E[airdsidh] C[aimbeul]―00 :05: Uill, a Dhòmhnaill, mòran taing airson bruidhinn rinn a-nochd aig do thaigh fhèin as a’ Bhaile Shear, agus tha e gu math.. .tha, tha e laghach a bhith, a bhith an seo. Am b’ urrainn dhut rud beag innse dhuinn mu dheidhinn dìreach tu fhèin agus do theaghlach, agus do sgìre far an, far an, far an do thogadh tu?
D[òmhnall] M[acDhòmhnaill]―00 :21: Aidh, rugadh mi ann an Glaschu as a’ bhliadhna naoi ceud deug leth-cheud agus a ceithir, as a’ …as a’ Ghiblean, agus air a’ cheathramh latha deug dheth sin, agus tha mi a’ smaoineachdainn chuir mi fhèin is mo mhàthair seachad a’ chiad ’s dòcha cola-deug dem bheatha ann an Glaschu thoradh bha triùir as an teaghlach againn. Tha dithis pheathraichean agam, aon tè nas sine na mi agus tè eile nas òige, agus…agus rugadh an triùir againn as an, as an ospadal ainmeil a bha sin ann an Glaschu, Rotten Row, agus.. .tha, ach co-dhiù, nuair a thàinig mi dhachaigh às an sin agus cha robh…cha robh mi air Ghalltachd tuilleadh gun robh mi, tha mi a’ smaoineachdainn trì deug bliadhn’ a dh’aois no ceithir deug bliadhn’ a dh’ aois, agus, agus chaidh mi dhan bhun-sgoil dìreach an ath-dorast dhuinn an seo as a bhathar…as a’ bhliadhna naoi ceud deug leth-cheud ’s naoi agus bha sin as a’ Ghiblean an deaghaidh dhan an sgoil tilleadh air ais an deaghaidh làithean-saora na Càisge, agus tha fhios a’m an latha a chaidh mi dhan sgoil gun e sin a’ chiad oidhche a chuir sinn seachad as an taigh ùr againn, ambungalowa tha dìreach tarsainn bhon seo, agus tha, tha mi a’ smaoineachdainn gun robh mo mhàthair gu mòr a’ creideas as na…airson bha seanfhacal ann mu dheidhinn imprig, a’ dèanamh imprig nam biodh gluasad taighe no dachaigh bha…bha…agus ’s e ‘Imprig Luain a’ dol mu dheas’ agus chan eil fad againn às an seo, ’s ann airson tha mi a’ smaoineachdainn gun ann Diluain a chaidh sinn, thoradh bha sinn a’ dol gu deas, agus an uair sin bha neach-teagaisg againn, ’s e Oighrig…tha mi a’ smaoineachdainn Oighrig Alasdair Aonghais Bhàin an t-ainm a bh’ oirre agus à Solas a bha i, agus bha grunn de dh’atharraichean tidseir agam as na chiad dhà no thrì bhliadhnaichean, agus…ach ’s e ise a bh’ ann a’ chiad turas a chaidh mi dhan sgoil. Agus an uair sin, an ath-shamhradh às deaghaidh sin, thàinig tidsear òg, ùr air a…air a…tighinn ron dreuchd thugainn, ’s e sin Isa, Isa NicFhillip à Beàrnaraigh, agus oh chòrd Isa rium glè mhath, agus tha, agus tha cuimhn’ a’m aig àm na Nollaige rinn i trèat mhòr mar gun canadh m’ athair, bhithinn…agus chòrd sin rinn, agus an uair sin tha…nuair a dh’fha.. .dh’fhalbh Isa aig deireadh an t-samhraidh, bhiodh sin ann an…aidh , bhiodh sin tha mi a’ creidsinn…nuair a thàinig…bha na trì ficheadan air tighinn a-staigh agus thàinig, thàinig neach-teagaisg à baile Inbhir Nis, ’s eMissMacLure a bh’ ann, agus tha cuimhn’ a’m bha m’ athair a’ ràdh gun robh an ceannard a bh’ air, a bh’ air a’ phoileas ann an sgìre Inbhir Nis gun e bràthair dhi a bh’ ann. Agus bha ise againn dà bhliadhna agus…ach cha robh, cha robh Gàidhlig