Alasdair MacDhòmhnaill 3
C – 00.05: So an toiseach innis dhomh ur n-ainm agus an sloinneadh a th’ agaibh a-rithist.
A – 00.15: Alasdair Ailein Dhòmhnaill ’ic Ailein.
C – 00.20: Agus, dè, às dèidh cò, cò Ailean - Ailean Heisgeir nach e?
A – 00.29: ’S e, Ailean Heisgeir a bhiodh ann agus an uairsin bha ’s e Ailean Ghilleasbuig Ailein a chanadh leis san cuideachd.
C – 00.37: Agus tha sinn an-dràsta ann an Croismoraig agus ’s ann an seo a rugadh ’s a thogadh sibh.
A – 00.45: ’S ann, ’s ann.
C – 00.47: Agus bha mise a’ bruidhinn riutha agus tha sibhse air a bhith a’ bruidhinn ri Eairdsidh roimhe so tha beagan de na naidheachdan agaibh aig a’ phròiseact mar-thà, ach bha mise airson ’s dòcha stòireadhnan eile a tha mise air chluinntinn fhaighinn air an recording so, thoireadh tha fhios ’am gun robh mì-mhodh gu leòr agaibh nuair a bha sibh òg! So an innis sibh dhomh ma-tha an toiseach, can mus robh an causeway ann a’ dol sìos dhan à’ Bhaile Shear bha sibh fhèin agus muinntir na Càrnaich tric a’ dol sìos nach robh?
A – 01.30: Oh bha sinn an còmhnaidh a’ dol sìos, bhitheamaid a’ dol sìos a shealg choinneanaich ann a shin.
C – 01.35: ’S dè an aois a bhiodh sibh?
A – 01.36: Oh bhitheamaid, tha mi a’ creidsinn, teannadh ri dhol dhan sgoil Cheann a Bhàigh first, second year.
C – 01.46: So ’s dòcha dà bhliadhn’ deug no rudeigin mar sin. So bhiodh sibh a’ dol sìos leis a’ ghunna.
A – 01.52: Bha, bha ’s bhitheamaid a’ marbhadh torr choinneanaich. Bha, bha cù againn cuideachd, bha e - mial-chù agus bha i math air na coinneanaich fhaighinn so. ..
C – 02.02: Agaibhse?
A – 02.03: Mmhmm.
C – 02.04: Oh right cha robh fhios agam air a sin. Agus theab sibh, theab sibh a bhàthadh triop no dhà.
A – 02:11: Oh ’s iomadh uair sin! Thigeadh.. .nuair a thigeadh an làn a-staigh, can na bu luaithe na bha thu an dùil, is dh’fheumadh tu an dàrna cuid, dh’fheumadh tu fuireach shìos anns a’ Bhaile Shear gun do rachadh e mach a-rithist no feuchainn air an fhadhal so. ..
C – 02.30: Agus bha sibh, bha sibh ag innse dhomh an triop - aon triop a b’ fheudar dhuibh - an e cuideigin a’ suidhe air gualain Aonghas na Càrnaich no rudeigin? Ciamar a. .. dè thachair?
A - 02:43: Och bha, bha mi fhèin is Dòmhnall is Aonghas na Càrnaich is Ruairidh Hòsta is Dòmhnall Iain Hòsta bha sinn shìos, so thàinig sinn chun na fadhlach - bha bad air cùl na Càrnaich bha - ’s ann ann a bha an dà fhadhal a’ coinneachadh bha sruth a’ tighinn on deas, sruth a’ tighinn on tuath, ’s cha robh, cha robh, bha bad àraid cha robh sruth ann agus so dh’fheuch sinn a-mach ann a shin ’s bha baga mòr choineanach againn is ’s e Ruairidh Hòsta bu lugha so chuir sinn am baga choinneanaich air druim Ruairidh ’s chuir sinn an uairsin Ruairidh air druim Aonghais na Càrnaich ’s dh’fhalbh sinn tarsaing ann an sreang tarsaing na fadhla ’s bha cuideam Aonghas a’ cumail sìos a chasan ’s bha e a’ dèanamh grunnd air an fhadhal ’s shlaod e uileag tarsaing na fadhlach sinn ’s sinn air [ ? ] shnàmh tarsaing na fadhlach!
