E[airdsidh] C[aimbeul]―00 :05: Fàilte, Alasdair, agus mòran taing son bruidhinn rinn an-diugh. Am burrainn dhuibh tòiseachadh le beagan innse dhuinn mur deidhinn fhèin agus an teaghlach agus ciamar a thàinig sibh a bhith ann a sheo ann an Crois Mòraig?

A[lasdair] M[acDhòmhnaill]―00 :21: Is mise Alasdair MacDhòmhnaill, is mi, is mi an dàrna duine bu, bu shine as an teaghlach aig mo phàrantan, is bha sianar againn ann is bha, bha còi.. .còigear aca nan tidsear bha mi fhèin nam chruitear agus…

EC―00 :38: Seadh. Agus cha robh ùidh agaibh fhèin a-riamh ann an teagasg?

AM―00 :42: Tha mi asmaointinn gun e an roghainn agam fhèin a bfheàrr. Ach co-dhiù, bha…bha na daoine againn ann a sheo bho chionn…ann an 19…18 ,1830 tha mi asmaointinn, chaidh mo…mo shinn- sheanair…chaidh a chlìoradh a-mach à Baile MhicPhàil, chaidh an talamh an sin a chlìoradh a-mach airson tuathanas mòr a dhèanamh dheth so thàinig na daoine againn a-null gu Cladach Iolaraigh an uair sin agus tha sinn air a bhith ann a sheo-ach on uair sin.

EC―01 :13: Agus tha sibh ag obrachadh cruite.

AM―01 :14: Tha mi ag obair ann an cruit ann a sheo, bha mi…sin a rinn mi a-riamh, ag obair ann an cruit, so…

EC―01 :20: Agus bha sibh adèanamh beò-shlainte air achruit a dhaona-ghnothach, mar gum biodh.

AM―01 :23: Bha. Uill, bha…bha , bha na trì cruitean againn aig an àm is mar a bha an ùine adol seachad bha sinn afaighinn barrachd is barrachd so…

EC―01 :32: So dhfhàs an gnothach mar gum biodh is bha e…bha e cothromach dhuibh beò.. .beò- shlaint…

AM―01 :36: Rud, rud a bha iongantach, bha daoine uaireigin adèanamh beò-shlaint air achruit as na bailtean a tha seothach agus cha ghabhadh sin dèanamh no dad coltach ris an-diugh, cha mhòr nach b’ …dh ’fheumadh tu cha mhòr leth, leth abhaile mun dèanadh tu beò-shlaint air.

EC―01 :49: A bheil adhbhar airson sineach, , as coireach? A bheil adhbhar airson sineach, mar gum biodh? as coireach nach urrainn, nach urrainn dhaibh beò-shlaint a dhèanamh bho aon chruit?

AM―01 :57: Och, tha e doirbh a ràdh.

EC―02 :00: Agus a bheil sibh a’ cumail…a ’ cumail chrodh is cao.. .caoraich is… ?

AM―02 :03: Tha crodh is caoraich agam, uills e an gille agam a-niss e a tha car aruith an àite, Sam, so…

EC―02 :09: Seadh dìreach, agus a bheil esan, a bheil e ag obair a dhaona ghnothaich air achruit no a bheil obraichean eile aige?

AM―02 :13: Chan eil, tha e ag obair fad an t-siubhail air achruit.

EC―02 :17: chòrd ribh mu dheidhinn a bhith ag obair air achruit, na rudan a thug tog.. .togail dhuibh mar gum biodh, an robh… ?

AM―02 :19: Chan e ach dìreach gun robh do thoil fhèin agad, seach a bhith adèanamh rud a bha cuideigin ag iarraidh ort a bhith adèanamh.

EC―02 :28: So bha thu ag obair air do cheann fhèin fad… ?

AM―02 :31: Dhfhaodadh tu a dhol far an togradh tu a h-uile latha a thogradh tu so…

EC―02 :34: Agus an robh, an robh e doirbh faighinn air falbh bhuaithe, can gun robh thu ag iarraidh a dhol air làithean-saora no rudeigin, an robh feum agad air, air cuideigin eile a thoirt a-staigh airson a bhith acumail sùil air, air na beothaichean?

