Tìr aMhurain agus…

TM―04 :23: Tha mi cinnteach…tha mi air a bhith an sàs ann an Fèis Tìr aMhurain ann an, ann an ìre air choreigin o…direach o thòisich e an toiseach, bha e uair na…an toiseach bhithinn adèanamh beagan teagaisg aig na, na fèisean, agus an uair sin cuideachadh air a, air achomataidh. Tha mi air a bhith, aidh, tha mi air achomataidh airson bliadhnaichean is…tha an fhèis, tha mi asmaointinn, deich air fhichead bliadhna am bliadhna seo. So, ’s e…agus…no , tha e dìreach…tha e dìreach…innteachail mar a tha gnothaichean air tighinn air aghaidh on achiad bliadhnaichean a bha sin, cha robh.. .cha robh mòran ionnstramaidean adol, cha robh, cha robh mòran aig daoine sna taighean an uair sin a dhèanadh, a dhèanadh ceòl, ach an-diugh tha e dìreach tha.. .tha e doirbh a chreidsinn na thann eadar bocsaichean is fìdhle is meur-chlàr agus tha an cothrom aig a h-uile duine.

EC―05 :34: Ciamar a thòisich Fèis Tìr aMhurain an toiseach, , bha.. . bha air achùlaibh mar gum biodh?

TM―05 :42: Eh, Uill, thàinig e…tha mi den bheachd gun do lean iad Fèis Bharraigh, achiad, achiad Fhèis a thòisich, agus cuideachd aig, aig an àm sin bha…dè bha a’ tachairt… , bha na, bha na sgoiltean is a’ Ghàidhlig… .

EC―06 :03: Oh, an e foghlam tro mheadhan na Gàidhlig atòiseachadh?

TM―06 :07: Bha…so , bha, bha a h-uile sian a bha sin atighinn.. .atighinn còmhla, sos e…bha sagairt, Maighstir MacCuithein, agus bhiodh MàiriBhis bha na… ’s e na boireannaich as Na Meadhanan an seos iad a bha, bha ga ruith tha mi cinnteach, na. .. ’s e na boireannaich a tha air achùlaibh fhathast, air a h-uile comataidh is…aidh .

EC―06 :39: Is saoil abhuaidh a bhaig an fhèis air, air achoimhearsnachd, an dfhuair clann tòrr misneachds dòcha le bhith acluiche is gan cur iad fhèin air beulaibh dhaoine eile, is dè… ?

TM―06 :51: Oh, aidh, chanainn…oh aidh tha obair na fèis…tha mi asmaoineachadh gu bheil e air diofar…tha e air diofar mòr a dhèanamh is tha e air, tha e air…tha , bha mise aig aon àm asmaointinns dòcha gun robh an ceòl trad.. .tradiseanta againn adol, adol a dhol à bith buileach glan, o chionns tha…bha mi, bha mi asmaointinn nach robh ùidh aig an fheadhainn òg, ach nuair a fhuair iad, nuair a fhuair iad an cothrom, tha…tha .. .bha iad uileadh gu math measail air, agus tha gu leòr…tha gu leòr a-niste bha…a thòisich adol chun an fhèis is a thòisich air obair-ciùil a tha, a tha ga dhèanamh aig ìre proifeasanta a-nist, agus tha à-san a-nist nan eiseimpleir airson daoine òga an-dràsta agus tha an gnothach… .uill, tha mi an dòchas gu bheil an gnothach adol o neart gu neart.

EC―07 :55: Is ciamar a tha am fèis ag atharrachadh, a bheil rudan ùra atighinn am bàrrs dòcha air…dòcha cuspairean ùra is rudan ùra a thathar ateagasg an sin airson…airson clann a chumail mar gum biodh, a bheil…a bheil, a bheil sibh alorg rudan ùra fad an t-siubhail airson, you know, ’s dòcha sgilean ùra is… ?

