EC―00 :07: Is cuin a sguir daoine a bhith ag obair le eich, mar…an robh…an robh…an robh…cuin…cuin a thàinig seo gu crìoch mar gum biodh?

AM―00 :13: Bha…bha sinn fhìn is muinntir aBhaile Shear shìos ann a sheo is bhitheamaid ag obair le na h-eich tha mi acreidsinn gu suas mu…mu direach naearly sixties.

EC―00 :24: Seo a-nist. Agus mu dheidhinn ann an còrr de dhàitichean, an robh…an robh daoine ag obair le tractairean?

AM―00 :33: O, bhiodhs ann as na bailtean far nach robh fadhlaichean sa leithid sin. Cha robh dad na bu mhiosa na na h-eich. Nuair a thigeadh tu dhachaigh leotha is tu fuar, bog fliuch, dhfheumadh tu coimhead air na h-eich an toiseach mum faigheadh tu fhèin a-staigh. Is a-nist chan eil agad ach leum far an tractair is tha thu a-staigh!

EC―00 :52: Gun teagamh, gun teagamh, gun teagamh. Agus cuin a chaidh an drochaid a thogail eadar…uill , achabhsair eadar…eadar…eadar Uibhist a Tuath is aBhaile Shear, a bheil, a bheil… ?

AM―01 :00: Bha… ’s ann ann an 1960 tha mi asmaointinn. Bha…bha airgead a bha achòrr aca air an drochaid mhòr, aguss e MacMillan a bha siudachs e Leodhasach, ’s e an MP a bhann an uair ud ann agus…

EC―01 :15: O, ’s e, Malcolm K. MacMillan…

AM―01 :17: ’S e. Cha robh drochaid gus a bhith air a togail gu bliadhnaichean às a dheaghaidh sineach ach thuirt esan leothaTha an t-airgead a tha seo achòrr againn a-nisagus tha…thogaibh an drochaid an-dràsta, ach ma tha sibh adol a dhfhuireach airson an latha a tha sibh ag ràdh tha…tha i adol a chosg cus cus a bharrachd dhuibh agus sin a rinn iad, rinn iad cliobhar an uair sin i.

EC―01 :41: A bheil diofar mòr anns dòcha eadar nuair a bha sinn fo Inbhir Nis agus aChomhairle? A bheil…a bheil sibh asmaointinn gu bheil gnothaichean air tighinn air n-adharts dòcha leis aChomhairle a bhith…comhairle againn fhìn a bhith againn mar gum biodh? Chanadh cuid gun robh Inbhir Nis car fada air falbh, air nach robh for aca mar gum biodh air àiteachan air, air an iomall. Ach a bheil…a bheil sibh asmaointinn gu bheil gnothaicheans dòcha air…air gluasad mar gum biodh?

AM―02 :05: O, tha, tha…tha tha, ach tha…tha mi asmaointinns dòcha…rud a dhadhbhraich sineach tha mi creidsinn gu bheil e…na tha iad afaighinn de dhairgead às an EU. Sin… ’s ann às a thàinig na… ’s ann às a thàinig na cidhichean agus na, na rathaidean uileadh.

EC―02 :18: Gun teagamh, le…le Objective1, nach e, mar a tha na rudan mar sineach aguss e acheist a-nist ’, , às a thig e?

AM―02 :25: Sin an rud, ma thig e a dhàite idir.

EC―02 :27: Anns na…sna làithean seo. So, so tha gnothaichean…tha gnothaichean air gluasad co-dhiù.

AM―02 :33: O, tha, tha is bàta-aiseig is a h-uile dad den t-seòrsa sin, tha, tha.

EC―02 :38: Agus a bheil sibh fhèin afalbh tric, a bheil sibh agabhail cuairtean airson faighinn air falbh bhon an seo son… ?

AM―02 :43: Chan eil mise, chan eil mise titheach air falbh idir, tha Anna afalbh gu math tric.

EC―02 :46: Chan eil e acòrdadh leibh a bhith afalbh, ’s fheàrr leibh dìreach a bhith an seo fhèin.

AM―02 :50: Thèid mi cuairt an-dràsta is a-rithist a-null taobh Inbhir Nis ach sin a…sin uileadh.