So bha sinn turas eile shìos cuide ri m’ athair ’s bha each is cairt a bh’ againn ’s a’ tighinn chun na fadhlach bha i cianail domhain mar sineach ’s bha Ruairidh na Càrnaich, bha e ag èigheachd oirnn ‘Till, till’ so cha do rinn m’ athair ach gheàrr e srian an eich ’s cheangal e an aisean ri bocsa na cairt gus nach èireadh a’ chairt far na h-aisean ’s thug e am bòrd deiridh às a’ chairt ’s dh’ fheuch sinn a-null co-dhiù ’s bha an dà thruaghan a’ snàmh anns an fhadhal ’s thàinig sinn às an fhadhal, cha robh sgeul air a chù-choineanach bha sinn a’ smaointinn gun robh e air bhàthadh a’ snàmh anns an fhadhail co-dhiù ach ’s ann a bha e a’ snàmh a-staigh dhan chairt!
So sin agad mar a bha an saoghal againne nuair a bha sinn òg.
Nuair a bha sinn òg, bha a h-uile duine an uair ud, bhiodh sinn a’ dol, cus a’ marbhadh, beò air coinneanaich ’s air lachain ’s air sealg ’s cha mhor ’s aithne dhut ? taigh anns nach robh gunna ’s bhiodh iad a’ dol a mach airson doilleireachd a shealg ’s nuair a bhiodh sinn a’ dol dhan sgoil, can suas eadar dusan ‘s tri-deug ’s ceithir bliadhn’ deug nuair a bhiodh sinn a’ dol dhan sgoil bha sinn a’ toirt leinn an gunna agus na cartridges agus gam fàgail ann an drèine an rathaid mhòir gus an tilleamaid às an sgoil ’s bhiodh sinn a’ falbh a shealg air an rathad dhachaigh an uair sin. So cha bhiodh an uair ud duine a’ gabhail uallach dhìot no sìon bha daoine cho eòlach air a bhith coimhead às an dèidh fhèin, agus ’n aire dhut fhèin, chan ionnan sin an-diugh cha bhith thu mionaid fadalach bidh a mobile a’ falbh. .. !
Innsidh mi dhut ma fear a bha staigh sa Bhaile Shear shìos Aonghas Ghilleasbuig Dhonnchaidh - ’s e bàrd a bh’ ann – ’s bhiodh iad, bhiodh iad a’ dol an uair ud, bhiodh iad a’ falbh a shealg dìreach air beulaibh an latha is ’s e muzzle loaders a bh’ aig cus aca an uair ud, dh’fheumadh tu am fùdar a chuir sìos dhan ghunna an toiseach is an uairsin bha ram rod agus bha thu a’ teannachadh an fhùdair sìos agus bha thu an uairsin a’ cur na luaidheadh ann ’s bha thu a’ cur luideag de chlobhd no rudeigin a’ cumail na luaidheadh sa bharailte. So bha esan, Aonghas, thòisich e air lìonadh a’ ghunna air an oidhche gus am biodh e deiseil aige, thoradh bheireadh e puile air a lìonadh, ’s bhiodh e fhèin a’ falbh tràth sa mhadainn, ’s bhiodh an gunna aige loaded a’ falbh sa mhadainn, is thòisich e ag obair fon lampa, fhios, bha lampa chrochaidh aca a-staigh far an robh an taigh-tughaidh aca o shean, e fhèin ’s uncle dha bràthair a mhàthair cha chreid mi nach e bh’ ann, ’s thòisich e air an obair a bha sin co-dhiù is nuair a bha e gus a bhith deiseil gu brith gu dè thachair ach dh’ fhalbh an urchar gun fhiosda dha is chaidh an luaidhe, chaidh e sa bhile a’ churraic aige ’s rinn e toll mòr air bile a’ churraic aige, chaidh e air a thòin an lampa a bha os a chionn is chaidh esan, chaidh e b’ aisean air an ùrlar is thòisich mac Iain Bhàin, uncle, thòisich e air a’ roiligeadh a-null feuch an toireadh e mun cuairt e agus thòisich esan an uairsin ‘bheil thu gam chluinntinn bheil thu gam chluinntinn’ - ‘tha’ ars esan is ‘bheil thu math gu leòr?’ - ‘tha’ ars esan ‘tha mi math gu leòr’, ars esan, ‘ach tha an t-àite seo cus nas fheàrr na bha mi a’ smaointinn a bhiodh e ach gu bheil e dona le fhàileadh a pharafin’ - bha e a’ smaointinn gun robh e air a dhol a-null thairis!
C – 07.16: Agus dè mu dheidhinn, cuimhne agaibh air an stòiridh mu am fear a bha - cha, cha do chòrd, bha eagal air ro fuaim na gunna aig a’ Chàrnaich nuair a bha. ..