AM―02 :44: Bha, bha. Uill, bha e, bha e na bfhasa sineach fhaighinn bliadhnaichean air ais, bha barrachd dhaoine ann, ach…

EC―02 :51: Agus am biodh daoine ag obrachadh còmhla tòrr, cuideachadh a chèile aig an àm sin, an robh iad…an tacsa a chèiles dòcha?

AM―02 :58: Tha, tha, as abhaile seo tha iad car sin fhathast, tha, tha.

EC―03 :03: Sgoinneil. Agus innis dhuinn beagan mu dheidhinn làithean na sgoile agaibh, achuimhne a thagaibh air a bhith as an sgoil?

AM―03 :10: ’S ann a Sgoil, Sgoil Chàirinis a bha sinn adol às an seo, tha…tha…à Crois Mòraig is bha clann na Càirnichnext doordhuinn shìos ann a sheo, shìos sa bhaile an taobhs’. Is bhitheamaid…a ’ bhliadhna a thòisich mise ri dhol dhan sgoil bha sinn afaighinnconveyanceon Chlachan shuas sa mhadainn a-null gu Sgoil Chàirinis, ach feasgar bha sinn acoiseachd, dhfheumamaid coiseachd dhachaigh às an sgoil. Agus bha e, bha e glè laghach as t-samhradh is falbh cas-rùisgte fad an t-samhraidh is…ach sa, sa gheamhradh cha robh e, cha robh e cho laghach is tu a-muigh is uisge is. ..

EC―03 :47: Cha robh, cha robh guth air bus no… ?

AM―03 :49: Uill, bha bus sa mhadainn ach dh’ fheumamaid…dh ’fheumainnstillcoiseachd suas ri mìle, suas chun an rathaid mus fhaigheamaid e, so…

EC―03 :58: Agus a bheil cuimhnagaibh air achiad tidsear a bhagaibh as an sgoil, cò…cò an tidsear a bhann?

AM―04 :05: Bha…uill , ’s e am prìomh thidsear a bhann, ’s e Ceit Bhaile Loch a chanadh iad leatha.

EC―04 :12: Is bha Gàidhlig gu leòr as an sgoil, bha, bha…seadh bha e làidir.

AM―04 :16: Bha, bha.

EC―04 :17: Agus cia mheud, cia mheud a bha…a bha as an sgoil aig an àm sin? Cò…cia mheud sgoilear a bhagaibh?

AM―04 :23: O, tha e doirbh dhomh a ràdh. Bhiodh e tha mi acreidsinn, deich air fhichead tha mi acreidsinn.

EC―04 :26: Seadh, agus am biodh iad…dè car an sgìre a bhaig an sgoil mar gum biodh, an e…an robh sgìre…an e Càirinis… ?

AM―04 :33: Cha robh sgath. .. ach sgìre Chàirinis fhèin an toiseach, is thàinig an uair sin…thàinig an uair sin sgoilearan à…cha chreid mi nach e sgoilearan Cladach Càirinis a-staigh ann, is tha…an uair sin sgoilearan Loch Èuphoirt, is an uair sin, tha, , bliadhnaichean às a dheaghaidh sin thàinig sgoilearan Bhaile Shear a-staigh is an uair sin sgoilearan nan Ceallan is Ghriomasaigh a-staigh.

EC―05 :01: So dhfhàs an sgoil na bu mhotha mar gum biodh.

AM―05 :06: Bha còir aig an sgoil fàs na bu mhotha, ach nuair a dhùin an sgoil o chionn dhà no thrì bhliadhnaichean is tha… bha mar gum biodhsix catchments areaaig an sgoil is cha robh ann ach trì deug dephupils.

EC―05 :19: Tha mi atuigsinn, bha, bha sgìre gu math farsaing aig Sgoil Chàirinis.

AM―05 :22: Bha, is cha robh ann ach trì deug dephupils , phupilsuile gu lèir.