EC―02 :55: An deach sibh a-riamh air chuairt gu…gu dùthaich eile, mar gu Astràlia no Canada no… ?

AM―03 :00: Bha sinn ann anNew Zealand.

EC―03 :04: Agus ciamar a bha sineach, an robh e car coltach ri seo ann an dòighean no… ?

AM―03 :09: Uill, bha fearann, fearann is obair…obair an fhearainn chan eil e gu uabhas diofar ann idir, ach dad a biongantaiche leamsa uile gu lèir nuair a bha sinn anns e…tha aig an àm cha robh ann ach ceud gu leth bliadhna sa eachdraidh as an dùthaich, agus chitheadh tu ‘To Her Majesty the Queen’ is bha mi ag ràdh leam fhìn an gnothach a bhaig aBhanrìgh a bhith a-bhos an seo? ’.

EC―03 :32: Deagh cheist a thann, yeah.

AM―03 :35: Bha e uabhasach iongantach, ’eil fhios agad, na bha adol ann agus cho beags a bha eachdraidh ann.

EC―03 :39: Tha mi atuigsinn, ’s e dùthaich ùr a thann ann an dòigh, uill son…son na daoine a chaidh…na daoine a chaidh ann, mar gum biodh. Agus dè…agus chuir ann sibh, an e teaghlach no càirdean no càirdean no… ?

AM―03 :50: Bha piuthar aig Anna pòsta thall ann, so…

EC―03 :55: Agus ur beachd a thaobh cothroman de, de dhaoine òg san latha an-diugh, a bheil cothroman gu leòr airson, son feadhainn òg a chumail an seo, no a bheil feum air rudeigin eile mar gum biodh?

AM―04 :05: Tha deannan de dhaoine òga atighinn dhan àite so feumaidh, feumaidh…feumaidh gu bheil…feumaidh gu bheil rudeigin ann a tha dol gan cumail.

EC―04 :10: Feumaidh gu bheil, sin a tha mise…sin tha mi.. .feumaidh gu bheil rudeigin gan…

AM―04 :14: Ach bha mi ag innse…bha mi ag innse dhut cheana bha sinn ann anNew Zealand, tha cus de na h-ainmean shìos as an Eilean a Deas, ’s ann à ainmean Gàidhlig a thàinig iad. An abhainn as motha shìos anns e Clutha a thoirre, ’s e an abhainn Chluaidh a bhann uaireigin, is bha na Gàidheil, sin far an deach achuid bu mhotha de na Gàidheil. ..

EC―04 :32: Eilean a Deas an e, ceann a deas?

AM―04 :34: Ceann a deas na h-eilein an deas. Agus bha…shuas faisg air Mount Cook mun tuirt iadsheep stationsmhòr ann agus tha…chì thustatuedo tha…cù -chaorach shuas air, air…air a…agus tha sgrìobhadh fodha ag innse am beothach a thann aguss ann ann an Gàidhlig a tha e, isBeannaichibh coin-chaorach, tha…is gur h-iad a dhfhosgail suas an t-àite a tha seois an uair sin ‘Blessed be the sheepdog without whose help this country would never have been opened up’.

EC―05 :15: Seadh, ’s e…tha tòrr moladh aig daoineair an dùthaich, airNew Zealand. Duine sam bith a baithne dhomhsa a bha a-riamh ann, tha iad ga mholadh gu mòr.

AM―05 :24: Tha, tha.

EC―05 :27: Tha deannan à Uibhist a’ fuireach…tha mi asmaointinn gu bheil dhà no trì…tha mi asmaointinn gu bheil feadhainn à Uibhist afuireach ann anNew Zealand, tha…

AM―05 :31: O, tha fhios gu bheil.

EC―05 :32: Tha, tha… ’s aithne dhomh feadhainn a bha…bha fear dhiubh a-staigh bho chionn ghoirid bha mi abruidhinn ris is…bha dithis a baithne dhomh bha iad a-staigh so…so , so chan eil cothroman cho dona do dhòigridhs dòcha gu bheil cothroman ann…uill , tha e coltach gu bheil…gu bheil obraichean ann. A bheil…a bheil sibh…a bheil ùidh agaibh ann an rudan mar…mar muilnean-gaoithe agus rudan mar sineach airson…airson dealan a chruthachadh bho…bho rudan nàdarra? Chì mi, chì mi na muilnean-gaoithe a-muigh.