A – 07.32: Dòmhnall Iain Iain Òg a bha sin. Bha e, cha robh, bha eagal aige ro ghunnaichean ’s a leithid sin bha e glic gu leòr san dòigh sin, bha iad a’ marbhadh mart an Croismoraig bho chionn fada ann an sheo ’s cha robh esan, bha e, bha iad ag iarraidh hand son a’ mhart a chrochadh sna sparran is bhiodh sin nuair a bhite deiseil ’s cha robh e idir airson fuireach mun cuairt nuair a bhite ga marbhadh co-dhiù ach shaoileadh e gum biodh iad deiseil airson an crochadh ’s chaidh e dhan Chàrnaich air chèilidh is nuair a shaoileadh e gun robh i deiseil dh’fheuch e a-nuas airson hand a bheir dhaibh a’ crochadh air na sparran ’s chunnaic cuideigin a’ tighinn e ’s chuir iad mar sineach, chuir iad charge dhan a muzzle loader agus stem iad am barailte le bìdeag den ghrùthain ’s le mionach na bà agus dh’fhuirich iad gus an robh e dìreach air an starsaich thug iad an siud dha ann an uchd ’s dh’ fhalbh e a-mach an uairsin is thòisich e e fhèin a roiligeadh. .. . ‘Seall’ ars esan ‘mo mhionach ’s cluigeannan dhe mo ghrùthan’!
So - sin agad e.
C – 09.00: Oh uill, agus, em, rud eile bha mi dol a dh’ fhaighneachd - bha sibh ag innse dhomh gu bheil cuimhne agaibh air, an e Papa agus cuideigin eile, a’ dèanamh ola le ròin.
A – 09.19: Ola ròin, Ruairidh na Càrnaich, oh bha Ruairidh gle mhath air dèanamh ola ròin.
C – 09.24: Innis dhomh mar a bha iad ga dhèanamh.
A – 09.28: Bha iad an toiseach. .. dh’fheumadh tu ròn fhaighinn anns a chiad aite! Ach mar a bha mi ag ràdh bha gunna anns a h-uile taigh co-dhiù. Siud agaibh - an cuala tu an t-òran a rinn Ruairidh MacAoidh mu Aonghas na h-Àird, Aonghas Mòr sa Chàrnaich. Bhiodh a h-uile turas a gheibheadh tu ròn, fhios agad, bha thu a’ falbh anns a’ mhionaid ga mharbhadh an uair ud, fhios agad. Uill Aonghas Ruairidh?, bha e cho beag ’s bha e ag ràdh Ruairidh MacAoidh “gum feumadh tu dhol air an shnàmh far am faodadh tu a shnàmh tha i a’ grunnachadh, sìos gu Fadhal nan Caorach ’s ann a chuireadh tu d’ aodach uile dhiot, theich gach feannag ’s faoileag, ’s thug.. .leig iad an glaodh ron bhumalair, chuala iad sa Chàrnaich am fuaim, ‘s cha mhòr nach do chuir Ruairidh an gunna riut. .. shaoil iad gu lèir gur e ròn a bh’ ann a thàinig air sàil nan cudaigean”. .. airson chan fhaiceadh tu ròn.. .gu math[ ?? ? ]
Co-dhiù fhuair Ruairidh an ròn co-dhìu, no ann a sheo fhèin - chan eil cuimhne agam - ach theann iad ann a sheo e co-dhiù ’s cha robh thu ga fheannadh an toiseach bha thu toir dheth an craiceann an toiseach ’s bha an uairsin man tuirt iad am blubber a bha eadar an craiceann ’s an fheoil ’s bha thu ga fheannnadh a-rithist, a’ toir dheth am blubber a bha sineach, am fat a bha sineach ’s bha thu a’ cuir sineach ann an. .. bha teine mòr ga thogail a-muigh ’s bha tè dhe na praisean mòr trì-chasach a bha sin, an fheadhainn mhòr phràiseach, bhiodh teine agad, teine math fodha ’s bha agad an uairsin bha agad ri pucaid, pucaid bha thu a’ cur am fat no blubber a bha sin ann am pucaid no ann am pèile agus bha tha ga.. .bha uisge teth agad a’ goil anns a’ phrais mhòr agus bha thu a’ cur na pucaid a’ suidhe anns an uisge ghoileach ’s bha am fat a’ sior leaghadh sa leaghadh leis an teas agus cha robh math dhaibh, cha robh math dhaibh suathadh anns a’ phrais fhèin idir no bheireadh e an t’ fhàileadh aig an olaidh. Agus nuair a leaghadh i uileag bha thu a’ cur sineach, bha sìoltachan mòra aca ’s ga chur tro sìoltachan ’s bha sin a’ toir às a h-uile cnap is rud nach robh a dhìth orra is bha thu an uairsin ga goil a-rithist agus a’ dèanamh an aona rud a-rithist is bha agad ri dhèanamh trì tursan gus am biodh e, dìreach man tuirt iad, clear ’s gum faiceadh tu troimhpe is bha agad ri sin, bhiodh agad ri sin a dhèanamh grunnd thursan gum biodh tu deiseil dhen bhlubber uileag, is bha an uairsin ola ròin gu leòr agad airson a’ gheamhraidh. Dh’fheumamaide spàin a ghabhail sa mhadainn gach madainn nuair a bhiodh an cnatan ort.