TM―08 :17: Bithidh, bidh sinn afeuchainn gun teagamh rudan ùra a thoirt suas, ach tha…mar a tha Fèis Tìr aMhurain tha e, tha e uileadh tro…a ’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig, tha is na…na…na cuspairean as cudromaiche ri dhèanamh leis aGhàidhlig, aseinn, so tha…can na h-ealain is cuideachd obair-pìobaireachd, tha Uibhist a-riamh air a bhith ainmeil airson pìobairean, so bidh pìob is feadan is dannsa, agus cuideachd tha an fhìdheall is am bocsa-ciùil agus am meur-chlàr, is uaireannan ag obair le…feuchainn le obair a dhèanamh le bhidios is obair…

EC―09 :17: airson sgilean eile a thoirt dhaibh son. ..

TM―09 :21: Obair teicneòlas.

EC―09 :22: Na meadhanan mar gum biodh, agus obair nam meadhanan, is uill tha sin fhèin gu math, gu math tarraingeach nach eil do dhaoine òga, gu bheil cothroman…tha e asealltainn gu bheil cothroman-obrach dhaibh.

TM―09 :33: Aidh tha, aidh.

EC―09 :35: Agus a bheil e doirbh daoine a lorg, luchd-teagaisg, a bheil.. .a bheil sibh acleachdadh na h-aon daoine gach bliadhna, no a bheil, a bheil sibh…a bheil feadhainn ùr, no a bheil…bidh iad gu math trang tha mi cinnteach, an fheadhainn, an fheadhainn a tha an sàs sa cheòl.

TM―09 :48: An toiseach nuair a thòisich sinn, bha e doirbh daoine fhaighinn a thigeadh aca air teagasg tro mheadhan na Gàidhlig, agus sna chiad bhliadhnaichean daonnans e…tha…mar as trice an sgoil is oileanaich a bha…nach robh ag obair fad an t-samhraidh a bhiodh a, a bhiodh atighinn, ach a-niste tha e afàs caran nas fhasa, tha barrachd a’. ..

EC―10 :22: Sons gu bheil feadhainn a bha aig, feadhainn a bha aig an fhèis iad fhèin an toiseach, agus tha iad, tha iad.. .tha iad a-niste ateagasg.

TM―10 :27: Tha, tha sin agad e, aidh, tha iad…tha , aidh tha tòrr a bha na…a ’ tighinn chun na fèisean tha iad a-niste ateagasg iad, iad fhèin. Tha an gnothach, tha an gnoithach cus nas fheàrr as an dòigh sin gun teagamh, aidh. Uaireannan…uaireannan , bidh sinn astrì airsons dòcha cuideigin fhaighinn a nì…tha…cuspairean àraid ann an Gàidhlig, ach mar as trice thig againn air cuideigin fhaighinn, aidh, ’s dòcha gnothaichean mar clàrsach is drumaichean is. ..

EC―11 :07: Uill, chan eil na h-uireads dòcha le Gàidhlig sna rudan, sna gnothaichean sineach, ach seo nist. Agus a bharrachd air seachdain samhraidh, a bheil sibh cuideachd acumail gnothaichean fad na bliadhna, a bheil rudan adols dòcha fad agheamhraidh cuideachd, clasaichean sam bith is… ?

TM―11 :23: Bithidh, bidh sinn afeuchainn le clasaichean a dhèanamh air…tron gheamhradh, bidhs dòcha seinn is…tha…tha…na…tha feadhainn a, tha feadhainn adèanamh clasaichean a-nist co-dhiù, mar a tha…feadan is pìob, is feadhainn ateagasg fìdheall is tha, tha na sgoiltean cuideachd acur air, acur air aghaidh clasaichean-oidhche fad agheamhraidh, tha e, tha e atoirt beagan dhan, tha e atoirt beagan dhan uallach far na…far na fèise, agus och tha, tha suidheachadh achiùil is achultair tha e gu math nas fallaine a-nist, ’eil fhios agad, so tha mi an dòchas gun tig aGhàidhlig fhèin air n-aghaidh as an…as an aon dòigh.

EC―12 :32: A bheil thu dòchasach gum bi aGhàidhlig air a bruidhinn an seo as an ùine a tha romhainn, a bheil, a bheil.. .a bheil thu afaireachdainn?