idir aice, cha robh fiù ’s Gàidhlig aice, is bha mi a’ smaoineachdainn gun robh e, gun robh sin gu sònraichte olc do sgìre Inbhir Nis, ’eil fhios agad, neach-teagaisg a chur a-mach dha na h-eileanan aig an àm a bha sin aig nach robh Gàidhlig thoradh, uill bha, bha Gàidhlig na chuspair mòr air a…air a.. .as an teagasg againn, agus…ach oh co-dhiù bha, bha agad aig na h-amannan sin ri…ge bith cò an neach-teagaisg a bhathar a’ cur thugad, dh’fheumadh tu dèanamh an gnothach leis. Agus…ach an uair sin, nuair a dh’fhalbh ise tha, thàinig tidsear òg, ùr thugainn, bha sin ann an naoi…aidh toiseach na bliadhna sgoileadh, sin agad naoi ceud deug trì fichead ’s a dhà, agus ’s e sin tha…Mòrag NicCoinnich an t-ainm a bh’ aice an deaghaidh dhi pòsadh, agus tha…bha ise uabhasach math is bha, agus bha, ach bha am foghlam againn air crìonadh feadh na dà bhliadhna a bha an neach-teagaisg againn à Inbhir Nis, agus tha cuimhn’ a’m tha…Mòrag a bha sineach, ’s e Mòrag Anna Sheonaidh an sloinneadh a bh’ oirre, ’s ann dìreach bho Cladach Iolaraigh a bha i, agus tha…oh , thug, thug ise air adhart am foghlam againn gu tur. Agus, ach tha cuimhn’ agam air a bhith ag innse dha m’ athair gun robh an leugh.. .an leughadh againne, uill an leughadh agamsa gu pearsanta, gun robh e, gun robh e dà bhliadhna air deireadh air an aois agam, tha, nuair a thàinig ise dhan Bhaile Shear, agus…ach thàinig, thàinig am foghlam againn uileadh as an sgoil glan air adhart an deaghaidh do Mhòrag tighinn dhan sgoil, agus rinn i feum mòr airson na sgoile is bha iad…
EC―08 :46: Seadh. Cuin a dhùin an sgoil as a’ Bhaile Shear, a Dhòmhnaill?
DC―08 :50: Tha mi a’ smaoineachdainn gun ann an…feumaidh mi a bhith car…mi a’ coimhead truagh ’s ann a sheo…tha mi a’ smaoineachdainn gun ann ann an naoi ceud deug…tha mi a’ smaoineachdainn an ann naoi ceud deug…tha…toiseach na seachdadan…ann an 1973, ach dh’fhaodainn a bhith ceàrr anns an sineach.
EC―09 :29: Bha sinn dìreach, bha sinn dìreach a’ bruidhinn air sin an-diugh, gu bheil, gu bheil tòrr sgoiltean air dùnadh ann an Uibhist, bha, bha an t-aite loma-làn sgoiltean uaireigin, agus an-diugh chan eil ann ach aon sgoil ann an Uibhist a Tuath, uill aon bhun-sgoil agus ’s e rud car neònach a th’ ann mar gum biodh, an deaghaidh sgoil as a h-uile, as a h-uile sgìre. Yeah , yeah ’s e call, ’s e call a th’ ann ach sin an saoghal a th’ againn mar… .ach, ach tha mi a’ smaoin. .. tha mi a’ smaointinn san fharsaingeachd gun do chòrd an sgoil…uill , gun do chòrd am bun-sgoil leat co-dhiù.
DC―09 :56: Oh, chòrd, chòrd gu dearbh, chòrd aidh, gu h-àraid nuair a thàinig Mòrag Anna Sheonaidh dhan sgoil, rinn i feum is rinn i, rinn i foghlam agus ionnsachadh, rinn i inntinneach dhuinn e.
EC―10 :16: ’S e, ’s e comas a tha sineach nach e, foghlam a dhèanamh tarraingeach do dh’òigridh?
DC―10 :20: ’S e. Chan eil sin aig a h-uile duine idir.
EC―10 :21: Chan eil, chan eil. ’S e gibht, ’s e gibht a th’ ann. ’S e gibht a th’ ann. Agus an uair sin bha agad ris an taigh fhàgail agus a dhol a dh’Inbhir Nis.
