EC―00 :05: Bha mi ag iarraidh faighneachd mu dheidhinn do, dùine ann an Israel anns ankibbutzagad, ciamar, ciamar alandthu sineach?

DC―00 :12: Aidh, uill, dhfhalbh mi àCyprusà Famagusta air achosta aig, aigCyprusle, le aiseag a-null gu Latakia ann anSyriaagus tha…thachair mi ri dithis ghillean Frangach air an aiseag sin, agus oh, uill, mar a bha na daoine a bhiodh atighinn còmhla, atighinn còmhla an àm an siubhail, mar a thachradh gu math tric, cha robh iad idir afaighinn air aghaidh le chèile. Ach tha…agus…ach ged a bha mise afaighinn air adhart math gu leòr leis an dithis aca, agus fhuair sinn…tha cuimhnam nuair a thàinig sinn far naferry, ann anSyria ’s ann a thachair sinn, agus tha…och co-dhiù, fhuair…thugadh dhomh bus rudeiginramshacklea bhann, agus tha…tha cuimhnam bha sgàineadh mòr air a’ windscreensìos mar sin, agus bha pìos mòrPerspexis baltaigeadh air an uinneig ga chumail adol, agus, agus bha rèile, ’eil fhiosad, mar a bhiodh na busaichean a chitheadh tu aig feadhainn adol a dh’Indiano ann an…bha rèile mun àirdseo timcheall iomall mullach abhus, agus ud, bha e làn de chaseichean is rudan is iad…cha robh iad ach mar siud is mar seo air mullach a’ … . car cogallach dhòigh, agus oh thuirt sinne gu bheil sinn airson pacadh a dhèanamh an-diugh, is ‘Oh no, no, no you let me, you let me!’ agus arsan duine a bha seo, is rug e air baga agam no seacaid, no uill no pacaid againn is shad e suas iad is sheòl iad suas, thuit iad an uair sin nan cnap ann an àite sam bith air abhus. Seo an…is dhfhalbh cuideigin againn, bha e adol a dhol suas ga chur ceart, oh cha leigeadh e leinn a dhol air an àrainn, agus tha…ach co-dhiù nuair a dhfhalbh am bus a bha sin, a’ chiad…dh ’fhalbh am bus aig astar cianail is achiad chòrnair cas thàinig sinn…dham bheil sinn, asmaoineachdainn gun rachadh…gun fhaiceamaid na pacaidean againn atuiteam a-mach dhan dùthaich ann anSyria. Ach och uill, an uair sin, nuair a thuig sinn nach do dhfhalbh iad leotha…nach do dhfhalbh iad an tòiseach, bha och bha mi ag ràdh tha iad sàbhailte gu leòr, ach…agus an uair sin dh’ fhalbh…dh ’fhalbh sinn agus…dh ’fhalbh sinn cho fadri Damascus, agus tha cuimhnam pìos den ùine bha…bha mar gum biodh pìos de, mar gum biodhmotorwayann a bhathar atogail agus bha…cha robh… ’eil fhiosad, pìos a bha ann am meadhan a’ mhotorwaybha pìosan dheth nach robh idir ann, is dhfhalbh am bus dìreach is dhfheuch e tarsainn sin, is bha iad is a bhròg aige nuair a bha e adol suas taobh cheàrr den rathad a bha seo. Uill, tha mi acreidsinn gun ann air an…uill , an còrr den t-saoghal mhòrs ann air anrighta tha iad adràibheadh, ach…agus tha mi acreidsgun robh esan…thoradh bhiodh e air an taobh cheart ach…oh , aig amhionaid mu dheireadh thàinig gap agus stiall e a-null e a-rithist, agus ach…bha , bha an oidhche ann nuair a ràinig sinn Damascus, agus bha cailleach a bha seos e… ’s e bean-glùine a bhinnte, agus bha i aràdh oh, agus fhuair sinnpick - upbheag bhìodach agus, uill, ’s etaxia bha i adèanamh, agus chaidh sinn air a, air a’ phick - upa bha seo agus tha…oh bha esan afalbh mar an deamhan cuideachd tron an trafaig ann an Damascus is thug e guhotelsinn, cha robh…dh ’fheuch ehotelair choreigin oh bhiodh fhios aige seòrsa àite bhiodh daoine òga airson a phàigheadh co-dhiù agus tha…so bha…tha…dh ’fhalbh achailleach a bha seo, abean-glùine dhfhalbh i, is thàinig sinn às aig anhotela bha seo is dhfhalbh ise a dhaiteigin eile, agus tha…agus sin far an do…bha leapannan ann is dòcha iad…nach robh an t-àite cho…gu do thoil, rinn e, rinn e an gnothach dhuinn co-dhiù, agus air an ath-latha bha sinn afalbh air feadh abhaile agus tha cuimhnagam tha…Damascus aig an àm a bha sin bha e mar a chanadh na Goill ‘a bit cowboyish’, ’eil fhiosad, ach thàinig iad och…ach an-diugh tha i air a smàladh dìreach, aidh, ach tha…agus…bhiodh tu acoiseachd suas sràid agus theirigeadh tu suas an t-sràid agus bhiodh…bhiodh Mercedesmòrparkedann agus bhiodhs dòcha triùir dhaoine agus iaddresseddìreach ann an seacaideandenimis, isjeansiskalashnikovsaca tarsainn air an gàirdean, ’eil fhiosad, agus ach…co -dhiù an uair sin…tha…aidh , nuair a bha sinn ann an Damascus rinn i, oh rinn i tuil aon latha agus thòisich na rathaidean air a dhol fodha is bha càraichean ann ancar parksri taobh an rathaid aca, cha robh ancar parkann ach mar…bha iad sgreamhail, is bha, is chaidh na càraichean fodha. Oh, bha beagan dhealbhannan agam dheth sin och uill, seallaidh mi aig àm eile.