TM―12 :38: O, aidh tha mi, tha mi an dòchas, aidh, tha, tha iad aràdh gur h-e seo fear de na prìomh àiteachan far, far as làidire a bheil aGhàidhlig, ach a rèir nasurveystha sinn dìreach… ’s e…aon thar a leth-cheud sa cheud a tha abruidhinn na Gàidhlig, is tha, tha sinn dìreach mar gum biodh leth air gach taobh, so, eadar Gàidhlig…is Gàdihlig…is Beurla, so, tha mi, tha mi asmaointinn gun e…tha daoine…bidh daoine atighinn gu ìre, chan eil daoine atoirt fainear an luach aige, thaca, gu bheil.. .gu bheil iad ann an cunnart a chall, so tha mi asmaointinn gu bheil daoine a-nistatòiseachadh air toirt sin fainear. Tha, tha daoine aig…barrachd is barrachd a-nist acur, acur achlann aca dhan, dhan sgoil Ghàidhlig, dha na clasaichean Gàidhlig, so tha sin… ’s e deagh rud a tha sin cuideachd.

EC―13 :53: Tha fhios gun e, aidh. Saoil am burrainn am barrachd a dhèanamh airson ceanglaichean eadar sgoiltean agus do leithid fhèin, daoine le fiosrachadh is sgilean agus comasan, am burrainn rudeigin eile a dhèanamh airson, sons gum biodh daoine adol a-staigh gu na sgoiltean, no gum biodh clann adol a-mach air cruit son, son latha bho àm gu àm, a bheil.. .a bheil rudan…son cleachdaidhean a bhrosnachadh am measg an fheadhainn…rudan mar sin?

TM―14 :14: Aidh, tha mi asmaointinn gu bheil, tha beagan dhe sin atachairt gun teagamh, is tha, tha.. .tha mise air a bhith, tha mi ann.. .air a bhith ann na sgoiltean turas no dhà, is tha, is tha fhios am gu bheil clann adol a-machs a…bha…tha mi asmaointinn gun robh Lìonacleit, nach robh, nach robh à-san a’ dèanamh…an sàs ann an obair chruite nach robh, airson… ?

EC―14 :41: Tha cuimhnam gun robh, tha cuimhnam gun robh gu dearbh.

TM―14 :44: Chan eil fhios am a-nist an robh iad, an robh, an robh iad atoirt a-staigh aGhàidhlig is, is achànan an sin gun teagamh, ach…tha .. .tha mise… ’s e deagh rud a bhiodh an sin cuideachd.

EC―14 :54: ’S e, adèanamh, adèanamh ceangal eadar, eadar leasan agus uill, uill…ginealach eile, mar gum biodh agus. ..

TM―15 :04: Sin agad e, aidh, aidh. Tha mi asmaointinn gu bheil clann air a bhith adol a-staigh dhan a…dachaigh nan seann daoine, so…a ’ dèanamh beagan spòrs còmhla leotha agus abruidhinn leotha, is tha. ..

EC―15 :20: Agus sin feum dhan chuid, nach dèan, sin an rud?

TM―15 :22: Acòrdadh leis an chuid, aidh, tha, aidh.

EC―15 :24: Nist ann a sheo tha sibh car, car as amheadhan, nach eil, so am bi achlann adol dhan sgoil, dhan bhun-sgoil, am bi iad adol a Dhalabrog no dhan Ìochdar no… ?

TM―15 :37: Achlann às a… ?

EC―15 :38: Às abhaile seo.

TM―15 :39: O aidh às a’ bhaile…tha iad adol dhan Ìochdar, tha, aidh is tha…tha mi, tha asmaointinn gu bheil sinn air an iomall an seo, tha…aidh , tuath air an seo agus tuath air an seo uileadh adol gu tuath, is deas air an seo tha iad a’ dol…

EC―15 :58: Tha sibh dìreach car as amheadhan, tha sibh air na crìochan eadar, eadar an sgìre-sgoile mar gum biodh.

TM―16 :03: Aidh, aidh, ach chan, chan eil uiread de dhfheadhainn òga ann, an taca ri mar a bha, mar a bha nuair…nuair , nuair a bha mise na bòige co-dhiù, bha cus a bharrachd de dhaoine òga mun cuairt.