AM―06 :02: O, tha, tha fhios gu bheil. ’S e as motha a tha acur iongnadh orm fhèins e na bha na…na bha na…de , de shruthan mun cuairt nan eileanan an seo nach deach iad a-riamh a chur an grèim airson leithid sin a dhèanamh.

EC―06 :15: Am biodh ùidh agaibh fhèin ann an rudeigin mar sineach, am biodh, am biodh ùidh agaibh ann an…ann an muilnean-gaoithe son…son…son ur, ur cumail ann an…ann an dealan is… ?

AM―06 :24: O, thia! ’S dòcha nam bithinn ceithir fichead bliadhna na bòiges dòcha.

EC―06 :32: A bheil sibh afaicinn diofar…diofar timcheall oirbh a thaobh…a thaobh crìonadh mar gum biodh, a bheil…a bheil an talamh adol air ais ann an Uibhist a bheil?

AM―06 :41: Och tha, tha…tha , tha. Tha. Tha cus de na cruitean a-nist chan eil dad annta ach luachair, so…bha iad uile air an àiteach uaireigin.

EC―06 :51: Seadh, sin, sin…bha , sin…ach a bharrachd air an sineach a bheil, a bheil sibh afaicinn gu bheil mar gum biodh amhuir mar gum biodh ageàrradh a-staigh dhan…dhan talamh? A bheil…a bheil talamh air a chall gu, gu muir, mar gum biodh?

AM―07 :03: O, bha sin a-riamh ann, bha, bha. Tha mi acreidsinn nach eil e dad nas luaithe na bha e a-riamh.

EC―07 :09: A bheil sibh afaicinn diofar on a bha sibh fhèins dòcha nur balach òg mar gum biodh, a bheil… ?

AM―07 :13: O, tha, tha. Tha fìor cheann a tuath Iolaraigh shìos, ’s e, ’s eSlugana chanas iad ris, aguss ann shìos an Iolaraighs ann a bha, bha cruit aig mo sheanair shìos ann an Iolaraigh as achruit a bha seo, iss ann an Iolaraigh shìos a thogadh mathair, is tha…far a bheil Mòrag Ann afuireach an-diugh shìos, is bha e ag ràdh nuair a bha esan adol dhan sgoil gun do…chan fhaigheadh iad a-null dhan t-Slugan idir, bha…nuair a bha làn mòr ann, bha…bha , bha fadhail ann agus dhùin…dhùin an uair sin an fhadhail a bha sineach aguss e, ’s e a-nist am baile as àirde den mhachair uile gu lèir agus, agus bha uaireigin ann an…cha chreid mi as na 1500s uaireigin, bha iad a radh gun do bhrist amhuir a-staigh, is bha…bha…bha an t-uabhas de thalamh-aiteach math an Iolaraighs e aite, am baile as fhearr a bha sa duthaich agus bhrist amhuir a- staigh…

EC―08 :07: An robh fìor dhroch stoirm ann no… ?

AM―08 :09: Bha. Feumaidh gun robh is… chi thu nuas as an t-Slugan ann a shineach is mol a bàbhaist a bhith…mar a tha…tha mol an-còmhnaidh airson…air an taobh an iar…taobh an iar an talamh a tha e, ach tha sa phìos a tha siuds ann air an taobh an ear a tha e, agus tha sin aciallachadh feumaidh gun do dhfhalbh a h-uile sgath bho tha…dhan mhachair an uair sin is gu bheil e dìreach atogail mean air mhean an taobh a-muigh dheth a-rithist. Is tha sgeir, oitir mhòr ann, is tha sgeir a-muigh ann is clachan timcheall, iss eSgeir nan Laogha thoirre, is feumaidh gur ann… ’s ann ann a bhathar acur nan laogh uaireigin, so…

EC―08 :41: Agus mu dheidhinn an rud a chanas iad mu dheidhinn Am Baile Sear agus Am Baile Siar, a bheil e coltach gun robh…gun robh baile eile ann uaireigin agus gun deach e fodha? Sin an stòiridh a chuala mise co-dhiù.