EC―07 :07: Seadh dìreach.

DC―07 :10: Agus tha…agus tha…an uair sin bha againn ri…bha againn ri…tha…bha drochaid anns e…bha i an dèidh a bhith ann o àm na Breatannaich ann amPalestine, ’s e an Allenby Bridge an t-ainm a bhoirre agus gheibheadh tu a- null…cha robh math dhut Israel a ràdh no dhfhaodadh tu bhith air do…

EC―07 :34: Mach an dòras.

DC―07 :35: Mach an doras. West Bank. Is bha mi son a dhol dhanWest Bank. Agus co-dhiù, tha…tha cuimhnam air thoradh gun robh mise air a bhith ag obair sa bhanca bhaBarclaycardagam, ’eil fhios agad, mar a chanadh tuVisaan-diugh, agus tha…agus…aidh bha mi fhèin agus fear de na gillean Frangach air cùmhnant a dhèanamh, tha…mar am faigheadh an dàrna duine a-null gu…tha…gum…aidh…nach deachainn…nach deachadh an dithis againn a-null mura faigheadh an dithis againn cead airson a dhol dhanWest Bank, agus…ach bha Joel fear de na gillean Frangach, bha esan rudeigin eòlach, chan eil fhios am an robh e air a bhith air a’ …as a’ West Bankno sin, no ach bha e aràdh gun robh…och bha mise aràdh gun drachamamaid a dhobair ann ankibbutz. ‘Och coma leatkibbutz, chan fhaigh thu air do phàigheadh an sin’, sin tha…is aràdhTha fhios agamsa, thabuilding sitesann shìos taobh Aqaba, ’eil fhios agad, air a’ …as a’ Ghulf, agus oh gheibheamaid pàigheadh meadhanach math ann a shin agus…ach co- dhiù…aig a’ …aig amhionaid mu dheireadh chaidh na planaichean againn but os cionn, thoradh gheibhinnsa-null math gu leòr thoradh bha mi aràdh ‘Visa’ an seo agam, , an cead a bheireadh sin dhut, thoir leat is… ’ is och chan eil fhios am mhìle no rudeigin ged nach robh sin ann, agus…ach chan fhaigheadh Joel an gille eile a-null ann, is och rinn mi suas gun tillinn air ais còmhla ris-san is thill sinn air ais a tha…air ais a-rithist a-staigh a dh’ Oman…oh ’s ann an Oman a bha sinn acur air dòigh airson cead fhaighinn airson a dhol a-null chon a tha…taobh an iar ach tha…agus…tha…ach tha mi asmaoineachdainn gun do rinn…gun do chuir mise…dh ’ iarr e air airgead, agus bha mi aràdh, oh bha mi aràdhSeo agad mise air a tha…air an…air anstepcheàrr a dhèanamh’, ’eil fhios agad, rud nach…na dèan sin uair sam bithach fhuair mi airgead is thug mi dhasan e is…ach bha mi asmaoineachdainnOh, uill, cha bu chòir dhomh a bhith air siud a dhèanamhach, oh bliadhna an deaghaidh dhomh tighinn dhachaigh no… .nos dòcha gun robh litir afeitheamh rium ann a shin nuair a ràinig mi an taigh, nuair a thàinig mi air ais a Bhreatann agus on aghille sin, agus oh bha e aràdhTha mi adol a dhol a dhAlba agus cuiridh mi thugad an t-airgead a-rithistach co-dhiù bha e onarach gu leòr, agus tha…ach co-dhiù tha…dhealaich sinn anns an…ann an Oman is tharraing esan airbusesann an tilleadh air ais dhan Fhraing, agus chan eil fhios am rinn Jacques cha chreid mi nach e an t-ainm a bhair an fhear eile, dhfhalbh e an rathad fhèin. Ach, co-dhiù, ann am beagan làithean às deaghaidh sin, thill mi dhanbhordera-rithist is tha…fhuair mi a-staigh agus bha, bha mi asmaoineachdainn bha e uabhasach neònach bha…ach na, na h-àiteachan an sin bha e…bha e…thachradh tu ri daoine neònach, ’eil fhios agad, tha…agus thuirt e…nuair a chaidh mi…nuair a fhuair mi tarsainn is chaidh mi a-null chon a’ …chon a’ …an taobh nan Iùdhaicheil fhiosad amWest Bankach, thuirt iad ‘Oh Mr. MacDonald weve been waiting for you’ agus tha…oh well, tha mi acreidsinn gun rachadh naidheachdan air ais is air adhart.