C -12.08: So bha e math dhuibh.
A – 12.10: Bha, tha fhios gum biodh e math dhut, tha e mar a fish oil fhèin, aidh.
C – 12.14: Dè am blas a bh’ air?
A – 12.16: Och cha robh sion ach direach ga leigeil sìos cha robh cus blas air.
Bha a h-uile duine cho eòlach an uair ud ga ghabhail co-dhiù, cha shaoileadh tu dad dheth. ’S bha Ruairidh ag ràdh gun robh còir agad cumail air ga ghabhail gus am faiceadh tu gleans a’ tighinn às an fhalt agad air cùl na h-amhaich agus bha an t-àm agad sgur an uairsin!
C – 12.40: Agus bha beairt aig Papa, nach robh?
A – 12.45: Bha.. .bha, cha mhòr nach robh beairt aig bha grunnd bheairtean sna bailtean an uair ud co-dhiù is ’s e tè dhen fheadhainn, tè mhòr fhiodh a bh’ aige an toiseach ’s iad a bu chumanta tha, mun tàinig an fheadhainn phràiseach a-staigh, is bhiodh iad. .. mar bu trice bhiodh seada beag a-muigh aig daoine, tha, is bhiodh a’ bheairt ann a shineach so, bha a’ bheairt aig m’ athair thall far a bheil am faing againn thall air beulaibh an taighe an-diugh, so ’s ann a fhuair e an uairsin tè dhe na Hattersleys, cha chreid mi, na looms feadhainn bheaga phràiseach a bh’ ann ’s bha i aige anns an loft ann a shiudach shuas anns an extension a thog e a-mach aig ceann an taighe.
C – 13.24: Agus a bheil cuimhne agaibhse air luadh a bhith a’ dol an seo?
A – 13.29: 0 tha, tha. Bhiodh iad anns an stàball a-muigh an siud ’s bhiodh na boireannaich a’ dol mun cuairt uile, bha iad a’ tighinn thuige.
C – 13.39: Agus bha agaibhse ri pucaid a chleachdadh mar toilet airson greis ron an sin an robh?
A – 13.44: O chan eil cuimhn’ am, ach tha fhios gun robh, feumaidh gun robh. Ach ’s dòcha mun linn a bha sin tha mi a’ creidsinn nach robh iad air ammonia fhaighinn is gnothaichean. Ach o chionn fada an sin dh’fheumadh iad sin a dhèanamh, aidh.
C – 13.57: Agus, em, neisd. ..
A – 14.01: Ach bha a’ ghràin a bh’ againne nuair a thigeamaid dhachaigh às an sgoil a h-uile feasgar teannadh ri lìonadh iteachain.. Eil fhios agad dè th’ann an iteachan?
C – 14.11: Chan eil.
A – 14.12: Bobbins. Bhiodh sin a’ dol dhan spàl, ’s bha an spàl a’dol a-null ’s a-nall is bha machine againn is ghabhadh i a trì na inserts anns na h-iteachain. Bha thu gan cuir suas air a’ mhachine a bha sineach bha àite ann a bha thu gan cuir ’s bha thu, an uairsin bha pedal agad air a’ mhachine agus bha thu a’ pedalaigeadh a’ mhachine agus bha e a’ lìonadh na trì iteachain còmhla, agus nuair a bhiodh iad làn an uairsin bha thu a’ stad is bha thu gan caitheamh ann am bocsa ’s bha thu a’ cur stems falamh eile air, gus an lìonadh tu na h-iteachan uileag is bha iad a cumail m’ athair a’ dol a’ fighe fad an latha an uairsin, seach e fhèin a bhith a’ stad ’s a bhith gan lìonadh.