AM―08 :53: O, bha, bha BailHusabost co-dhiù ann, bha, bha…bha i an sineach aidh. Chì thu na clachan fhathast ann an… tha iad nas…nas…tha iad nan sreath a-mach on chladach is tha iad air, tha iad air an cruinneachadh còmhladh, so…tha clach-eòrna a-muigh ann a shiud a thog mi fhìn à Sgeir Husabost, chì thu i aig, a-muigh aig an doras ann a shin.

EC―09 :13: Agus nach deach, nach deach long cuideachd air tìr no air na sgeirean as aBhaile Shear, a bheil…a bheil…a bheil pìos beag dhith air fhàgail fhathast, a bheil bàta mòr no rudeigin…an robh, an robh rudeigin… ?

AM―09 :25: O, bha, bha bàta, bàta-siuil, ’s e James A. Wright a bhoirre, James A. Wright.

EC―09 :34: Agus dè…a bheil fios agad, dhèirich dhi, an e dìreach ann an stoirm no… ?

AM―09 :41: Ann an stoirm is cha chreid mi nach robh na siuil air an sracadh is a h-uile dad, so…bha , bha iad air chall, ’eil fhios agad.

EC―09 :49: Agus an do thàrr iad a-mach às? A bheil…tha thu asmaointinn gun do thàrr na daoine a-mach às an rud, agus saoil an d.. .an dfhuair na daoine buannachd sam bith às, ’s dòcha an robh carago sam bith a burrainn dhaibh a chur gu feum no rudeigin?

AM―10 :00: Chan eil mi asmaointinn gun robh an t-uabhas den t-seòrsa ann, cha robh i, cha robh i ach ann amballastcha chreid mi so…

EC―10 :04: O, tha mi atuigsinn. I mean chuala mi uaireigin gum biodh daoine afaighinn mar…uill gum biodh iad afaighinn rudeigin às mar gum biodh, you knownam biodh rud air tighinn, air tighinn air tìr uill…gun , gun e gibht a bhann ann an dòigh.

AM―10 :16: Bha…chaidh uaireigin air a…a -muigh mu Hèisgeir, bha an sin anInflexible, ’s e min a bhinnte, is bha iad ag ràdh gun dfhuair iad cus min às an sin, ach gum biodh iad ga faighinn às a…ga faighinn air achladach is bha amhin uabhasach… ’eil fhios agad, ged a bha còta fliuch air an taobh a-muigh, bha iwatertightis bha i…b ’ urrainn a cleachdadh agus an Ranstabals e deoch a bhoirres bha sin air tighinn air achladach.

EC―10 :47: Agus mu dheidhinn fiodh? Dè…dè nam biodh duine feumach air fiodh is rud sam bith, ciamar, ciamar a gheibheadh daoine fiodh ann a sheo, an robh… ?

AM―10 :55: An uair…an uair ud? O bha iad afaighinn cus air achladach.

EC―10 :58: Dìreach air achladach fhèin mar gum biodh.

AM―11 :01: Ach bhiodh iad…o , o chionn fada bha iad ag ràdh gum biodh iad adol sìos a Mhuile a gheàrradh coille, ’eil fhios agad, airson na…airson na taighean-tughaidh, son na ceanglaichean is leithid sin a chur ann an taighean-tughaidh so…

EC―11 :15: Seadh. Agus mu dheidhinn mòine, am biodh sibh abuain mhòine ann a sheo, an robh… ?

AM―11 :21: O, a h-uile duine abuain mhòine an uair ud, dhfheumadh tu.

EC―11 :23: Agus a bheil puill faisg oirbh ann a sheo fhèin no am feum sibh a dhol gu… ?

AM―11 :26: Tha, tha iad a- mach…tha… car mu rathad Loch Euphoirt a-mach ann a shin, suas as, as amhòintich ann a shin.

EC―11 :33: Chan eil, chan eil mòine timcheall an seo, ’s e dìreach… ’s e car de…tha mi atuigsinn.

AM―11 :38: Agus mar a bha shìos ann am Machair Iolaraigh bha dhà no thrì mìle aca ri dhol a dhiarraidh na mòine agus gan toirt dhachaigh so…tha…

EC―11 :45: Agus a bheil cuimhnagaibh air, air daoine afuireach air, air na h-eileanan mar Circebost is Heisgeir, am biodh, am biodh iad atighinn an seo uaireannan is can…an robh…cuin a dhfhàg daoine Circebost, a bheil… ?