DC―10 :31: Uill, cha robh aig an ìre sin, ach nuair a, nuair a bha mi ann an…ann an…naoi ceud deug trì fichead is a sia chaidh mi a sgoil Cheann a’ Bhàigh, agus bha mi an sin ceithir no còig a bhliadhna agus…tha…ach… ’eil fhios agad, mar a thuigeas tu, bha, bha an co-fharpais a bha sin tha, an 11-plus againn ri shuidhe an uair sin, agus bha sin agam fhèin mun tàinig Ceann a’ Bhàigh agus, agus cha do…dh ’fhàilig mi an 11-plus a bha sin agus an uair sin nuair a chaidh…agus bha…bha e cho cudromach an uair sin, bha an 11-plus a bha seo a tha, a’ dearbhadh dè an rathad a ghabhadh am foghlam agad is an sgoil agad gu sìorraidh às deaghaidh sin agus tha…ach nuair a…agus cha robh ann an sgoil Cheann a’ Bhàigh ach dà, dà chlas, bhaacademicisnon - academicann, agus ma bha…ma bha thu a’ fàiligeadh an11 - plusbha thu air annon - academicagus an dòigh eile phassigeadh tu e.
EC―12 :07: Dòigh caran brùideil chanainn, ’eil fhios agad. Agus an robh cothrom ann gluasad eadar an dà sruth mar gum biodh, nam biodh tu a’ dèanamh adhartas?
DC―12 :17: Thoradh as an…air an…cha robh, cha robh ann ach dà chlas, B airsonnon - academicagus A airsonacademicagus air, air na clasaichean B a bha seo, thoradh, bha exam agad ron Nollaig a’ chiad triop bha mi a’ dol Ceann a’ Bhàigh agus an uair sin tha mi a’ smaoineachdainn gun ann anns a’ Chèitean a tha…deireadh an t- samhraidh…uill , as a’ bhliadhna sgoileadh, agus bha, bha mi fhèin agus an nighean eile air a’ chlas a bha sin air an do chuireadh sinn snarepeat classes, agus bha, bha…chan eil cuimhn’ a’m buileach a-nist ciamar a bha e, tha mi a’ smaoineachdainn gun robh…bha , bha aon, aon duine dhinn air tòiseachadh…gabh mo leisgeul…aon duine dhinn air tòiseachadh as anexamna Nollaige agus bha an uair sin cuideigin eile dhinn tòiseachadh as anexamna Cèitein agus bha…nuair a chuireadh iad còmhladh na, na h-àireamhannan againn bha aona duine tòiseachadh airson na bliadhna agus duine eile no an dàrna duine airson na bliadhna, agus a tha, a thaobh sin, rinn iad suas gun…gun…gun dèanamaid a’ chiad bliadhna againn a-rithist ach gun cuireadh iad chon anacademic classsinn agus rinn iad sin, agus an uair sin bha mi, bha mi as an…Ceann a’ Bhàigh an sin gu…tha cuimhn’ a’m ann an toiseach, toiseach na bliadhna a tha…na bliadhna mu dheireadh de na seachdadan…oh tha mi ag innse…a ’ dèanamh mearachd…de na, de na siathadan, tha…bha , bha…ghabh mi…tha…pleurisyagus ’s e seann Dr MacLeòid a bh’ ann an uair sin, agus chuir e sgoil…far na sgoileadh mi toiseach na bliadhna sin agus cha deach mi dhan sgoil Ceann a’ Bhàigh tuilleadh, cha deach mi dhan sgoil tuilleadh gus an deach mi a dh’Inbhir Nis às deaghaidh deireadh an t-samhraidh. Agus an uair sin chaidh mi a dh’Inbhir Nis deireadh an t-samhraidh agus bha…airson , airson a dhol gu Port Rìgh no Inbhir Nis dh’fheumadh tu as a’ Bheurla ’s equalifying exama chanadh iad ris, agus tha…agus bha thu an uair sin, dh’fhaodadh tu roghainn a chur sìos cò an sgoil dhan robh thu airson a dhol ann an Inbhir Nis no Port Rìgh, ach bha mo phiuthar a bu shine bha i ann am Port Righ, ann an…gabh mo leisgeul…ann an Inbhir Nis mu thràth, agus rinn mise suas gum, gum bithinn airson a dhol a dh’Inbhir Nis agus bha…bha dithist ghillean eile…tha…air a’. . .air a’ chlas còmhla rium agus rinn iad fhèin suas airson Inbhir Nis, ach na nighnean bha, bha…och tha mi a’ smaoineachdainn gun robh suas faisg air deichnear nighnean air a’ chlas ach dh’iarr iad sin a dhol a dh’Inbhir Nis cuideachd, ach chuir iad a Phort Rìgh iad. Ach ’s dòcha gun, gun robh…gun robh an àireamh-sgoileadh na…son na h-aoisean sin na b’ ìsle ann am Port Rìgh na Inbhir Nis na…ach cha b’ fhiosraich mi uair sam bith eile bha, bha feadhainn air an roghainn a thoirt a-steach iad cò an sgoil a b’ fheàrr leotha, agus far an robh e air a thionndadh sìos.