EC―12 :13: Daoine annasach san sgìre mar gum biodh.

DC―12 :48: Agus ach, bha fear de na Syrianiach a bha air an taobh aca denbhorder, bha, bha e asmaoineachdainn gun robh e…gun robh mi adèanamh rudeigin gaisgeach, ’eil fhios agad, atilleadh air ais còmhla ris aghille eile thoradh bha mise air cead fhaighinn a dhol a-null ach cha robh esan, aidh, uill uill, ach, oh tha mi acreidsinn gum bi na h-àiteachan sin gu math tùr eadar-dhealaichte an-diugh, oh well oh well, tha leithid de dhàrmachd air a bhith ann.

EC―12 :51: Gun teagamh, gun teagamh. Am burrainn dhut beagan a ràdh mu dheidhinn dìreach obair na cruite agad a Dhòmhnaill cuideachd, gun robh thu ag obair gu ìre mhòr làn-thìde nach robh, mar chruitear no tuath.. .tuathanach beag no…uill , uill an chuid mar gum biodh, ach bha thu…nuair a thill thu air ais dhachaigh ghabh thu, ghabh thu achruit os làimh, nuair a ghabh thu cruit, cruit dathar agus mar a thuig mise cha robh obair eile agad ach achruit, bha thu adèanamh do bheò-shlaint leis achruit, ciamar a bha sineach mar gum biodh, an robh, an robh e doirbh beòshlaint a dhèanamh às achruit fhèin no… ?