C – 14.53: So bha sibh a’ dèanamh sin a h-uile latha.
A – 14.55: A h-uile h-oidhche nuair a thigeamaid às an sgoil, aidh.
C – 14.59: An ann sa gheamhradh bu tric a bha sibh ga dhèanamh?
A – 15.00: O tha fhios gur h-ann. Cha bhiodh ùine a dhèanamh as t-sàmhradh.
C – 15.06: San latha an-diugh mar is trice ’s ann air a’ mhachair a tha sibh a’ fàs eòrna is silage is sin, ach nuair a bha sibhse òg bha sibh a’ treabhadh timcheall air an taigh agus air barrachd croitean, nach robh?
A – 15.19: Oh bha, bhiodh a h-uile duine a’ treabhadh nan croitean an uair ud. Bha.. .mur an robh agad ach aona chroit cha robh cus share agad anns a’ mhachair ann. Chan ionnan fhios agad mar a tha an-diugh - tha leth dusan croit aig cha mhòr a h-uile duine is barrachd sharaichean agad air a’ mhachair, talamh agad air a’ mhachair ach an uair ud bha a h-uile duine a’ treabhadh nan croitean, so.
C – 15.40: Is bha sibh a’ cleachdadh eich.
A – 15.42: O ’s e eich a bh’ againn, is bhiodh an uair ud, bhiodh e, bhitheas a’ cur fras feur ceart air na croitean is bhathas a’ toir an t-uabhas feòir far na croitean.
C – 15.54: Agus an robh e a’ còrdadh ribh a bhith ag obair le na h-eich?
A – 15.57: O cha robh thu eòlach air a’ chòrr ach bha iad math gu leòr a bhith ag obair leotha. ’S ann nuair a thigeadh tu dhachaigh ’s tu sgìth is fliuch is fuar is dòcha is dh’fheumadh tu biadh a thoir dha ne h-eich is deoch a thoir dha na h-eich is gan cuir a-staigh dhan stàball mus fhaigheadh tu fhèin grèim so mus fhaigheadh tu fhèin a-staigh so. .. An-diugh chan eil thu ach a’ leum far an tractar, tha thu a-staigh
C – 16.25: Nach robh triop. .. bheil cuimhne agam air a seo ceart gun robh sibh a’ tighinn dhachaigh às a Chlachan uaireigin leis a’ chairt agus gun do thachair rudeigin?
A – 16.38: A’ cur fairis i - cha robh ach mise - bha mi a’ tighinn a-nuas tarsainn, bha làn a-staigh domhainn ann a sheo is chaidh mi staigh aig an rubha as an croite - bha an fhadhal na b’ fhaide fosgailte is bha mi gus a bhith aig an taigh is chan eil fhios ’am dè thug orm is chaidh mi a-null bìdeag is roileag a’ chairt tarsaing air clach mhòr is. .. chan eil fhios ’am dè bha anns a’ chairt co-dhiù ach bha poca min ann co-dhiù is chaidh car dhan a whole lot tarsaing
C – 17.09: Is bha a h-uile rud geal. ..
Agus innis dhomh cuideachd mun àm, cò bh’ ann? An e Seonaidh Mhurchaidh a bha còmhla ribh nuair a chaidh sibh a-mach air a’ bhàta ann an Loch Euphoirt?
A – 17.23: Càite?
C – 17.26: Gun do ghoid sibh pìos dynamite no rudeigin.
A – 17.30: ’S e bh’ ann ach Raghnall Dhotaidh, bha esan ag obair aig na contractors an uair ud Uill bha licence againn fhèin air a shon co-dhiù. ’S ann leis a bhristeadh na clachan air a’ chroit tha seo uileag so.. .gheibheadh duine sam bith an uair ud i. ..
C – 17.44: ‘S dè rinn sibh, dè an idea. .. ?