EC―05 :26: So àireamh beag ach…ach…car…

AM―05 :28: Sgìre mhòr. Bha, bha.

EC―05 :30: Achs e call a thann tha mi asmaointinn nuair a tha sgoil bheag adùnadh co-dhiù, is a bheil cuimhnagaibh a bhith…an robh…an robh sibh…an robh sibh math air cuspair sam bith as an sgoil, an robh rudeigin acòrdadh leibh mu dheidhinn cuspair sam bith a bha sibh adèanamh as an sgoil? An robh…an robh Beurla noMaths… ?

AM―05 :45: Cha robh ach nuair a dhgheibheamaid a dhol a-mach a ghàirnealaireachd, gheibheadh tu a-mach às an sgoil! Bha sin againn ri dhèanamh uile a h-uile, a h-uile seachdain.

EC―05 :54: Bha…bha…agaibh ri bhith ag obair…

AM―05 :55: Gàrradh an tidsear a chumail, bha.

EC―05 :58: Seadh agus an robh sin acòrdadh ribh?

AM―06 :00: O, bha…bha , bha.

EC―06 :01: ’S e cothrom faighinn a-mach às…

AM―06 :02: ’S e, ’s e.

EC―06 :03: A-mach às…mach às an leasan. Agus na geamaichean a bhiodh sibh acluiche nuair a bha beagan ùine agaibh? An robh, an robh geamaichean àraid agaibh as a’ …as a’ …as a’ phlaygroundmar gum biodh?

AM―06 :14: O, tha e doirbh dhomhsa a ràdh…chan e…tha…tha fhios gun robh ach… ?

EC―06 :19: Am biodh sibh, am biodh sibh acluiche ball-coises dòcha, an robh ball agaibh no… ?

AM―06 :24: O, bhitheamaid a-muigh, tha fhios gum biodh, bhitheamaid acluiche sin tarsainn a ghàrradh.

EC―06 :29: Aruith às dèidh a chèile.

AM―06 :30: Aruith às dèidh a chèile, ’s e.

EC―06 :31: Math gu leòr, chan fheum thu tòrr dìreach a bhith, dìreach.. .dìreach a bhith còmhla. Agus mu dheidhinn àrd-sgoil an uair sin, ’ …ca ’ an deach sibh dhan àrd-sgoil?

AM―06 :38: Chaidh sinn a Cheann a Bhàigh as a’ …à Càirinis. Bha sinn mu…trì bliadhna thall an sin.

EC―06 :47: Seadh, agus an robh e caran neònach adol gu sgoil nas motha an dèidhs a bhith ann an sgoil bheag mar Chàirinis? Ciamar…ciamar a bha sin, an robh… ?

AM―06 :55: O, uill, cha robh Càirinis buileach cho beag nuair a bha mise ann ann, cha robh…cha robh, cha robh.

EC―07 :00: Achs e, ’s e latha diofraichte…chaidh…an àite a bhith ann an aon rùm tha thu adol eadar na rùmannan, nach eil, is diofar thidsearan agad is a h-uile dad rud beag neònach mar gum biodh.

AM―07 :10: Ach bha e…dìreach a…an toiseach bha cothrom puile math mu faithneachadh tu na sgoilearan uiles mun tigeadh tu eòlach orra uileadh, so…

EC―07 :18: Agus sin sgoil nas motha cuideachd, le clann às gach…às gach ceàrnaidh mar gum biodh. Agus an robh beachd agaibh an uair sin bu toil leibh a dhèanamh mar gum biodh? An robh…an robh rudei…an robh miann agaibh air rud sam bith mar gum biodh?

AM―07 :32: No, chan aith…chan aith.. .chan aithne dhomh gun robh, cha robh.

EC―07 :36: Agus bha sibh trì bliadhna ann an Ceann aBhàigh no Pabail mar a chanas cuid, ’s e, ’s e Cea.. .Ceann aBhàigh a chanas mise, ach…agus an uair sin, thachair an uair sin, an robh agaibh ri dhol gu tìr-mòr no… ?