EC―16 :55: Ach ciamar a bha e a’ dol, a’ dol a dh’fhuireach agus dhan sgoil ann an Inbhir Nis an dèidh ’s a bhith ann a sheo mar gum biodh, an e.. .an robh e car ùpraideach is trom ort?
DC―17 :05: Och uill, bha mise a’ smaoineachdainn gun robh, ach aig an àm sin bhiodh…bha muinntir Inbhir Nis, làithean sgoile co-dhiù, bha…tha mi a’ smaointinn gun robh iad a’ coimhead sìos beagan air muinntir nan eileanan is, agus oh bhiodh iad ag ràdh…bhiodh iad an còmhnaidh ag èigheachd ‘teuchters , teuchters, teuchters’ oirnn, agus…
EC―17 :29: An t-aineolas!
DC―17 :30: Oh, dìreach an t-aineòlas, aidh, thoradh, thoradh muinntir Ghlaschu chanadh iadsan ‘teuchters’ ri feadhainn a bha…
EC―17 :37: À Inbhir Nis!
DC―17 :38: Uill, à Inbhir Nis aidh, agus sin. Ach, och bhiodh, och bhiodh mun àm an robh sin air… .a- mach às a tha…à Inbhir Nis, bhiodh, bhiodh sinn air bragan a thoirt air peirceallan, nuair a bhiodh an obair, an obair a bha seo a’ fàs tuilleadh is…
EC―18 :03: Tha mi cinnteach gum biodh spòrs agaibh anns an ostail, balaich còmhla, an robh?
DC―18 :06: Och bhiodh, och bha, och bha. Tha mi creids’ nach robh an ostail, uill…tha , tha mi a’ smaoineachdainn gu bheil clann an latha an-diugh air leth fortanach gu bheil iad ann an sgoil ann an Beinn na Faoghla a-niste airson gun urrainn dhaibh foghlam a dhèanamh làn-ùine ann a sheo fhèin, thoradh…ach , ’eil fhios agad, aig an, aig an dearbh àm a bha feum agad air a bhith car mu chuairt do phàrantan is sin, tha…bhathar gad spìonadh air falbh agus…air cur, air do chur gu taobh eile na rìoghachd agus tha…agus…tha .. .ach chan e rud math a bha sin idir, ach…agus tha mi a’ smaoineachdainn gun do…mun deach mi a dh’Inbhir Nis gun robh…bha mi fhèin agus m’ athair gu math faisg air a chèile, ’eil fhios agad, bhithinn, oh, bhithinn a’ falbh air an tractar agus a’ dèanamh obair-treabhaidh agus a h-uile dad a bha a’ dol, agus tha…agus saoilidh mi gun do ghluais sinn o chèile as na bliadhnaichean a bha mi air falbh agus nach robh sinn cho dlùth riamh tuilleadh, ach…
EC―19 :34: Dè cho fad ’s a bha thu ann an Inbhir Nis?
DC―19 :36: Bha mi ann an Inbhir Nis on, o 70…och na.. .na.. .o 69 gu 73.
EC―19 :51: Fada gu leòr, OK. Agus an robh rud sam bith math mu dheidhinn? Tha fios a’m gun robh e doirbh ach a bheil… a’ coimhead air ais mar gum biodh, a bheil rud sam bith…uill , uill bha sin math mar gum biodh, no an robh, an robh… ?
DC―20 :05: Och, bha thu, bha thu còmhla ri gillean eile dhe d’ aois fhèin is sin gun teagamh…
EC―20 :12: Agus am biodh feadhainn ann ’s dòcha às na Hearadh agus… ?
DC―20 :14: Bha, feadhainn ann às na Hearadh agus. ..
EC―20 :16: ’S dòcha Barraigh cuideachd?
DC―20 :17: Bha, duine no dithis à Barraigh.
EC―20 :20: Bhiodh barrachd de Bharraich ann cuideachd, aidh.