A – 17.46:O bha bàta againn fhèin an Loch Euphoirt a-muigh, bàta mòr a bh’ ann so smaoinich sinn gun cuireamaid depth charge an oidhche a bha seo gu marbhamaid cus èisg. Agus co-dhiù chuir sinn an depth charge dhan a’ bhocsa bhriosgaidean againn, seann bhocsa bhriosgaidean. Bha e cianail is chuir sin mar sineach e is bha fuse fada às co-dhiù. Bha sruth lìonaidh làidir air beulaibh Loch Euphoirt bha sruth cianail ann, is leig sinne an t-eathar sìos leis an t-sruth ’s dh’fhosgail sinn throttle math dhith is shad sinn am bocsa a-mach air a’ mhuir is, mun tug sinn an aire air, thòisich am bocsa a’ tighinn anns an t-sruth as ar dèidh is dh’fhalbh siud dheth is dh’èirich an t-eathar bìdeag às an uisge, is thug na tinnichean uile glag ri chèile is dh’èirich sgoth cianail de dh’iasg às an uisge. Dh’èirich iad ma trì no ceithir throighean a-mach às an uisge. Tha mi a’ smaointinn gur e sgadan a bh’ ann no rudeigin is - o chaidh am marbhadh ach deachadh dhan a ghrunnd a-rithist. Cha d’fhuair sinn ach aona liutha mhòr a fhuair sinn so.. .Bha còir againne a bhith air a’ bhàta a chur an aghaidh an t-sruth, a dhol an aghaidh an t-sruth leis a’ bhàta is [stovelleadh ? ] i sìos leis an t-sruth.
C – 19.05: Uill, ma chaidh na h-èisg fodha cha bhiodh e air diofar sam bith a dhèanamh!
Agus an innis sibh dhomh, ma tha, cuid de na stòireadhnan a bh’ agaibh nuair a bha sinne beag, can an innis sibh dhomh stòiridh ma Cù Dubh Mhic a Phì
A – 19. :26: Och tha.. .stòiridh bho Bheinn na Fadhla shuas a bha sin. Seonaidh Iain Bhàin a bha an seo, bha e an còmhnaidh shuas. ’S ann an am Beinn na Fadhla a chaidh a thogail, an taigh Mhic Ìosaig shuas ann a shineach, e fhèin ’s Ceiteag a phiuthar so bha esan an- còmhnaidh ann is stòireadhnan an sineach aige nuair a thigeadh e a-nuas. Bha fear a’ bruidhinn air àite a-muigh Ruibheabhal so ’s e Àirigh na h-Aon Oidhche a chanadh iad leatha. Bha e air a ràdh gum biodh daoine an uair ud a’ dol a-mach chun nan àireachan as t-sàmhradh, is mu d’ rachadh iad a-mach bhiodh àirigh aig na bailtean uileag dhaibh fhèin an siud ’s an seo air feadh a’ mhonaidh so bhiodh iad a’ dol a-mach a renovatadh na bothagan an dèidh a gheamhraidh ’s a’ cur tughadh ùr orra sa leithid sineach.
So bha fear seo, ’s e Mac a’ Phì a chanadh iad leis taobh Lionacleit shuas an àiteigin am Beinn na Fadhla. So chaidh iad a-mach, e fhèin is seachdar de ghillean, às a bhaile cuide leis ga buain fraoch ’s a’ tughadh a’ bhothaig, ’s bha iad car deiseil an oidhche seo co-dhiù so bha iad a’ suidhe a-staigh aig an teine is thuirt an uairsin fear dha na gillean ‘O Dhia nach bochd nach robh seachdar nighean againn an seo a-neisd’ agus ‘tud tud’ ars am bodach. ‘Nach sibh a thuirt an droch rud’ ars esan.
Is cha robh sin ach sin fhèin co-dhiù, is an ceann puile thàinig gnogadh chun an dorais is dh’fhosgail e is thàinig seachd nigheanan brèagha a-staigh, is dh’fhalbh na gillean is na h-ighnean is feumaidh gun robh dà sheòmar anns an àirigh co-dhiù, is chaidh iad a cheann shìos na h-àirigh. ‘S thàinig an uairsin a’ chailleach ghrannda a bha seo a-staigh is shuidh i ri taobh Mhic a Phì, is tha, bha iad a seanchas co-dhiù is thug Mac a Phì sùil air dheireadh is co-dhiù chunnaic e sruth faladh a tighinn a-nuas bho bhonn an dorais. .. So cha do leig e dad air co-dhiù bha e a’ smaointinn ciamar a gheibheadh e às, agus thuirt e ris a’ chaillich, ‘o’ ars esan ‘tha e na fhasan agamsa’ ars esan ‘a h-uile h-oidhche mun tèid mi laighe bi mi a’ dol a-mach gu ceann an taighe feuch am faic mi dè an t-sìde bhios oirre a-màireach’.