AM―07 :47: An fheadhainn…an fheadhainn a bha airson falbh, bha acumail romhpa, dhfheumadh iad a dhol gu tìr-mòr.

EC―07 :53: Agus an robh sibh fhèin ann an…air tìr-mòr cuideachd.

AM―07 :55: Chaidh mi aona bhliadhna ann, is cha do chòrd an gnothach leam idir.

EC―07 :59: Cha do chòrd. An robh sibh afuireach ann an ostail?

AM―08 :01: Bha, sin a chuir dheth mi, ’eil fiosad. O, bha e mar gum biodh tu ann am prìosan is, às dèidhs a bhith, às dèidhs a bhith eòlach a bhith feadh na sgìre fad an latha.. .fad do shaoghal

EC―08 :12: Bhiodh agad ri bhith a-staigh mar gum biodh aig àmstudy.

AM―08 :16: Study uair a h-uile h-oidhche so…

EC―08 :18: Agus ciamar a…an robh am biadh reusanta, an robh… ?

AM―08 :21: O, bha biadh math ann, bha, bha…bha , bha.

EC―08 :25: Agus an robh ùine…an robh ùine sam bith agaibh a bhith…an robh ùine sam bith agaibh dhuibh fhèin mar gum biodh, an robh cothrom agaibh faighinn a-mach, ’s dòcha?

AM―08 :33: Gheibhea.. .gheibheamaid sìos…gheibheamaid sìos am baile às dèidh na sgoileadh, is dhfheumamaid a bhith a-staigh an uair sin aig an, aig an tha mi acreidsinn mu…chan eil fhios am dè…bhiodh e mu, mu shia uairean no rudeigin. ..

EC―08 :44: Agus am biodh sibh a-staigh an uair sin? Sin agad e, cha robh…cha robh cothrom eile faighinn a-mach às, mar gum biodh. Agus tha mi cinnteach…agus an robh seo ann an…ann an Inbhir Nis?

AM―08 :54: Inbhir Nis, aidh, bha, bha…bha , bha.

EC―08 :56: Agus bhiodh clann às a h- uile…

AM―08 :59: Bha, às a h-uile sgìre ann.

EC―09 :00: Bhiodh…bhiodh clann atighinn à Barraigh, ’s dòcha is àite… ?

AM―09 :02: Bha is às na Hearadh.

EC―09 :03: Na Hearadh, bho na Hearadh cuideachd, sineach. Agus an robh…an robh beagan spòrs agaibh as an ostail air an oidhche? Am biodh mar…balaich còmhla?

AM―09 :10: Och tha fhios gun robh, bha, bhiodh, bhiodh.

EC―09 :13: Goid bhon achidsin is rudan mar sin. Sin, uill sin mar, mar a bha sinne co-dhiù ann an Steòrnabhagh, bhiodh…bhiodh rudan mar, mar sin atachairt!

AM―09 :21: Och cha robh reusan sam bith againn goid as achidsin , bha iad glè mhath duinn.

EC―09 :24: Bha iad…cha robh, cha robh adhbhar ann.

AM―09 :26: Huh?

EC―09 :28: Bha…bha lòn gu leòr ann co-dhiù. Agus a bheil sibh acumail suas ri, ri duine sam bith fhathast bhon ostail, am bi…am bi sibh gam, gam faicinn no…no acluinntinn bhuapa?

AM―09 :37: Uair no dhà is snagrounds , that was all.. .sin uileadh.

EC―09 :40: Cha bhi duine atighinn còmhla mar gum biodh. So bha sibh bliadhna ann an Inbhir Nis as…as an sgoil, agus dè…agus an uair sin mar gum biodh, , , an ath-cheum a ghabh sibh an uair sin?

AM―09 :53: Thàinig mi, thàinig mi dhachaigh chun na cruite.

EC―09 :55: Agus sin mar a…agus tha sibh air a bhith ann…

AM―09 :59: Tha, a-riamh on uair sin, tha treiseag bheag on uair sin!

EC―10 :02: Agus cha robh…an robh…cha robh sibh a-riamh ag obair ann an rud sam bith eile ach dìreach air achruit.