AM―11 :58: Chan eil, chan eil cho chianail…cho chian.. .cho chianail fada is tha mi acreidsinn as na…tha…chan eil fhios am bha…late50s tha mi acreidsinn.

EC―12 :08: Agus Heisgeir an sin cuideachd, bha, bha sin, bha sin beagan na bu tràithe?

AM―12 :12: Bha sin na bu tràithe, bha, bha.

EC―12 :16: Seo a-nist, so, ’s e, ’s e sgìre gu math, gu math inntinneach a th’ ann…a bheil, a bheil fios agaibh an t-ainm Crois Mòraig, , dè…ciamar…dè…dè tha e aciallachadh mar gum biodh?

AM―12 :27: Crois Mhoire.

EC―12 :28: O Crois Mhoire, Crois Mhoire.

AM―12 :30: Chì thu an làrach shuas air achnoc ann a shiudach i, air cùl taigh Sam, chi thu…bha…far an robh a’ chrois…tha cnoc bhiorach ann is tha, tha gàrradh-cloicheadh ann an, ann an crios timcheall achnuic agus bha iad ag ràdh gur h-ann an sin a bha achrois.

EC―12 :47: Agus am bi daoine atighinn airson, airson a bhith arannsachadh mar gum biodh, am bi…am bi… ?

AM―12 :51: O, cha robh duine a’ coimhead…cha robh duine…cha robh duine ag aithris air. Chan eil fios aca gu bheil an leithid ann tha mi acreidsinn. Agus bha eilean air an tràigh shìos anns eCrois Eileana chanadh iad ris, chan eil fhios am, feumaidh gun robh…bha cuideigin deanamh a-machs dòcha gun e, gun e soidhne aca far am faigheadh iad an fhadhal, ’eil fhios agad, daoine atighinn far taobh an iar na dùthcha bha e.. .gus am faigheadh iad tarsainn na fadhlach agus nuair a dhèiricheadh iad ris achrois ann a shin air amhullach, chitheadh iad Teampall Chàirinis dìreach, is e a-null dìreach romhpa. Bha e adèanamh a-mach gun e soidhneachan a bhann airson faighinn chun an Teampaill.

EC―13 :26: Tha mi atuigsinn. So tha, tha eachdraidh gu math, gu math fada aig an sgìre seo co-dhiù. Gu dearbha fhèin. Agus a bheil tòrr, a bheil tòrr atighinn a dhfhuireach an seo a-nist as an sgìre agaibh fhèin? A bheil sibh afaicinn tòrr dhaoine adèanamh dachaigh dhaibh fhèin ann a sheo, daoines dòcha bho àiteachan eile atighinn a-staigh is…a bheil, a bheil car measgachadh eadar daoine à seo mar gum biodh agus daoine a thàinig a-staigh?

AM―13 :53: O, tha, tha. Tha gille shuas an rathad seo, tha e atogail taigh shuas, thug Sam dha pìos fearainn shuas…shuas air…a ’ togail taigh shuas ann a shin, so…

EC―14 :03: Agus saoil a bheil…a bheil ùidh aig an fheadhainn òga as achruit as an latha an-diugh, a bheil, a bheil e…a bheil e atarraing na daoine òga a bhith acumail cruitean no… ?

AM―14 :15: Tha ach chan e…chan e, chan e mar a, chan e mar a chanamaid cruitearachd a bhios iad ris ann, gheibh iad beagan de chaoraich dhubha no each no dhà no rudeigin den t-seòrsa sin.

EC―14 :14: Agus bidh iad adèanamh rudeigin eiles dòcha a bharrachd, tha mi atuigsinn. So chanadh sibh gun e obair cruite mar gum biodh obair an fhearainn mar gum biodh is cumail chrodh is caoraich is sineach seach a bhith adèanamh rudan eile a bhios daoine adèanamh son…seo a-nist. Agus a bheil beachdan agaibh a thaobh na Gàidhlig, am bi, am bi aGhàidhlig acumail beò as an ùine a tha romhainn, a bheil, a bheil sibh…a bheil sibh dòchasach mun a…mun aGhàidhligas achoimhearsnachd mar gum biodh? A bheil sibh acluinntinn Gàidhlig timcheall oirbh san latha an-diugh?