EC―16 :24: A bheil thu afaicinn gu bheil tòrr daoine atighinn a-staigh an seo a dhfhuireach, a bheil…gu bheil tòrr choigrich atighinn a-staigh, no feadhainn co-dhiù bho, bho àiteachan eile adeanamh beatha ann a sheo?

TM―16 :34: Tha, an t-uabhas, tha aidh, tha, agus tha mi cinnteach gun e, ’s e…gnothach eile a tha sin tha buaidh aige air obair na Gàidhlig, tha…tha beagan, beagan dhiubh a tha agabhail ùidh is adèanamh oidhirp air achànan ionnsachadh agus measgachadh leis an t-sluagh an seo co-dhiù, ach tha, tha feadhainn eile chan eil, cha chreid mi gu bheil ùidh sam bith aca air, bidh, bidh, bidh mi uaireannan asmaointinn dhomh fhìn an e, an e dìreach leisg a thann, no cianach eil an sgoinn aca achànan ionnsachadh, chan eil fhios am, no chan eil for acasan.

EC―17 :24: burrainn dhuinn a dhèanamhs dòcha son inbhich a bhiodh, a bhiodh ag iarraidh ionnsachadh na Gàidhlig, a bheil, a bheil.. .a bheil beachd agad air, air .. . an taic a bheireamaid dhaibhs dòcha, a thaobh clasaichean no cur seachad ùine còmhla ri cuideigin mar gum biodh?

TM―17 :43: Uill, chan eil. Chan eil, chan eil fhios am airson daoine…tha…

EC―17 :49: ’S dòcha daoine aig a bheil mòran ùine aca mar gum biodh, is ciamar a burrainn dhut cuideachadh airson.. .dhaibh nam biodh iad ag iarraidh, ag iarraidh ionnsachadh?

TM―17 :57: Aidh, ’s e, uills e rud doirbh a tha sin, bidh barrachd, bidh barrachd tuairmse agad, agad fhèin leis an teagasg, teagasg Gàidhlig is .. . ghabhadh dèanamh, chan eil e…chan eil e, chan eil e furasta.

EC―18 :17: Chan eil. Chan eil ùine aig daoine uaireannan son a bhith acur seachad tòrr ùine air ionnsachadh, you know, le obair is teaghlach no rud eile.

TM―18 :26: Aidh, ach tha, tha e iongantach ma chleachdas tu Gàidhlig, beagan Gàidhlig le daoine a tha thu adèiligeadh leis, nuair a bhios mise ag obair sa gharaids uaireanann air curemailsgu cuideigins dòcha gun cuir mifeasgar mathnomadainn mhathisle gach dùrachdanàs a dheaghaidh, agus bidh feadhainn…feadhainn aig nach eil Gàidhlig…feadhainn ach caran air an glacadh leis an seo agus bidh iad, bidh iad acoimhead suasGoogle Translateis tha…gheibh mi freagairt is bidh i dìreach…bidh tòrr Gàidhlig anns dòcha is caran air a sgrìobhadh gu math neònach ach…

EC―19 :18: Ach tha iad afeuchainn co-dhiù, tha iad adèanamh an dìcheall.

TM―19 :21: Tha, aidh, aidh, bha, agus bha aon bhoireannach aig am biodh sinn…aig companaidh aig am biodh sinn aceannachfilters, anns anoil filtersmar sin as a.. .as agharaids, ’s e Currie a bhaice agus tha…dh ’fhaighnich mi ann an, ann an aon phost-dealain an robh, an robh fios aice gur h-ann às an seo a thàinig na ClannicMhuirich, agus thòisich còmhradh mòr eadar sinn às a dheaghaidh sin so, thòisich i an uair sin air a…thòisich i sgrìobhadh ann an Gàidhlig, tha… ’s ann a.. . ’s ann acleachdadh Google a bha i gun teagamh, ach, ach aig deireadh gnothaich tha… ’eil fhios agad, bha i, bha i airson tighinn is an t-àite fhaicinn, is tha e dìreach asealltainn gu bheil ùidh aig, aig an t-uabhas as a’ …as aGhàidhlig, ma, ma gheibh iad beagan brosnachadh, aidh, agus tha, tha cuideachd, tha feadhainn eile de…a ’ tòiseachadh air an aon rud, tha iad…bidh mi afaighinn post-dealain air am bi, bidhmadainn mhathair nofeasgar mathno, no rudeigin, daoine nach eil Gàidhlig idir aca ach tha iad dìreach, tha iad dìreach airson a. ..