DC―13 :21: Uill, uill, bliadhnaichean nuair a bha prìsean…nuair nach robh iad cho math, ach aidh, ach am faod mi a ràdh nuair a thill mi air ais a dhAlba is aidh…aidh uill…nuair a thill mi air ais a dhAlba bha mathair, uill, fhuair, fhuair mo theaghlach tha…grèim orm air a’ khibbutzann anIsraelagus thàinigphonecall agus oh uill, an uair sin bha iad…bha e cianail doirbh, uill bha e, bha e doirbh fònadh à Glaschu ann a sheo cuideachd gu leòr, agus thàinig… ’eil fhios agad, na saighdearan Breatannach ann an àm achogaidh, ’s e naJocksa bhaca air na, na h-Albannaich na…agus ’s e ‘Jock’ a thug iad orm sakhibbutz, agus oh thàinig an Sasannach a- staigh…thàinig e na ruith a-staigh dhan rùm againn is aonach air is ‘Hey Jock, theres a phone call for you from Scotland its up in madon’ cha chreid mi nach e andining roomfar a bhiodhkibbutzagus bha sin ach mo phiuthar agus bha i aràdh, oh bha mathair air an dàrnaoperationfhaighinn, ’eil fhios agad, thugadh air falbh meadhanJanuarye à Beinn na Faoghla, agus bha, bha e fhèin is feadhainn eile an deaghaidh a bhith aig tìodhlacadh thall san Eilean Sgitheanach agus bha…tha…bràthair a mhàthar tha…bha e air…chaochail e san, san eilean agus tha…agus och, tha mi acreidsinn tha…coimhead gun robh…dramaichean math den chreutair air a…air a ghabhail, agus…ach tha cuimhnam Teàrlach abruidhinn ris am bliadhna fhèin, bha e aràdh gu bheil cuimhne … ’eil fhios agad, Teàrlach an Càirinis, aidh. Tha.. . ’s efirst cousina bhann an Teàrlach is mathair agus ach…tha e aràdh gu bheil cuimhnaige aircrowdaca a bhith anns aMhachairBar, ’eil fhiosad aig, aig bun cidhe Ùig, agus…oh cha robh mòran òl mòr ga dhèanamh idir, ach bha iad agabhail glainneachan leth-phinnt leann tha mi acreidsinn, agus bha e aràdh gun do thionndadh mathair ris agus thuirt eOh tha mi asmaoineachdainn gu bheil rudeigin air tachairt dha mo stamag’, agus tha…ach co-dhiù dhùisg e madainn is fhuair iad…thàinig iad…oh bha droch thìde uabhasach ann is bha na h-aiseagan but os cionn, ach fhuair iad a-null a dhUibhist tràth air madainn Disathairne tha mi asmaoineachdainn, agus tha…oh , cha robh e afaireachdainn math idir is bha, bha Dòmhnall thall an seo, ’eil fhiosad, an gille aig Raghnall Dhonnchaidh Ruaidh, cha robh e ach na ghille òg, och bha e mu dheich no rudeigin sin, is tha…bha , bha feadhainn air parsail a thoirt dha bhon Eilean Sgitheanach tha…airson a chur a-null a Cheann aBhàigh gu…gu…gun abhean aig MacÌomhair am ministear a bhas a…a bha ann an eaglais thall ann an Ceann aBhàigh, agus thoradh bha…bha abhean aig MacÌomhair tha…bha i…tha .. .bha a màthair, bha a màthair-se agus mo mhàthair-a uabhasach càirdeach, agus…ach co-dhiù, chuireadh Dòmhnall air falbh còmhla ri mathair, ’eil fhios agad, a-null a Cheann aBhàigh, is bha Dòmhnall ag ràdh gu bheil cuimhnaige air mathair a bhith astad anns a.. .aig gach dàrnachapassing placeairson cur a-mach, agus ach co-dhiù, tha mi a’ creidsinn…am baithne dhut Seonaidh Dhòmhnaill Iain a bha afuireach shìos air machair Iolaraigh. Bha e titheach air sloinneadh is eachdraidh is gnothaichean, ach oh, bhiodh iad an còmhnaidh acruinneachadh shìos an sin air oidhche Shathairne.

EC―18 :21 Beagan de taigh-cèilidh aca shìos an sin, agus far am biodh daoine acruinneachadh is carstudymar gum biodh.

DC―18 :27: Agus, oh bhiodh dramaichean gan gabhail is…ach co-dhiù dhùisg mathair air madainn Sàbaid agus oh, bha cràthadh cianail na stamag agus nuair a dhfhòn e a-null gu seo…gu bhràthair Iain is e afuireach a-staigh an seo, agus tha…is chaidh Iain a-null agus oh dhfhòn e an nurseil fhiosad, chan e an dotair idir ach an nurs, agus oh ghabh i chon afòn is dhfhòn i an dotair agus thàinig an dotair. ’S eDoctorJohn a bhann an uair sin…

EC―19 :07: Am fear…am fear, am fear…tha mi atuigsinn.