AM―10 :06: Cha robh, cha robh.

EC―10 :07: Cha robh dui…cha robh obair phàirt-ùine agaibh.

AM―10 :09: Cha robh.

EC―10 :11: An robh…an robh tòrr air an aon dòigh, ag obair air achruit a-mhàin no an e…an e…an robh sin rud beag…rud beag -àbhaisteach daoine a bhith ag obair air achruit gun…uill…gun obair sam bith eile? Am biodh…am biodh…an robh… ?

AM―10 :24: Cha…cha…cha robh aig an àm a bha siud idir.

EC―10 :26: Cha robh…bha deannan dhaoine…

AM―10 :28: Bha, bha, ris an obair. Uill bha na cruitean a bha seo agus sa Bhaile Shear bha iad na bu mhothas dòcha na na cruitean àbhaisteach.

EC―10 :37: Tha mi asmaoineachadh. Aguss dòcha nas motha cuideachd aig na feadhainn aig…ann am…ann am Beinn na Faoghla agus deas cuideachd an robh? ’S dòcha talamh beagan nas…uill beagan nas farsainge is… .

AM―10 :47: Na bfharsainge, uh - huh. Seach na cruitean air an taobh an ear, cha dèanadh tu dad ann a shineach.

EC―10 :51: Tha mi atuigsinn, tha mi atuigsinn, aidh, so. .. agus a bharrachd air a bhith ag obair air achruit, tha mi cinnteach gun robh uairean gu math fada agaibh air achruit isweekenda h-uile rud, an robh…an robh cothroman ann, cothroman sòisealta agaibh airson faighinn a-mach le daoine òga eile is gu dannsaichean is cèilidhean is clubaichean is… ?

AM―11 :10: Och bhitheamaid…bhiodhte acluiche, ’eil fhios agad, le clann mun cuairt, clann na Càirnich bhiodh iadsan…bhitheamaid acluiche còmhla an-còmhnaidh so, tha.

EC―11 :17: Agus nuair a bha sibh beagan na bu shine mar gum biodh, airson…airson , airson dol a-mach air an oidhche, an robh rudan… ?

AM―11 :22: Och cha robh, cha robh an t-uabhas dhe sin idir ann, cha robh.

EC―11 :25: Agus am biodh daoine adèanamh rudan dhaibh fhèin mar gum biodh? An robh daoine adol a chèilidh air a chèile, an robh, an robh… ?

AM―11 :31: O, bha, bha sin adol fad an t-siubhail. Chluinneadh tu an doras afosgladh is bhiodh tu ga choimhead gach…cò…cò bha atighinn a-staigh. Cò…cò fear de, fear de na nàbannan a bha atighinn a-staigh is…is bhiodh iad a…

EC―11 :43: So bha, bha coimhearsnachd làidir ann.

AM―11 :45: Is bhiodh iad ag innse stòiridhean èibhinn is stòiridhean…seann stòiridhean.

EC―11 :48: A bheil cuimhnagaibh air gin a stòiridhean mhatha? Feadhainns dòcha… ’s dòcha…an robh, an robh rudan anns dòcha mu dheidhinn…rudan mar…no bòcain is taibhsean no manaidhean is rudan mar sin?

AM―11 :59: Och, bha…bha an neach a bha seo Seonaidh Iain Bhàin a chanadh iad leis, bhiodh e an-còmhnaidh shuas…thogadh e san Uachdar shuass ann ann a thogadh e, taigh MhicÌosaig san Uachdar.

EC―12 :12: Uachdar Beinn na Faoghla?

AM―12 :14: Aguss e, bha iad càirdeach àsuh huh, agus stòiridhean aigesan tighinn a-nuas às an sineach, ach cha chan mi…bhiodh e…stòiridh Mhic aPhì, dubh Mhic aPhì aige an-còmhnaidh is…

EC―12 :25: dubh Mhic aPhì? Tha mi asmaointinn gun e sin…an e sin mu dheidhinn àirigh a h-aon h-oidhche?