AM―14 :59: ’S e, ’s e Gaidhlig a thanns achoimhear.. .achoimhearsnachd seo uileadh.

EC―15 :02: Tha i làidir. Tha mi asmaointinn gu bheil seo làidir.

AM―15 :06: Nuair a tha am baile acruinneachadh còmhlas e Gàidhlig a thaca fad an t-siubhail, so…

EC―15 :10: So, uill tha sin math, gu bheil i mar chànan làitheil, as a.. .as achoimhearsnachd seo co-dhiù. A bheil beachdan agaibh air rud sam bith a dhèanadh gnothaichean na bfhasa no na bfheàrr a bhith afuireach ann an Uibhist a thaobh…tha mi a’ smaoi…rudan mars dòcha barrachd bhàtaichean no rathaidean nas fheàrr no barrachd phlèanaichean no, no rudan mar sineach. A bheil…a bheil rud sam bith a dhèanadh gnothaichean…a bheil…a bheil sibh toilichte leis na seirbheisean a thathas…a thagainn?

AM―15 :37: O, tha. Tha iad, tha iad…tha iad gu math nas fheàrr na ann an àiteachan eile.

EC―15 :42: Canaidh, canaidh daoine sin, gu bheil.

AM―15 :43: Seadh, nach eil e…ma…ma thogras tu nach bi thu ann an Beinn na Fao…nach bi thu ann an Glaschu nas lugha na uair an uaireadair ma thogras tu, tha. Gu math nas fheàrr na àiteachan eile as aGhàidhealtachd, tha i gu math…

EC―15 :56: Tha sin…tha mi, tha mi ag aontachadh leibh as an dòigh sin, uaireannan tha àiteachan air tìr- mòr…

AM―16 :00: Tha, gu math iomallach.

EC―16 :01: Tha, nas iomallaiche na sinne.

AM―16 :03: O, cus, cus.

EC―16 :04: Ged a tha iad ag ràdh gun e tìr-mòr a thann ach, ach…an robh sibh a-riamh ann an àiteachan mar…àiteachan mar Chnòideart no AChomraich no àiteachan air tìr-mòr, chan eil fhios a’ m…an robh sibh an sàs ann an…ann an…ann an…ann an , an t-ainm a thair a- rithist…Aonadh , Aonadh nan Croitearan? An robh, an robh…an robh sibh an sàs ann an…ann an cruitearachd san fharsaingeachd mar gum biodh? An robh…an robh…an robh… thu adol gu coinneamhan sam bith?

AM―16 :32: O, bha, bha nuair a bha mi na bòige, bhiodh.

EC―16 :38: An e…an e obair aonarach a thann uaireannan a bhith ag obair cruit mar gum biodh, a bheil… an e…a bheil daoine ag obair na aonar gu math…gu math tric no an e…an e rud car sòisealta a thann cuideachd?

AM―16 :48: Tha, ach a h- uile…a h-uile dad a tha romhad, a h-uile dad a tha thu adèanamh tha dòchas romhad fad an t-siubhail. Is thig am, thig am foghar is an uair sin tha…tha…tha e, tha e car asealltainn dhut can mar a bha daoine o chionn fada, ’eil fhios agad, bhiodh iad ag adhradh dhan…ag adhradh dhan ghrèin agus nuair a thig…nuair a thig blàths na grèine a-rithist tha a h-uile dad afàs beò a-rithist. Is nuair a thig an, nuair a thig an t-earrach a-staigh tha na h-uain is tha na laoighean is tha…tha a h-uile dad afàs.

EC―17 :22: Car de chearcall a thann, nach e, mar gum biodh? Agus ciamar a…agus can a-nist, can a-nist an-dràsta fhèin, an samhradh a thagainn an-drà.. .an-dràsta, a bheil e, a bheil e caran fuar no dè…a bheil…a bheil gnothaichean afàs am bliadhna, mar gum biodh?

AM―17 :36: Bha aghaoth a tuath an siudach cha robh i math idir ach tha i a-nist tha…tha sinn afaicinn deannan math uisge agus…

EC―17 :43: Bha i tioram nach robh, treis bha…bha… ?