DC―19 :09: Aidh, shin agad e, sin an dotair. Agus thàinig esan, thug e aon sùil air agus ghabh e chon afòn agus dhfhòn e, dhfhòn e anAir Ambulanceagus dhfhòn e an t-ospadal ann an Glaschu, ’eil fhiosad, The Western, agus bhateamaca deis.. .deiseil ann a shin air a shon, nuair a ràinig e Glaschu mu dheireadh thall.

EC―19 :37: So ghabh thu achruit thu fhèin an uair sin, bfheudar dhutsa, dhutsa gnothaichean a… ?

DC―19 :40: Uill, fhuair mathair an uair sinoperationmhòr, fhuair e… ’s ann aig an àm sin dhfhòn iad thugamsa agus…tha…agus…ach co-dhiù, fhuair m’ athair…às deaghaidh sin fhuair eoperationmhòr eile ach shlaod e tron a h-uile gàbhadh a bhann, agus nuair a thàinig mi dhachaigh an uairsin, ’eil fhiosad, dhfheumainn tighinn dhachaigh oir cha burrainn dha…bha bràthair mathar air an obair uileadh a dhèanamh an àm nan each, ach cha burrainn dha tractar a dhràibheadh an sin, so bha agam ri…

EC―20 :20: Thàinig, thàinig e uileadh, thàinig e uileadh ortsa mar gum biodh, a bhith…a bhith aruith na cruite. Sin agad e.

DC―20 :25: Agus so…agus nuair a thàinig mi dhachaigh an uair sin bha agam ri dhol a-staigh, dìreach a-staigh dhan obair na cruiteadh.

EC―20 :39: Agus bha thu ag obair an sineach a dhaona-ghnothach, air achruit, cha robh, cha robh obair eile agad ach…mar gum biodh ach sin fhèin?

DC―20 :43: Cha robh. Cha robh.

EC―20 :45: Agus ciamar a rinn thu beò-shlainte às achruit mar gum biodh? An robh…an robh, an robh feadhainn còmh…an robh barrachd is aon chruit air a chur còmhladh, mar gum biodh?

DC―20 :54: Uill, bha…bha mathair is bràthair…is a bhràthair ag obair còmhladh a-riamh, agus bha, bha na shareichean aca leth mu leth, is bha chruit gu leth aig aon duine is chruit gu leth aig an duine eile, agus nuair a thòisich mi is obair dhomh…nuair a thòisich mi air dìreach obair còmhla riutha, is och bha an obair acòrdadh rium is cha robh…cha robh…cha robh…oh cha robh ùidh agam ann an, ann an.. .acur gnothaichean air dòigh gu laghail na dad, agus ach uine thug mathair dhomh dha na cruitean a bhaigesan agus bha mi gan obair aig an taigh dìreach mar gum biodh iad agam fhèin, agus tha…agus bha an t-àm an IDP, ’eil fhiosad, am prògram a chaidh a chur air adhart leis a’ …uill , ’s e an EU a chuir tòrr den airgead a-staigh ann, agus an uair sin, can na, na gnothaichean a bha a dhìth orm fhèin a chur air bhonn, bha iad…och cha robh iad…cha robh iad aseasamh nam aghaidh na dad, is bha mise ga ob.. .ga obrachadh dhomh, mar gun robh e na ghnìomhachas dhomh fhèin.

EC―22 :21: Agus am biodh tu areic laoigh a-mhàin no am biodh tu, am biodh tu cuideachd areic feòil?

DC―22 :28: Uill, bha, bha mi an toiseach dìreach areic an crodh, areic achruidh air a’ …aig na saleichean, aidh, is bha mi an uair sin o chionn…nuair a thàinig an gàbhadh a bha sin leis a’ …leis aBSE tha…thuit na prìsean gu dona agus bha mi asmaoineachdainn, uill, gum feuchainn ri beothaichean a reic, a mharbhadh is a reic na feòl’, agus bha mi ris an sin trì na ceithir bhliadhna, agus…ach bha, bha cus cus a bharrachd obair ann am beothaichean a reic air an dòigh sin. Ged a dhèanadh tu glè mhath asta, beothaichean a reic air an dòigh sin seach…seach nan seasamh, ’eil fhiosad, agus och…nuair a…nuair a…an ceann beagan bhliadhnaichean nuair a thàinig suidheachadh achruidh air adhart anns na margaidhean, ghluais mi air ais gu gan creic anns an t-seann dòigh.

EC―23 :51: Bha sin na bfhasa dhut.