AM―12 :28: Sin agad thu, shin agad thu!

EC―12 :30: Tha, tha mise gu math…gu math eòlach air an stòiridh sineach co-dhìu. Tha sin air a chlàradh ann an.. .air, air bhideo le Tormod MacIlleathain cuideachd, yeah , yeah ’s e… ’s e deagh… ’s e deagh stòiridh a thann.

AM―12 :44: Bha cus den t-seòrsa sin an uair ud ann, ’eil fhios agad, feumaidh…

EC―21 :47: An robh sibh a-riamh shuas aig an…aig an àirigh fhèin far an…far an…bha mise shuas turas no dhà agus tha, tha rudeigin mu dheidhinn gun teagamh, chan eil fhios am thann.

AM―21 :55: An fhacthu achearc le na h-iseannan? Am facthu achearc le na h-iseannan?

EC―12 :59: Chan fhaca, chan fhaca. Dè…dè tha seo? An e seo pàirt den stòiridh?

AM―13 :05: Chan e ach na…gu bheil iad atighinn air ais ann an cruth eile, ’eil fhios agad, an fheadhainn sin!

EC―13 :10: So, so bidh ur stòiridhean adol, adol, adol mun cuairt co-dhiù. Agus a bheil cuimhnagaibh airs dòcha làithean mòra sam bith mar gum biodh, ’s dòchagamesnocattle showis na rudan, an robh…an robh…an robh beagan ùine dheth agaibh airson…

AM―13 :25: O bhitheadh airson leithid sin-ach airsonsports, nasportsairson bhiodh e.. .cuimhnam air latha a’ Choronation, is bha latha mòr againn an latha sin so. ..

EC―13 :32: Saoil .. .agus thachair air, air an latha sin, mar gum biodh?

AM―13 :35: Tha mi asmaointinn gur ann…an esportsno rudeigin a bhagainn mun sgoil no rudeigin mar sin.

EC―13 :38: So bha latha, bha latha spòrs aig, aig a h-uile sgoil?

AM―13 :41: Feumaidh gun robh, feumaidh gun robh.

EC―13 :43: Agus trèata, an robh biadh ann is… ?

AM―13 :46: O, chan eil beachd agam air sin.

EC―13 :48: Agus bha atachairt air latha nagames? Am biodh…am biodh sibh fhèin an-sàs ann an…ann an rud sam bith mar ruith no carachd no… ?

AM―13 :54: Cha robh!

EC―13 :58: Obair gu leòr aruith cruit gun a bhith acarachd cuideachd!

AM―14 :02: Ach bha…bha achlannnext door, bha clann na Càirnich bha…bha iad sin math air ansport.

EC―14 :07: O, seadh, seadh. An e sin…an e sin Aonghas agus… ?

AM―14 :09: Aonghas agus na peathraichean…Ceiteag shuas agaibh fhèin is Màiri is bha…bha iad uile gu math, bha iad math air…bha iad math airsportiad sin.

EC―14 :18: Bha e, bha e car aruith as an teaghlach.

AM―14 :19: Bha. Bha e uabhasach iongantach, bha cuid de theaghlaichean bha e aruith annta.

EC―14 :23: Agus am biodh, am biodh dannsaichean ann agus… ?

AM―14 :26: Bhiodh, bhiodh, ach cha, cha robh iad uabhasach bitheanta ann, so. ..

EC―14 :31: Agus ciamar a choinnich thu fhèin is Annie, an robh…an tàinig i a dhobair an seo no cia…an robh…an robh, an robh i ateagasg?

AM―14 :38: O, bha i ateagasg.

EC―14 :42: Agus às a…cò às tha i fhèin bho thùs mar gum biodh?

AM―14 :45: ’S ann ann am meadhanBroughty Ferryshìos taobh a… ’s ann ann a shin a tho.. .a thog.. .a rugadh i, ach chaidh atogail shìos an Sasainn ach thill iad a-nuas a-rithist, an teaghlach a-nuas a- rithist…tha…a dhAlba a-rithist so…

EC―15 :01: Agus an robh miann agaibh fhèi…an robh miann agaibh fhèin a-riamh a bhith afuireach ann an àite eile seach Uibhist? Am burrainn dhuibh fuireach ann an àite sam bith eile ach seo, no… ?