AM―17 :45: Bha an toiseach ach tha an t-uisge air tighinn a-nist is bha iad ag ràdh na seann daoine chanadh iadsamhradh breac riabhachis an uair sin foghar, ‘foghar geal grianach’. An cuala tu siud a-riamh?

EC―07 :54: Cha chuala, ach tha e againn a-nist.

AM―17 :59: Cha robh iad airsoneil fhios agad…cha robh iad airson samh.. .samhradh teth idir, ach, ’eil fhios agad, i bhith breac mar an tuirt iad a bhith faighinn uisge an-dràstas a-rithist, is bha sin aciallachadh an uair sin gum biodh foghar math agad.

EC―18 :14: Chan eil thu ag iarraidh cus blàths mar sineach.

AM―18 :15: Chan eil tuilleadhs a chòir idir.

EC―18 :18: Chan eil i air a bhith cho blàth againne airson…bho chionn ghoirid co-dhiù, gu dearbha fhèin. Agus mu dheidhinn nam mìosan, am bi…am bi iad acomharrachadh nam mìosan as an dòigh a tha iad…as an…an t-Iuchar? Can, thuirt…thuirt bodachan leam as an Ìochdar uaireigin gun e an t-Iuchar can meadhan rud…Julymar gum biodh, an àite am mìos ann fhèin, ’s e can meadhan na mìosa a bhann, nuair a thigeadh blàths. An robh sibh acomharrachadh ùine mar sin cuideachd sibh fhèin, no… ? Agus cuideachd cha.. .chanadh daoine rudan marNa Faoillichcuideachd, bha àm ann as a’ bhlia…an cuala sibh mu na…mu ‘Na Faoillich’?

AM―18 :53: An-còmhnaidh, gu math tric a-muigh ann a sheo cha tig…cha tig agheamradh an-còmhnaidh gu…suas gu meadhan…tha…meadhan Januarygu math tric a tha i atighinn. Agus an uair sin mìos agad mun tuirt iad Na Faoillich gu…gu meadhanFebruaryan uair sin.

EC―19 :09: Agus, so, mar, mar gum biodhs e… ’s e ùine a bhann eadar…eadar…eadar JanuaryisFebruaryan àite mìosan.

AM―19 :11: ’S e, ’s e.

EC―19 :20: Uill, Alasdair, burrainn dhuinn a bhith abruidhinn an seo fad, fad an latha tha mi asmaoineachadh, ach…ach tha sibh air an t-uabhas innse dhuinn co-dhiù.

AM―19 :28: Ach dad as iongantaiches e…a -nist chan eil sinn afaighinn sneachd ann. Ach tha cuimhnam nuair a bha sinne òg, bhiodh òrd mòr agad is dhfheumadh tu bristeadh an loch a h-uile latha dhan chrodh ach am faigheadh iad deoch.

EC―19 :42: Saoil as coireach gu, gu bheil e cho gann? An e blàthachadh na cruinne no… ?

AM―19 :48: Feumaidh gur e. No gu bheil an…no gu bheil an.. .gu bheil an sruth air atharrachadh, sruth atighinn nas fhaisge oirnn, ’s dòcha?

EC―19 :54: So tha cuimhn’ agaibh…tha cuimhnagaibh air geamhraidhean nas cruaidhes dòcha ach…agus samhraidheans dòcha nas blàithe? A bheil mar gum biodh…a bheil… ?

AM―20 :01: O, tha, uill bha, bhathas…bhiomaid an uair ud bhitheamaid adèanamh cus feòir far na cruite, ’eil fhios agad, adèanamh cruachan-feòire is leithid sineach is…ach na bliadhnaichean mu dheireadh dhfhàs e cianail doirbh a thiormachadh is thug mise suas mu dheireadh e, an turas mu dheireadh a gheàrr mi e, dhfhàilich e orm a thiormachadh is sineach a-nist airson co-dhiù, ’eil fhios agad, tha mi asmaointinn an uair ud dhfhaodadh tu car a dhol an urras air na…JulyisAugustgum faigheadh tu feur a dhèanamh, is ach a-nist faodaidh e a bhith gu math fliuch.