DC―23 :52: Oh bha bha, oh cha robh uimhir a dhobair ann, aidh.

EC―23 :55: Thuirt thu rium uaireigin bho chionn fhada le obair na cruite nach eil, nach robh faireachdainn madainn Diluain ann, mar gum biodh, ach aig an aon àm chan eil faireachdainn feasgar Dihaoine ann nas motha, mar gum biodh. Tha, tha cuimhnam, agus, agus tha mi asmaoineachadh gu bheil sin gu math fìor tha mi asmaoineachadh, nach eil, nach eil thu…nach eil…oh tha mi adol, adol, adol gu oifis, ach aig an aon àm chan eil, you know, chan eil thu afaighinn air falbh bhuaithe, mar gum biodh.

DC―24 :21: Chan eil, chan eil. Ach co-dhiù tha…an deaghaidh…ach gu math tric bidh mi asmaoineachdainn, ’eil fhiosad, nuair a bha mi acreic beothaichean air an gearradh is air a’ …gan dèanamh deiseil airson daoine dìreach ga…airson a chur dhanfreezeraca tha…oh , uill, bha mi air a bhith…bhithinn iomadach turas is aràdh rium fhèinOh taing do Dhia gu bheil na làithean sin air falbh’ ’eil fhiosad, thoradh bha…dhèanadh tu glè mhath asta gun teagamh ach bha thu acur tòrr ùine is obair…

EC―25 :01: Agus am biodh tu areic gu, gu feadhainn ann a sheo fhèin no ann an àiteachan eile cuideachd?

DC―25 :05: Oh, bha mi acreic eadar…bhithinn adol a-mach gu Àird nam Murchan, bha mi eòlach a bhith an sin is bhiodh iad aceannach bhuamsa.

EC―25 :18: Ann an Àird nam Murchan? Seo a-nist.

DC―25 :20: Agus ann an…ann an…uill bha, bha mi acur na…tha…na gamhna is na laoigh air falbh gu Eilginn.

EC―25 :34: Oh, bidh iad, bidh iad ageamhrachadh air falbh, seadh dìreach.

DC―25 :37: Agus bha…is an uair sin bha, bha iadsan adèanamh deagh job dhiubh, agus bha taigh-spadaidh anabarrach math, tha mi asmaoineachdainn gu bheil e fhathast ann an Eilginn agus tha…spadadh iadsan iad, ’eil fhiosad, chuireadh an tuathanach…chuireadh e a-staigh iad dhan taigh-spadaidh an Eilginn, ’eil fhiosad, is a chur a dhà mu seach, eil fhios ad thoradh bha, thoradh bha bheothach bha sin dìreach gu leòr dhomhsa a làimhseachadh aig an àm.

EC―26 :16: Seadh dìreach, seadh.

DC―26 :19: Agus tha…agus bha an uair sin bùth-bhùidsearachd air an, air an àrd-rathad ann an Eilginn, agus tha…gheàrradh iadsan dhomh…chuireadh…nuair a bhiodh iad cola-deug crochte as an taigh-spadaidh, chuireadh à-san gun abùth-bhùidsearachd ann an Eilginn iad, agus ghearradh iadsan suas iad, dhèanadh iad a h-uile gearradh a dhfheumadh tu a dhèanamh le carcais agus bha mi…bha mise an uair sin bha bhan agam, tha…tha .. . bhan…freezer vanmar a chanadh tu agus a tha…bhithinn adol a-mach a dhEilginn is an sgìre. Bhiodh e, bhiodh e uileag air a chur ann am, ann am bocsaichean agus bhithinn…bhithinn gan reic ann an ceathramhan no ann an, ann an leth-carcais, ’eil fhiosad, ach mar bu trice bha e ann an ceathramhan, ach cha robh sin…bha sin, mar gum biodh…an ceathramh a gheibheadh daoine bhiodh e, mar gum biodh, , eng>sharede cheathramh beothach, bhiodh sin dhen a h-uile cut a bhanns abheothach, ’eil fhiosad, ’eil fhiosad, bhiodh mince ann is bhiodhsteaksann is bhiodhstewann agus bhiodh e, bhiodh e dìreach air a chur air adhart air adhart mar sin. Is bha e gu math tarraingeach airson teaghlaichean, ’eil fhiosad gheibheadh iad…

EC―28 :09: Diofar gearraidhean a bha a dhìth orra, math dha-rìribh. Agus innis dhomh beagan mu dheidhinn an duine a bhiodh atighinn an seo ag ionnsachadh Gàidhlig còmhla riut, nach e Raghnall a bhair? Nach e mise a chuir, a chuir thu fhèin is e fhèin còmhladh?

