EC―00 :05: Tha stuth againn air ar beulaibh an seo, rudan a tha thu fhèin air a bhith ag obair air. Am burrainn dhut beagan innse dhuinn mun deidhinn?

GM―00 :12: Uill, tha cliabh an seothach a rinn mi. Uill, tha… ’s e iasgair à Griomasaighs e…bha misemeanta bhith adol ga dhèanamh mi fhìn, bha esan adol gam ionnsachadh, ’s e… ’s e bha sinne adol a dhèanamh, ach, I mean, tha tòrr dhaoine as urrainn do rudan a dhèanamh iad fhèin tha e doirbh dha daoine eile ionnsachadh, agus tha e na bfhasa dhaibh a dhèanamh dhaibh fhèin. Is chithinn sineach agus bha e…bha mise asmaoineachadh gun robh e a cheart cho inntinneach dhomhsa a bhith ag èisteachd ris na stòiridhean a bhaige, agus tha…sheo agad mar a bhiodh iad adèanamh na clèibh o chionn fada mus tàinig plastaig uileadh a-staigh. So tha thu adèanamh am bonn le fiodh agus an uair sincanean seothach agus tha thumeanta bhith ga…tha còir agad a bhith ga theasachadh airson a lùbadh. Is bha mi…cha robh mise ach afeitheamh ri Seonaidh Ailig atòiseachadh ri sin a dhèanamh, is cha robh mi atoirt cus diù gu bha e adèanamh. Fhads a bha e abruidhinn rium bha e ag obairs ag obair is acur a làmhan seachad, agus cha do rinn e ach dìreach a lùbadh seachad air a ghlùin an uair sin. Is siud mar a rinn e e. Agus mar, mar a bha mi ag ràdh, bha an duine agams ann ag iasgach giomaich…

EC―01 :26: Sin an obair…an obair a bhaig an duine agad.

GM―01 :27: An obair…an duine agam, agus bhithinn ga fhaicinn adèanamh na clèibh a tha seo agus ag obair, agus aig aon àm burrainn dhomh…mi fighe nanetsis a h-uile dad, na lìon mi fhèin. Ach bha mi air caran dìochuimhneachadh ciamar a dhèan.. .dhèanainn sineach agus bidh mi adèanamh tòrr fighe, aguss toil leam a bhith ag ionnsachadh rudan a tha…gun leiginn rudan a dhol a dholaidh. So bidh mi afaighinn an snàth às Na Hearadh nuair a bhios iad adèanamh clò dhiubh, agus bidh pìosan mhòr is pìosan beaga cuideachd agus feumaidh mi iad sineach…bidh iad uaireannan ann an cnòdan is nan roileagan mòra, agus feumaidh mi iad sineach a chur ann am bàla an toiseach agus an uair sin bidh mi afighe is ag, ag obair leotha. Agus bha mi asmaoineachadh na dathan a chì thu nuair a choimheadas tu, ’eil fhios agad canaidh cuideigin liath is… ’s toil leam cianail a bhith acluinnteil ann an Gàidhlig, tha leithid de faclan ann airson liath.

EC―02 :32: Grunn fhaclan.

GM―02 :33: Tha, grunn. Tha e…tòrr agus donn is na…na dathan a tha as an àrainneachd timcheall oirnn, tha tòrr…

EC―02 :45: Diofar ainmean.

GM―02 :46: Diofar ainmeannan orra. Tha…so bha mi asmaoineachadh gun e sineach amhuir agus sheo agad abheinn, na, na dathan. Agus tha a h-uile dath an siudach ann ged nach canadh tu. Nuair a choimheadas tu air gu mionaideach tha iad ann. Agus thòisich mi an uair sin adèanamh amparlour, chan eil fhios agam aGhàidhlig a thairparlour.

EC―03 :08: An e seo an rud…an rud far… ?

GM―03 :09: Uh - huh, far am bi na giomaich atighinn a-staigh son nach fhaigh iad a-mach.

EC―03 :12: Parlour one- waymar a chanas iad.

GM―03 :14: Uill, anns na clèibh mhòr bhiodh, bhiodh fear eile ann adol sìos dhan…dhan chòrnair eile son nach fhaigheadh iad a-mach.

EC―03 :20: Ceart. Inntrigidhs dòcha, dòigh afaighinn a-staigh no…

GM―03 :23: Uh - huh.

EC―03 :24: Co-dhiù, co-dhiù.

GM―03 :25: Tha, so chan fhaca Seonaidh Ailig e fhathast, so chan eil fhios am shaoileas e dheth idir, is rinn mi an leabhar a tha seo, tha mi adol a thoirt dha, le dealbhannan a ghabh mi còmhla ris agus ga shealltainn, asealltainn Seonaidh Ailig ag obair air. Agus is mi…mi fhìn a rinn an leabhar cuideachd, am peantadh is anJapanese Book Binding.

EC―03 :47: Seo a-nist. Agus an e cùrsa a rinn thu aig…aig…aig…Taigh Chearsabhagh?