O dhiochuimhnich mi innse dhut mun chù a bh’ aige, cù mòr làidir, cù mòr mòr dubh is cha do rinn e car riamh, ‘s a h-uile duine a’ ràdh ris ‘cuir às dhan bheathach chearbach tha sin. Dè tha e dol a dhèanamh co-dhiù’. Agus ars esan, ‘bidh leigeadh fhèin aig cù Mhic a Phì’ ars esan, agus tha co-dhiù, ‘o ma tha thu a’ dol a-mach’ ars a’ chailleach ‘seall an sìoman fraoich a tha siud. Bheir leat ceann dheth agus cumaidh mise greim air a’ cheann eile agus cùm teann e a-neisd gus am bi fhios am gus am bi thu ann gus nach feuch thu air falbh no dad dhen t-seòrsa sin’.
Agus fhuair e a-mach agus cho luath sa fhuair e gu ceann an taighe cheangal e sìoman fraoich ris an t-sìoman aig ceann an taighe ris an tughadh a-muigh is dh’fheuch e air falbh chun a’ bhaile cho luath a bh’ aige. Agus bha e a’ dèanamh math math is co-dhiù bha e teannadh faisg air a’ bhaile agus chuala e fuaim as a dhèidh agus chunnaic e an t-each bàn a bha seo a’ tighinn tarsing na boglaichean agus e a’ cur steall anns no boglaichean a’ tighinn a-nall as a dhèidh.
So thuirt e ris a’ chù ‘A chù dubh Mhic a Phì mur an do rinn thu a-riamh e nì thu a-nochd e, feuch air falbh’ ars esan, agus dh’fhalbh an cù agus thòisich e fhèin ’s an t-each ri sabaid ann a shineach. Agus fhuair esan air falbh agus fhuair e dhachaigh co-dhiù agus nuair a chaidh e dhachaigh chuir e a-mach sia mìosan bainne air an àirde gus am biodh iad aig a’ chù nuair a thilleadh e. So bha fhios aige gum biodh a chù air a dhol às a rian nuair a thilleadh e co-dhiù.
Agus chaidh e a-mach anns a’ mhadainn co-dhiù agus bha an cù ann a shineach agus cha robh aona ghaoisid bheò air agus e marbh air an starsaich agus e air am bainne òl agus e marbh air an starsaich. Agus bha iad a ràdh on uairsin agus tha iad ga ràdh chun an là an-diugh - feadhainn a thèid a-mach an taobh sin gum biodh iad a’ faicinn cearc agus seachd iseannan aice a’ sgrobadh mun an àirigh a bha sineach.
Ach tha mi smaointinn cus dhe na stòireadhnan nan àireachan a bha sineach, cha robh iad ach gus a - bhiodh cuideigin gan dèanamh suas, bha an uair ud, fhios agad, na bailtean ag obair còmhla. ’S bhiodh ’s dòcha an stòiridh a fhreagradh air an dàrna duine cha fhreagradh e dhan duine eile. Agus far is dòcha feadhainn a bha ag iarraidh an àirigh, chuireadh càch na aghaidh agus is dòcha gum freagradh e na b’ fhearr dhaibh an àirigh a bhith ann an àiteigin eile. Agus bha an uair ud na daoine, bha iad cho cearbach co-dhiù, bha gèill mhòr aca, fhios agad, na bòcain is taibhsean is gnothaichean dhen t-seòrsa sin. Mura an robh an gnothach a’ còrdadh leotha nuair a thogadh iad an àirigh is dòcha an fheadhainn a bha fada fada nan aghaidh bha iad a’ dol a-mach air an oidhche agus dhèanadh iad fuaim timcheall na h-àirigh air an oidhche eìgheachd is gnothaichean timcheall na h-àirigh air an oidhche. Agus bha an uairsin bha a leithid de dh’eagal air daoine a’ dol dhan àirigh sin tuilleadh is bhathas ga fàgail is ‘s e àirigh na h-aon h-oidhche a chanadh iad leatha an uair sin. Cha do dh’fhuirich iad innte ach an aona oidhche.
C – 25.05: Direach càch a’ cur, càch a’ cur an t-eagal.