EC―20 :34: ’S e mìosan trang a thann an-dràsta, nach eil le daoine atighinn? A bheil…a bheil…a thaobh luchd-turais agus sineach a bheil…a bheil.. .a bheil…an e rud math a thann no a bheil e doirbh dhan àite? A bheil…a bheil…a bheil cus dhaoine air an rathad is daoine a’ cur…a ’ stad far an togar iad an sineach?

AM―20 :52: Tha…uill , uills e rud, rud math a thann gu bheil iad afaicinn an àite is gu bheil e car acòrdadh leotha agus…ach tha aon rud nach eil mi ag aontachadh le sin, tha na…tha na…na motorhomesmhòr an siudach atighinn so…is chan eil iad sin adeanamh buannachd sam bith dhan eilean, tha iad atighinn is tha iad, tha iad làn biadh atighinn is chan eil iad aceannach dad ann a sheo, is tha iad astad far an togar iad, agus tha iad ga fhaighinn gun dad agus…agus chan fhaigh thusair abhàta air an sàilleibh an uair sin.

EC―21 :20: Sin a bha mi asmaoineachadh air gun teagamh, gu bheil…gu bheil e…bha fear abruidhinn an-diugh, abhall-pàrlamaid mu dheidhinn sin ann am Barraigh cuideachd, nach fhaigh…nach fhaigh daoine air falbh. ’S dòcha ma tha rudeigin…rudeigin èiginneach tha cuideigin abàsachadh air tìr-mòr no rudeigin tha e gu math, gu math doirbh faighinn air falbh is…saoil a bheil…a bheil dòighean timcheall air sins dòcha, a bheil rudeigin a ghabhadh a dhèanamh? ’S dòcha nam biodh… ’s dòcha can gun robh àite no dhà fhàgail airson muinntir an àite no rud…chan eil fhios am.

AM―21 :48: Bha fear de na nàbannan agam fhèin, bha e adol dhan Eilean Sgitheanach a dh’ iarraidh…a dhiarraidh tarbh agus bha e ag ràdh…bha… ‘mura falbh miarsesana-màireach, bidh trì seachdainnean eile ma faigh mibooking’, tha sin asealltainnn dhut mar a tha an t-àite, mar a tha iad alìonadh an àite.

EC―22 :06: Seadh dìreach. Tha, tha siud gu math duilich airson daoine a tha afeuchainn ri rudeigin a ghluasad.

AM―22 :11: Tha, dìreach an aon…an aon.. .an aona… ’s dòcha an aona bhuannachd a bhiodh dhan àite gu bheil e, gu bheil e acumail tha…na…na…na…a ’ cumail abhàta adol, ’eil fhios agad nach eil i aruith falamh is. ..

EC―22 :25: Tha sin ann gun teagamh, ach…

AM―22 :26: Gun justifaidheadh e…gun justifaidheadh e bàta na bu mhotha dhuinne.

EC―22 :30: Bidh i cho làn is nach fhaigh sibh oirre!

AM―22 :31: Chan fhaigh, chan fhaigh, chan fhaigh.

EC―21 :32: Sin agad e, tha…so ’s e… ’s e ceist…chan eil c…chan eil freagairt furasta ann, a bheil airson sin?

AM―21 :40: Chan eil ach bàta nas motha.

EC―21 :42: Ach saoil an uair sin dìreach gun tigeadh am barrachd de luchd-turaiss dòcha, mar… ? Chan eil fhios am, tha mi dìreach, tha mi dìreach ag ràdh. ’S e ceist a thann co-dhiù bidh daoine, bidh daoine abeachdachadh air acheist ach…ach tha mi an dòchas gum bi fuasgladh ann co-dhiù, sin agad e. Ach as an fharsaingeachd tha sibh, tha sibh riaraichte le seirbheisean as an eilean.

AM―23 :06: O, tha, tha iad math math, tha, tha.

EC―23 :07: Is gu bheil sinn math dheth ann an iomadach dòigh tha mi asmaointinn. Sin agad e, uill, tha…mòran taing Alasdair bha, bha sin…

AM―23 :21: O, ’s e do bheatha.

EC―23 :21: Cho, cho inntinneach agus gun robh beatha gu math farsaing agaibh gun…gun Uibhist fhàgail mar gum biodh. Mòran taing.

title2
internal date2020.0
display date2020
publication date2020
level
parent textAlasdair MacDhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page