GM―03 :52: ’S e, uill tha boireannach, tha boireannach Gearmailteach ann an Solas, Corinne, is tha i cianail math, tha i dìreach cianail cianail math air ionnsachadh ciamar a thu rudan agus is toil leam i agus tha i adèanamh leabhraichean a tha dìreach àlainn uile gu lèir. Tha… ’s e…uill chì.. .chì sibh thall an siudach tha lìon acrochadh seachad air a’ …air aBhalla shin agad sisal, ’s ann air a dheanamh tha…de lusan a tha e. ’S e bhiodh aca mus robh plastaig aca, agus bha iad, agus bhiodh iad acur teàrr air airson nach cnàmhadh e san uisge. Agus tha àileadh gu math tha…làidir às, àileadh…chan eil e -thlachdmhor idir ach tha e dìreach mar a tha e sa chlò, fairichidh tu an t-àileadh às fad an t-siubhail. So rinn mi am fear ud agus an uair sin dhfhighe mi seothach agus tha e fichead troigh agus ceithir nuair a shlaodas tu a-mach e, ceithir leth aguss ann mu dheidhinn cuimhne a bha seo. Chaill an duine agam a chuimhne nuair a bha e gu math òg, early -onset dementiaa bhair, agus thòisich mi ri leughadh tòrr mu dheidhinn sineach agus mu, mu dheidhinn na ceanglaichean a tha nad inntinn, agus na ceanglaichean a thanns achoimhearsnachd agus an t-àite far a bheil thu afuireach agus an àileachd is mar a tha a h-uile dad air a…cnotain ga chumail còmhla. Bidh mi an-còmhnaidh asmaoineachadh nuair a chì thu air…air amhachair, nuair a chì thu na feansaichean uileadh air an cumail còmhla le cnotain mòra, aguss ann abruidhinn mu dheidhinn sineach a bha mi nuair a bha mi afighe na rudan sin. Agus nuair a chrochas tu iad seothach ann an àite ballaichean-geala agus solas orra, tha e atoirt faileasan cianail brèagha, agus bha mi afaicinn sineach coltach ris achuimhne a thaig daoine. Thoradh nuair a tha daoine acall an cuimhne, chan eil iad ach a’ call…a ’ call an dòigh air faighinn gun achuimhne sin. Tha achuimne ann fhathast, ‘The Shadow of the Thread’, ’s e an t- ainm…

EC―06 :06: Gun teagamh, gun teagamh, gun teagamh.

GM―06 :08: …a bhair andissertationa sgrìobh mi mu dheidhinn sineach.

EC―06 :12: Airson Taigh Chearsabhagh, airson…airson ur cùrsa? Seo a-nist.

GM―06 :14: airson an cùrsa seo, uh - huh. Agus bha e abruidhinn còmhla rium mu dheidhinn rudan ionnsachadh. Nuair a tha thusa ag ionnsachadh rudan mar a dhionnsaich mise fighe, tha, tha e…bhiodh e cianail doirbh dhomhsa ag ionnsachadh cuideigin eile, tha mi ga dhèanamh cho nàdarra. Agus dìreach mar a bha Seonaidh Ailig adèanamh achlèibh, innsidh tu do dhuine eile ciamar a tha thu ga dhèanamh, ach tha thu dìreach adèanamh seo. Agus ma dhionnsaicheas tu rudan mar sin, haptic memory, cha chaill thu…nuair a chailleas tu do chuimhne, ’s urrainn dhutstilla dhèanamh, fhads nach faighnich duine dhut ciamar a tha thu ga dhèanamh. Tha do làmhan comasach air a dhèanamh ged nach eil dinntinn. Tha…chan eil fhios am a bheil Gàidhlig aircentipedeidir ach bha stòiridh ann mu, mu dheidhinn, mu dheidhinncentipedeagus e adèanamh an dannsthe palais glideagus na ceud casan. Agus bha e ga dhèanamh agus cha robh guth air dad, bha a h-uile dad adol math dha-rìribh dha, gus an do dhfhaighnich cuideigin ciamar a bha fhios aige achas a bha adèanamh ? Is cho luaths a thòisich e ri cuimhneachadh mu dheidhinn, chaidh e na chnotan agus thàinig am bàs air. So shin agad an rud a bha sinn ag ionnsachadh. ’Eil fhios agad, tha sinn…tha sinn air call a…a bhith ag obair le rudan le ar làmhan. Chan eil daoine adèanamh leth uiread is tha iad afaicinn dotairean a-nist is iad adol nansurgeonsnach eil idir…nach eil iad eòlach…cleachdte ri bhith ag ùisigeadh an làmhan agus afaireachdainn rudan.

EC―07 :54: Aguss e… ’s e rud cudromach a thann do, dosurgeon, nach e, a bhith acleachdadh a làmhan?

GM―08 :00: ’Eil fhios agad, cha smaoinicheadh tu gun robh e cho doirbh, ’eil fhios agad…gun e rud ann a bha cudromach idir, ach tha, gun fheum thu làimhseachadh rudan son fhaireachdainn mar a tha iad is…cha bhi mise, cha bhi mi aleantail pàtran idir ach bidh mi dìreach…togaidh mi biorain is togaidh mi snàth is tòisichidh mi ri fighe rudeigin, dìreach…thig e thugam.