DC―20 :23: Uill, cha b’ aithne dhut a’ chòrr, ’eil fhios agad, is tha, agus tha…agus ’s e an aon…cha b’ aithne dhut ach an, an rud a bha air a chur air do bheulaibh, dìreach, aidh.
EC―20 :40: Agus mar gum biodh as an ostail, dè seòrsa…mar gum biodh an robh agaibh ri èirigh gu math tràth is a bhith a-staigh aig amannan?
DC―20 :46: Aidh, uill bha, bha sin ann gun teagamh… .bha thu…bha…tha mi a’ smaointinn gun robh sinn a’ dol gubreakfastaig ochd uairean sa mhadainn, bha bell ann a bha, bhathar a’ seinn agus tha…an uair sin bha sinn a’ coiseachd dhan sgoil, agus bha deagh astar ann, agus bha sinn an uair sin a’ coiseachd dhachaigh aig àm ar biadh meadhan-latha, agus…
EC―21 :23: An robh sibh a’ faighinn ur biadh as an ostail, biadh meadhanach math?
DC―21 :24: Bha, bha agus och cha robh am biadh buileach dona.
EC―21 :29: Bha mi a’ dol a dh’fhaighneachd ciamar a bha am biadh.
DC―21 :32: Och, cha robh e buileach donareallyfhad ’s is cuimhneach leam agus, agus bha luchd-obrach aca, boireannaich no nighnean a’ fuireach as a’ hostela bha a’ dèanamh a’ bhiadh agus a bha ga dhèanamh air an làrach fhèin agus, agus bha sinn…bha againn ri coiseachd dhachaigh aig àm dìnneir, uill, dh’fhaodadh tu bus a ghabhail no ma bha baidhseagal agad dh’fhaodadh tu sin a…ach bhiodh a’ mhòr-chuid dhuinn dìreach a’ coiseachd dhachaigh agus bha thu ann an ùine airson do…
EC―22 :10: Agus an uair sin a’ dol air ais dhan sgoil airson feasgar.
DC―22 :11: …sgoil feasgar agus coiseachd so tha…agus gu dearbh cha robh, cha robh duine reamhar a’ dol dhanhostela bha sin, bhathar a’ dèanamh tòrr coiseachd.
EC―22 :27: Agus an robh agaibh, feasgar an robh agaibh ri ùine, ùine a chur air leth son a bhith a’ dèanamh obair-sgoile?
DC―22 :32: Oh, bha, bha.
EC―22 :34: Bha carstudiesagaibh.
DC―22 :36: Studiesagainn, tha mi a’ smaointinn gun ann aig seachd uairean gu ochd uairean.
EC―22 :40: Cha robh sin buileach fada ma-thà.
DC―22 :43: Agus no, no ’s dòcha leth uair an dèidh sia gu h-ochd uairean.
EC―22 :49: Tha sin ’s dòcha nas coltaiche an rud. Tha cuimhn’ agam fhèin a bhith san ostail is bha coltach ris, bha e uair gu leth no rudeigin.
DC―23 :57: Agus, tha, agus co-dhiù bha, bha mi ann an Inbhir Nis son tha…airson còig bliadhna agus, agus dh’fhàg mi an sgoil ann an ’73 agus tha, tha cuimhn’ a’m tha…bha piuthar m’ athar bha i pòsta thall ann an Crò Mòr as na Lochan, agus bha i airson gun tadhlainn air an sin air an rathad dhachaigh às an sgoil, agus oh tha cuimhn’ a’m tha…fhuair mi an t-itealan à, à Inbhir Nis gu Steòrnabhagh agus…agus an uair sin chaidh mi còmhla ri mo…piuthar m’ athar agus, agus an duine aice agus a’ chlann a Chrò Mòr as na Lochan. Agus tha cuimhn’ a’m aona turas inntinneach a bh’ againn tha…rinn…gun do chuir Dòmhnall Iain agus fear eile a bha sa bhaile, baile Chrò Mòr mu dheidhinn gu, gum falbhamaid, falbhamaid a-mach gu bradain agus tràth tràth madainn Diluain. Agus, co-dhiù, dh’èirich sinn mu thrì uairean sa mhadainn is dh’fheuch sinn le eathar a-mach cùl Chrò Mòir, agus, uill, bha e…còmhla ris an fhear a bha seo Seonaidh Angaidh an t-ainm a bh’ air, agus chuir sinn an lìon. Bha sruthan a’ tighinn