A – 25.07: ’S e càch a’ cur an t-eagal car mar a bha an stòiridh aig Tormod Caimbeul. A bheil cuimhne agad oirre? Tha.. .boireannach Leòdhasach a bha seoach co-dhiù, is bha nòisean cianail aice air fear de ne èildearan a bha san eaglais aice. Is bha i besotted leis an fhear seo co-dhiù is bha i airson gum pòs iad ach cha robh esan bite-adh ann. Cha robh, cha ghabhadh e gnothach leatha. So co-dhiù rinn i plan an oidhche bha seo. Chuir i, phàigh i cuideigin agus bha e a’ dol timcheall an taigh. .. an taigh aig an duine fad na h-oidhche. Is nuair a thigeadh e a’ dol seachad air an uinneag aige bha e toir ‘pòs Iseabail’ agus an uairsin thigeadh e mun cuairt a-rithist is ‘pòs Iseabail’ is thigeadh an aon carry on seo a’ dol fad na h-oidhche. ’S dh’èirich an duine sa chamhanaich co-dhiù is chaidh e gun a’ mhinistear anns a mhans’ agus ‘o’ ars esan ‘feumaidh mi am boireannach sin a phòsadh’ ars esan. ‘Thàinig guth thugam on Tighearna an-raoir gu feumainn a pòsadh’ agus seo mar a bha, siud mar a bha an uair ud nan cuireadh tu an t-eagal air duine gheibheadh tu leat, fhios agad.
C – 26.20: Agus, dè mu dheidhinn, tha mi a’ feuchainn ri cuimhneachadh dè na stòireadhnan eile. O aidh, Isean Mhic Mhuirich.
A – 26.33: O chan eil i sin agam math air mo theanga. .. tha i sin math math aig Calum Ghilleasbuig Nèill air Tobar an Dualchais mar thà.
C – 26.39: Bheil?
A – 26.40: Malcolm Robertson, aidh.
C – 26.42: Uill innis dhomh co-dhiù e.
A – 26.44: O cha robh am fear Mac Mhuirich a bha sineach, bha e shuas man Iochdar an àiteigin no Gèirinis. So bha e a’ buain arbhar air a’ mhachaire co-dhiù agus chunnaic e an t-eun a bha seo, isean eòin a bha seo. Agus bha e tur, gu tur eadar-dhealaichte bho bheathach a chunnaic e a-riamh co-dhiù so smaoinich e gun toireadh e leis dhachaigh an t-isean.
Ach co-dhiù tron oidhche thànig fuaim dhan dorais ‘leig a-mach an t-isean mhic Mhuirich’. Thuig e an uairsin gur e sìthiche, ’s e sìthiche a bh’anns an isean a thug e dhachaigh agus ‘leigidh mi a-mach às’, ars esan, ‘an t-isean ma thogas sibh starsach dhomh tarsaing Loch Bì’
Agus. .. chan e. .. ‘ma bhuaineas sibh mòine dhomh tarsaing Loch Bì’ ’s e thuirt e, ‘dà iarann mhòine tarsaing Loch Bì’ .Dh’èirich e sa mhadainn co-dhiù is bha a’ ghrian ag èirigh ’s bha deàrrsadh air a’ mhòine sa ghrèin air buain air taobh eile Loch Bì.
Sin ceart gu leòr co dhiù so an oidhche sin thainig guth a-rithist, ‘leig a-mach an t-isean Mhic Mhuirich’. .. ‘O’, ars esan, ‘dè feum a th’ ann dhòmhsa’, ars esan, ‘mòine a bhith air bhuain air taobh eile Loch Bì nach fhaigh mi thuice. Feumaidh mi starsach son a dhol a-null ga h-iarraidh. Togaibh starsach dhomh tarsaing Loch Bì’ agus sa mhadainn bha an starsach deiseil.
Agus an ath oidhche an uairsin ‘leig a-mach an t-isean Mhic Mhuirich’. ‘Leigidh’, ars esan, ‘nuair a thogas sibh, nuair a thogas sibh sabhal ùr dhomh air cùl an taighe’. Agus bha sineach math gu leòr co-dhìu , is cha d’fhuair e norrag chadal an oidhche sin co-dhìu, Mac Mhuirich. Cha robh ach glagadaich is bragadaich fad na h-oidhche is nuair a dh’èirich e sa mhadainn bha an sabhal deiseil.
Is chan eil fhios ’am an do dh’iarr e dad eile bhuaipe co-dhiù ach smaoinich e co-dhiù an oidhche seo gun toireadh e dhaibh an t-isean air ais. So co-dhiù ‘leig a-mach an t-isean’ so leig e air falbh an t-isean co-dhiù. So bha e a’ ràdh gun robh tòrr aca ann dhe na sìthichean is fear aca is pìob aige, is dh’fhalbh e a’ pìobaireachd sìos a machaire agus dè am port Beinn Eadarra a bha seoach a bh’ aige sìos a’ mhachaire, is iad uileag a’ dol as a dhèidh. Bha iad cho toilichte an t-isean beag fhaighinn air ais.
title | 3 |
internal date | 2021.0 |
display date | 2021 |
publication date | 2021 |
level | |
parent text | Alasdair MacDhòmhnaill |