EC―08 :23: Agus an e rud a bha sibh adèanamh nuair…nuair a bha sibh na bòige, ’s dòcha?

GM―08 :25: O, bha mise afighe a-riamh.

EC―08 :27: An robh ur màthair afighe is… ?

GM―08 :28: Bha, och cha robh… ’s e fuaigheal a bhiodh mo mhàthair adèanamh, ach bhith…bhithinns ’ afighe, afighe. Ach chan e…chan e aodach, chan e, chan e geansaidhean agus rudan mar sineach idir ach dìreach adèanamh rudan mar seothach.

EC―08 :49: Agus a bheil…a bheil cuimhnagad nuair a bha thu òg feadhainn ag innse stòiridhean…an robh feadhainn ann a bha ainmeil airson rudan mar sin, son a bhith… ?

GM―08 :56: O, bha gu dearbh. Tha Anndra Horasaraigh, Anndra Ling, sgrìobh e leabhar mu dheidhinn, bha esan…nuair a bha sinne, nuair a thòisich sinn aserveadhsa bhàr an toiseach is bha gràin cianail againn nan fheumadh tu a bhith adol ann sa mhadainn, thoradh bhiodh na bodaich atighinn a-staigh sa mhadainn. Bha e afosgladh aig aon uair deug am bàr is bhiodh na bodaich atighinn, is cha bhiodh iad agabhail achhalf pintno rudeigin mar sin is bhiodh iad nan suidhe ann airson uaireannan an uaireadair. Agus tha mi asmaoineachadh gun e… ’s dòcha gun e sin a thug orm tòiseachadh a bhith afighe, gum bithinn trang adèanamh rudan eile is gun mi ag èisteachd riutha! Ach bfheàrr leam a-nist gun robh mi air èisteachd cus cus a bharrachd riutha agus an eachdraidh a bhaca, cuimhneachadh air.

EC―09 :40: Agus saoil a bheil daoine air…air an comas sin a chall, a bhiths dòcha atogail stòiridh le bhith ag èisteachd ris. Bidh…bidh daoines dòcha aleughadh nach bi, a h-uile rud an-diugh, chan eil…

GM―09 :48: Tha.

EC―09 :49: Aig aon àm, bhiodh daoine acluinntinn stòiridh agus bhiodh e aca, nach biodh?

GM―09 :53: Uill, bhitheadh. Tha mi a’ smaoin…tha mi acreidsinn gu bheil sineach acuideachadh do chuimhne cuideachd, gu bheil thu ga ùisigeadh fad an t-siubhail, ach chan eil mi ag ràdh nach robh daoine acall achuimhne o chionn fada. Tha cuimhn am tha…bha bràithrean mo sheanmhar as aChaolas, agus tha cuimhnam fhathast a bhith adol sìos ann agus gan fhaicinn. Bhiodh iad aseasamh aig ceann an taighe is latha brèagha samhradh ann, agus bhiodh iad an sin is còtaichean mòra clò orra is scarfaichean is rudan mar sineach. Agus tha mi acreidsinn gun robh iad acall an cuimhne ach an dòigh-beatha a bhaca, cha robh e asealltainn suas. Bha à-san aleantail aghrian is an làn is a… agus chan fheumadh iad a bhith asmaoineachadh mu dheidhinn rudan, burrainn dhaibh…bha iad cho eòlach air an dòigh-beatha a bhaca, cha robh iad ach acumail orra ga dhèanamh.

EC―10 :43: Cha robh iad…cha robh iad a’ tomh…a ’ tomhas ùine mar a tha sinn an-diugh, ’s dòcha.

GM―10 :45: Cha robh.

EC―10 :49: A bheil cuimhnagad is tu afàs suas, an robh…an robh taighean-cèilidh ann, you knowtaighean car aithnichte mar thaighean far am biodh deagh…deagh chruinneachadh is…an robh, an robh…an robh feadhainn mun cuairt?

GM―11 :00: Tha mi asmaoineachadh aig an aois a bha mise, bha, bha iads dòcha bàsachadh dheth beagan, is bha mise afuireach san taigh-sheinnse is bha a h-uile duine adol an sin, so chan fheumainn a dhol a dhàite eile. Ach bhiodh, tha cuimhnam nuair a phòs mi, tha… ’s e Taigh na Càirnich, aguss e seothach an t-àite mu dheireadh a gheibheadh…bha an làn acoinneachadh, is chan fhaigheadh tu sìos dhan Bhaile Shear mus deach ancausewayann. Agus tha cuimhnam bhiodh daoine atighinn, bhiodh an duine agam ag ràdh nuair a bha e san leabaidh nuair a bha e na ghille bheag bhiodh e acluinnteil daoine atighinn a-staigh dhan taigh agus adèanamh is sin, bha iad afeitheamh son an làin. Is bhiodh iad atoirt leotha na h-eich às an staball is rideadh iad a-null e, agus an uair sin cha robh iad ach abualadh an each is thilleadh an t-each dhachaigh dhan stàball aige.

EC―11 :56: Agus an robh…an robh, an robh eathar adol eadar…eadar seo is aBhaile Shear uair sam bith no an e… ?