a-nuas à bruthach mòr àrd agus bha iad ag ràdh gun robh…gun e deagh àite a bha sin aurson an lìon a chur, agus cha robh an lìon air a chur ach mar gum biodh cùrtair mòr as an uisge o thìr, a-mach à…pìos o thìr, agus thuirt…tha…Dòmhnall Iain, an duine aig piuthar m’ athar rium Mòr, ‘Streapaidh sinne suas am bruthach mòr a tha seo’, agus chaidh sinn suas am bruthach mòr a bha sin agus tha…is bha sinn dìreach mun mhullach aige agus oh, nuair a dh’èigh Dòmhnall Iain ‘Oh!’ ’eil fhios agad chunnaic sinn an lìon a’ gluasad, oh, slatan air ais ’s air adhart agus ‘Oh tha iad againn, tha iad againn!’ agus dh’fheuch sinn sìos cho luath is a b’ urrainn dhuinn is choinnich Dòmhnall Angaidh sinn…tha . .aig a’ …aig a’ …no an e Seonaidh Angaidh a bh’ air chan eil cuimhn’ a’m, choinnich e sinn shìos aig bonn a’ bhruthaich leis a, leis a’ gheòla. Agus tha mi a’ smaointinn gun d’fhuair sinn deich bradain agus. ..
EC―26 :16: Math gu leòr!
DC―26 :17: Oh, is iad a bha math, bradain iasgach.
EC―26 :20: Math buileach airson am faighinn as an dòigh sin tha mi a’ creidsinn, bha blas, bha blas eile orra!
DC―26 :23: Oh bha, gu sònraichte math! Agus, agus oh, tha mi a’ smaointinn gun robh fear agam, fear agam dhiubh as a’ bhaga tilleadh dhachaigh a dh’Uibhist an ceann beagan làithean. Agus, agus an uair sin thàinig mi dhachaigh a dh’Uibhist, agus cha robh…ach faodaidh mi a ràdh nach do chòrd a’ bhliadhna mu dheireadh as an sgoil rium mòran sam bith, agus tha…cha robh mi…bha mi fada gun a chur airson àiteachan ann an colaiste no dad mar sin agus tha…ach an uair sin an deaghaidh dhomh tilleadh dhachaigh bha mi ag obair còmhla ri m’ athair is bràthair m’ athar air a’ chruit agus tha…agus tha.. .thàinig obair as a’ bhanca ann an Beinn na Faoghla suas, agus tha…och ann an dòigh chaidh car mo phutadh a-staigh an sin, agus tha mi creids’ gun e mo choire fhèin a bh’ ann thoradh nach d’fhuair mi dad air a sheitligeadh mun tàinig mi dhachaigh, agus, agus an uair sin as a, as a’ bhanca sin bha mi ag obair ann on Iuchar ann an 73 gu, gu 78, agus ach, ach cha robh mi, cha robh mi à-riamh dhen bheachd obrachadh ann an Uibhist, bha mi airson…bha toil agam a bhith…obair fhaighinn tha…meadhan Alba, can Glaschu no an taobh sin. Agus tha…agus bha mi…on a chaidh mi dhan…a dh’obair ann an Banca na h-Alba ann an Beinn na Faoghla, nuair a bhiodh feadhainn a’ tighinn o thìr-mòr dhan bhanc’, bhithinn ag ràdh riutha gun robh mi ag iarraidh, agus gun robh mi ag iarraidh falbh gu tìr-mòr, agus mu dheireadh ann an 73 fhuair mi…oh gabh mo leisgeul ann an 78, fhuair mi mo ghluasad bhon, bhon bhanca Beinn na Faoghla a dh’obair ann an Glaschu, agus bha mi ag obair ann an Scotstoun as a’ …meur dhen Bhanca na h-Alba ann a shin. Agus oh, chòrd e rium glè mhath ach na dheaghaidh sin, an ceann bliadhna no mar sin rinn mi m’ inntinn suas – ‘Chan eil fhios agam ceart dè chòrdadh e rium a dhèanamh, ach tha fhios agam gu bheil rud nach eil mi airson a dhèanamh, thoradh, ’s e sin obair ann ambank’, agus tha…
title | 1 |
internal date | 2020.0 |
display date | 2020 |
publication date | 2020 |
level | |
parent text | Dòmhnall MacDhòmhnaill |