EC―20 :52: Blas, blas dheth a’ sealltainn…a ’ sealltainn gu bheil iad acur sùim as a.. .as achànan is as achultar. A bheil barrachd a burrainn dhuinn a dhèanamh airson luchd-turais a thàladh an seo, no rudan a dhèanamh dhaibh nuair a thig iads dòcha, bheil…saoil a bheil gu leòr ann airson an cumail adol air latha fliuch no rudeigin mar sineach? A bheil, a bheil sinn adèanamh gu leòr airson an toirt an seo agus an cumail?

TM―21 :23: Tha, tha ùidh mhòr aig achuid as motha a tha atighinn an seo as a.. .as achultar, is tha fios gu bheil…gu bheil am barrachds dòcha a ghabhadh dèanamh a thaobh…a thaobhs dòcha cèilidhean, is rudan mar sin adol air na h-oidhcheannan.

EC―21 :43: Tha iad ag iarraidh blas nach eil den àite is na daoine is, is sineach, is cinnteach gu bheil.

TM―21 :49: Agus aidh, tha…sin an, sin an dòigh anns a bheil…tha mi ga fhaicinn a chothrom gnothaichean a shealltainn do dhaoine air…obair air…ag obair còmhla ri luchd, luchd-turais, tha tòrr de na buidhnean a tha sin atighinn a-nist, is chan eil dòcha fear-iùil aca às an.. .às an àite agus chan eil iad… ’s e glè bheag a tha iad a.. .a tha iad ag ionnsachadh…tha iad adol tro na, tro na h-eileanan ach chan eil iad afaighinn sian a-mach mun chultair.

EC―22 :33: Agus a bharrachd air a bhith acur air dòigh iomadach rud thu fhèin, a bheil thu acluiche inneal-ciùil sam bith, a bheil thu acluiche abhocsa no a bheil thu aseinn no rud sam bith mar sin?

TM―22 :43: Uill, bidh mi, bidh mi ag obair air abhocsa gun teagamh, is bidh mi, bidh adol chun abhuidhinn, buidheann-bocsa Beinn na Faoghla fad a’ …fad agheamhraidh is aidh, bidh, chan eil. ..

EC―22 :56: Am bi tòrr adol ann, bheil… ?

TM―22 :57: Bithidh, aidh, tha.. .tha deannan math de luchd-ciùil agus bidh feadhainn eile adol ann dìreach a dhèisteachd is tha…tha , tha deannan math adol ann a h- uile… ’s ann a h-uile, a h-uile cola-deug a tha e fad agheamhraidh, na mìosan geamhraidh, so tha, tha sin adèanamh feum, bheir e, bheir e air daoine cumail ann a.. .ann ampractice.

EC―23 :32: Bheir e a-mach às an taigh cuideachd air oidhche dhorcha cuideachd, togaidh e a-mach daoine.

TM―23 :38: Aidh, aidh agus faodaidh daoine sam bith a dhol ann mar…bidh feadhain ann is uaireannan aseinn, agabhail òrain is feadhainn eiles dòcha agabhail port air aphìob no…a bharrachd air, a bharrachd air bocsa is fìdheall, is tha…rud a tha laghach mu dheidhinn a-nist tha buidheann tha iad a…buidheann de dhfheadhainn òga adol ann, tha.. .tha e dìreach math measgachadh fhaicinn de sheann daoine agus de daoine òga agus tha a h-uile duine ag ionnsachadh bho chèile.