GM―12 :01: O, cha robh. Cha bhiodh iad…uill bha eathar, nuair a thig thu a-nuas an rathad fhathast, chì thuhutbheag an siudach an ceann a’ chauseway, ach tha mi asmaoineachadh, bhiodh, bhiodh iad a’ dèanamh…[unclear]… ach mar as trice airson…dìreach leis an làn a bha iad afalbh.

EC―12 :15: Agus a bheil thu fhèin acumail cruit fhathast, a bheil thu… ?

GM―12 :16: Tha cruit, tha, tha cruit agam. Chan eil mi fhìn ga obrachadh, tha gille an ath-doras. Sam Crois Mòraig, tha esan ga obrachadh dhomh, is tha sin ag obrachadh dhan phaidhir againn.

EC―12 :25: Tha e ag obair dhan dithis agaibh. A bheil ùidh agaibh ann an cumail crodh no caoraich?

GM―12 :32: Uill, bha, bha crodh againn is an uair sin leig sinn bhuainn an crodh, cha robh againn ach caoraich airson ùine mhòr. Ach nuair a thàinig na sgeamaichean uileadh a-staigh cheannaich mi an urra dhan chlann agam, dhan dithist nighean agam. Ach cha chreid mi gun do shaoil iad an, an t-uabhas den sin. Bha e gu math èibhinn nuair a fhuair mi crodh do Mhòrag, agus bha cuideigin afaighneachd seòrsa crodh a bha i, a bha i air fhaighinn agus bha i ag ràdh fear ruadh! Ach bha i thall-thairis, tha i cianail gu bhith adol air feadh an t-saoghail agus bha i sna h-Innseachan thall is bha i ann an àite cianail iomallach is bha iad…bha i abruidhinn ris na daoine agus bha aig cuideigin a bhann, is bha iad afaighneachd an robh beothaichean sam bith aice, agus bha i ag ràdh gun robh cat aice is…och cha tug iad cus diù den sineach, thuirt i an uair sinn o gun robh aice cuideachd, is o bha iad cianail, bha iad…tha mi asmaoineachadh gum bithinn air airgead mòr fhaighinn airson a pòsadh, on a bha aice!

EC―13 :32: ’S e rud mòr a bhann mar gum biodh, gun robh aice.

GM―13 :34: Agus tha mi asmaoineachadh gun tug sineach oirre smaoineachadh uill, ’s dòcha gun e rud cus nas motha na thug mise ùidh dha a thann, tha…gun e. ..

EC―13 :42: Gun e rud àraid anns an dùthaich sineach a bhith agad, gun e rud mòr a thann. Agus innis dhuinn cuideachd mu dheidhinn an…an ostail a bhagaibh, an e, an ebunkhousemar a chanas iad, ciamar a…ciamar a thàinig sin gu bith?

GM―13 :53: Uill, bha mise adèanamh cùrsa tha…dhan cholaiste an Leòdhas, aguss eRural Developmenta bhair.

EC―14 :04: O, o so fhuair thu blas de…de dhfhoghlam cuideachd, ron…ron chùrsa ealain mar gum biodh.

GM―14 :10: Uh - huh. ’S e…ach ’s ann dìreach air afòn a bhithinn ga dhèanamh an uair sin, a h-uile sgath dheth. Agus aon de na rudan a dhfheumadh sinn a dhèanamh, dhfheumadh tu…tha…sealltainn gum burrainn dhutplana dhèanamh, ciamar a thòisicheadh tu rudeigin as na h-eileanan a bha freagarrach agus thàinig mise air an…bha an t-seann taigh againn is cha robh e ach…bhiodh an duine agam ag ionnsachadh…bha e…bhiodh e adèanamh clèibh ann, ach cha…cha burrainn dhut fuireach ann no dad mar sin, agus shin agad a thagh mise burrainn dhomh a dhèanamh leis an seothach, son a chur gu feum a-rithist. Agus an uair sin aon oidhche bha mi ag ràdhuill, tha mi air seo uileadh a dhèanamh a-nist, saoil an obraich e? ’. Agus shin mar a thòisich sinn ga dhèanamh. Agus fhuair mi cuideachadh o ghrunn àiteachan aguss e rud math dhà-rìribh a bhann. ’S e obair chruaidh a bhann, bha thu air do chumail adol, oir bha mi ag obair aig an aon àm. Ach bha e cianail math dha na h-ighnean againn, bha iad acoinneachadh le daoine air feadh an t-saoghail, agus bha e asealltainn gun fheumadh tu fhèin a bhith ag obair cuideachd, is aglanadh is a h-uile dad às an deaghaidh is…

EC―15 :27: Bhiodh obair mhòr ann, tha mi acreidsinn.

GM―15 :28: ’S e, agus tha…uill…bha iad afaicinn gun fheumadh tu dìreach is a…bhithinn atoirt orra a bhith adèanamh na leabhraichean is a h-uile dad dheth sons gum biodh fhios aca bha iad adèanamh.

EC―15 :40: Agus bhiodh an fheadhainn as an…a bha afuireach as an taigh adèanamh biadh dhaibh fhèin?