DC―28 :26: ’S e, Raghnall à Dùn Èideann. Aidh, agus bhiodh…bha e…tha dreis, tha bliadhna on nach robh e an seo, cha chreid mi.

EC―28 :35: Ach bhiodh e atighinn an seo o àm gu àm is ag obair còmhla riut agus adol a-mach is abruidhinn Gàidhlig is…

DC―28 :41: Aidh, bha, bha agus ohs e gille laghach a bhann an Raghnall, aidh, agus.. .agus bha aGhàidhlig aige fhèin glè mhath.

EC―28 :50: Am biodh e dìreach atighinn an seo agus ag obair còmhla riut gach latha is afeans.. .afeansadh is ag obair air…rud sam bith a bha adol?

DC―28 :54: Aidh, agus bhiodh tha…bhiodh sinn gu math tric aig abhòrd a tha seo.

EC―29 :06: Tha fhios am taghta math gum biodh, agus balgam agaibh tha mi acreidsinn.

DC―29 :10: Aidh, bhitheadh agus bhitheamaid aidh, dìreach acòmhradh.

EC―29 :17: Sin, sin uill, tha mi, tha mi cinnteach gun do rinn e, gun do rinn e cuideachadh mòr mòr dha a bhith, a bhith…

DC―29 :22: Uill, tha mi acreidsinn gun do rinn, bha e a’ ràdh…bhiodh e aràdh gun do rinn.

EC―29 :26: Tha mi, tha mi làn chinnteach gun do rinn, yeah…och well…yeah.

DC―29 :31: Oh uill bha, bhithinnsa afaighinn rud às cuideachd, is bha e acordàdh rium, is bhiodh oileanaich againn o Sabhal Mòr Ostaig cuideachd, gu h- àraid…uill gu h-àraid nuair a bha mathair beò agus bràthair mathar.

EC―29 :46: Am biodh iad atighinn airson, airson, son ùine, ùine-obrach mar gum biodh, greis, greis-gnìomhachais mar a chanadh iad?

DC―29 :51: Aidh, greis-gniòmhachais sin e, agus oh bhiodh mathair adol air chèilidh an siud is an seo is bhiodh e gan toirt a-mach leis aidh, agus…ach cha robh duine aca agam on a…on a, on a chaochail mathair, aidh. Aidh, bha Eairdsidh anns an t-Sabhal Mhòrs e bhiodh a… . ’s e bhiodh a…

EC―30 :16: Oh, Eairdsidh MacIlleathainyeah. Agus a-niste tha thu air achrodh a leigeil dhìot mar gum biodh, chan eil, chan eil gin agad air fhàgail.

DC―30 :27: Chan eil, chan eil.

EC―30 :29: A bheil, a bheil, a bheil thu gan ionndrainn beagan no a bheil thu…an e, an e faochadh a thann ann an dòigh, no measgachadh den chuid?

DC―30 :34: Uill, tha mi acreidsinn mar a tha achùis dhomh a-niste, bha mi…ghabh mi…och bliadhnaichean air ais ghabh mi mar a chanas iadmini - stroke, agus on uair sin ghabh mi feadhainn eile on uair sin, agus ach well, ann an dòigh nuair a chuir mi bhuam iad bha mi aràdh ‘Och well, tha e cho math dhut ma tha crodh agad na…agus an sin, tha…an cur bhuat nuair a shuidhicheas tu, seach leigeil leis chon an àm nuair a dhfheumas tu an cur bhuat’.

EC―31 :12: Seadh dìreach, seadh dìreachs e, ’s e deagh àm a bhann sin, sin a dhèanamh co-dhiù. Agus can nuair a bha thu trang le crodh an sineach, an robh e, an robh e doirbh faighinn air falbh air làithean-saora, ciamar a, ciamar a bha e ag obrachadh mar gum biodh?