EC―24 :10: Bha sin, bha sins dòcha…caran…nuair a bhu thu fhèin nad, nad ghille òg, an robh barrachd, mar gum biodh, conaltraidh eadar na diofar ghinealachan mar gum biodh, an robh, an robh daoine còmhladh aig can…can aig tachartas sòisealta, am biodh, am biodh a h-uile duine còmhladh aig ceilidh, no… ?

TM―24 :27: Oh, bhitheadh, bhitheadh, bhitheadh. Bhiodh dìreach…bhitheadh , bhiodh a h-uile duine anns achoimhearsnachd, yeah, a-mach aig…sean is òg, is bha, bha a h-uile duine tha…a ’ measgachadh gu math na.. .gu math nas fheàrr tha mi cinnteach, aidh.

EC―24 :43: Agus an robh e cumanta daoine a bhith, a bhith acèilidh air a chèile, adol mun cuairt nan taighean, an robh, an robh sin cumanta is tu fhèin nad ghille òg, no an robh, an robh e adol a-mach à bith rud beag aig an àm sin?

TM―24 :55: Tha mi…dìreach gun robh e…bha e atòiseachadh air, tòiseachadh air a dhol a-mach à bith. Tha mi dìreach…o chionns gun robh, gun robh bùth aig, aig mathair, so bhiodh daoines dòcha na bu buailtiche feadhainn a bhios atighinn air astar, ’s dòcha gun tigeadh iad a-staigh airson cupa , agus, aidh, bhiodh sinn a’ faicinn…aidh , bhiodh sinn adèanamh cèilidh bheag nuair a bha iad atighinn an rathaid is bha.. ..

EC―25 :21: Agus an robh, an robh taighean sam bith ann mar gum biodh aithnichte mar thaighean-cèilidh, an robh…far am biodh daoine adol gu math tric airson stòiridhean no ceòl no ròlaistean no… ?

TM―25 :34: Oh tha, tha mi asmaointinn gun robh sin air a dhol à bith nuair a bha, nuair…nuair a bha mise beag as an.. .as an àite seo gu…uill , bha, bha, bha aon taigh ann gun teagamh tha mi cinnteach, tha.. .chan eil fhios am an cuala tu a-riamh air Iseabail Mhuileig, bha…aidh , bhiodh, bhiodh feadhainn òga is…aidh , feadhainn nach robh cho òg adol a chèilidh air Iseabail o chionns bha i lànploys, bha sgeulachdan aice, is bha cuideachd bha, bha an -shealladh aice, is dhinnseadh i gnothaichean do dhaoine a bha adol a thachairt.

EC―26 :21: Nuair a bha thu fhèin òg, an robh tòrr stòiridhean adol mun cuairt mu dheidhinn an leithid sin, rudan os-nàdarra, mu dheidhinn an shealladh iss manaidhean is taibhsean is an sluagh is…an robh sin mar gum biodh as an dualchas agaibh?