GM―15 :43: Bha à-san adèanamh biadh dhaibh fhèin, ach nuair as urrainn dhut a dhol sìos chun an tràigh agus srùbain fhaighinn agus tha…bha , bha an duine agam ag iasgach is bhiodh e atoirt iasg dhachaigh is…bhiodh iad uileadh ag iarraidh giomach ach tha…bhiodh iad an uair sin a ràdh carson a bhiodh à-san ag iarraidh giomach dearg, chan e…chan e fear liath gorm idir.

EC―16 :04: A bheil diofar eadar an chuid a thaobh blas no dad?

GM―16 :07: Uill, chan eil ann ach nuair a tha thu gam bruich, tha iad uileadh adol dearg.

EC―16 :109: Tha mi atuigsinn, tha mi atuigsinn, tha mi atuigsinn.

GM―16 :13: Bha e gu math furasta adol gan dèanamh dearg dhaibh.

EC―16 :15: Tha mi atuigsinn, tha mi atuigsinn. Agus bha sin gu math tlachdmhor co-dhiù, a bhith, a bhith…

GM―16 :20: Och bha, bha, agus tha sinn fhathast abruidhinn ri feadhainn a bhagainn o chionn fichead bliadhna, agus bidh feadhainn aca atighinn fhathast…coimhead oirnn.

EC―16 :31: Seadh dìreach. Agus tha an taigh an-diugh tha daoine afuireach ann fhathast ach tha iad afuireach fad-seachdain.

GM―16 :37: Tha iad afuireach fad seachdain ann a-nist, aguss e Breatannaich amhòr-chuid a thagainn a-nist. Nuair a thòisich sinn an toiseachs e Gearmailtich bu mhotha a bhann.

EC―16 :47: A bheil ceangal air choreigins dòcha aig aGhearmailt le Alba is Uibhist is leis aGhàidhealtachd?

GM―16 :52: O, tha, ’s toil leotha cianail an ceòl aguss toil leotha amhuir cuideachd a bhith timcheall orra. Ged nach robh sin uaireannan cho furasta, oir cha robh iad atuigsinn làn idir is bhiodh iad…bhiodh an làn atighinn is cha robh iad ga fhaicinn is bha e cho math gun robh na h-ighnean cho math air ruiths a bha iad, dhfheumadh iad a bhith afalbh ga…

EC―17 :10: Gan…gan iarraidh.

GM―17 :11: Gan iarraidh. Tha…is of course Runrig, bha na Gearmailtich bha iad dìreach às am beachd mu dheidhinn Runrig.

EC―17 :19: Agus aGhàidhlig cuideachd, nach eil?

GM―17 :20: Agus aGhàidhlig, agus mi fhìn an-còmhnaidh asmaoineachadh nuair a bhiodh sinn san sgoil ann an Inbhir Nis, ’s e Frangais a bhiodh iad atoirt oirnn a bhith adèanamh, agus nam biodh iad air toirt oirnn a bhith adèanamh Gearmailtis bhiodh e air a bhith cus na bfhasa, an aon fhuaim.

EC―17 :33: Canaidh daoine sineach, gu bheil iad coltach.

GM―17 :35: Agus tha grunn de na faclan an aon rud.

EC―17 :38: Mar sin tha e trang, tha…tha an taigh trang fhathast.

GM―17 :40: O, trang fhathast, tha.

EC―17 :42: O, uill tha…tha mi toilichte cluinntinn gu bheil e…gu bheil, gu bheil e fosgailte fhathast mar…mar…mar thaigh.

GM―17 :48: Och tha, tha. Tha daoine…tha fhios am bhios atighinn an ath-bhliadhna.

EC―17 :52: Agus tha mi a’ creidsinn…agus ciamar a bhios daoine ga ghlèidheadh, an e air-loidhne airson amhòr-chuid no… ?

GM―17 :59: Achuid as motha den fheadhainn agamstha iad atighinn air bliadhna gu bliadhna.

EC―18 :03: Agus a bheil iad dìreach afònadh thugad no… ?

GM―18 :04: Uill, dìreach acure - mailsis rud…

EC―18 :05: Acure - mailmar gum biodh.

GM―18 :06: Ach chan eil mi a’ dèanamh…ga chur a-mach air-loidhne cus, chan eil. ..

EC―18 :10: Chan eil làrach-lìn agaibh mar gum biodh.

GM―18 :11: Chan eil. Bidh mi an-còmhnaidh ag ràdh gu bheil mi adol ga dhèanamh, ach chan eil feum agam air a dhèanamh so…

EC―18 :18: Uill, tha iad atighinn.

GM―18 :19: Tha iad atighinn co-dhiù, tha.

EC―18 :22: Agus bhios iad adèanamh ann an Uibhist, na daoine a bhios atighinn? An e…an e dìreach acoiseachd, acoimhead air eòin… ?

GM―18 :26: Bidh iad acoiseachd is bidh tòrr acoimhead air eòin is bidh iad ag iasgach. Tha… ’s toil leam sin, cha bhi cus den fheadhainn a tha atighinn a dhiasgach ag ithe an t-iasg idir, ach bidh mise ag ràdh riutha gun ith mise iasg gu leòr. Chan eil mi atuigsinn idir a bhith adol a dhiasgach is gun a bhith ga ithe.