AM―15 :11: Tha mi creidsnam feumadh tu a dhèanamh, ach tha mi a’ smaoin…tha mi asmaointinn gun e dad, dad…dad bu mhotha a dhionndrainninns e, ’s e an cuan. ’S e do thogail ri taobh achuain.

EC―15 :20: A bhith ri taobh na mara agus sineach. Tha, tha mi atuigsinn, tha mise car an aon dòigh nuair a tha mi ann an àite far nach fhaic mi achuan. Tha, tha mi ag aont…tha mi ag aontachadh leat co-dhiù. A bheil sibh afaicinn atharrachadh mòr as achoimhearsnachd bhon a bha sibh na bòige mar gum biodh? A bheil…a bheils dòcha barrachd dhaoine…barrachd daoine atighinn a-staigh a dhfhuireach is a bheil cothroman-obrach nas fheàrr ann is a bheil…a bheil na cleachdaidhean mar gum biodh ann, mar a bha uaireigin?

AM―15 :49: O, chan eil, chan eil. Nuair a bha, nuair a bha sinne òg cha robh dad ach na h-eich a bhagainn, cha robh inneal sam bith agad ach na h-eich is an speal.

EC―15 :59: Bha eich agaibh agus…

AM―16 :00: ’S ann le na h-eich a bha sinn a-riamh ag obair.

EC―16 :04: Agus…agus an robh sibh…an robh duine sam bith mar gum biodh …am biodh duine sam bith gan cleachdadh mar gum biodh, ’s dòcha duine a bha adol tarsainn na fadhlainn, am biodh iad…am biodh iad afaighinn cothrom air each, no am biodh iad…am biodh iad gam, gam…am biodh sibh gan toirt a-mach gu daoine eile cuideachd, mar gum biodh?