DC―31 :24: Och, uill nuair a bha m’ athair…nuair a bha mathair beò agus bha e meadhanach fiot cha robh e cho doirbh…tha…ach nuair a chaochail m’ athair…

EC―31 :39: Seadh, cha, cha robh e cho furasta dhut an uair sin, yeah. ’S e, ’s e uallach a bhiodh ann cuideachd crodh dhaoine eile nach e, no gum biodh cuideigin coimhead às an deaghaidh is, is tu air falbh, seadh. Agus saoil slighe air adhart airson, airson cruitearachd, a bheil, a bheil thu afaireachdainn gu bheil àm ri teachd aig cruitearachd mar gum biodh, a bheil, a bheil, a bheil feadhainn òg ag iarraidh a bhith an sàs ann is. .?

DC―32 :06: Uill, tha duine…tha duine òg dìreach an taobh shuas dhen fhadhlainn, taobh shuas dhenchauseway agus… ’eil fhiosad tha sgeamaichean àrainneachd agam, agus mura h-eil crodh agad fhèin feumaidh tu crodh dhaoine eile no beothaichean no caoraich…

EC―32 :25: Feumaidh tu an talamh a chleachdadh air, air dòigh air choreigin.

DC―32 :27: Aidh, feumaidh an talamh a bhith air aon-fhillte, agus tha…tha…agus air an t-samhradh seo bidh Sam a tha…aig Crois Muire bidh e acurs dòcha stoc caoraich, caoraich is crodh air a…

EC―32 :43: Nach math gu bheil, gu bheil daoine acur feum…

DC―32 :45: Aidh, och tha, och tha.

EC―32 :49: Tha e air, air obrachadh mar gum biodh, sin agad e. Uill, tha mi asmaointinn gu bheil beatha gu math farsaing agus inntinneach air a bhith agad gu ruige, gu ruige seo co-dhiù, agus, agus, agus ceud taing airson innse dhuinn, burrainn dhuinn bruidhinn na bfhaide tha mi làn chinnteach achs dòcha, ’s dòcha gum bi, bidh cothroman eile ann, ’s dòcha.

DC―33 :07: Aidh, ma tha bìdeagan as an stòiridh faodaidh sinn a lìonadh a-staigh a-rithist.

EC―33 :12: Ach tha mi asmaointinn gun do chòrd na rudan a rinn thu riut gu mòr co-dhiù, a bhith asiubhal agus…ach thàinig, thàinig gnothaichean mar…gun robh agad ri tilleadh agus rinn thu beatha eile.

DC―33 :25: Rinn, rinn. Agus bha…ach…oh bha mathair uabhasach meadhanach aig an àm a thill mi, agus…ach uile gu lèir chuir e seachad trì mìosan as an…as an ospadal, agus eadhon gun robh an t-àm ann, tha mi asmaoineachdainn gun tuirt e ri mo phiutharBha sinn…bha sinn adeasbad am fònamaid thugaibh an-raoirach so.. .Achs e duine…ach bha, bha fear ann an Griomasaigh a chaochail o chionn dhà no trì bhliadhna aràdh rium gun robh seann Dotair MacLeòid aràdh gun e mathair an duine a bu làidire ann an Uibhist, ach tha…tha mi làn a chreidsinn cha robh e, cha robh e car…a ’ ciallachadh gun e làidir san dòigh seo a bhith atogail rudan, ’eil fhiosad, is e làidir mar sineach, is gun ecardiovascularmar gum biodh, aidh, a chridhe is an anail, aidh, aidh. Ach, ach mar a bha mo phiuthar aràdh, Malag, ’s e nurs a bhinnte is bha ise…oh uill on àm a fhuair e os cionn na gnothaichean stamaig agus gu an latha a chaochail e, bha mu chòig bliadhna fichead ann, so uill, fhuair e deagh chòig bliadhna fichead às aghnothach.

EC―35 :24: ’S e duine mòr tapaidh a bhann.

DC―35 :26: Ohs e, ’s e…ach…aidh .

EC―35 :31: Glè mhath ma-. Uill, ceud taing a-rithist, is tha mi, tha mi asmaointinn gum faod sinn fhàgail aig an sin a-nochd, a-nochd, a-nochd thuirt mi!

title3
internal date2020.0
display date2020
publication date2020
level
parent textDòmhnall MacDhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page