EC―18 :42: Chan eil na mi.

GM―18 :44: Tha.. . ’s toil leotha faighinn a-mach mu dheidhinn sloinneadh is mu dheidhinn an t-àite, feadhainn atighinn à Canada airson trì seachdainnean a h-uile bliadhna is…

EC―18 :54: Tha iad afuireach trì seachdainnean agaibh?

GM―18 :55: Trì seachdainnean a h-uile bliadhna aguss ann adèanamh sloinneadh is rud mar sin a bhios ise.

EC―19 :01: Agus a bheil thu fhein afaighinn cothrom a dhol…a dhol gu dùthchannan cèin no a bheil ùidh agad ann an…ann an… ?

GM―19 :05: Cha toil leam idir a bhith afalbh air aphlèana, aguss e an fhìor èiginn a thorm a bhith ga dhèanamh.

EC―19 :10: An e rudeigin a thachair nuair a bha thu na bòige no an e dìreach rudeigin…rudeigin…dìreach eagal a thann?

GM―19 :14: Chan eil…chan eil fhios am. Bàbhaist dhomh a bhith ga dhèanamh math gu leòr ach chan eil fhios am chuir nam aghaidh e. Thug achlann orm an-uiridh, thug iad orm a dhol a tha…a dhAmsterdam, agus bhaflightcianail math adol a-mach is bha a h-uile dad math gu leòr agus chòrd an t-àite rium cianail math, ach tilleadh an uair sin tha…bha stoirm cianail againn atighinn a-nall is bha e dìreach…bha mi dìreach air mo chlisgeadh. Cha bhi mi adèanamh tòrr siubhail mar sin id…uill , ann an Alba fhèin.

EC―19 :47: Ann an Alba fhèin.

GM―19 :49: Bidh mi adol a dhfhaicinn achlann gu math tric is tha… ’s toil leam Dùn Èideann, ’s e baile brèagha a thann is tha…tha tòrr ri dhèanamh. ’S toil leam gum burrainn dhut coiseachd cha mhòr dhan h-uile h-àite ann, agus tha…tha mi eòlach air tòrr dhaoine ann a bha mi as an sgoil còmhla ris, is bidh mi acoinneachadh suas riutha sineach nuair a bhios mi ann an Dùn Èideann.

EC―20 :11: A bheil thu…a bheil thu an sàs ann an diofar rudan anns achoimhearsnachd, a bharrachd air…air ealain is sineach, a bheil thu… ?

GM―20 :16: O chionn bhliadhnaichean chan eil mi idir air a…bha , bha mi tro na bliadhnaichean an sàs ann an tòrr rudan, tha Cladach Chircebost nuair a rinn iad suas e, rinn mi tòrr obair an sineach ach…o chio…na còi.. .na còig bliadhna mu dheireadh tha mi an dèidh a bhith air achùrsa seothach agus acoimhead às dèidh mo mhàthar, tha…còmhla ri mo phiuthar, agus tha sineach air…air tòrr ùine a thoirt suas, nach burrainnn dhomhs dòcha rudan eile fheuchainn a chòrdadh rium.

EC―20 :50: A bheil rud sam bith ann a chòrdadh leibh gu mòrs dòcha, a bheil…a bheilprojectsam biths dòcha?

GM―20 :53: Uill, chòrdadh e rium…chòrdadh e rium a bhith adèanamh barrachd leis aChomunn Eachdraidh.

EC―20 :57: Ceart, ceart.

GM―20 :59: Tha…thoradh ’s toil leam sloinneadh is sin, rinn mi ealain aon bhliadhna mu thràth, bha mi ag ionnsachadh sloinneadh, an sloinneadh againn fhìn, fhuair mi bho mo bhràthair ga.. .ga ràdh, thoradh cha bhiodh ga dhèanamh ach na fireannaich, agus sgrìobh mi sìos e agus an uair sin rinn mi pàtran suas ri cur a h-uile litir a…thug mi stitch fighe dhan h-uile litir is rinn mi pàtran leis an sineach. Agus thàinig e a-mach le pàtran dìreach eireachdail, dìreach ga fhighe, na linn uileadh adol air ais. Agus an uair sin dhfhighe mi e air mar a dhèanamh tu stocainnean air ceithir bioran. Agus bha e coltach riDNA sample, bha e ationndadh dìreach mar sineach.

EC―21 :52: Seo a-nist.

GM―21 :55: Agus rinn mi…Ruairidh MacKay am bàrd ann an shìos an siudach. ’S ann an…chan ann a rugadh e…am Paibil a rugadh e, achs ann shìos an siud, bha e ann an Eilean Bhoroghaigh airson treis is bha e, bha e ann an Iolaraigh an uair sin.

EC―22 :06: Agus cuin a bha esan mun cuairt mar gum biodh, an linn a bhaigesan?