AM―16 :23: Bha, nam biodh…nan tadhaladh duine, ’eil fhios agad, nam biodh…nam biodh an fhadhail domhainn agus…is an uair sin gheibheadh tu lioft, ’eil fhios agad, tarsainn air fadhlach leis, ach nuair a bha sinn fhèin òg, bhitheamaid dìreach ag obrachadh nan each adol sìos a dhIolaraigh à seo, is sinne adol a Chladach Iolaraigh à seo, is bha an fhadhail, Fadhail na Caorach tha i shìos dìreach ri taobh na Càirnich ann a shin, is dhfheumte fuireach gus am fosgladh an fhadhail son faighinn sìos dhan Bhaile Shear, is ceann a tuath aBhaile Sheair shìos, ’s e Iolaraigh a chanas iad ris agus… ’s e…tha…tha roinn…tha machair aig na cruitean an seo shìos ann a shin, is bhitheamaid adol sìos an sineach dha fheamnadh nuair a bha sinn òg. Dhfheumadh tu fuireach gus am fosgladh an fhadhail is tha…co -dhiù is an uair sin nuair a bhiodh tu atighinn dhachaigh a-rithist chan fhaiceadh tu an fhadhail far am biodhte ag obair taobh an iar aBhaile Sheair ann is…ach bha sgeir a-muigh an Caolas…Caolas Hèisgeir agus Sgeir Altair agus an sgeir sin dìreach…dìreach adol fodha, bha an t-àm agad falbh an uair sin ach a faigheadh…ghlacadh tu an fhadhail air ais dhachaigh. Is bhitheamaid afeamnadh shìos an sin fad an latha, fad na tràghad, so…is ga, ga chur ann an tòrr, acur feamainn ann an tòrr. Is an uair sin nuair a ghrodadh an fheamainn bha agad ri dhol sìos, bha agad ri a sgaoileadh a-mach air an talamh airson a’ …airson abhuntàta. Is an uair sin nuair a bhiodh i air grodadh gu math is feur, feur math afàs roimhpe, bha an t-àm ann dhut a dhol a chur abhuntàta is bha agad ris abhuntàta an uair sin bha agad ri lathaichean mur an robh iad gan cur bha agad rin gearradh mar an tuirt iadeil fhios agad, sùilean a bheir às, agus an uair sin bha thu acur sineach ann am poca agus leigeil leis tiormachadh beagan làthaichean, far an do gheàrr thu e…feuch an tiormaicheadh e beagan làithean mun cuireadh tu dhan talamh e, so an uair sin pìos as a’ …pìos as nach robh sùilean idir, ’s eglaodhana chanadh tu leis, an cuala tu siud a-riamh? ‘Glaodhan’, ‘glaodhanagus bhiodh sinn abruich sin dha na cearc an uair sin acuir min na lùib is ga bhruich dha na cearc an uairsin …bhiodh iad an uair sin ri chur abhuntàta, bha agad ri…bhiodh iad…deannan agad de dhaoine airson na sùilean a chur dhan an talamh agus bha agad ri feadhainn eile. .. dhfheumadh iad mar an tuirt iad, bhiodh iad…a ràcadh na feamad biathachadh a chanadh iad ris, ràcadh na feamad le gràp a-staigh dhan chlaisidh agus cur na sùilean gu h-àrd air an talamh an uairsin a h-uile sgrìob bhiodh iad…biathadh a chanadh iad leis a’ …bha aca na feamainn le gràp a chur a-staigh dhan chlaisidh, agus bha…a ’ cur na sùilean gu h-àrd air an talamh ann a shin is a h-uile sgrìob dhfheumadh tu…gach dàrnacha sgrìob bha sinn acur buntàta ann, ach dhfheumadh tu a h-uile sgrìob, dhfheumadh tu a biathadh airson an fheamainn a tharraing a-staigh dhan chlaisidh, no bhiodh e acur stad air a.. .air achrann agus…an uair sin bhiodh agad.. .fhios agad nuair a bhiodh am bùntata dìreach gus tighinn troimhe an uair sin, bha thu ga chliathadh, bhitheamaid ga chliathadh le na h-eich, gus am…marbhadh e cus de na lusan nach robh thu ag iarraidh a bhith afàs gu h-àrd. Is an uair sin bha thu ga thodhaigeadh le crann-thodhaigidh agad is bha thu adol sìos eadar na sgrìoban le beathach eich is bha e ga…ga , ga dèanamh mar an tuirt iaddrillsis acur suas a…a ’ togail abhuntàta suas ri na barran airson tachdsa a chur ann. Is an uair sin nuair a, nuair a bha thu adol ga thogail as t-fhoghar bha…bha , bhiodhte…cha robh cus mar an tuirt iadstorageaig daoine aig na taighean an uair ud ann agus bhiodh cus buntàta an uair ud shìos air amhachair is bha thu adèanamh mar an tuirt iad sloc-buntàta, an cuala thu guth riamh air sloc-buntàta?

EC―20 :06: Cha chuala.

AM―20 :07: Bhiodh iad adèanamh cladhadh mar gum biodh dìreach mar gum biodh, mar gum biodh tu acladhach uaghach, bha thu adèanamh tollsquarefada mar sineach is bha thu atìodhlacadh abhuntàta ann a shin, ga lìonadh le buntàta is bha thu acur na sgrath tha…bun os cionn air, air muin abhuntàta an uair sin, is bha thu acur na gainmheach suas air a…is tòrr mòr mòr gainmheach suas air a mhuin an uair sin gus an cumadh e an reothadh dheth.

EC―20 :32: Agus bhiodh e ga chumail?

AM―20 :34: Is bhiodh e ann a shineach gu…gu earrach. Agus an t-àm a bhiodh… ’s dòcha nam biodh am buntàta aig an taigh afàs gann no atighinn faisg air àm cur abhuntàta, bhathar atogail sin a-rithist agus tha…bhiodh e cho maths a bha e a-riamh ann a shin agad.

EC―20 :51: Seo a-nist.

title1
internal date2020.0
display date2020
publication date2020
level
parent textAlasdair MacDhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page