TM―26 :34: Oh, bha gu mòr tha mi cinnteach, bha, bha tòrr stòiridhean mar sin ann aidh, aidh…tha cuimhnam nuair a bha mi san sgoil, bha againn le sgeulachdan mu rudeigin is bha…tha , tha cuimhnam air sgrìobhadh sgeulachd mu dheidhinn dreugain is gnothaichean mar sin, tha, tha. Oh, tha, tha…tha , bhiodh tòrr de na sgeulachdan a bha sineach gun teagamh. Tha màthair na bean agam, bha bràthair dhith bha e na gheamair, is e Eairdsidh a bhair, agus bha esan aon oidhche, aon oidhche Sàbaid chaidh e choimhead air…chaidh e air chèilidh air taigh ann an, ann an Tobha Beag aguss e, ’s e èiltear a bhann, ’s ann as an Eaglais Chlèireachs e…aidh , Eaglais na h-Alba, agus chaidh e a-staigh dhan taigh-tughaidh a bha seo agus tha…mun deach e a-staigh dhan rùm far an robh daoine, rinn e a-mach gun robh iad acluiche chairtean agus cha robh esan, dhfhaodte nach robh e cofhurtail leis an seo agus cha robh e airson a dhol a-staigh, bha e caran an aghaidh na gnothaichean a bha esan acreidsinn ann, agus cha do rinn e ach tionndadh agus gabhail a-mach air ais, ach bha oillsgean air, agus, ’eil fhiosad, am fuaim a oillsgean asuathadh ann an rud eile, dhfhairich na daoine a bha san taigh, dhfhairich iad am fuaim a bha seo is dhfhalbh iad is choimhead iad is cha robh, cha robh sian ri fhaicinn, is ghabh a h-uile duine aca eagal is chaidh iad uileadh dhachaigh. ’S e stòiridh a bha sin am bòcan nach robh idir ann, ach tha, tha cuimhnam air bruidhinn mu dheidhinn nàbaidh dhith bha…bhiodh e…bha e san aon taigh acluiche chairtean aon oidhche, agus nuair a bha e adèanamh a rathad air ais dhachaigh a-null tarsainn eadar Tobha Beag is Tobha Mòr bha am balla a bha seo ma, ma choinneamh, is chan fhaigheadh e, chan fhaigheadh e seachad air abhalla is cha robh e gu diofar an taobh a dhfheuchadh e, bha am balla a bha seo anochdadh air a bheulaibh, agus mu dheireadh bfheudar dha, bfheudar dha tilleadh is coiseachd a-mach rathad Thobha Big is a-nuas an rathad mòr agus a-staigh rathad Thobha airson faighinn dhachaigh. Agus tha, tha cuimhnam faicinn na daoine sin nuair a bha mi beag agus na, na daoine mu dheireadh air thalamh a dhinnseadh stòiridh a bheireadh aire sam bith dhaibh, tha.. .chan urrainn dhut gun a ghabhail ach dìreach gur h-e. . .gur h-e an fhìrinn a bhaca. So, aidh, bha na sgeulachdan beaga a bha sin, is daoine aig an robh…aig an robh an droch shùil is tha…ag obair le snàithleanan is gnothaichean mar sin. Bha, bha na…bha tòrr dha na sgeulachdan a bha sin ann gun teagamh, agus bhiodh e, bhiodh e glè mhath tòiseachadh air an cruinneachadh a-rithist gun teagamh, mun tig iad a-mach à cuimhne buileach glan.

EC―30 :26: Seadh, agus a thaobh, a thaobh creideimh, an robh, an robh àite mòr aig creideamh anns achoimhearsnachd is tu afàs suas, aig na.. .aig na, aig na ministearan is na sagairtean is sineach, an e, an e daoine cudromach a bhannta sa choimhearsnachd is… ?

TM―30 :42: Tha mi cinnteach gur h-e, ministear is an sagairt is na…am maighstir-sgoile, is tha… ’s e à-san, tha, à-san na, na daoine mòra a bha sa choimhearsnachd, so bha, bha, bha na ministearan san eaglais…tighinn dhan sgoil an seo, cha bhiodh ann achs dòcha mu leth-dusan ann a bhann dhan, dhan chreideamh agamsa, so nuair a thigeadh àm gu bhith ateagasg obair-creideimh bha, bha sinne air ar cur ann an rùm dhuinn fhìn is tha…cha , cha robh an rud…bha thu agabhail ris, cha robh aimhreit no sian sam bith eadar duine sam bith a-riamh, a-riamh, a-riamh, a h-uile duine agabhail ri chèile. Cha robh, cha robh ach dìreach gun robh thu atuigsinn gun robh daoine eile ann a bha creideimh diofraichte agus bha thu dìreach agabhail ris is bha, bha a h-uile duine cho…faighinn air aghaidh cho, cho maths a ghabhadh, ’eil fhiosad. Cinnteach gum biodh e, bhiodh e an aon rud anns a’ …shìos agaibhse.

EC―31 :52: Gun teagamh, gu dearbha fhèin e, gu dearbha fhèin e bha, sinn uileadh còmhla adol, adol air abhus dhan eaglais còmhla, an , an eaglais a h-uile Didòmhnaich is…

TM―32 :01: Bhiodh, aidh, bhiodh, aidh.

title2
internal date2019.0
display date2019
publication date2019
level
parent textTòmas MacDhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page