GM―22 :09: O, uill, san linn a chaidh seachads ann a bha e, chan eil fhios am an aois a bhiodh e nam biodh e beò, ach sgrìobh eOiteagan à Tìr nan Òg’, ’s e an leabhar aige. Agus sgrìobh e…bha e ag obair aig aBhàillidh adol timcheall a dhfhaighinn a. .. amhàil, agus rinn e òran mu dheidhinn adol timcheall an eilein uileadh, na h-àiteachan is na daoine is bha e cianail snog, so dhùisig mi an aonsort ofpàtran a bhagam airson an sloinneadh, dhùisig mi air an òran e. Agus nuair a dhfhighe mi e, bha e coltach ri dìreach an eilean mar a thàinig e a-mach, am pàtran. Bha, bha sineach a- riamh…bha e inntinneach, agus chòrdadh e riums dòcha barrachd a dhèanamh leis an sineach.

EC―23 :06: Uill, tha…tha mi an dòchas gum bi ùine agad obair leis aChomunn Eachdraidh gu dearbh, ’s e… ’s e, ’s e buidheann…

GM―23 :10: Uill, tha mi…tha…tha…rinn mi leabhar aig an àm cuideachd, bha còir agam sineach a thoirt a-nuas thugaibh cuideachd. Rinn mi…rinn mi leabhar den…den t-òran a bha siudach aige agus an uair sin am pìos fighe, agus tha an Comunn Eachdraidh adol ga chur suas san àite aca nuair a bhios e deiseil.

EC―23 :28: Agus bidh àite…àite mòr aca ann an Càirinis.

GM―23 :30: Ann an Càirinis.

EC―23 :31: Bun-sgoil aChàirinis. Cothroman gun chrìochan nach eil, le…le eachdraidh?

GM―23 :37: O, agus tha…tha leithid de rudan shìos, nuair a bhios an tràigh cianail ìosal a-mach air aBhaile Shear tha…chaidh bàta fodha, schoonermòrtheJames A. Wright, agus tha…bha doras anns an t-seann taigh againne, thàinig i far aona de nacabinsagus tha glainne agam fhathast a thàinig às an sineach. Stòiridhean mu dheidhinn rudan mar…mar sineach tha e… ’s toil leam cianail a bhith acoimhead a-staigh dhan eachdraidh aca is…

EC―24 :06: Agus tha e ann fhathast, an doras agaibh, ’eil?

GM―24 :08: Chan eil, dhfhalbh an doras ach tha…tha aghlainne, glainne tiugh tiugh mar siudach.

EC―24 :14: Nach eil sin iongantach. Uill bhiodh feum nach robh…bhiodh feum air a h-uile rud nach biodh, cha bhiodh…

GM―24 :19: Uill, shin agad e, is bidh daoine ag ràdh gu bheil tòrr rudan air fhàgail nan laighe timcheall air na h-eileanan, agus chan eil iad asmaoineachadh air ais gun robh e cianail doirbh do dhaoine rudan fhaighinn aguss e ulaidhean a bhann an rud sam bith a bha iad afaighinn air an tràigh no ann an àite mar sineach, agus bha iad ga chumail, thigeadh feum dheth uaireigin.

EC―24 :37: Cùm iad seachd bliadhna is bidh…shin agad e.

GM―24 :41: Agus bha…bha mi asmaoineachadh gum bu còir dhuinn a bhith adèanamh barrachd air an sineach na tha iad.

EC―24 :45: A bheil…a bheil ùidh agad anns an…anns an arceòlas is rudan mar sin, na…na… ?

GM―24 :50: Chan eil. Cha…cha robh…cha robh an toiseach idir idir, ach nuair a chluinneas tu na stòiridhean a tha timcheall air tha a-nist, tha barrachd ùidh agam air ach cha bhiodh foighidinn agamsa na dhèanadh sineach.

EC―25 :07: Tha thu afuireach ann an àite eireachdail ann an seo, a bheil thu…a bheil thu afaighinn a-mach, a bheil thu adèanamh beagan coiseachd?

GM―25 :12: O, tha, bidh mi acoiseachd. Chan eil gu leòr ach bidh mi acoiseachd air an tràigh mar as trice, ’s e as fheàrr leam.

EC―25 :19: Agus dè…a bheil…a bheil àite ann as…as fheàrr leat a bhith acoiseachd a…a bharrachd air an seo fhèin, a bheil thu… ?

GM―25 :24: Uill, am Baile Shear is an Caolas. Tha càirdean agam is bhiodh sinn an-còmhnaidh sa Chaolas nuair a bha sinn beag, ach tha a h-uile tràigh an seothach brèagha, tha. Tha daoine a-nist tha iad afàs greannach adol dhan bheinn ge- thoradh na gartain is…tha sin…tha mi asmaoineachadh gu bheil sineach acur daoine dheth.

EC―25 :45: Tha mi asmaoineachadh gu bheil…gu bheil sin na phàirt dheth gun teagamh, chan eil fhios agad bhios ort nuair a tha thu atilleadh dhachaigh gun teagamh.

GM―25 :51: Bhiodh sinne gan fhaighinn nuair a bha sinn beag is cha robh…cha robh sinn abodraigeadh cus, bhathas…bha thu ga slaodadh dheth agus cha robh an còrr guth air ach sin.

EC―25 :57: Cha robh an còrr guth. Achs e culaidh-eagail a thannta gun teagamh do dhaoine tha mi acreidsinn.

GM―26 :02: Uill, ’s e, agus saoilidh mi gu bheil tòrr bochdainn ann an Uibhist a Tuath is nach eil fhios aca às a tha e atighinn.

EC―26 :11: A bheil rudan nas cumantas dòcha ann an sheo na bha?

GM―26 :13: Uill, tha, Multiple Sclerosisis tha…daoine acall an cuimhne òg is rudan mar sin is…bidh thu asmaoineachadh uaireannan às a tha siud atighinn.

EC―26 :25: Airson àite beag mar seo mar gum biodh. Agus shaoileadh tu gum biodh am beatha cho fallain ann an sheo, ’s dòcha, nach…

GM―26 :30: Uill, uill cha chreid mi gu bheil a-nist. Tha mi asmaoineachadh gu bheil tòrr aige ris abhiadh a tha sinn ag ithenach eil na bha iad ag ithe o chionn fada, bha iad ag ithe…a h-uile dad a bha iad ag ithe bha e cho nàdarra.

EC―26 :40: An rud a bha iad fhèin afaighinn bhon…bhon abhainn, no uill…bhon loch no bhon…bhon mhuir no bhon chroit.

GM―26 :46: Bhon mhuir is bhon bheinn.

EC―26 :49: Agus a bheil thu…dè do bheachd a thaobh na Gàidhlig? A bheil…am bi Gàidhlig…am bi Gàidhlig air a, air a bruidhinn ann an Uibhist ann am fichead bliadhna no a bheil… ?

GM―26 :58: Chan eil fhios am, a dhinnse na fìrinne. Tha daoine adèanamh barrachd air Gàidhlig a-nist, ach tha mise asmaoineachadh gun e…rinn na h-Èireannaich cianail, obair cianail math oir cha robh à-san ach aleantail acheòl is dìreach stòiridhean is rudan, cha robh mar gum biodh…chan e daoine ionnsaichte a bha ga putadh idir.

EC―27 :24: Dìreach daoine aig an robh ùidh as a’ …as achànan. A bheil…a bheil dòigh sam bith a burrainn do. .do ghnothaichean a bhith nas fheàrr ann an Uibhist, a bheil…a thaobh seirbheisean no dòighean-siubhail no bùithtean no…a bheil rud sam bith a dhìth, mar gum biodh?

GM―27 :39: Uill, cha chreid mi gu bheil feum…bùithtean , gheibh thu rud, air an eadar-lìon rud sam bith a tha thu ag iarraidh gheibh thu air a chur thugad. Dòigheannan-siubhail tha mi asmaoineachadh. Is tha mi asmaoineachadh gun dèanadh sineach na bfhasa do dhaoine a bhith ag obair. Afuireach an seo agus ag obairs dòcha ann an àiteachan eile.

EC―27 :55: Gun teagamh, gun teagamh. Feumaidh dòighean math a bhith ann son faighinn air falbh cuideachd, nach fheum?

GM―27 :59: Is e cho trang an-dràsta le luchd-turais anns an àite, tha e…chan eil e furasta faighinn air falbh is afaighinn air ais dhan eilean idir.

EC―28 :07: Tha e coltach nach eil.

GM―28 :09: Chan e mise a tha adèanamh cus siubhail co-dhiù ach tha e…tha fhios am nach eil e furasta dìreach falbh nuair a thogras tu. Agus tha e cosgaiseach cuideachd.

EC―28 :21: Agus a bheil fuasgladh ann a thaobh…a thaobh, a thaobh acheist a thog sibh mu dheidhinn faighinn air falbh ann an cabhags dòcha? Am burrainn dhaibhs dòcha àite no dhà a ghlèidheadh airson muinntir an àite air abhàta no rudeigin?

GM―28 :32: Uill, tha e doirbh. Chan urrainn dhut…cha , cha mhath dhuinn a bhith asmaoineachadh gun fheum a h-uile dad a tha sinn adèanamh a bhith son feum an luchd-turais. Ach cuideachd, feumaidh tu faicinn gu bheil iad atoirt airgead dhan àite, is cosnaidhean.

EC―28 :48: Ach an canadh tu gun robh gnothaichean aig ìre fhathast nach eil… ’s dòcha chanadh daoine às an Eilean Sgitheanach gu bheil cus ann, ach a bheil sinn aig an ìre sin fhathast no a bheil sinn…a bheil gnothaichean beagan… ?

GM―28 :58: Tha sinn afàs gu math faisg air, a dhinnse na fìrinne, cha chreid mi nach eil.

EC―29 :04: So sin…sin agad, stòiridh gu math inntinneach farsaing, agus mòran mòran taing airson ùine a thoirt dhuinn an-diugh agus…agus seo innse dhuinn.

GM―29 :19: ’S e ur beatha, tha mi an dòchas gun dèan e feum do chuideigin!

EC―29 :21: Gu dearbh. Gu dearbha fhèin.

title2
internal date2020.0
display date2020
publication date2020
level
parent textGina NicDhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page